(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Osnaichean bho ifrinn, no, Acain anma damnaite"

k,A- 



LIST OF GAELIC BOOKS 

And Works on the Highlands 

PUBLISHED AND SOLD BY 

MACLAOHLAN & STEWART, 

BOOKSELLERS TO THE UNIVERSTTY, 

63 & 64 SOUTH BRIDGE, EDINBURGH. 



A liberal discount allowed on orders for exportation 
or for private circulation. 



M^Alpine's Gaelic and Englisli Pronouncing Dic- 
tionary, with Grammar, 12mo, doth^ 
... Ditto ditto, hf.-hound calf, 

... Gaelic and Englisli, separately, c/o?^/i, 
... English and Gaelic, separately, cloth, 

M'Leod and Dewar's Gaelic Dictionary, cloth, ... 



d. 



Alleine's Alarm to the Unconverted, 

Saint's Pocket Book, cloth, Is. sewed, 
Almanac for 1875, in Gaelic, 
An T-Oranaiche, by Sinclair (ìn parts), each, ... 
Assurance of Salvation, 18mo, sewecl, 
Baxter's Call to the Unconverted, 18mo, cloth, ... 
Saint's Rest, translated by Bev. J. Forbes, 
Beith's Catechism on Baptism, 18mo, sewecl, 
Bible in Gaelic, 8vo, strongly bound in calf, 
Blackie's (Prof.) Language and Literature of the 

Scottish Highlands, 8vo, cloth, 

Boston's Fourfold State, 12mo, cloth, 

Bonar's (Pvev. Dr H.) Christ is i^ll, 18mo, sewed, 

... God's Way of Peace, 
Buchannan (Diigald) of "Rahnoch's Life and Con- 
version, with his Hymns, 18mo, cloth, 
... The Hymns, separately, 18mo, sewed, ... 
Bunyan's Come and Welcome, 18mo, cloth, 
. . . World to Come, or Visions from Hell, cloth, 



9 





11 





5 





5 





10 


6 


1 


6 





6 





6 


1 


6 





6 


1 


6 


2 


6 





1 


7 


6 


6 





4 








3 


1 





2 








3 


2 





1 


6 



64 South Bridge, Edinhurgh, 



Gaelic Books Sold hy Madacìilan and Steioart. 

Bunyan's Grace Abounding, 18mo, cloth, 
... Pilgrim's Progress {fJiree parts), cloth, 
Water of Life, c^o^/i, 
Sighs from Hell, 18mo, c^o^/i, 
Heavenly Footman, 18mo, cloth,... 
Bnrder's YiUage Sermons, 18mo, cloth, ... 
Catechism, Shorter, Id. Gaelic ancl English, 
Mother's, Id. Gaelic and Engiish, 
Brown's Shorter, for Yonng Children, 
Confession of Faith, fcap. 8vo, cloth, 
Dairyman's Daughter, seiuecl, 
Dàn an Deirg agus Tiomna GhuiU (Dargo and 
Gaul), with a new Translation, JSTotes, and 
Introduction, by C. S. Jerram, 
Dewar's (Rev. Dr) The Gaelic Preacher, 8vo, ... 
Doctrine and Manner of the Church of Pome, . . . 
Doddridge's Rise and Progress, 12mo, cloth, 
Dyer's Christ's Famous Titles, 18mo, cloth, 
Earle's Sacramental Exercises, 18mo, cloth, 
Edwards' (Rev. JonaJ^nJ,^emion, seiuecl, 
English Poems, wì^ Gaelic ^^^nslations, ar- 
ranged on opjiosijt^ P^gA^v 4-^0? Part 2, ... 
Finlayson, (Eev. ÈQ Brief Sketell of the Life of, 

by Rev. J. MacphQi%òi^;,tìmo, cloth, 
Flavel's Token for Mourners, 18mo, cloth, 
Forbes' (Rev. J.) Baptism and the Lord's Supper, 
... An Lochran : Dialogues regarding the 

Church, 6 

. . . Long Gheal : The White Ship ; a Spiritual 

Poem, 4 

Gael (The), a Monthly Gaelic Magazine, bound in 
cloth for 1873, 74, 75, and 76, each, 

The same in ISTumbers, Monthly, each, . . . 
Gaelic First Book, 18mo, 2d. ; Second do., 
Gaelic Spelling-Book, 18mo, cloth, 
Gaelic Tracts, 50 different kinds, sorted, f or 
Gaelic Tracts, 8 sorts, ... ... 100 for 

Grant's (Rev. Peter) Hymns, 18mo, cloth, 
Guthrie's Christian's Great Interest, 18mo, cloth, 
Hall's ("N"ewman) Come to Jesus, ... 
Harp of Caledonia, Gaelic Songs, 32mo, sewecl, 



s. 


d. 


2 





2 


6 


1 





2 





1 





1 


6 





2 





2 





1 


2 


6 





4 


2 


6 





4 





3 


3 





2 


6 


1 


6 





2 


1 


6 


1 





1 








4 



7 


6 





6 





4 





6 


2 


6 


1 





1 


6 


2 








6 





4 



64- South Bridge, Edinhurgh. 



National Library of Scotland 

■iiiiiiiiiii 

*B000501545* 



Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/osnaicheanbhoifr1873buny 



K 

SIGHS 



FROM HELL; 



THE GROANS OF A DAMNED SOUL. 

. EY 

JOHN BUNYAN. 



•* The rich man died, and in hell he lifted up his eyes."— 
L KE xvi. 22, 23. 



EDINBURGH 

MACLACIILAN AND STEWART. 



MDCCCLXXrTT. 



OSNAICHEAN 
BHO IFEINN; 



ACAIN ANMA DAMNAITE. 

LE 

lAIN BUINIAN. 



» Fhuair an duine saoibhir bàs. agus ann an ifirinn thog € suft^ 
shùilean."— Luc. xvl 22/23. 



DUNEIDEANN : 

MAC-LACHUINN AGUS STIUBHARD. 



MDCCCLXXin. 



AN T-UGHDAR DO 'N LEUGHADAIR. 



A Chairid, achionn gu 'm beil e 'nani cunnartach 
a bhi 'g imeachd a chum ionad an dorchadais agus na 
dòrainn; agus a rithist, a chionn gur h-e (gidheadh) 
an turas a tha a' chuid a 's mò do na h-anmannan 
truagha th' anns an t-saoghal a' gabhail, agus sin le 
tlachd agus èibhneas, mar gu 'm b' ann an sin a mhain 
a bhiodh an t-aon sonas r'a f haotainn ; smuainich mi 
uime sin gur e mo dhleasanas (air dhomh a bìn 
air mo dheanamh mothachail mu thimchioll a' chunn- 
airt anns am bi iadsan a shiùbhlas ann) thus' a bhacadb, 
O a dhuine no a bhean thruaghagus innseadh dhut, le 
mìneachadh an t-samhla so, ciod a' chrìoch mhuladach a 
bh' aig na h-anmannan ud, agus a tha choltas orr' 
a' bhi aca, a bha, no bhitheas air am faotainn, a' sìor 
bhuannachadh ann. 

Is gnà leinn esan a mheas 'na chairid, a bheir rabh- 
aidh d'a choimhearsnach mu thimchioll a chuunnairt, 
'nuair a tha fios aìg' air, agus 'nuait'^a tha e mar an 
ceudna a' faicinn gu 'm beil an rathad anns am beil 
e triall a' treòrachadh gu direach a dh'ionnsaidh sin ; 
gu h-àiridh 'nuair a smuainicheas sinn gu 'm faod ar 
coimhearsnach a bhi 'n dara cuid ain-eolach, no neo- 
chùramach mu dhèibhinn a shlighe. A cha;rid, 



Vlll AN T-UGHDAR DO N LEUGHADAIR. 

faodaidh e bhith, gu*n robh thu riamh o'n thàinig tn 
dh'ionnsaidh an t-.saoghal, le do chùl ri nèamh agus 
t'aghaidh ri ifrinn, agus thusa, an dara cuid tre ain- 
eolas no mi-chùram, (ni a tha cheart cho olc, mur eil ni's 
measa,) a* ruith gu dian-shiùbhlach air an t-slighesin 
riamh. Ach guidheam ort, cuir stad beag air do teann- 
ruith, agus gabh beachd air an aoidheachd a tha choltas 
ort f haotainn, m'a bhuanaicheas tu da-rìreadh air an 
t-slighe tha romhad, a ta treòrachadh chum a' bhàis, 
agus a deanamh greim air ifrinn, (Gnà. v. 5.) 
Faodaidh e bhith gu 'm beil an t-slighe taitneach do'n 
f heòil, ach bithidh a' crìoch searbh do t' anam. Eisd 
nach eil thu chiinntinn sgreadail ghoirt na h-aiteam 
a th'air ìir thriall ag radh, tumadh e barr a mheòir ann 
an uisge, agus fuaraicheadh e mo theanga a ta air a 
ro-phianadh anns an lasair so, (Luc. xvi.) Nach eii 
thu ga'n cluinntinn ag radh, cuir aon o na mairbh 
chum m' athar, mo bhràthar, agus teaghlach m' athar 
a chum an cumail o thighinn do 'n ionad dhòrainneach so. 
Nachdean na h-acainean brònach so uime fjin do chridhe 
clach-chruaidh a bhioradh ? An dùin thu do chluasan, 
agus do shùilean ? Agus nach toir thu aire ? Gabh 
rabhaidh, agus cuir stad air do thuras mu'm bi e tuiUeadh 
a's anamoch. Am bi thu coltach ris a' chuileig f haoin 
nach eil aig fois mur bi i an dara cuid air a glacadh ann 
an lìon an damhain-allaidh, no air a losgadh anns a' 
chainneil ? Am bi thu coltach ris an eun a dh'iieal- 
aicheas le deifir a chum rib' an eunadair ? Am bi thu 
coltach ris an aon bhaoghalta sin a tha air ainmeach- 
adh anns an t-seachdamh caibidil do Leabhar nan 
Gnàth-f hacal, a bha air a tharruinn a chum a chasgraidh 



AN T-UGHDAR DO N LEUGHADAIR. IX 

air taod ana-mhiann f aoin ? O a pheacaich, a pheac- 
aich, tha nithe ni*s fearr na ifrinn ra 'm faotainn, agus 
aig luach ni's saoire mar mhìl' uair na sin ! Och 
(cha-n eil coimeas da) tha nèamh, tha Dia, tha 
Criosd, tha co-chomunn ri cuideachd do-àireamh 
naomh agus ainglean, èisd ma tha ris an teachdair- 
eachd sin a tha Dia a' cur, a tha Criosd a' cur, a tha 
naoimh a' toirt leo ; cha-n e sin a mhàin ach, a tha na 
mairbh a' cuir g'a t' ionnsaidh ; *' Uime sin tha mi 
guidhe ort, gu'n cuireadh tu e gu tigh m'athar ; — oir 
ma thèid neach d'an ionnsaidh o na mairbh gabhaid iad 
aithreachas." " Cia fadadhaoine baoghalta a ghràdh- 
aicheas sibh baoghaltachd ? Agus sibhse a hichd- 
fochaid a ghabhas sibh tlachd ann am fochaid ? Agus 
sibhse amadanan a bheir sibh fuath do dh' eòlas? 
Pillibhse ri m' achmhasan feuch, (deir Dia,) 
doirtidh mi mach mo spiorad dhuibh, ni mi 
aithnichte mo bhriathran dhuibh." Tha mi *g radh, 
cluinn an guth so^ O aoin ghòraich, agus pill agus bi 
beò, thus anaim pheacaich, air eagal gu 'n toir e ort 
an ràdh sin eile a chluinntinn : " A chionn gu *n do 
ghairm mi, agus gu 'n do dhiùlt sibhse, gu'n do shìn 
mi mach mo làmh, agus nach tug duine sam 
bith' an aire; ni mise mar an ceudna gàire ri 'r 
Bgriosa nì mi fanaid an uair a thig bhur n-eagal." 

O anaim thruaigh, na 'm bu mhath le Dia no le 
Criosd gun ^ireadh beud dhut, bu chùis eil' e ; an sin, 
na *n diùltadh tu, dh' f haodadh tu, leithsgeul air chor- 
eigin a bhi agad ri thoirt seachad, no coìre r'a faotainn* 
agus aobhar gu maille dheanamh. Ach tha so air son 
doi>huannaciid,air son do shochaìr, air son mathadh 



X AN T-UGHDAR DO N LEUGHADAIR. 

do pheacannan, tearnadh t* anma, do shaora-dh o 
theine ifrinn, o 'n fhèirg a tha ri teachd, o los^adh 
sìorruidh, chum deagh-gheaa Dè, Chriosd, agus 
co-chomunn ris an uile shonas, (atasona dha rìreadh.) 

Ach facdaidh e bhith gu 'n abair thu, cha-n eil anns 
na h-uile ni labhradh anns an teagasg so acli samhla, 
agus cha-n f hìrinn samhlachan. 

B' urrainn mi do chuir dhiom leis an fhreagairt so, 
ged is samhla th'ann, gidheadh is f ìrinn e, agus cha 
bhreug ; agus gheibh thusa e mar sin cuideacbd air do 
chosg, ma bhios tu air t-fhaotainn 'na t'f hear tarcuis, 
air Dia, air Criosd, agus air slàinte t'anma fèin. 

Ach, anns an dara h àite biodh f hios agad air son 
cinntichead, nan nith th' air an ciallachadh le samh- 
lachan, gur fìrinnean iongantach iad. O ciod an f hìr- 
inn ghlòrmhor a th' air a chiallachadh leis an t-sarah- 
Ja so ! " Tha rìoghachd nèimh coltach ri lìon a 
tha air a thilgeadh 'san fhàirge, agus a thionail de 
na h-uile seòrs'èisg:" a' ciallachadh, gu 'm biodh 
peacaich do nah-uileseòrsa, do na h-uile chinneach, air 
an toirt a steach do rìoghachd Dhè le lìon an t-soisgeil. 
Agus O cia cho fior sa bhios an earrann eile dheth, 
'nuair a ta e air a cho-lionadh ? a tha 'g radh, " agus 
-air dha a bhì làn, tharruinn na h-iasgairean e chura na 
tràighe agus air suidhe dhaibh chruinnich iad na, 
h-èisg mhatha ann an soithichibh agus thilg iad na 
droch èisg a mach,'' (Mat. xiii. 47, 48.) A' ciallachadh 
na h-àitean còmhnaidh glòire a bhios aig na naoimli, 
agus fòs an diùitadh a bheir Dia do na h-ain-diadhaicl), 
agus do pheacaich. Agus mar an ceudna an samhla 
sin^ cJod an fhinnn urramach a taann ! a deir, *^ IMur 



AN T UGHDAR DO N LEUGHADAIR. XI 

faigh an gràinne cruithneachd a thuiteas anns an 
talamh bàs, fanaidh e 'na aonar : ach ma gheibh e bàs 
bheir e toradh mòr uaithe,*' (Eoin xii. 24.) A' ciall- 
achadh, mur b' e gu 'n d' rinn losa Criosd da rireadh 
f huil a dhòrtadh, agus am bàs mallaichte f haotainn, 
gu 'm fanadh e 'na aonar, 's e sin, nach biodh aige 
anam sam bith ann an glòir maille ris ; ach na 'm 
bàsaicheadh e, gu 'n tugadh e mach mòran measa, 's e 
sin, gu 'n tearnad e mòran pheacach. Agus mar an 
ceudna nach cinnteach an fhìrinn a bh' anns an 
t-samhla sin, mu thimchioll nan ludhach a chuir 
Chriosdgu bàs, ni gure na h-Iudhaich bhochda sgapie is 
fearr aig an urrain fios a bhi air air an cosg ; oir bha iad, 
ach beag, riamh o 'n àm sin 'nam fògaraich, agus na n 
sluagh aigan robh diomadh goirt Dhè gu h-iongantach 
air fhoillseachadh nan aghaidha rèir firinn ant-samhla 
(Mat. xxi. 33 — 41,) O uime sin, air sgàth losa Criosd, 
na dean tàir air an f hìrinn, air son i bhi air a nochd- 
adh ann an sàmhla ! Oir leis an argamaid so faodaidh 
tu mar an ceudna tàir a dheanamh, cha-n e sin a 
mhàin, ach ni thu tàir, ach beag air na h-uile ni a 
labhair ar Tighearn' losa Criosd : oìr labhair e riù air 
a* chuid bu mhò (mur do labhair na h-uile) ann au 
samhlachan, C' arson a bhiodh e air a ràdh umadsa, 
mar a tha e air a ràdh mu chuid : Tha na nithe so air 
an labhairt riù-san a ta 'muigh, ann an samhlachan, 
'^ionus air faicinn dhaibh nach faiceadh iad agus air 
cluinntinn daibh nach tuigeadh iad," (Lnc. viii. 10.; 
Tha mi 'g ràdh, thoir an aire nach bi thu na t' f hear- 
ttrìth an aghaidh sàmhlachan Chriosd ; air eagal gu 'u 



%ìì AN T-UGHDAR 1)0 N LEUGHADAIR 

cuir Criosd mar an ceudna an aghaidh slàinte t*anma 
aig latha 'hhreitheanais. 

A chairid, cha-n eil tuilleadh agam ri ràdh riut aigf 
an àm so; ma tha thu g'a mo ghràdhachadh, bi 'g 
ùrnaigh air mo shon, nach trèigeadh mo Dhia mi, 's 
nach buineadh e uam a Spiorad, agus gu 'n deanadh 
e iomchuidh mi chum giùlan ìeis na dh'fhaodas an 
saoghal no'n diabhol a leagadh orm. Feumaidh mi 
innseadh dhut, gu 'm beil shiagh an t-saoghail air 
bhoile, tha iad a' bualadh an casan air an làr, agus a' 
crathadh an cinn, agus b' àiU leo a bhi 'g 
iomairt; — gu'n cuidich an Tighearna mise chum 
na ni iad a ghiùlan le foighidin ; agus an uair a 
bhuaileas iad an aon ghial, gu'n tionndadh mi riù an 
giai eile, chum gu 'n dean mi mar a dh' iarr Crìosd 
orm, oir an sin gabhaidh Spiorad Dhè, agus na 
glòire còmhnaidh orm. — Beannachd leat. 

Is leatsa mi, Gu seirbhas a dheanamh anns an 

Tighearu losa. 

lAIN BUINIaN. 



OSNAIDHEAN BHO IFRINN; 



NO 



ACAIN ANMA DAMNAITE. 



Luc. XVI. 19 — 31. 



** Bha Duine saoihhir àraidh ann, a bha air a 
sgeuàachadh le piirpur agus lion-eudach 
grinn, agus bha e caitheadh a bheaiha gach là 
gu sòghail le rnòr- ghreadhnachas,'* 

Cha do labhradh an sgriobtur so le ar Tigh- 
earn losa Criosd, gu staid dithis a mhàin 
f heuchainn dhuibh (mar tha cuid tre aineolas air 
rùn Chriosd ann a' shamhlachan a' bruadar,) 
ach gu f heuchainn dhuibh staid nam muinntir 
dhiadhaidh, agus ain-diadhaidh, gu deireadh an 
t-saoghail ; mar a ta e soilleir dha-san ga'm beil 
cridhe tuigseach. Oir labhair e iad a chum gu'n 
tugadh ginealaichean an deigh làimhe an aire 
dhaibh, agus gu 'n ghabhadh iad fiamh, air eagal 
gu 'n tuiteadh iad sa'n staid cheudna. 

B 



14 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

A nis, ann am labhairt air na briathran so, 
cha bhi nii fadalach, ach cho aithghearr 's a 
dh' f haodas mi ; thèid mi seachad tre na rainn 
fa leth, agus cuiridh mi sìos dhuibh cuid do 
na fìrinnean eugsamhail a tha annta : agus gu 'n 
deònaich an Tighearn gu 'm bi iad feumail, 
agus gu mòr bhuannachd dhaibh-san a leughas 
iad, no chluinneas iad air an leughadh. 

Air an naoidheamh rann deug, agus air an 
f hicheadamh rann mar an ceudna, cba chaith 
mi mòran ùine ; a mhàin bheir mi dhuibh trì no 
ceithir rabhaidhean, agus mar sin thèid mi 
seachad a chum nan ath rann, oir is iad na 
briathran air am beil mi a* rùnachadh labhairt 
ni's ro shònraichte. 

Tha'n naoidheamh rann deug, an f hichead- 
amh, agus a' cheud rann thar f hichead a' dol 
air an aghaidh mar so : — *' Bha duìne saoibhir 
àraidh ann, a bha air a sgeadachadh le purpur 
agus lion-eudach grinn, agus bha e a'caitheadh 
a bheatha gach là gu sòghail le mòr ghreadh- 
nachas ; Agus bha duine bochd àraidh ann 
do'm b'ainm Lasarus, a chuìreadh'na laidhe aig 
a dhorus, làn do chreuchdaibh," &c. 

J. Nam biodh na rainn so air an labhairt le 
losa Criosd, agus gun tuilleadh rachadh an 
saoghal gu lèirfaisg air am mìneachadh gu mear- 
achdach. Tha mi 'g radh, mur abradh losa 
ach an uiread so, " Bha duine saoibhir àraid 
ann, a' caitheadh a bheatha gach là gu sòghail, 
tìgus duine bochd àradh a chuireadh 'na laidhe 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 15 

aig a dhorus, làn do ehreuchdaibh" dheanadh an 
saoghal an co-dhunadh so umpa : gu'm b' e an 
duine beartach an duine sona ; oir aig a* cheud 
sealltainn, tha e a*foillseachadh a leithid do nì; 
ach gabh na h-uile cuideachd, 's e sin^ leugh 
an sàmhla uile, agus chì thu nach eil duine 
sam bith ann an còr na's measa na e, mar a 
nochdas mi gu soiUeir an deigh so. 

2. A rithist, na^n tugadh duine breth air 
daoine a rèìv coltais o'n leth a muigh, ghabhadh 
e gu minig a chomharradh gu mearachdach. 
An so tha duine a rèir coltais o'n leth a muigh 
a tha taisbeanadh mar an t-aon duine beann- 
aichte, mòran ni's fearr dheth na'n duine 
bochd, a thaobh a's gu 'm beil e beartach, agus 
an duin€ bochd aimbeartach ; tha e-san air a 
dheagh èideadh, ach theagamh gu'm beil an 
duine bochd lomnochd ; tha aig-san biadh math, 
ach bhiodh an duine bochd toilichte le biadh 
nan con. " Agus bu mhiann leis a bhi air 
a shàsachadh leis an sprùileach abhatuiteam o 
bhòrdan duine shaoibhir:'' tha'n duinebeartach 
a' caitheadh a bheatha gu sògail na h-uile latha, 
ach feumaidh an duine bochd a bhi toiìichte le 
mìr, 'nuair a's urrainn e f haighinn. O cò 
nach miannaicheadh a bhi ann an staid dhuine 
bheartaich ? Tha aig duine beartach seòrsachan 
do dheiseachan ùra, agus miasan blasda, tait- 
neach na h-uile latha ; na's leòir gu thoirt air 
neach aig nach eil inntinn no aire air nì sam 
bith ach a bhrù, a dhruim, agus ana-miannau 



16 OSNAIDHEAN BHO IFRTNN, 

a ràdh, O naeh robh mi ann an staiJ an duine 
ud 1 O nach ann a bhiodh agara mu'n cuairt 
domh mar a th' aig an duine ud ! An sin 
bhithinn beò da rìreadh : an sin bhiodh agam 
socair cridhe ionmhas math: an sin bhithinn 
beò gu taitneach, agus dh' fhaodainn a radh ri 
m' anam, Anaim, biodh deagh mhisneach agad, 
ith, òl, agus bi subhach, (Luc. xii. 19.) tha agad 
gach nì gu saoibhir, agus tha thu ann an còr ro 
shona. 

Tha mi 'g ràdh, dh* fhaodadh gur e so an 
co-dhùnadh acasan a tha a' toirt breth a rèir 
coltais o'n leth a muigh. Ach ma bhios an 
samhla uile air a thoirt fainear gu math, chì 
thu " An ni sin a ta ro mheasail aig daoinibh, 
is gràinealachd e am fianais Dè" (Luc. xvi. 15.) 
Agus a rithist, An cor sin a's dubhaiche a 
rèir coltas an leth a muigh. 's e gu minig còr 
a's oirdheirc ; (lob, xvi. 20 — 22.) oir bha aig 
an duine bhochd deich mìle tomhas ni b' f hearr 
deth, ged a thaobh coltais o'n ìeth a muigh a b'e 
a staid-san staid bu dubhaiche ; o sin bheir 
sinn fainear an uiread so. 

L Gu *m beil iadsan a tha a' toirt breth a 
rèìr coltas o'n leth a muigh, air a' chuìd a's mò 
a' toirt breth gu mearachdach. Eoin, vii. 24. 

2. Gu 'm beil iadsau a tha a' sealìtainn air 
an sòlasaibh o'nleth a muigh abhi'nancomharr- 
aidhean air ghràs sònraichte Dhè dhaibh, m;»r 
an ceudna air am mealladh, (Tais. iii. 17) 
Oir mar a ta e an so anns an t-samhla, faodaidli 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 17 

e bhith nach dean duine beartach, agus lean- 
abh an diabhoil ach an t-aon phearsa; no 
faodaidh pailteas do shòlasan' a bhi aìge duine 
o'n leth a muigh, agus gidheadh a bhi air 
a ghiùlan leis na deamhnan a dh' ionnsaidh 
losgadh sìorruidh. (Luc. xii. 10.) Ach 's e so 
an t-inneal glacaidh anns an do ghlac an diabhol 
iomadh mìle do dh* anmannan bochda, eadhon, 
le 'm faighinn gu breth a thoirt a rèir coltais 
o'n leth a muigh, no rèir beannachdan Dhè 
o'n leth a muigh. 

Feòraich do thruaghan bochd, feòlmhor, 
sanntach, cionnas a dh' aithnicheadh e duine 
ann an staid shona ; agus freagrafdh e, a 
mhuinntir ud a tha Dia a! beannachadh, agus 
do 'm beil e a* toirt pailteas do 'n t-saoghal so, 
ged is iadsan mar is tric a ta na'n daoine mall- 
aichte. Mo thruaighe na daoine bochda ! tha 
iad cho aineolach a* smuaineachadh, a thaobh 
gu 'm beil duine a' cinneachadh ann an nithe 
o*n leth a muigh, gu 'm beil Dia ga' ghràdhach- 
adh le gaol àraidh, air neo nach deanadh e riamh 
nì cho mòr air a shon, nach deanadh e riamh a 
bheannachadh mar sin, agus soirbheachadh le 
obair a làmhan. Ah, anaim bhochd ! 's e 'n 
duine beartach a tha a' dol do dh' ifrinn. '* Agus 
f huair an duine saoibhir bàs mar an ceudna, agus 
ann anifrinn, thogesuasa shùilean,*' &c. 

Air leam gu*m beil mar a shiùbhlas daoine 
mòra an t-saoghail gu spaideil, mor-chuiseach, 
sios a's suas an t-sràid air cuid do dh' uairean 



18 OSNAIDHEAN BHO IFRINN^ 

a'cur ionganfaìs orm. Gu cinnteach tha iad ag 
amharc orra fèin a bhi 'nan daoine mhàin a ta 
sona ; ach is ann do bhrìgh gu'm beil iad a' toirt 
breth a reir coltas o'n leth a muigh ; a tha iad 
g'am faicinn fèin a bhi 'nan daoine mhàin a ta 
beannaichte, 'nuair tha f hios aig an Tighearn 
gu'm beil a mhòr bhuidheann (ach tearc) air am 
f àgail a' muigh à staid bheannaichte. Cha-n 
iomadh iad a ta glic a thaobh na feòla, cha-n 
iomadh cum.hachdach, cha-n iomadh uasal a 
tlia air an gairm. (1 Cor. i. 26.) Ah I na 'n 
deanadh iadsan a ta 'n dràsta a' deanamh uaill 
air chòr 's gur gann a dh' f haodas neach sam 
bith sealltainn orra, so a chreidsin, bheireadh e 
orra an cinn a chromadh sìos, agus eigheach a 
mach, O thoir dhomh cuibhrionn Lasaruis. 

Dh' fhaodainn so a mheudachadh gu mòr, 
ach cha dean mi sin, a mhàin an uiread so their 
mi ribhse aig am beil mòran do *n t-saoghal. 
Thogaibh an aire nach bi agaibh *ur cuibhrionn 
anns an t-saoghal so ; thugaibh an aire nach 
bi e air a radh ribh an deigh so, 'nuair a b' àill 
leibh gu ro dheònach neamh a bhi agaibh, 
Cuimhnichibh, ann an àm 'ur beatha, gu 'n 
robh agaibh 'ur nithe matha, ann an am 'ur 
beatha gu 'n robh agaibh 'ur cuibhrionn. 
Salm, xvii. 14. 

Agus a chairid, thus' a ta 'g iarraidh an deigh 
an t-saoghail so, agus ag iarraidh beartais, feòr- 
aicheam a' cheisd so dhiot, am biodh tu toilichte 
gu'n cuireadh Dia seachad thu le cuibhrionn 



NO ACAIN ANMA DAMNAIT. 19 

anns a' bheath so ? am biodh tu toilichte le 
bhi air do chumail a muigh à nèamh le 
druim gu math air èideadh, agus brù gu math 
air a lionadh le àilleasan an tsaoghail so ? am 
biodh tu toilichte t-uile nithe math a bhi agad 
ann an àm do bheatha, do nèamh a bhi 
agad gun mhairsinn ni's f haide n'am feadh a 
bhios tu beò anns an t-saoghal so ? am bhìodh 
tu toileach a bhi air do bhacadh o shonas 
agus bheannachd shìorruidh ? ma tha thu *g 
radh nach bhitheadh, a sin thoir an aire ort 
fèin o'n t-saoghal agus o do pheacannan ; 
thoir an aire nach iarr thu bhi 'na do dhuìne 
beartach, air eagal gu'm bi do bhòrd air a 
dheanamh na ribe dhut. (Salm, Ixix. 22.) Air 
eagal gu 'n dùin beartas an t-saoghail so a 
mach thu à glòir. Oir mar a deir an t-Abstol, 
" An dream le'n àill a bhi beartach, tuitidh iad 
ann am buaireadh, agus ann an ribe, agus ann 
an iomadh ana-miann amaideach agus ciurrail, 
a bhàthas daoine ann am miUeadh agus ann an 
sgrios." (1 Tim. vi. 9.) An uiread so gu 
coitcheann, ach a nise gu sònraichte. 

Tha 'n dithis dhaoine mu 'm beilear a' 
labairt an so (mar a thubhairt mi) a' nochdadh 
dhuinne staid nam muinntir dhiadhaidh agus 
ain-diadhaidh ; tha 'n duine bochd a' nochd- 
adh na mhuinntir dhiadhaidh, agus an duine 
beartach na muinntir ain-diadhaidh. '* Bha 
duine bochd àraidh ann," &c. 

Ach c' arson a tha a' mhuinntir ain-diadli- 



20 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

aìdh air an nochadh fo shamhla duine beartach ? 

1. Air son nach b' àill le Criosd iad a 
shealltainn ro àrd, mar a thuirt mi roimhe, ach 
a chum 's gu 'n tugadh iasan aig am beil beartas 
an aire nach e am beartas an uile chuibrionn, 
Seum. i. 10—12. 1 Tim. vi. 17. 

2. Air son gur e na daoine beartach a's 
buailtiche do bhuairidhean an diabhoil ; gur iad 
ìi's uUamh gu bhi air an sèideadh suas le uaill, 
neart agus cùram an t-saoghail so, nithe anns 
am beil iad a' caitheadh a' chuid a 's mò do 'n 
aimsir ann an ana-miannan, misg, macnus, 
diomhanas, maille ri oibrichean eile na feòla ; 
'* Nithe air son am beil fearg Dhè a' teachd 
air cloinn na h-eas-ùmhlachd.*' Col. iii. 6. 

3. Air son gu 'm b' àiU leis cridheachan a 
mhuinntir fèin a chòmhfhurtachadh, a tha 
niar is tric do'n t-seòrs' a's bochda : Ach thagh 
Dia na bochdan, nithe neo-mheasail agus tàireil 
an t-saoghail. (1 Cor. i. 26.) Na 'n suidhicheadh 
Dia an duine beartach anns an staid bheann- 
aichte, cho-dhùnadh a chlann, air dhaibh a bhi 
bochd, nach robh cuibhrionn acasan anns a' 
bheath a ta ri teachd. 

Agus a rithist, mar V e gu 'n tug Dia a 
leithid do dh' f hoillseachadh mu chor brònach 
nam muinntir ud a ta mar is tric *nan daoine 
beartach, cho-dhùnadh daoine gu tùr, gur iad na 
daoine beartach na daoine beannaichte. Cha 
n-e sin a mhàin, ach ged tha 'n Tighearn 
e-fèin cho soilleir a' cur an cèill, gu 'm beil 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 21 

muinntir bheartach an t-saoghail mar istricanns 
an staid a's truaighe, gidheadh tha iadsan tre as- 
creideamh air neo ladornas, ga'n cruadhachadh 
fcin, agus ag iarraidh glòir an t-saoghail so, 
mar nach ciallaicheadh an Tighearn losa Criosd 
mar a thuirt e, air neo gu 'n abair e ni*s mò 
na thig cinnteach gu crìch : ach biodh 
f hìos aca gu 'n robh aig an Tighearn àm gu 
co-lionadh an ni sin air son an robh àm aige gu 
chuir an cèill, oir cha-n urrainn an sgriobtur a 
bhi air a briseadh. Eoin, x. 35. 

Ach a rithist, cha-n eil an Tighearnale f hacal 
a' ciallachadh gu 'm beil a* mhuinniir ud ain- 
diadhaidh, a tha beartach anns an t-saoghal, 
a mhàin oir an sin dh' f heumadh iadsan uile a 
ta bochd, eadhon 'nam muinntir gun ghràsagus 
dhiomhan a bhi air an tearnadh, agus air an 
saoradh o dhioghaltas sìorruidh ; ni a bhiodh 
an aghaidh facai Dè, a tha 'g radh ; gu 'm beil 
cuideachd maille ri righrean na talmhuinn, agus 
na daoine mora, agus na h-aird cheannardan, 
agus na daoine cumhachdach ; daoine daor no 
seirbhisich, agus tràiiiean a ghlaodhas a mach 
aig taisbeanadh an Dè Uile-chumhachdaich, 
agus a Mhic losa Criosd gu breitheanas ; Tais. 
vi. 15. 

Air chòr 's ged tha Criosd ag radh, Bha 
duine saoibhir àraidh ann, gidheadh feumaidh 
sibh a thuigsinn gu ' m beil e ciallachadh a 
mhuinntir ain-diadhaidh uile, beartach no 
bochd. Cha n-e sin a mhàin, ach, mur tuig 



22 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

sibh e mar sìn an dràsta bithidh sibh air bhur 
toirt gu thuigsinn gu'm beil e gu bhi air a chiall- 
achadh mar sin aig latha dara teachd Chriosd, 
'nuair a sheasas na h-uile a bhios ain-diadhaidh 
air làimh chlì Chriosd leaghaidheannàrachagus 
cogaisean ciontach, lesaithichean fèirgan Uile- 
chumhachdaich, ullamh gu abhi airan taomadh 
a mach orra. An uiread so gu h-aithghearr air 
an naoidheamh rann deug. Dh' f haodainn nì 
eile thoirt fainear uaithe, ach an dràsta stad- 
aidh mi, air dhomh caochla nithe a bhi agam 
gu labhairt mu'n timchioll aig an àm so. 



*' Agus hha duine hochd àraidh ann, d' am h* ainrn 
Lasarus^ a bha air a chur 'na laidhe aig a dhorus^ 
làn do chreuchdaibh,'' — Rann, 20. 

Tha 'n rann so gu h àraidh a' cumail a mach 
na nithe so 1. Gu 'm bheil naomh-sluadh Dhè 
'nammuinntirbhochddhìmheasach. *'Bhaduine 
bochd àraidh ann.'' Ma tha sibh a' tuigsinn 
an f hacail bochd, gu ciallachadh bochdainno'n 
leth a muigh, no gainne ann an nithibh o'n 
leth a muigh, na'n leithidibh sin tha naoimh an 
Tighearna, oir tha iad air a' chuid a 's mò na'n 
sluagh bochd, neo-mheasail, tàireil. Ach ma 
shamhlaicheas sibh e, agus ma mhìnicheas sibh 
e air an dòigh so, tha iad 'na'n sluagh a tha gu 
dian ag iarruidh lòn nèamhaidh ; 's e so fòs 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 23 

spìorad cliloinn Dè, agus faodaidh e bbith, 
agus is firinn e anns an t-seadh so, ged nach 
eil e cho nàdurrach air a thionail o*n sgriobtur 
so. 

2. Gu 'n robh '' e air a chuir 'na laidhe aig 
a dhorus làn do chreuchdan " Tha na briath- 
ran so a' ciallachadh galar nan creideach, ag 
ràdh, Bha e làn do chreuchdan, ni a dh' f haod- 
as a chiallachadh na h-iomadh trioblaid, buair- 
eadh, geur-leanmhuinn agus àmhghar araon 
an corp agus an -spiorad, a ta tachairt orra, am 
feadh a tha iad anns an t-saoghal, agus mar an 
ceudna an gnàthacadh a ta iad a' faotainn o 
làmhan an tsluaidh ain-diadhaidh so a tha 
beò air an talamh. Ach tha e air a ràdh, 
^' Bha e air a chur 'na laidhe aig an dorus 
làn do chreuchdaibh," thoir an aire, <*bha e air a 
chuir 'na laidhe aig a dhorus,'' cha b* ann 'na 
thaigh, bha sin air a mheas tuilleadh as 
math air a shon, ach " bha e air a chur 'na laidhe 
aiga dhorus, làn do chreuchdaibh". O sin thug- 
aibh fainear, nach eil an saoghal ain-diadhaidh 
ag iarraidh aoidheachd a thoirt do naoimh 
bochd Dhè, no 'n gabhail a steach do'n taigh- 
ean. Ma dh' fheumas iad a bhi an àit- 
eigin làimh riu, gidheadh cha tig iad a steach 
do 'n taighean, dùin iad a mach air an dorus ; 
ma dh' fheumas iad a bhi am fagus duinn, 
biodh iad aig an dorus. *'Agus bha e 'na 
laidh aig a dhorus, làn do chreuchdaibh.'* 2. 
Thugaibh fainear, nach eil an saoghal idir air 



24 OSNAIDHEAN BHO IFRINN. 

beantuinn rìu le doilgheasan clainne Dhè, oìr tha 
iadsan uile làn do chreuchdaibh ; sluagh a tha 
air an cur suarach, air an sàrachadh, air am 
buaireadh, air an geur-leanmhuinn, ris nach eil 
an saoghal a' gabhail truais; cha n-eil, ach a 
roghainn air a sin, 's ann a tha iad a' saoth- 
rachadh gun trioblaidean an-tromachadh, le'n 
dùnadh a mach air na dorsan ; rachadh iad 
f'odha, no snàmhadh iad, ciod an umhail a th' aig 
an t-saoghal ; rùinich iad cìàl a chuir riu, cha 
toir iad aoidheachd sam bith dhaibh ; ma ni 
laidhe sìos air na sràidean math sam bith 
dhaibh, ma ni gnathachadh cruaidh math sam 
bith dhaibh ; ma ni cùl a chuir riu, ma ni 'n 
diùltadh, agus an dùnadh a mach air na dorsan 
leis an t-saoghal math sam bith dhaibh, bi'dh 
gu leòir aca dhe 'n sin ; ach air dòigh eile cha 
bhi teach-an-tìr no sòlas sara bith aca bho 'n 
t-saoghal. " Agus bha e air a chuir 'na laidhe 
'iiff a dhorus, làn do chreuchdibh/* 



" Agus bu mhiann leis a hhi air a shdsachadh leis 
an sprùìleach a hha tuiteam o hhòrd an duine 
shaoibhir : seadh, agus thàinig na madraidh agus 
dh'imlich iad a chreuchdan,'*' — Rann, 21. 

Leis na briathran so, tha ar Tighearn losa 
a' feuchainn dhuinn fònn cridhe a' chriosdaidh, 
agus mar an ceudna cridhe agus giùlan dhaoine 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 25 

saoghalta a thaobh muinntir naomh' an Tigh- 
earna. Tha so a' ciallachadh gu 'n dean rud sam 
bith cridhe a' chriosdaidh a thoileachadh am 
feadh a tha e air an taobh-so do ghlòir ; *' agus 
bu mhiann leis a bhi air a shàsachadh leis an 
sprùileach," biadh nan con, ni sam bith, tha mi 'g 
ràdh, bithidh criosdaidh toilichte le ni sam bith, 
ira bhios uiread aige 's a chumas a chorp agus 
'anam r'a chèile (mar a 's gnà leinn a ràdh) tha 
e toilichte, tha e riaraichte : dh'fhòghlum e, 
madh' fhòghlum e a bhi 'na chriosdaidh, a bhi 
toilichte le rud sam bith ; mar a thuirt Pòl, 
*' Dh' f hòghlum mi anns ciod sam bith staid am 
beil mi, leis a sin a bhi toilichte.'' Tha e fògh- 
lum anns na h-uile còr a bhi a' meòrachadh 
gaol a thoirt do Dhia, imeachd majlle ri Dia, 
e-fèin a thoirt suas do Dhia; agus ma 's e 's 
gu 'n dean an sprùileach a tha a' tuiteam o 
bhòrd an duine shaoibhir uiread ri acras a 
chasg, agus neart cuirp a thoirt dha, a chum 
leis a sin gu 'm bi e ni's comasaich' air imeachd 
ann an slighe Dhè, tha e toilichte. '* Agus 
bu mhiann leis a bhi air a shàsachadh leis an 
sprùileach a bha tuiteam o bhòrd an duine 
shaoibhir.'* Ach thoir fainear cha d' f huair se 
iad, cha-n eil thu a' faotainn gu 'n robh uiread 
ri pronnag no mìr air a bhuileachadh air. Cha 
robh, na'm bitheadh bhiodh na coin air am 
mealladh, feumaidh sin a bhi air a ghleidheadh 
do na coin. Uaithe sin thugaibh fainear, 
gu'm beil an saoghal ain-diadhaidh a'gràdhach- 
c 



26 OS^AIDHEAN BHO IFRINN, 

adh an cuid con ni's mò na clann Dliè 
Their sibh, tha sin iongantach. Tha e mar sin 
a rìreadh, gidheadh tha e fior, mar a dhearbhar 
gu soilleir — Cia iomadh pùnd-Sasunnach a tha 
cuid do dhaoine a* caitheadh ann am bliadhna 
air son biadh da'n cuid con, 'nuair tha naoimh 
bhochda Dhè a dol bàs le gort^ togaidh iad 
taighean air son an cuid con, 'nuair a dh* 
fheumas na naoimh a bhi air am fògradh agus 
còmhnaidh a ghabhail ann am frògan agus 'an 
còsan na tlamhuinn, (Eabh. xi. 38.) Agus ma 
bhios iad ann an aon sam bith de an cuid 
taighean air son màil, bheir iad bàirlinn 
dhaibh dol a mach asda, no spìonaidh iad sios 
an taigh thar an cinn, a chum 's gu 'm faigh 
iad cuìbhte do*n leithidean do thuathanaich. 
A rithist, tha cuid de dhaoine nach urrainn 
dol leth-mhìle bho 'n dachaigh guu an cuid 
con a bhi ac' aig an sàiltean ; ach 's urrainn 
iad dol gu gle dheònach fichead mìle as 
eagmhais cuideachd criosdaidh. Cha 'n e sin 
à mhàin, ach ma tha iad sùrdail mu thim- 
chioll an cuid con, is gu'n tachair dhaibh 
coinneachadh ricriosdaidh,teichidhiadgu deòn- 
ach às an rathad uaithe ma's urrairm iad. Thèid 
iad air an taobh eile do 'n dìge, no'n rathad, a 
roghainn air cuideachd sam bith a bhi aca ris: 
agus ma thig leanabh le Dia aig àm sam bith, a 
steach do thaigh anns am beil uiread ri dithis 
no triùir do thruaghanan ain-diadhaidh, tha 
lad gu tric a' guidhe an dara cuid iad fèin no 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 27 

an naomh a bhi mach air an doras ; — agus 
c'arson sin ? Air son nach urrainn iad cuir 
suas le cuideachd a' chriosdaidh ; ged ma thig 
cù a steach aig an àm cheudna, no truaghan 
misgeach, mionntach, a tha ni's measa na cù, 
ghabhaidh iad gu caoimhneil ris ; suidhidh e 
sios maille riu agus compairtichidh iad ris do 'n 
cuid àilleasan. Agus a nis' innsibh dhomh, sibhse 
a ta a' gràdhachadh 'ur cuid peacannan agus 
'ur sòlasan, nach bu ròghnaiche leibh cuideachd 
a chumail ri misgear, mionntair, strìopach, 
meirleach, cha-n e sin a mhàin ach ri cù, na ri 
criosdaidh treidhireach? Ma their sibh nach 
bu ròghnaiche, ciod is ciall do 'ur giiilan 
coimheach ri pobull Dè ? C'arson a tha sibh ag 
amhrac orra mur gu 'm b' àill leibh an slugadh 
suas? gidheadh aig an àm cheudna, ma's e 's 
gur urrainn sibh coinneachadh ri 'r cù, no ri 
còmpanach misgeach, 's urrainn sibh sodal a 
dheanamh riu, a bhi caidreach riu, dol do'n 
taigh-òsda maille riu, geda b' ann a dha na trì 
dh'uairean 's an t-seachduin : ach ma choinnich- 
easpobullDècuideachd, ma ni iad ùrnaigh cuid- 
eachd, agus ma shaothraicheas iad gu chèiie a 
theagasg, fanaidh sibh gu là a' bhreitheanais 
mu 'n seall sibh a steach do 'n taigh anns am 
bi iad. O ! a chàirdean, 'nuair a thig na 
h'uileri uile, gheibhear gun do ghràdhaich 
sibhse misgearan, strìopaichean, coin, ni sam 
bith ; cha-n e sin a mhàin, ach gun do riaraich 
sibh an diabhol, a roghainn air comunn 



28 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

gràdhach agus càirdeil, a bhi agaibh ri naomh- 
shlnagh Dhè. 

Osbarr '* thàinig na madraidh agus dh' imlìch 
iad a chreuchdan**. Ann an so a rithist faodaidh 
sibh f haicinn, cha-n e mhàin staid shàraichte 
pobuill Dè anns an t-saoghal so, ach fòs, gu'm 
beil eadhon coin fèin, a rèir an gnè^ ni*s 
caoimhneile do na naoimh, n' a tha 'n saoghal 
peacach ; ged nach bi aig na h-ain-diadhaich 
tròcair air na naoimh, gidheadh tha e air 
orduchadh, gu 'm bi aig na creutairean 
so, coin, leòghain, &c. Ged nach tugadh 
an duine beartach aoidheachd dha na thaigh, 
gidheadh thig a chuid con agus ni iad dhaan 
caoimhneas as fearr as urrainn iad, eadhon a 
chuid creuchdan imlich. Bha e mar so 
maille ri Daniel, *nuair a bha 'n saoghal air 
èiridh an caothach 'na aghaidh, agus b' àill leo a 
thilgeadh a chum nan leòghan gu bhi air a 
shlugadh suas, dhùin na leòghain am beoil 
ris, (no roghainn air sin dhiàin an Tighearna 
suas iad) air chor 's nach robh an cron 
sin air tachairt dha, mar bumhiann leis na h-eas- 
cairdean, (Dan. vi.) Agus so tha mi 
dearbht' às, na 'n deanadh na creutairean mar 
a b' àiU le cuid do dhaoine iad a dheanamh, 
cha-n fhaodadh pobull Dè imeachd cho 
sàmhach sìos agus suas na sràidean, agus ait- 
ean eile *sa a tha iad. Agus mar a thuirt mi 
roimhe, mar sin tha mi 'g ràdh a rithist, tha 
mi dearbh-chinnteach gu 'm bi aig là a' bhreith- 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 29 

eanas ciont agus giùlan m/jòran dhaoine 'us 
mhnathan air an rùsgadh cho follaiseach, *s gu'n 
taisbean e gu soilleir gu 'n robh iad glè mhi- 
thròcaireach, agus air chaothach an aghaidh 
clann Dè ; ionnas *sa 'nuair a rinn freasdal 
Dè cùisean a thionndadh an a^^haidh an 
dòchais gu'n robh iad fo mhòr dhiùmadh air 
a shon, mar a tha e gu ro shoilleir r'a fhaicinn 
annta-san a tha 'g an cuir fèin a rannsachadh, 
(Salm xxxi. 13.) cionnus a bheir iad na naoimh 
a chum daorsa, agus a chum am fuadach' do 
fhrògaibh, mar anns na bliadhnachan so 
mu dheireadh. Agus do bhrìgh gu *n d' rinn 
Dia *na mhathas nithe òrduchadh air dhòigh 
eile, chàs iad am fiaclan ris a sin. Uaithe so 
ionnsaicheadh na naoimh, gun iad-fèin earbsa 
r' an naimhdean ; " Bithibh air bhur faicill o 
dhaoine." (Mat. x. 17.) Tha iad 'nan daoine 
ro mhi-thròcaireach, agus cha bhi iad cho 
caoimhneil dhuibh (ma 's urrainn iad aleas- 
achadh) 's a dh' f haodas sibh a shaoilsinn a 
dh' fhaodadh iad abhith. Chan-e sin a mhàin, 
ach mur dean làmh riaghlaidh Dhè 'na 
mhathas, nithe òrduchadh an ceart aghaidh an 
tograidhean nàdurrach-san, cha dean iad dhuibh 
uiread a dh' fhàbhair 's a ni iad do chù. 



30 OSNAIDHEAN BHO IPRINN, 

Agus tharladh gu" n d'fhuairan duìne hochd hàs 
agus gu'n do ghiùlaineadh leis na h-ainglibh e gu 
uchd Ahrahaim ; fhuair an duine saoibhir bds mar 
un ceudna, agus dh' adhlaiceadh e, — Rann, 22. 

Tha na rainn roimhe so a' nochadh gu soiUeir 
giùlain na'm muinntir ain-diadhaidh anns a' 
bheatha so, do thaobh nan naomh. A' nise tha'n 
rann so a' cumail a mach araon, triall nam 
muinntir dhiadhaidh agus ain-diadhaidh, a 
mach às a' bheatha so. 

Far an tubhairt e, *' Agus tharladh gu'n 
d' f huair an duine bochd bàs, agus gu'n do 
ghiùlaineadh leis na h-ainglibh e gu uchd 
Abrahaim ; f huair an duine saoibhir bàs mar 
an ceudna." Bhàsaich an duine bochd so, a 
ta ciallachadh na muinntir dhiadhaidh ; agus 
bhàsaich an duine beartach, a ta ciallachadh 
na muinntir ain-diadhaidh. Uaithe sin thugaibh 
fainear, cha-n fhaod aona chnid muinntir 
dhiadhaidh no ain-diadhaidh a bhi beò do 
ghnà gun chaochla, an dara cuid le bàs no 
breitheanas ; bhàsaich an duine math, agus 
bhàsaich an droch dhuine. Tha 'n sgriobtur 
fòs a' cur leis an f hìrinn so, gu 'm feum an 
sluagh math agus olc bàsachadh, 's iongantach 
math a ta e 's an àit am beil e air a ràdh, *« Agus 
amhuil a ta e air òrduchadh do dhaoinibh bàs 
fhaotainn aon uair, ach andèjgh so breitheanas.'* 
Eabh. ix. 27. 

Thugaibh fainear, cha-n eil e 'g ràdh gu 'm 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 31 

beil e mar sin, gu 'm faod e bbith gu 'n tacbair 
do dbaoine bàsacbadh ; ni a dh' f baodadh 
dòchas eigin a gbin ann an cridbe nam muinn- 
tir ain-diadbaidh gu b-àraidb, gu dol as o 
sbearbbadas ; ach tba e 'g ràdb, is ni ro 
chinnteach e, ** tba e air òrducbadh,*' thugaibb 
fainear, " tha e air òrducbadh do dbaoine bàs 
f haotainn, agus an dèlgb sin breitheanas/* Dh' 
òrduich Dia e, bho 'n thuit daoiiie bbo 'n staid 
shona sin anns an d* rinn Dia an tiìs, an 
suidheacbadb, <' gu 'm bàsaich ìad,'* (Rom. vi. 
23.) A nise 'nuair tha e air a ràdh, bhàsaicb 
an duine bochd, agus bbàsaich an duine 
beartach 5 cuid do 'n t-seadb is e, sguir iad a 
bhi ni's mò anns an t-saoghal so. Tha mi 'g 
ràdb, 's e sin cuid de *n t-seadb, ach cha n-e 
uile gu lèir. Ged is e gu lèir an seadh, An 
uair a bbàsaicbeas cuid do na creutairean, 
gidbeadh cha-n eil e ach ann an cuid an seadh, 
'nuair a tha e air a ràdb, gu 'm bàsaich daoine, 
mnathan, no clann ; oir tha riu-san rud-eigin 
eile gu bbi aìr a ràdb, thuiUeadh air dol a 
mach às an t-saogbal gu lòm; oir na 'm bith- 
eadh, 'nuair a bhàsaicheas daoine no mnathan 
gun ath-bhreith, crìocb orra, cha-n e mbàin 
anns an t-saoghal so, ach mar an ceudna anns 
an t-saoghal a ta ri teachd, bbiodb iad sona 
seach mar bhitheas iad a nis' ; oir an uair a 
bhàsaicheas daoine agus mnathan ain-diadhaidh, 
tha sin gu tigbinn an dèigb a' bbàis, a bhios ro 
uabhasach leo ; 'se 'sin ri ràdh, a bbi air an 



32 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

giùlan le aìnglean an dòrchadais o leapaichean 
bàis do dh' ifrìnn, an sin gu bhi air an gleidh- 
eadh gu breitheanas an latha mhòir, 'nuair a 
chòmhlaicheas corp agus anam a chèile, agus a 
bhios iad air an aonadh cuideachd a rithist ; 
agus air an deanamh comasach air dol fo 
mhòr.dhioghaltas an Uile-chumhachdaich rè 
uile shiorruidheachd. 'S e so, tha mi 'g 
ràdh> a tha' leantuinn duine (nach eil air a 
bhreith a rithist) an dèigh bàis ; agus tha e 
soilleir uaithe sin, ann an 1 Pead. iii. 18 — 19. 
Far, an dèigh labhairt mu Chriosd a bhi air a 
thogail a rithist le cumhachd a spioraid shìor- 
ruidh, a deir e, " Leis," 's e sin, leis an spiorad 
sin, chaidh e agus '' shearmonaich e do na 
spioradaibh ann am prìosan" : ach ciod is ciall 
da so ? 'S e an uiread so, air do na h-anmannan 
ud a bha aon uair beò anns an tsaoghal, anns 
na laithean anns an robh Noah beò, a bhi eas- 
umhail, anns na h-àmaibh acasan, do ghairmibh 
Dhè, le spiorad ann an Noah, oir 's ann mar 
sin a tha mise 'g a thuigsinn ; bha, do rèir sin a 
bha air a ro'-innseadh leis an t-searmonaiche 
sin, am beatha air an toirt uatha, agus buaidh 
air a thoirt orra leis an tuil, agus tha iad a nis' 
ann am prìosan. Thugaibh fainear, " shear- 
monaich e do na spioradaibh ann am prìosan : 
cha-n eil e 'g ràdh, a bha ann am prìosan, ach 
dhaibhsan (ann), a tha nis' ann am prìosan, fo 
shlàbhraidhean dorchadais, air an gleidheadh, 
no air an cumail a steach anns a' phrìosan siii 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 33 

anns am beil iad a nis' (uUamh coltach ri luchd 
do-bheairt anns a' phrìosan, gu a bhi air an 
toirt an làthair cathair breitheanais Chriosd 
aig an latha mhòr) ; ach mu dhèibhinn so 
labhraidh mi ni's f haide gu h aithghearr. A 
nise, nam biodh an aon f hìrinn so, gu'm feum 
daoine bàsachadh agus falbh a mach as an 
t-saoghal so^ agus an dara cuid dol a steach 
do dh' aoibhneas, air neo do phrìosan, gu bhi 
air an gleidheadh gu là a' bhreitheanais, air a 
creidsinn, cha bhiodh cho liugha do mhuinn- 
tir fhaoin mhi-stuama againn ag imeachd sìos a's 
suas na sràidean 's a ta ag^inn a nis: air a' chuid 
as' lugha, chuireadh e bacadh cumhachdach air 
an giùlan salach, air chor 's nach siubhladh 
iad, nach b' urrainn iad triall cho suarach agus 
cho peacach 's a tha iad a' deanamh. Bel- 
shadsar, ged bha e cho fada bho eagal Dè 
's a bha e, gidheadh 'nuair nach f hac e ach 
^u'n robh Dia fo dhiùmadh agus e-fèin air a 
bhagairt air son a chuid aingidheachd, *' thug 
e air a cheann a chromadh sìos agus air a ghliiin- 
ean bualadh an aghaidh a' chèile, (Dan. v. 5, 6.) 
Ma leughas tu na rainn roimhe so, gheibh thu 
gu 'n robh e mi-chùramach agus a' riaracn- 
adh a chuid ana-mhiannan le pòit, agus macnus 
maiìle r' a chuid coimhleapach. Ach cho luath 
's a bhreithnich e meur làmh-sgrìobhaidh, '' an 
sin chaochail gnùis an rìgh, agus rinn a smuain- 
tean a bhuaireadh air chòr as gu'n robh uilt a 
leasraidh air am fuasgladh, agus bhuail a ghhìin- 



34 

eanan aghaidh a chèile." Agus an uairadh'innis 
Pòl do dh' Fhelics mu ionracas, stuamachd, agus 
mu'n bhreitheanas ri teachd, thug e air a bhi 
air bhall-chrith. Agus innseam dhut (anaim) 
cò sam bith thu, na 'n deanadh tu gu deimhin 
a chreidsinn gu*m feum thu bàsachadh, agus 
tighinn a chìim breitheanais, gu 'n tugadh e 
ort duilleag ùr a thionndadh thairis. Ach 's e so 
an truaighe, tha 'n diabhol a' saoithreachadh leis 
na h-uile meadhon ; mar ann an cumail a mach 
nithe eile a ta math, mar sin gu cumail a mach 
às à' chridhe, cho mòr 's a tha 'na chomas, 
smuaintean mu dhol seachad o 'n bheatha so a 
chum saoghail eile ; oir tha f hios aige, ma's 
e 's gur urrainn e an cumailo smuaintean cud- 
thromach mu 'n bhàs, gu 'n cùm e ni's fhusa 
lad nan cuid peacannan, agus mar sin o 
dhlùthachadh ri Criosd ; mar a deir lob, '* Tha 
an taighean tearuinte o eagal, cha mhò a tha 
slat Dhè orra." Ni a tha a' toirt orra a ràdh 
ri Dia, " Imich uainn, oir cha.n àill leinn eòlas 
do slighean," (lob xxi. 14.) Do bhrìgh nach 
eil orra eagal bàis agus breitheanais ri teachd, 
air an aobhar sin tha iad a' cur uathaDhè agus 
a shlighean ; agus a' caitheadh an làithean 'nan 
cuid peacaidh, agus ann an tiotadh, 's e sin, 
mu'm beil fhios aca air, tha iad a' dol sìos do 'n 
uaigh, (rann 17.) Agus mar so thachair e mar 
an ceudna ris an duine mu 'm beil air a labh- 
airt ann an Luc. xii. 20. An duine, an àite 
smuaineachadh air bàs, smuainich e cionnas a 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 35 

clh' fhaodadh e a chuìd saibhlean a dheanamh 
ni bu mhò ; ach ann am meadhon a ghnothaich 
anns an t-saoghal chaill e 'anam niu *n robh 
fhios aig' air, a' saoilsinn gu 'n robh am bàs 
iomadh bliadhna air falbh uaithe ; ach thuirt 
Dia ris, — Amadain, tha thu cuir dragh ort 
fèin mu thimchioll nithe na beatha so, 
tha thu a' cuir uat smuaintean mu dhol a 
mach às an t saoghal so, *nuair air an oidhche 
so fèin iarrar t-anam uat ; no, an nochd, bheir 
iad ('s e sin an diabhol) air falbh t' anam uat. 
Agus an so tha e a' tachairt gu'm beil, daoine 
nach eil air an gnàthachadh rì smuaintean 
mu dhèibhinn dol a mach às a' bheatha so, 
gu'm beil iad cho oban air an toirt air falbh, 
gun dùil acafèin no aig an coimhearsnaich ris, o 
na sòlasan agus o na buannachdan, seadh, agus 
o na h-uileshealbh ris am beil iad a' cur 'fhad 
sa tha iad beò anns an t-saoghal so. Agus 
so tha etachairt a rithist, gu 'm beil cuid agaibh 
'n 'ur bailtean agus 'n ur dùthchannan, a ta 
cho grad air an toirt air falbh, cuid o thaghall 
nan taighean-òsda, cuid eile bho thaghall taigh- 
ean nan strìopach, cuid eile bho àbhachd agus 
cleasachd, cuid eile bho chùraman agus iarr- 
tasan sanntach an dèigh an t-saoghail so, gun 
sealltainn air a shon aona chuid leo fèm no 
le'n companaich. Uaithe so tha e mar an 
eeudna, gu'm beil daoine a' gabhail cho 
mòr do dh* iongantas ri chluinntinn, gu 'm 
beil a leithid so do neach marbh, a leithid 



36 OSNAIDHEAN BHO IFRINN 

a dh' aon air bàsachadh ; 's ann do bhrìgh gu 
'm beil iad cho beag a' toirt fainear araon an 
diombuanachd fèin, agus an coimhearsnaich- 
ean: oir na 'm biodh an smuaintean gu math aca 
air an cleachdadh mu ghiorrad na beatha so, 
agus an cunnart a thachras dhaibh-san a thèid 
am mearachd air an Tighearn losa Criosd, 
dheanadh e iad ni bu chaithrisich' agus ni bu 
stuaime, agus bheireadh e orra ni's mò dh'ìiin' 
a chaithe ann an seirbhis Dhè, agus ni's 
mò thlachd a bhi aca' ann an iarraidh an dèigh 
an Tighearn' losa Criosd, An neach is e am 
Fear-saoraidh o'n f hèirg a ta ri teachd, (1 
Thes. i. 10.) Oir, mar a thuirt mi roimhe, 
tha e soilleir, nach eil iadsan a tha beò a rèir 
na feòla sa h-ana-mhiannan, a rìreadh agus gu 
dùrachdach a' smuaineachadh air bks, agus air 
a bhreitheanas a tha tighinn 'na dhèigh ; 
cha mho a tha iad a rìreadh ag oidhearpach- 
adh mar sin a dheanamh ; oir na'm biodh, 
bheireadh e orra a ràdh, maille ri lob 
naomha, " Uile lathachan m' aimsire suidh- 
ichte feithidh mi gus an tig mo chaochla," 
(lob xiv. 14.) Agus mar a thuirt mi roimhe, 
gu 'm beil cha-n e mhàin aig a' mhuinntir 
ain-diadhaidh, ach mar an ceudna aig a' 
mhuinntir dhiadhaidh an àm gu dol às a 
bheafcha so. '* Agus bhàsaich an duine bochd." 
Naoimh an Tighearna, feumaidh iad-san a bhi 
air an toirt o 'n bheatha so mar an ceudna, 
feumaidh iad-san an spiorad a thoirt suas do 



KO ACAINN ANMA DAMNAITE, 37 

làmhan an Tighearn an Dia ; feumaidh iadsan 
mar an ceudna a bhi air an dealachadh o'm 
mnathan, o'n clann, o'm fir-phòsta, o'n càirdean, 
o'm maoin, agus o na h-uile ni a ta ac' anns an 
t-saoghal. Oir dh' òrduich Dia e, tha e air òr- 
duchadii (eadhon leis an Tighearn) do dhaoine 
am bàs fhaighinn aon uair, " oir is èigin duinn 
uile a bhi air ar nochdadh an làthair cathair- 
breitheanais Chriosd." Mar a ta e, ann an 2 
Cor. V. 10, 11. Ach faodaidh cuid a radh an 
aghaidh so, ma bhàsaicheas a* mhuinntir 
dhiadhaidh cho math ris a' mhuinntir ain- 
diadhaìdh, agus ma dh' f heumas na naoimh iad- 
fèin a nochdadh fa-chomhair cathair a' bhreith- 
eanais, cho math ris na peacaich ; an sin ciod 
a* bhuannachd a th' aig a' mhuinntir dhiadhaidh 
ni's mò na aig a* mhuinntir ain-diadhaidh, agus 
cionas a's urrainn na naoimh a bhi ann an còr 
na*s fearr na mhuinntir eucorach ? 

Freagairt — Leugh an dara rann thar an 
f hichead thairis a rithist, agus chì thu mùthadh 
iongantach eatorra, cho mòr 's a tha eadar 
nèamh agus ifrinn, aoibhneas sìorruidh agus 
pian sìorruidh : oir chì thu 'nuair a bhàsaich 
an duine bochd, a tha sàmhlachadh na 
mhuinntir diadhaidh, <' Gu 'n robh e air a 
ghiùlan leis na h-ainglean gu uchd Abrahaim," 
no do dh' aoibhneas sìorruidh. " Ach cha-n eil 
a' mhuinntir ain-diadhaidh mar sin," (Salm i.) 
ach tha iad air ball air an tilgeadh leis na 
diabhoil do 'n t-sloc gun iochdar, air an 



38 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

tarruinn air falbh 'nan cuid aingidheachd, 
(Gnà. xiv. 32,) oir a deir e, *' Agus ann an 
ifrinn thog e suas a shùilean/' An uair a 
tha mhuinntir ain-diadhaidh a' bàsachadh, 
tha'n truaighe a' toiseachadh, oir an sin tha na 
deamhnaibh a* taisbeanadh mar cho liugha do 
leòghain ; a' feitheamh gachtiotadhgusamfalbh 
an t-anam o'n chorp. Air cuid do dh' uairean 
tha iad faicsinneach do 'n neach a' tha bàs- 
achadh, agus air uairean eile ni's neo-f haic- 
sinniche ; ach do ghnà tha so cinnteach, cha 
tèid iad gu bràth iomrall air an anam, ma 
bhàsachadh e mach às an Tighearn losa 
Criosd ; ach slaodaidh iad e air falbh do 'n 
phrìosan, mar a thuirt mi roimhe, gu bhi air a 
phianadh an sin agus air a chumail gus an tig 
latha mòr agus eagalach a' bhreitheanais, aig an 
latha sin feumaidh iad, eadar chorp agus anam, 
a bhìnn dheireannach f haighinn o 'n bhreith- 
eamh cheart ; agus o 'n àm sin a bhi air an 
dùnadh a mach o làthaireachd Dhè ann am 
mi-shuaimhneas agus an truaighe shìorruidh. 
Ach a* mhuinntir dhiadhaidh, 'nuair a tha àm 
an triall aig làimh, an sin tha ainglean an 
Tighearn aig làimh mar an ceudna ; seadh, tha 
iad ullamh a' feitheamh air an anam a chum a 
ghiùlan gu tearainte g'u uchd Abrahaim. Cha 
n-eil mi 'g radh, nach eil na deamhnabh gu 
minig glè dhichealach gun amharas, agus a' 
feitheamhnan 'naomh 'nan tinneas : Tha, agus 
gun cheist bithidh iad glè dheònach air an 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 39 

anam a chumail o glòir. Ach an so tha 'n 
sòlas, mar ta na deamhnan a' tighinn o ifrinn, 
gu miUeadh an anma (ma bhios e comasach 
dhaibh aig àm a thriall) mar sin tha ainglean 
an Tighearn a' tighinn o nèimh, gu faire thar 
an anma agus a ghiìilan sàbhailte (a dh' ain- 
deoin nan deamhnan) do dh' uchd Abrahaim. 
Bha 'n sòlas so aig Daibhidh, agus tha e 'ga 
labhairt a machair son sòlas d'a bhràithrean, 
" Càmpaichidh ainglean an Tighearna mu*n 
timchioll-san d'an eagal e agus teasraigidh e 
iad," (Salm. xxxiv. 7.) Thugaibh fainear, tha 
ainglean an Tighearn a' càmpachadh mun 
cuairt d' a chlann, gu 'n saoradh ; cò uaithe ? 
bho 'n nàimhdean^ 's cha ne an deamhan an 
nàmhaid a's lugha dhiù. Tha so 'na comh- 
f hurtachd oirdhearc aig àm sam bith, ainglean, 
pobull Dhè a bhi feitheamh duine bhochd no 
bean bhochd ; ach gu h-àraidh, tha e sòlasach 
ann an àni a' chruaidh-chais, aig àm a' bhàis, 
'nuair a bhios na deamhnan a' cuartachadh an 
anama leis na h-uile cumhachd a's urrainn 
ifrinn a thoirt dhaibh. Ach a nise faodaidh e 
bhith, nach eil ainglean glòrmhor Dhè a' 
nochdadh air tas, do bheachd an anama ; cha 
n-e sin a mhain, ach gur h-ann a tha ifriun 'na 
seasamhfa-chomhair, agus nadeamhnanullamh, 
mar gu 'm b' àill leo a ghiùlan an sin ; ach 's e 
so an comhf hurtachd tha na h-ainglean do ghnà 
a' nochadh aig a' chrìch, agus cha dearmaid iad 
an t-anam, ach giùlanaidh iad e do dh' uchd 



40 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

Abrabaim. A chàirdean ! thugabh faìnear, 
an so, tha duìne ain-diadhaidh air a leabaìdh-- 
bàis, agus cha-n eil aige neach gu labhairt 
ris, cha-n eil aige neach gu comhf hurt a iabhairt 
ris ; ach cha-n ann mar sin a tha do chlann 
Dè, oir tha aca-san an Spiorad gu 'n còmh- 
fhurtachadh. Ann an so tha na h ain-diadh- 
aich^ agus cha-n eil Criosd aca gu ìirnaigh a 
dheanamh air son an giiìlain tearainte gu 
glòir, ach aig na naoimh tha fear-eadar- 
ghuidhe, (lob xvii. 9.) Mar so tha na h-aingidh ; 
'nuair tha iad a' bàsachadh, cha-n eil ac' a 
h-aon do dh' ainglean Dhè gu frithealadh 
dhaibh : ach aig na naoimh tha 'n cuideachd. 
Ann am facal, an neach neoiompaichte 'nuaìr 
a bhàsaicheas e, thèid e fodha anns an tsloc 
gun iochdar. Ach na naoirah, 'nuair a bhàs- 
aicheas iad, thèid iad suas maille ris na 
h-ainglean gu uchd Abrahaim, no do ghlòir 
do-labhairt, Luc. xxiii. 43. 

A rithist tha e air a radh, gu 'n robh an 
duine saoibhir 'nuair a dh'eug e air adhlaic- 
eadh no air a chuir 's an talamh ; ach an uair a 
bhàsaich an duine bochd, bha e air a ghiùlan 
leis na h-ainglean do dh' uchd Abrahaim ; tha 
sin a* nochdadh cor oirdhearc naomh-shluagh 
Dhè, mar a thuirt mi roimhe ; agus cha n-e 
mhàin sin, " ach mar an ceudna mòr-luach 
bàs nan naomh ann an sealladh an Tighearna, 
(Salm cxvi. 15.) A chum gu 'm faod gìneal- 
aichean an deigh so f haicinu cho luachmhor 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 41 

'sa tha bàs a naoimh ann an sealladh an Tigh- 
earna 'nuair a thubhairt e, tha iad air an 
giùlan leis na h-ainglean do dh' uchd Abra- 
haim. 

Mar so tha 'n Tighearn iomadh uair a* 
sgeadachadh bàs agus triall a naomh-shluaigh 
fèin gu nochadh do ghinealaichean an deigh 
so cho oirdhearc sa ta iad 'na shealladh. Tha 
e air a radh mu thimchioll Enoch, gu'n tug 
Dia leis e ; mu thimchioU Abrahaim, gu'n do 
bhàsaich e ann an deagh sheann aois ; mu 
Mhaois, gu'n do thiodhlaic an Tighearn e : 
mu Elijah, gu'n robh e air a thoirt suas do 
nèamh, gu 'm beil na naoimh a' cadal ann an 
losa; gu 'm beil iad a' gabhail an saothair ; 
gu 'm beil an oibrichean 'g an leantuinn ; gu 'm 
beil iad fo 'n altair ; gu 'm beil iad maille 
ri Criosd ; gu'm beil iad anns an t-solus ; 
gu 'm beil iad gu tighinn maiUe ris an Tigh- 
earn losa gu breith a thoirt air an t-saoghal 
Tha 'n ràite so a' ciallachadh an uiread so, 
gu 'm beil bàsachadh mar naomh, 'na urram 
agus na inbhe ro mhòr. Ach cha-n eil na 
h-ain-diadhaich mar sin. Tha 'm beartach nc 
an t-ain-diadhach a' bàsachadh agus tha e aii 
a thiodhlaiceadh, tha e air a ghiùlan bho 
àite-còmhnaidh do *n uaigh, agus ann an 
sin tha e air f halach anns an ùir; agus 
cha-n eil a chorp cho teann a' dol na smùir 
agus a' tighinn gu neo-ni anns an ìonad sin, 
na tha ainra a' lobhadh anns an t saoghal : 
mar a deir an sgriobtur naomha, *' Lobhaidh 



42 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

ainm an aingidh,'' (Gnà. x. 7.) Agus gun 
Hinharas, cha-n eil ainmean nam muinntir 
dhiadhaidh cho mòr 'nan urram an deigh am 
bàis, sa tha na h-aingidh agus an ainmeannan 
cho mòr a* lobhadh. Ciod an t-as»urram do 'n 
ginealachd fèin a bha bàs Bhalaaim, Agaig, 
Ahitopheil, Hamain, ludais, Heroid, maille ris 
a' chud eile do'n còmpanaich. 

Mar so tha 'n ainmeannan sgrìobht' aig na 
h-aingidh, anns an talamh, agus tha iad a' dol 
am mugha agus a' lobhadh ; achtha ainmeannan 
nan naomh a' tilgeadh a mach fàileadh cùbh- 
raidh taitneach ; agus 's e sin tha 'n Tighearn' 
losa a* ciallachadh, 's an ait' anns am beil e 'g 
radh, " Tha 'mhuinntir dhiadhaidh air an 
giulan leis an h-ainglean do dh' uchd Abra- 
haim." Ach cha-n fhiach na h-ain-diadh- 
aich ni sam bith ; 's an àit anns am beil e 'g ràdh 
" Tha na h-ain-diadhaich a' bàsachadh agus 
tha iad air an adhlaiceadh." 



" Agus ann an ifrinn thog e suas a shùilean^ air 
dha a bhi ann am piantaibh^ agus chunnaic e Ahra- 
hamfaduaithe, agus Lasarus 'na uchd.^' — Rann. 
23. 

Tha 'n rann roimhe so a' labhairt a mhàin 
mu thriall nan ain-diadhach a mach às a' 
bheatha so, cuideachd maille ris a' ghiùlan 
glòrmhor a th' aig a' mhuinntir dhiadaidh do 
rìoghachd an Athar fèin. A nise tha ar 
Tighearn a' feuchainn anns an rann so, aK^^ f»n 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 43 

ruid ciod a iha tachairt, agus ciod a thàrlas 
do'n droch dhuine, an dèigh do'n bheath so tigh- 
inn gu crìch, 's an àit' anns am beil e 'g radh, 
'* Agus ann an ifrinn thog e suas a shùilean." 
'8e sin, tha na h-ain-diadhaich, an dèigh 
dhaibh dol às a' bheathaso, a' togail suas an 
sùilean ann an ifrinn ; o na briathran so, 
faodar na nithe so a thoirt fainear. 

1. Gu 'm beil ifrinn ann air son anmannan 
a bhi air am pianadh innte, 'nuair a thigcrìoch 
air a' bheatha so. Thugaibh fainear an deigh 
dha bhi marbh agus air adhlaiceadh, *' Ann an 
ifrinn thog e suas a shùilean." 

2. Gu 'm beil na h-uile a ta ain-diadhaidh, 
agus a ta beò agus a' bàsachadh 'nan cuid 
peacannan cho luath 's a bhàsaicheas iad^ a' 
dol do dh' ifrinn : bhàsaich e, agus bha e air 
adhlaiceadh. '' Agus ann an ifrinn thog e suas 
a shùilean." 

3. Gu *m beil cuid cho trom 'nan cadal, 
agus cho neo-chìiramach 'nan cuid peacannan, 
's gur gann a tha f hios aca gu math c' àit' 
am beil iad gus an tig iad do dh' ifrinn ; agus 
sin tha mi tuigsinn bho na briathran so, '* Ann 
an ifrinn thog e suas a shùiiean', Bha e 
'na chadal roimhe, ach thug ifrinn air a shùilean 
a thogail suas. 

Mar a thuirt mi roimhe, tha e soilleir, gu 'm 
beil ifrinn ann air son anmannan, seadh, agus 
chuirp cuideachd, gu bhi air am pianadh innte 
an deigh dhaibh dol às a bheatha so ; mar a 



44 OS NAIDHEAN BHO IFRINN, 

ta e soìlleir ; air tùs, a chionn gu'n tubliairt an 
Tighearn losa Criosd, nach urrainn breug a 
dheanamh, an deigh do 'n pheacach a bhi 
marbh agus air adhlacadh, " Ann an ifrinn 
thog e suas a shùilean/' 

A nise, ma theirear an aghaidh so, gur e 
th' air a chiallachadh an so le ifrinn an uaigh. 
Sin tha mi gu soilleir ag àicheadh : 

1, A thaobh nach eil an corp moth- 
achail 'san uaigh air pian no socair ; ach ann 
an ifrinn, do 'n tèid spioradan nam muinntir 
dhamnaite, tha iad mothachail air pian, agus 
b* àiU leo gu deònach a bhi saor uaithe, gu 
socair a' mhealltuinn, ni tha iad a' moth- 
achadh a bhi dh'easbhuidh orra ; mar a tae gu 
soilleir air a leigeadh ris anns an t-samhla so, 
"Cuir Lasarus a chìim 's gu 'n tùm e barr a 
mheòir ann an uisge, agus gu'm fuaraich e mo 
theanga." 

2. Cha n-e an uaigh a th' aira chiallachadh, 
ach àite-eigin eile, oir na cuirp, cho fad 'sa 
laidheas iad an sin, cha-n eil iad comasach air 
an sùilean a thogail suas a dh' f haicinn cÒr 
glòrmhor cloinne Dhè, mar a ta anmannan 
nam muinntir dhamnaite a' deanamh. '<Ann 
an ifrinn thog e suas a shùilean." 

3. Chan urrainn gur e 'n uaigh a tha 
air a chiallachadh, oir na b'i, dh'fheumadh, 
gu 'n robh an t-anam air adhlaiceadh innte 
maillerisa' chorp, ni nach urrainn co-chòrdadh 
ri leithid nam marbh a ta airan nochdadh an 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 45 

so, oir a deir e, " Bhàsaich an diiine saoibhìr;'* 
'se sin, bha 'anam air a dhealachadh o chorp. 
*' Agns ann an ifrinn thog e suas a shùilean.'* 

Ma bhios e air àicheadh a rithist nach eil 
ifrinn ann, ach anns a' bheath so ; sin tha mi 
mar an ceudna ag àicheadh, rnar a thuirt mi 
roimhe ; an deigh dha bhi marbh agus air 
adhlaiceadh, <' Ann an ifrinn thog e suas a 
shùilean." Agus innseam dhut, O anaim, cò 
air bith thu, mur dlùthaich thu steach gu 
sàbhailt ris an Tighearn losa Criosd, agus 
niur gabh thu greìm air na rinn e, agus air na 
tha e a* deanamh 'na phearsa fèin air son 
pheacach, gheibh thu a leithid do dh' ifrinn an 
deigh do 'n bheatha so a bhi thairis 's nach 
faigh thu mach aisd* a rithist a chaoidh nan 
caoidhean. Agus thusa a ta ana-miannach, 
agus nach eil ach a fanaid air seirbheisich an 
Tighearna, 'nuair a dh' innseas iad dhut mu 
phiantan ifrinn, gheibh thu, 'nuair a thèid thu 
mach às a' bheath so, an ifrinn sin, eadhon 
an ifrinn a tha 'n deigh na beatha so, gu'n 
coinnich i thu air do thuras a chùm an àit' sin 
agus cuiridh i, maille ris a' chuideachd ifrinneil, 
a leithid a dh* f hàilt ort, 's nach di-chuimhnich 
thu e am feasd ; an uair a thig an sgriobtur 
sin gu bhi air a cho-lionadh air t' anam, (Isa. 
xiv. 9.) >^ Tha ifrinn nam marbh air gluasad 
shìos air do shon, gu do choinneachadh aig do 
theachd, tha e dùsgadh nam marbh air do shon, 
uile dhaoine mòra na talmhuinn ; tha e toir 



46 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

air uile rìghrean nan cinneach èiridh suas o'n 
cathraichibh. Labhraidh gach aon diù, [se sin 
iadsan a ta ann an ifrinn] agus their iad riut, 
Am beil thusa fòs air fàs lag mar sinne ? An 
dVinneadh tu coltach rninne/' (Isa. xiv. 9, 
10,) O air uairean 'nuair a smaointich mi 
mu dhèibhinn dol do dh' ifrinn, agus a smuain- 
tich mi air buainead an truaighe-san a 
thuiteas innte; mhosgail mi suas a dh' iarraidh 
air an Tighearn' losa Criosd, mo shaoradh 
uaipe, a roghainn air tàir agus fanaid a 
dheanamh oirre. 

*' Agus ann an ifrinn thog e suas a shùilean.'* 
An dara nì a dh* innis mi dhuibh, b' e so, gu *m 
beil na h-ain-diadhaich uile a tha beò agus a' 
bàsachadh 'nan cuid peacannan, cho luath 'sa 
ta iad a' dol a mach às a' bheath so, a' dol 
siòs do dh' ifrinn. Tha so mar an ceudna air 
a dhearbhadh leis na briathran a th* anns an 
t sàmhlaso, 's an àit'anns ambeilCriosdagràdh, 
^* Fhuair e bàs agus dh'adhlaiceadh e agus ann 
an ifrinn thog e suas a shùilean'' Mar a thuit- 
eas a' chraobh, mar sin laidhidh i, cò dhiù a's 
ann gu nèamh no gu ifrinn, (Eccles. xi. 3.) 
Agus mar a thuirt Criosd ris a' mheirleach air 
a' chrann, ''^ An diugh bithidh tu maille riumsa 
ann am Phàrras ;" eadhon mar sin faodaidh an 
diabhol a ràdh ris an anam, Am màireach 
bithidh tu maiile riumsa ann an ifrinn. Faic an 
sin ciod an còr truagh anns am beil es-an a ta 
bàsachadh gun a bhi air ath-bhreith , tha e 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 4/ 

dol o thìnneas buan gu ifrinn a 's buame ; o 
phiantan bàis gu piantan sìorruidh ifrinn. 
♦' Agus ann an ifrinn thog e suas a shìiilean." 
A chàirdean ! na'm biodh sibh agaibh fèin, 
bhiodh cùram agaibh air son 'ur n-anmannan ; 
'nan tugadh sibh uiread ri aire, ehitheadh 
sibh chogòrach 'sa tha iadsan a ta deanamh tàir 
air slàint an anmannan. O ciod an tairbh do 
t'anam sòlasan, a bhi agad anns a' bheath so, 
agus piantan ann an ifrinn, (Marc xiii. 36.) B' 
f hearr dhut dealachdain ri t'uile pheacannan 
agus shòlasan, agus chòmpanach agus gach ni 
eile anns am beil thu a' gabhail tlachd, na 
t' anam agus do chorp a bhi air an tilgeadh do 
dh' ifrinn. O ma ta na dearmad ar Tighearn 
losa Criosd, air eagal gu 'n tuit thu sìos do 
dh' ifrinn, (Eabh. ii. 3.) Smuainich, nach 
leònadh e thu chum do chridhe, nan tàrladhair 
do ieabaidh-bàis, an àite còmhfhurt beath* 
Hir a deagh chaitheamh, agus toillteannasan an 
Tighearn Josa Criosd cuideachd^ maille ri 
còmhf hurt a Spioraid ghlòrmhor a bhi agad, 
gur e bhiodhagad,sealIadh airbeath aira droch- 
caithe, do pheacannan ag itealaich 'na 
t'aodan do chogais a' labhairt a mach le tàirn- 
eanaich 'na t'aghaidh, smuaintean mu Dhia 
uabhasach dhut, no a* cur uabhais ort, am bàs le 
dhubhan gun tròcair a' beirsinn ort, na diabhoii 
'nan seasamh a feathamh air son t'anma, agus 
ifrinn 'g a cuir fèin am farsuinneachd, agus 



48 OSNAIDHEAN BHO IFRINV, 

ullamh gu do slilugadh suas,agussìorruidheachd 
do thruaighe agus do phiantan a' feitheamh ort, 
o naeh faigh thu fuasgladh. Oir thoir an aire, 
cha-n eil am bàs a* tighinn 'na aonar gu anam 
neo-iompaichte, ach le a leithid do chuideachd 
's na'n robh thu uiread as fiosrach uime, 
bheireadh e ort a bhi air chrith. Guidheam 
ort thpir fainear an sgriobtur so. '' Agus 
dh'amhairc mi, agus feuch each glas, agus b' e 
ainm an tì a shuigh air am bàs, agus lean 
ifrinn *na chuideachd." (Tais. vi. 8,) cha-n 
eil am bàs a' tighinn 'na aonar a dh' 
ionnsaidh an ain-diadhaich, cha-n eil, ach tha 
ifrinn a' dol 'na chuideachd. O an luchd- 
comhfhnrtachd truagh! O a' chuideachd 
thruagh! bàsagusifrinn. Tha'mbàsa'dolasteach 
do d' chorp, agus a' dealachadh corp agus anam 
o chèile ; tha e 'na sheasamh a muigh (mar a 
dh' f haodas mi radh) gu glacadh, no a roghainn 
air sin, gu t'anam a chagnadh eadar f hiaclau 
bithbhuan. An sin, bidli t' aoibhneas, do shòlas, 
do thoil-inntinnean peacach air an crìochnach- 
adh, 'nuair thàrlas so ; feuch ! thige. 'S beann- 
aicht* iad-san uile a theicheas tre losa Criosd, tre 
a thoillteannas.an le creideamh, O na com- 
panaich anam-mliurtach so I '* Agus ann 
an ifrinn thog e suas a shìàilean." 

An treas ni, tha f hios agaibh, a thug sinn 
fainear o na briathran so, b' e so, Gu 'm beil 
cuid cho trom 'nan cadal, agus cho neo-chùram- 



NO aOAIN ANMA DAMNAITE. 49 

ach 'nan cuid peacannan, 's gur gann a tha 
f hios aca c' àit' am beil iad, gus an tig iad do 
dh* ifrinn." Agus sin, dh' innis mi dhuibh, tha 
mi tuigsinn o na briathran so, " Ann an ifrinn 
thog e suas a shùilean/' Thugaibh fainear, 
b' ann an ifrinn a thog e suas a shùilean. A 
nise, tha cuid a' tuigsinn leis na briathran so, 
gu 'n tàinig e dha ionnsaidh fèin, no gu 'n do 
thòisich e air tuigsinn ann fèin, ciod an staid 
anns an robh e, agus ciod a chaidh thoirt 
uaithe ; ni a tha fathasd 'na dhearbhadh air na 
chaidh chur sìos leam. 'S ann an sin a tha 
iad 3L tighinn thuca fèin, 's e sin, ann an sin 
tha iad a' mothachadh c' àit' am beil iad a 
rìreadh : mar so tha e tachairt do chuid do 
dhaoine, gur gann a tha f hios aca c' àite am 
beil iad, gus an tog iad suas an sùilean ann 
an ifrinn. Is ionann do*n t-sluagh so is 
daibh-san a thuit ann an am preathal ; tha f hios 
agaibh ma thuiteas duine sìos am preathal 
ann an seòmar, ged a thogadh tu suas e agus 
a ghiùlan do sheòmar eile, gidheadh cha-n eil e 
mothachail air c' àit' am beil e gus an tig e ga 
ionnsaidh fèin, agus gun tog e suas a shùilean. 
Gu firinneach is aobhar eagail, gur am 
mar so a thàrlas do dh' iomadh anam 
bochd tha iad cho neo-f haireachail, cho 
cruaidh, " an cogaisean cho mòr air a losgadh 
le iarunn dearg," (1 Tim. iv. 2.) 's gu 'm beil 
iad rò aineolach air an staid, agus 'nuair athig 
am bàs, buailidh e iad mar gu'm b'eadh ann 

E 



50 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

an neul (gu h-àraidb niu bhàsaicheas iad gu 
h-obann), agus mar sin tha iad air an greasad 
air falbh, agus is gann a tha fhios aca c' àit' 
am beil iad, gus an togiad suas an sùilean ann 
an ifrinn : 's e so esan a tha bàsachadh 'na làn 
neart, agus euil' aigfois agus an sìth, (lob xxi. 
23.) 

Do 'n t-seòrsaso tha iadsan mu'm beilear a' 
labhairt an Salm Ixxii. 's an àit' am beil e 'g 
ràdh, *' Cha-n eil cuibrichean 'nam bàs, ach a ta 
'n neart laidir, ann an dochair mar dhaoinibh 
eile cha-n eil iad, agus mar dhaoinibh eile 
cha-n eil iad air an sàrachadh." Agus a rithist, 
caithidh iad a laithean ann an saoibhreas, agus 
ann an tiota thèid iad sìos do'n uaigh. lob xxi. 1 7 
Gu dearbh tha so ro mhòr air aithneachadh le 
mhothachadh an-aoibhneach agus lathail ; cuid 
a dh'uairean 'nuair a thèid sinn a shealitainn 
orrasan a ta tinn anns na bailtean agus anns na 
h-àitean 's am beil sinn beò ; Oh cia neo-mhoth- 
achail, a ta iad ! cia dàite 'nan cogaisean cha-n 
eil iad aon chuid mothachail mu nèamh no mu 
ifrinn ; mu pheacadh no mu Shlànaighear ; 
labhraibh riu mu dhèibhinn an cÒr agus staid 
an anmannan, agus gheibh sibh iad cho ain- 
eolach is ged nach biodh anmannan aca gu meàs 
a bhi ac' orra. Cuid eile, ged tha iad 'nan 
laidhe ullamh gu bàsachadh, gidheadh tha iad 
cùramach mu thimchioU an gnothaichean o'n 
leth-a-muigh, mar gu 'm biodh iad cinnteach à 
beatha an so, eadhon agus am mealtainn gu 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 51 

bràth. A rithist, thigibh gu muinntir eile, 
labhraibh riu mu dhèibhinn staid an anmannan, 
ged nach eil aca ni's mò do dh'f haireachadh 
nuadh-bhreith na tha aig brùid ; gidheadh 
labhraidh iad cho muinghìnneach mu dhèibhinn 
an staid shìorruidh, agus slàinte an anmannan, 
a's ged a bhiodh ac' am fhaireachdain a's 
oirdheirc a th' aig duine no bean sam bith 
air an t-saoghal, ag ràdh, bithidh sìth agam, 
(Deut. xxix. 19.) 'Nuair mar a thuirt mi 
eadhon an dràsta ; tha f hios aig an Tighearn 
gu 'm beil iad cho ain-eolaeh mu'n nuadh- 
bhreith, mu nàdur agus oibreachadh a' chreid- 
imh, mu fhianais an Spioraid, as ged nach 
robh nuadh-bhreith, no creideamh, no fianais 
Spiorad Chriosd ann an neach sam bith, do na 
naoìmh anns an t-saoghal. Cha n-e sin a mhàin, 
ach mar so tha mòran dhiù, eadhon uair no 
na's lugha roimh àm am bais. Ah anmannan 
bochda ! ged a dh' fhaodas iad dol air falbh 
an so coltach ri uan, mar their an saoghal ; 
gidheadh na'm b' urrainn dut uiread r'an 
leanmhainn beagan, gu seasamh agus èisdeachd; 
gu luath an deigh an dol air falbh, tha aobhar 
eagail, gu 'n cluinneadh tu iad a' beucail coltach 
ri leòghan aig an ceud inntreachdain a steach 
do dh' ifrinn, mòran ni's measa na rinn Còrah 
's na bha maiUe ris, 'nuair a chaidh iad 
sios beò 's an talamh, Aireamh, xvi. 31 — 35. 
A nise, leis an aon ni so tha'n diabhol a' 
gabhail cothrom mòr air cridheachan nan ain- 



02 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

eolach, a' toirt sanais dhaibh, no cuir 'nan 
cuimhne, air son gu 'n d' fhalbh an dream a 
bhàsaich, cho cùin, gu'n amharus sam bith 
gu 'm beil iad air dol gu fois agus aoibhneas ; 
'nuair, mo thruaighe ! a tha aobhar eagail gu 'm 
b' e 'm fàth mu'n dh' falbh iad cho ciùin, gu 'n 
robh iad neo-fhaireachail agus cruaidhichte 
'nan cogaisean ; seadh, marbh roimhe sin 
'nam peacannan agus 'nan eusantas. Oir nam 
biodh uiread ri cuid do dhùsgaidhean aca 
air an leapaichean-bàis, mar a bh' aig cuid, 
bheireadh iad air a* bhaile uile gairm a mach 
mu thimchioll an còr brònach, dubhach, cràit- 
each : ach a chionn gu*m beil iad air anlosgadh 
le iarunn dearg agus ain-eòlach, agus a' triall 
gu ciùin, air an aobhar sin tha 'n saoghal '' a' 
gabhail cridhe rifeur" (mar is gnàleinn aràdh) 
agus cha-n eil iad a' deanamh cùis mhòr sam 
bith do bhi beò agus a' bàsachadh nach 
urrainn iad innseadh cionnas; "Uimesinmar 
shlàbhraibh chuairtich àrdan iad.'' (Salmlxxiii. 
5, 6.) Ach sealladh iad riu-fèin, oir mur bi 
còir aca, anns an Tighearn losa a nise, f had 
'sa bhios iad beò anns an t-saoghal, co-dhiù a 
bhàsaicheas iad fo bhuaireas no ciùin, thèid iad 
a dh* ionnsaidh an àite cheudna, agus togaidh 
iad suas an sùilean ann an ifrinn. 

O mo chàirdean, na'm biodh uiread ri fios 
agaibh air an staid thruagh anns am beil iad- 
san^ a tha dol a mach às an t-saoghal so 
gun chòir ann am Mac Dhè, bheireadh e oirbh 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE, 53 

'ur leis a bhualadh, agus ann an searbhadas 
bhur n-anmannan èibheach a mach, — " A 
maighstearan ciod as còir dhuinn a dheanamh 
chum gu*n tearnar sìnn'' (Gniomh xvi. 29 — 
13.) Agus cha n-e sin a mhàin ach cha 
bhiodh sòlas agad gus am faigheadh tu 
fois air son t* anma anns an Tighearna losa 
Criosd. 



Agus ann an ifrinn thog e suas a shùilean^ air 
dha hhi ann am piantaihh^ agus chunnaic e Ahra' 
hamfad' uaith, agus Lasarus ^na uchd, — Rann, 23. 

Tha ni>eigin aithghearr agam air a thoirt 
fainear o na briathran so, " Agus ann an ifrinn 
thog e suas a shùilean." Agus gu dearbh, cha 
tug mi-fainear ach ni-eigin, oir tha iad ro làn 
do bhrìgh, agus dh' fhaodadh iomadh ni a bhi 
air a thoirt fainear uapa. Tha aon ni fathast 
air am faodainn beantainn, a ta air a ghabhail a 
steach anns an ràdh ud, agus 's e sin so. Tha 
mi saoilsinn gu'm beil an Tighearn losa 
Criosd leis a so a' ciallachadh, gu'm beil 
daoine gu nàdurrach ain-dheonach gu faicinn 
no gu aire a thoirt d'an staid bhrònaich fein, tha 
mi 'g ràdh a thaobh nàduir ; ach ged a tha iad 
an dràstagu toileach ain-eolach gidheadh '^ ann 
an ìfrinn togaidh iad suas an sùilean.'* 'S e sin, 



fe4 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

ann an ìfrinn ehì iad agus tuigidh iad an còr, 
truagh ; agus uime sin ris na briathran so, '' Ann 
an ifrinn thog e suas a shùilean,'* tha e cur 
air dha a bhi ann am pian ; mar gu'n abradli 
e, Ged aon-uair a dhùìn iad an sùilean, ged 
bha iad uair-eigin (2 Pead. iii. 5.) gu toileach 
ain-eolach, gìdheadh 'nuair a dh' fhàlbhas iad 
do dh'ifrinn bithidh iad cho truagh air an 
làimhseachadh agus air am pianadh, a's gu'm 
bi iad airan èigneachadh gu'n sùilean athogail 
suas. Fhad 'sa tha daoine beò anns an 
t-saoghal so, agus iad ann an staid nàdurraich, 
bithidh deagh bharail aca umpa fèin agus mu 'n 
còr ; co-dhùnaidh iad gu 'm beil iad 'nan criosd- 
aidhean, gur e Abraham an athair, (Mat. iii. 7? 
8.) Agus am an staid cho math ri staid na 
h-aiteam a's fearr ; co-dhùnaidh iad gu 'm 
beil creideamh an Spiorad aca, deagh dhòchas 
agus còir anns an Tighearn losa Criosd ; ach 
fòs 'nuair a thuiteas iad sìos do dh' ifrinn, agiis 
a thogas iad suas an sùilean an sin, agus a chì 
iad, an toiseach an anmannan, a bhi air am 
pianadh gu h-anabarrach ; an àite-còmhnaidh a 
bhi an t-sloc gun iochdar ; au cuideachd mìl- 
tean do dh' anmannan damnaite ; mar an ceudna 
cuideachd do-àireamh do dheamhnaibh ; agus 
dioghaltas teth loisgeach Dhè, cha n-e mhàin 
gu sileadh, ach gu tuiteam orra gu ro dhian ; 
an sin air dhaibh a bhi deònach air dùsgadh, 
a bha uile aimsir am beatha 'nan cadal marbh, 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 55 

tha mi 'g radh, 'nuair a thachras so, feuch thìg e, 
an sin " togaidh iad suas an sùilean" ; ann an. 
meadhon phiantan "togaidh iad suasansùilean." 
A rithist, faodaidh sibh a thoirt fainear o na 
briathran so ; *' Agus ann an ifrinn thog e suas 
a shùilean, air dha a bhi ann am piantaibh." 
Gu 'm bi àm pianaidh nan daoine ain-diadhaidh 
air son am peacannan ann am piantaibh na 
h-ifrinn. A nis' an so tha mi air mo chuir gu 
seasamh, 'nuair a tha mi a' toirt fainear no 
smaointeachadh air piantaibh ifrinn anns am 
beil a' mhuinntir dhamnaite a* tuiteam. O 
piantando-labhairt ! O 's piantan gun chrìoche ! 
A nise, clium 's gu 'm faod t' anam a bhi air a 
thoirt gu teicheadh o na piantaibh do-f hulang 
so chum am beil a' mhuinntir dhamnaite a* 
dol, feuchaidh mi dhut gu h-aithghearciod iad 
piantan ifrinn. 'Sa cheudàite, leisna h-ainmean 
aice. 'S an dara hàite, an staid dhubhach 
anns am bi thu, ma thèid thu 'n sin. 'Sa' cheud 
àite, ainmean : tha i air a gairm *'cnuimh nach 
bàsaich am feasd." (Marc ix.) Tha i air a 
gairm, " àmhuinn cho teth ri teine," (Mal. 
iv. j.) Tha i air a gairm, ♦* àmhuinn 
theinteach," (Matt. xiii.) Tha i air a gairm, 
*' an tsloc gun aigin, an teine do-mhùchaidh, 
teine agus pronasg, teine ifrinn, an loch teine, 
teine dian-loisgeach, teine sìorruidh, teine 
bith-bliuan, sruth teine," (Tais. xx.) 

i. Aon earrann dhe do phiantan is e so, bith- 
dh làn-shealladh agad air t-'uile dhroch caithe- 



56 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

heathe o thoìseach gu deireadh ; ged an so a's 
nrralnn dhut peacachadh an diugh, agus a dhi- 
chùimhneachadh mu'n tig am màireach ; gidh- 
eadh ann an sin (ann an ifrinn) bheirear ort 
a chùìmhneachadh cionnas a pheacaich thu 
aii aghaidh Dhè aig a leithid do dh* uair, agus 
ann a leithid do dh' àite^ air son a leithid do 
nì, agus maille ri leithid do nench, nì a bhios 
'na ifrinn dhut. ^^ Cuiridh Dia iad ann an 
òrdugh fa chomhair do shùl." Salm l. 21. 

2. Bithidh na ciontan sin uiìe agad'nanlaidhe 
trom air t'anam cha n-e mhain cionta aon no 
dha, ach an cionta gu lèir cuideachd, agus 
an sin laidhidh iad 'na t' anam mar gu'm 
biodh do bhrù làn bìghe, agus air a cnr air 
teine laiste. Ann an so, 's urainn do dhaoine 
cuid a dh' uairean smaointeachadh air am peac- 
annan le tlachd, ach ann an sud le piantaibh 
do-labhairt; oir is e sud tha mi tuigsinn 
an teine mu'm beil Criosd a labhairt, nach 
mhùchair gu bràth, (Marc viii. 43— 46>) 
Am feadh a tha daoine beò an so; O! cia 
inar a tha ciont' aon pheacaidh cuid do dh' 
uairean a bruthadh an anma ? Bheir e air 
duine a bhi na leithid do chòr, 's gu'm 
bi e sgìth de a' bheatha air chòr 's nach 
urrainn e aon chuid fois fhaotairin aig an 
taigh 'na shuidhe no 'na laidhe. Cha n-e sin 
a mhain, ach tha fios agam gu 'n robh iad 
cho mòr air am pianadh le cionta aon smuain 
pheacach, 's gu 'n robh iad an impis dol às an 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 57 

cèill, agus iad fèin a chrochadh. Ach a nise 
'nuair a thig thu do dh' ifrinn, agusagad,cha n-e 
mhàin aon no dha, no ceud do pheacannan, 
maille r' an cionta gu lèir air t'anam agus 
air do chorp, ach na h-uile peacadh a chuir 
thu riamh an gnìomh o'n thàinig tu steach 
do 'n t-saoghal; gu lèir air am bualadh air 
do chogais an aon àm, mar gu 'm buaileadh 
neach iarunn dearg teth ri do bhroilleach, agus 
mairsìnn an sin chum an uile bhith-bhuan- 
tachd ; tha so truagh I 

3. A rithist, an sin bheireir a chum do 
chùimhne, an tàir a rinn thu air soisgeul 
Chriosd ; an sud bheir thufainear cho toileach 
'sa bha Criosd air tighinn a chum aii 
t-saoghal a thearnadhpheacach, agus cho faoin 
sa bha 'n ni sin air son an do dhiùlt thu e. Tha 
so air a chumail a mach gu soiUear an Isaias 
xxviii. far, aig labhairt d'a mu dhèibhinn an 
Tighearn losa Criosd, stèidh an tearnaidh, 
rann 16, a deir e mu'n timchioll-san a dhiiìltas 
an soisgeul, an uairathèid sgiùrsadh a chur 
thar na talmhuinn, (ni a tha mis' a' 
tuigsinn a' bhios aig deireadh an t-saoghail) an 
sin a deir e, — Glacaidh i sibhmadainnan deigh 
maidne, air an latha agus air an oidhche thèid 
i seachad thairis oirbh, 's e sin do ghnà gun 
sgur sam bith. Agus bithidh e 'na chràdh 
a mhain an iomradh a chluinntinn. Na chràdh, 
*s e sin, na phiantan no na earrainn mhòr do 
dh'ifrinn a mhain an iomradh a thuigsinn, aii 



58 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

naigheachd mhath a thàinig a chum an 
t-saoghail le bàs Chriosd air son pheacach. 
Agus tuigidh tusa gu deimhin gur e so 
inntinn an Spioraid, ma choimeasas tu e 
ri Isa. liii. 1. Far am beil e a' labhairt mu 
dhaoine a bhi a' tionndadh an culthaobh air 
tairgsean gràis Dhè anns an t-soisgeuì, a' deìr 
e, '' Cò a chreid ar teachdaireachd ? no an 
soìsgeul a chuireadh an cèill leinne ?'* Nise 
bithidh so 'na phianadh cumhachdach do 'na 
h-ain-diadhaich, 'nuair a thuigeas iad gu 'n 
robh mathas Dhè cho mòr, 's gu 'n do chuir e 
eadhon a Mhac a maph à 'uchd gu bàsachadh 
air son pheacach, agus gidheadh gu 'm biodh 
iadsan cho amaideach sa chuir uapa, aon gu 
aoneile, gu'm biodh iad cho amaideach is gu'n 
cailleadh iad nèamh, agus Criosd, agus beatha 
shìorruidh ann an glòir, air son comunn cuid- 
eachd mhisgearan : gu'n cailleadh iad an anmann- 
an airsonbeagan sùgraidh, air son an t-saoghail 
so, air son strìopaich, air son sin a ta ni's 
aotrom' na faoineachd agus neo-ni ; tha mi 'g 
ràdh bithidh so *na phianadh no mhòr dhutsa. 
4. Is e earran eile dhe do phianadh e so ; chì 
thu do chàirdean, do luchd-eòlais, do choimh- 
earsnaich : cha n-e sin a mhàin ach faodaidh e 
bhith t'athair, do rahàthair, do bhean, t' f hear- 
pòsta, do chlann, do bhràthair, do phiuthar, 
còmhla' ri muinntir eile ann an rìoghachd 
nèimh agus tu-fèin air do thilgeadh a mach, 
'* An sin bithibh gul agus giosgan f hiacal, 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 59 

'nuaira chì sibh Abraham, (bhur n-athar) agus 
Isaac agus lacob (cuideaclid maille ri 'ur 
bràithrean) na fàidhean uile ann an rìoghachd 
Dhè, agus sibh-fèin air 'ur tiìgeadh a mach." 
Cha n-e sin a mhàin, ach a deir e, ^' Thig iad 
o 'n àird an ear agus o 'n aird an iaT," (Luc 
xiii. 28;) 'se sin, iadsan nach fhaca tu riamh 'na 
t'uile bheatha roimhe, agus suidhidh iad sìos 
maille ridochàirdean, agus dochoimhearsnaich, 
do bhean agus do chlann, ann an rìoghachd 
nèimh. Agus bithidh tus' air son do pheac- 
annan agus t-as ùmhlachd air do dhùnadh, 
cha n-e sin a mhàin, ach air do thilgeadh a 
mach. O pianadh iongantach ! 

5. A rithist, cha bhi agad a h-aon ach 
cuideachd do dh* anmannan damnaite, maille 
ri cuideachd do-àireamh do dheamhnaibh gu 
cuideachdas a chumail riut ; amfeadh a tha thu 
anns an t-saoghal so, bheir dearbh smuaintean 
mu na diabhoil a bhi tighinn 'na do làthair air 
t'f heoil crithneachadh, agus air t'fhalt seasamh 
dìreach air do cheann. Ach O! ciod a ni thu 
('nuair nach e 'mhain smaointean air taisbean. 
adh an diabhoil) ach dearbh chuideachd uile 
dheamhnabh na h-ifrinn a bhi còmhla riut a 
comhartaich agus a' beucaich, a' sgreadail 'sa 
rànaich ann an leilhid do dhòigh oiiteil, sgreat- 
aidh, 's gu 'm bi thu eadhon an impis dol as do 
chèill, agus ullamh gu ruith ann an tur chaoth- 
ach, a rithist air son àmhghair agus pian. 

6. A rithist, a chum 's gu'm bi thu air df* 



60 OSNAIDHEAN BllO IJbRINN, 

phianadh a rìreadh, leaghaìdh no cuiridh Dia 
cumhachdaeh nèimh urrad do chorraich agus 
do dhioghaltas ort 's a 's urrainn e, le neart a 
chumhachd glòrmhor. Mar a thuirt mi roimhe, 
gheibh thu a chorraich, cha-n ann le boinn- 
ean, ach le frasan, thig i le tairneanach, air do 
chorp agus air t' anam cho teann, agus cho 
tiugh, 's gu 'm bi thu air do phianadh thar 
tomhas. Agus mar sin a deir an Sgriobtur a* 
labhairt mu dhèibhinn nan aingidh, " Muinntir 
air an deanar peanas le sgrios sìorruidh o 
làthair an Tighearna, agus o glòir a chumh- 
achd,*' (2 Tes. i. 9.) 'nuair a bhios na naoimh 
ag amharc le meas air a mhathas agus air a 
ghlòir. 

A rithist, bithidh so agad, mar a thuirt mi 
roimhe, gun stad sam bith, cha bhi socair sam 
bith agad, cha bhi cho fada sa dh' f haodas 
'neache-fèina thionnda ; bithidhe agaddoghnà, 
gach uair> a latha agus a dh' oidhch'; oir cha 
bfiàsaich a' chnuimh gu bràth, ach do ghnà 
a' cagnadh, agus cha mhùchair an teine gu 
sìorruidh ; mar tha e sgrìobht' ann am Marc. 
ix. 

A rithist, bi'dh tu gu bràth anns a' chor so, 
agus tha sin cho brònach ri càch uile. Oir na'm 
biodh aig duine a pheacannan gu lèir air an cur 
an sùim dha, agus co-chomunn maille ris na 
diabhoil, agus uiread do chorraich sa's 
nrrainn Dia mòr Nèimh a leagadh air ; tha 
mi 'g ràdh, mur biodh e ach air son àm àraid, 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 61 

eadhon deich mìle bliadhna, agus mar sin, 
crìochnachadh, bhiodh aobhar chomhfhuirt, 
agus dòchas saorsainn ann ; ach 's ann an 
80 a tha do thruaighe, 's e sin do staid gu 
bràth, ann an so feumaidh tu bhi gu bràth ; 
'nuair a sheallas tu mu'n cuairt dut, agus a chì 
thu a' chuideachd do-àireamh do dhiabhoil 
ulfhartaich *am measg am beil thu, smaointich- 
idh tu so a rithist^ 's e so mo chuibhrionn gu 
bràth. 'Nuair a dh' f heumas tu bhi ann an 
ifrinn cho liugha mhìle bliadhnan 's a tha do 
reulltan anns an iormailt, no do bhoinnean anns 
a' chuan, no do ghrainean gainmhich air 
tràigh na mara, gidheadh is èigin dut laidhe an 
sud gu sìorruidh. O ! an t-aon fhacal so 
Siorruidh, cia mar a phianas e t'anam. 

A Chàirdean, cha tug mi ach biaidh ghoirid 
air piantaibh ifrinn. O ! tha mi air stad, tha 
mi air stad, agus cha n-eil mi comasach inn- 
seadh na tha m' inntinn a' tuigsinn mu phian- 
taibh ifrinn. Fòs abram riut, gabh ri tròcair 
Dhè trìd ar Tighearn losa Criosd, air eagal 
gu 'm mothaich thu sin le do chogais, nach 
urraìnn dhomhsa a chuir an cèill le mo theang- 
aidh, agus gun abair thu, '' Tha mi air mc 
ro-phianadh anns an lasair so." 

'* Agus chunnaic e Abrahaim fada uaithe. 
agus Lasarus 'na uchd." 

'Nuair a tha 'mhuinntir dhamnait' anns an 
staìd thruaigh so, air an cuartachadh le eagal 
agus uabhas, le pianadh agus dioghaltas, 

F 



62 OSNAIDHEAN BHO IFRINN^ 

bithidh aon rud ac', agus 'se so e, chì iad staid 
shonaagus bheannaicht' chloinne Dhè : " Chunn- 
aic e Abraham fada uaithe, agus Lasarus 'na 
uchd;" ni, mar a thuirt mi roimhe, a's e staid 
shona nan naomh 'nuair a thig crìoch air 
a' bheath so. Bithidh so a nise cho fad' o bhi *na 
shochair dhaibh, 's gur ann a ni e gu h-iong- 
antach am pianaibh an-tromachadh no àrdach- 
adh, mar a thuirt mi roimhe. An sin bithidh 
gul, no aobhar bròin, nuaira chì iad Abraham, 
agus Isaac, agus lacob, ann an rìoghachd 
nèimh, agus iad-fèin air an tilgeadh a mach. 

2. Thugaibh fainear, iadsan a tha bàsachadh 
'n am peacannan tha iad cian o dhol do nèimh : 
" Chunnaic e Abraham fada uaithe, agus Lasa- 
rus 'na uchd." Agus gu dearbh^ is ceart do 
Dhia buntainn riu-san a bhàsaicheas 'nam 
peacannan do rèir na rinn iad ; agus a thoirt 
orrasan a tha fada bho ionracas an dràsta, seas- 
amhfada bho nèimh tre shìorruidheachd. Eisd- 
ìbh ris a so, sibhs' a mhuinntir chruaidh-cbridh* 
:ach, a ta fada bho ionracas, agus a ta rùnach- 
adh dol air aghaidh n'ur peacannan, 'nuair a 
bhàsaicheas sibh, bithidh sibh fada bho nèimh ; 
chì sibh Lasarus, ach bithidh e fad' uaibh. 

A rithist, '* Chunnaic e Abraham fada uaithe, 
agus Lasarus 'na uchd." 

'S iad so cuid do na nithibh a chì an 
sluagh damnaite cho luath 's a thig iad do 
dhòrainn. Thugaibh fainear, agus " Chnnnaic 
e Lasarus ann an uchd Abrahaim." Lasarus, 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 63 

cò e esan ? C' uime, eadhon e-san a bha ch(. 
mòr air a chur suarach, air a chur an di-meas, 
air a chur an neo-phris leis an aon ain-diadh - 
aidh so am feadh a bha e anns an t-saoghal, 
chunnaic e Lasarus 'na uchd-san. 

Uaithe so thugaibh fainear, iadsan atha be?) 
agus a' basachadh 'nan nàimhdean do naomh- 
shluagh Dhè, air cho mòr agus cho laidir s ga'm 
bi iad, air meud an cumhachd do'm bi ac' 
am feadh a bhios iad anns an t-saoghal so, 
air mheud an uaill agus an glagaireachd ani 
feadh a ta iad an so, chì iad, ge boiT le 'm 
fiaclan, na naoimh, seadh^ na naoimh bhochda, 
eadhon na Lasarusan, no'n mhuinntir luideag- 
ach a bhuineas do dh' losa, a bhi ann an 
cor na's fhearr na iad-fèin. O ! cò a tha sibh 
a' smaointeachadh a bh' anns a' chor a b'fhearr? 
Cò dhiù a tha sibh a saoilsinn a chunnaic e-fèin 
anns a' chòra b' fhearr, e-san a bh' ann an ifrinn, 
no e-san a bh' ann an nèamh ? E-san a bh' ann 
an dorchadas, no e-san a bha ann an solus ? 
E-san abh'annan aoibhneas sìorruidh, no e-san 
a bha ann an piantaibh sìorruidh ? Aon diù 
còmhla ri Dia, Criosd, naoimh, a's ainglean ; 
an t-aon eile ann an lasraichean cràiteach, fo 
mhallachd fuath' sìorruidh Dhè, maille ris .na 
diabhoil agus an cuid ainglean, maiUe ri cuid- 
eachd do-àireamh do dhroch dhaoine, ag ulf hart. 
aich, a' beucaich a' ranaich, b! raallachadh, a' 
ghnà-losgadh? Gu cinnteach, bithidh ati 
smuain so air a dearbhadh gu soirbh an so 



64 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

anrisan t-saoghal so fèln, leis-san a sheallasoirre 
le cridhe tuigseach, agus còmhdaichidh si 
i-fèin a bhi fior anns an t-saoghal a ta ri teachd, 
le mheud 's a thèid an darna cuid, do nèimh 
no do dh' ifrinn. 

2. An darna ni a bheireir fainear o na 
briathraibh so, ** Agus chunnaic e Abraham 
fada uaithe, agus Lasarus 'na uchd," 's e so ; 
iadsan a ta 'nan luchd-geur-leanmhuinn air 
naoimh an Tighearn a nis'anns an-t-saoghal so, 
chì iad gur iad muinntir gheur-ruagt' an Tigh- 
earn a th'air am meas cho àrd leis an Tigh- 
earn a's gun suidh no gu'm bi iad an uchd 
Abrahaim (ann an glòir shìorruidh,) ged rinn 
nàimhdean cloinne Dhè an cur cho suarach, 's 
gu *n do mheas iad mar thàmailt dhaibh-fèin 
biadh nan con aleigeadh leo-san^no'n sprìiileach 
a thuit fo 'n cuid bòrd a thional suas. Tha so f òs 
air a dhearbhadh, agus air a chumail a mach gu 
soilleir leis an t-sàmhla so, agus air an aobhar 
sin na bithibh air'urcràdh O sibhse a phob- 
uill an Tighearna, a ta air bhur buaireadli, 
air bhur geur-leanmhuinn, air bhur sàrachadh, 
a ta 'g osnaich agus ag ùrnaigh, ged a tha bhur 
n-eas-càirdean a' sealltainn oirbh an dràsta ie 
gnùis thàireil, ghruamaich, iorgalt', uaimhreich 
agus ardanaich, gidheadh thig an t-àm anns an 
amhairc iad oirbh ann an uchd Abrahaim. 

Dh' fhaodainn leudachadh air na nithibh so, 
ach fagaidh mi iad do dh' inntinn an Tigh- 
earna, ni, a's fearr a's urrainn mur dheich mìle 



KO ACAIN ANMA DAMNAITE. G5 

tomhas an leudachadh air do chridhe agus air 
do chogais, na's urrainn mis' a dheanamh air clàr 
paipeir. Uime sin ; air iad so fàgail do bheann-, 
achd an Tighearna, thig mi chum an ath rainn 
agus bithìdh mi aithghearr ann an labhairt oirre 
sin mar an ceudna, agus thèid mi seachad a 
chum chàich. 



'• Agus gJilaodh e, agus thubhairt e, Athair 
Abruhaim, dean tròcair^ orm, agus cuir Lasarus, 
chum gun tùm e harr a mheoir ann an uisg\ agus 
gum fuaraich e mo theanga oir a ta mi air mo ro- 
phianadh 'san lasair so, — Rann, 24. 

Tha f hios agaibh gu 'n d' innis mi dhuibh 
gu 'm beil an dara rann thar an f hichead 'na 
fhoillseachadh air triall nam muinntir dhiadh- 
aidh agus ain-diadhaidh a mach às a' bheatha 
so ; fàr am beil e 'g radh, <' Gu'n d' f huair an 
duine bochd bàs, agus an duine saoibhir maran 
ceudna." Tha'n treas rann thar an fhichead'na 
f hoiUseachadhair na h-àitean iomchuidh, araon 
do namhuinntir dhiadhaidh agus ain-diadhaidh 
an deigh am bàis ; aon a bhi ann an uchd 
Abrahaim, no ann an glòir, an t-aon eiT ann an 
ifrinn : a nise tha'n ceathramh rann thar an 
f hichead 'na f hoillseachadh air aithreachas ro 
anmoch nam muinntir ain-diadhaidh, 'nuair a 
tha iad air tuiteam sìos do dh' ifrinn. " Agus 



66 OSNAIDHEAN BHO IFRTNN, 

^hlaodh e agiis thubhairt e, Athair Abrahaim, 
(lean tròcair orm/ 

O na facail, *' Agus ghlaodh e*' faodaidh sinn 
a thoirt fainear, air tùs, ciod an caochla 
a bhios air na h-aìn-diadhaich, 'nuaira thig iad 
do dh' ifrinn : " ghlaodh e :" tha e coltach gu 'n 
robh e ri gàireachdaich, ri sììgradh, ri fanaid, 
ri òl, ri atharais, ri mionnan, ri guidheachan, ri 
glagaireachd, agus ri geur-leanmhuinn nam 
inuinntir dhiadhaidh 'n a shoirbheachadh, am 
nieasg a chòmpanach salach : ach a nise tha 
chor air dhòigh eile ; a nise tha e ann am fonn 
eile, a nise tha 'ghiùlan uaimhreach^ iargalt, 
air tighinn a nuas ; " Agus ghlaodh e." Cha 
mhair gàireachdaich nan aingidh doghnà, ach 
crìochnachaidh e gu cinnteach ann an gul ; '* Is 
gearr caithream nan aingidh/' (lob, xx. 5.) 
Thugaibh fainear, feumaidh sibh atharrachadh 
an dara cuid an so no ann an ifrinn. Mur bi 
sibh n-'ur creutairean nuadh,'n-'ur muinntir air 
bhur n ath bhreith, n-ur naoidheanan air bhur 
n-ùr-bhreith anns an t-saoghal so ; mu*n triall 
sibh às, bithidh bhur ceòl air a chaochla, 
bithidh bhur còr air a chaochla oir ma thèid 
sibh do dh'ifrinn, feumaidh sibh glaodhach. 
O ! na'n deanadh na misgearan òranach, 'nuair 
a tha iad subhach air suidheachan na misge, 
uiread a's smaointeachadh air so, bheireadh e 
orra an ceòl a chaochla agus glaodhach. Ciod 
a ni mi ? C' àit* an tèid mi 'nuair a gheibh mi 
bàs ? Acb mar a thuirt mi roimhe, an diabhol, 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 67 

mar a tha e a' saoithrpachadh chum arimannaii 
bochd' faighinn gu 'n cuid peacannan a leanmh- 
uinnmarsin thae saoithreachadh mar an ceudna 
gusmuaintean mudhamnadh sìorruidhachumail 
a mach as an inntinnean ; agus gu 'n amharus, 
tha 'n dà nì so cho dlù-cheangailte r'a chèile, 's 
nach uarainn an diabhol an t-anam f haighinn 
gu dol air aghaidh gu math ann am peacadh 
le tlachd mur a h urrainn e smaointean mu'n 
tubaisd uabhasach a tha r'a thighinn a chumail 
a mach às an inntinnean. 

Ach biodh fhìos aca, nach bi e do ghnà 
mar so maille riu ; oir mas e 'nuair a bhàs- 
aicheas iad, gu'n tuit iad ann an lèir-sgrios 
eìorruidh^bithidh a leithid do dh' f haireachdain 
ac' air am peacannan, agus air a' pheanas a tha 
dligheach dhaibh,'s gu'n toir e orra glaodhaich. 
'' Agus ghlaodh e." O ciod an t-atharrachadh a 
bhios 'am measg nan aìn-diadhach, 'nuair a 
thèid iad a mach as an t-saoghal so ! Faodaidh 
e 'bhith ceithir-oidhch-deug no mìos roimh 
'n triall, gu 'n robh iad aotrom, laidir, iargalta, 
g' an cuir fèin fo mhisg, a' cur suarach pobuU 
Dhè, a' fanaid air naomhachd, agus a' gabhail 
tlachd ann am peacadh, a' leantuinn an t-saogh- 
ail ; an tòir air beartais, a' caithe am beatha 
gu h-àiileasach, a' cumail cuideachd ris an 
aiteam bu ghreadhnaich', ach a nise, 'nuair 
a tha iad a' tuiteam sios ann an ifrinn, tha iad 
'a glaodhaich. A chianamh bha iad a' cur ruth^ 
adh deargannangnùiseanan cuid ana-miannan. 



68 



a' leanmhuinn an cuid strìopaichean, a' creach 
an cuid coimhearsnach, ag innseadh bhreug, a' 
leanmhuinn cluichean agus sùgraidhean, chum 
na h-ùine cuir seachad ; ach a nise tha iad ann 
an ifrinn, tha iad a' glaodhaich. Faodaidh e 
bhith gu 'n do chuaF iad an uiridh cuid do 
shearmoinean matha, gu'n robh iadairan gairm 
gu nèamh a gabhail, gu'n robh air innseadh 
dhaibh gu 'm biodh am peacannan air ara 
mathadh, na 'n teannadh iad a steach ri losa, 
ach air dhaibh a thairgsean a dhiùltadh, agus 
a ghràs a chuir suarach a bha aon uair air a 
tairgse, tha iad a nis' ann an ifrinn, agus a' 
glaodhaich. 

Roimhe so bha iad an dùil nach b'urrainn 
iad innseadh cionnus a chaitheadh iad an ùine 
mur b' ann ri sealg, agus ri strìopachas, 
ann an damhs', agus cluich, agus ann an 
caithe uairean iomlan ; seadh, laithiehean, 
cha n-e sin a mhàin, ach seachduinean, ann an 
ana-miannaibh na feòla : ach 'nuair a thriallas 
iad a chum àit' eile, agus a thòisieheas 
iad air togail suas an sùilean ann an ifrinn, agus 
a bheir iad fainear an cor truagh agus do- 
leasaichte, glaodhaidh iad. 

O ciod an còr anns an tuit thu, 'nuair a 
thriallas tu às an t-saoghal so ; ma thriallas tu 
neo-iompaichte, agus gun a bhi air t'ath-bhreith 
b'f hearr dhut a bhi air do tbachdadh an uair 
a rugadh tu ; b'fhearr dhut a bhi air do 
spìonadh aon bhall o bhall eile ; b' fhearr 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 69 

dhut a bl i air do dheanamh 'nad chù, 'nad' 
losgunn dubh, 'nad nathair, cha-n e sin a 
mhàin, ach 'nad chreutair sam bith anns an 
t-saoghal f haicsinneach, na bàsachadh neo- 
iompaichte ; agus so chì thu a bhi fior, 'nuair 
a thogas tu suas do shuiilean ann an ifrinn, 
agus a ghuileas tu. 

Ann an so ma ta, mu'n tèid sinn a bheag 
ni's f haide, faodaidh sibh fhaicinn, nach anii 
gu'n deagh aobhar a tha na briathrau so air 
an labhairt le ar Tighearn, 'nuair thriallas 
aon sam bith do na h-ain-diadhaich do 
dh' ifrinn, gu'n guil iad, — guil, — seadh 
c' arson sin ? 

1. Guilidh iad an àm smaointeachach gu'm bi 
iad air an gearradh à tìr nam beò, gun ionad- 
seasaidh a bhi ac' innte gu bràth tuilieadh. 

2. Guilidh iad an àm smaoiiiteachach gu 'n 
robh soisgeul Chriosd cho tric air a thairgse 
dhaibh, ach gidheadh nach d' fhuair iad 
buannachd uaithe. 

3. Guilidh iad an àm smaointeachadh, a nise, 
ged nach robh iad riamh cho deònach air aith- 
reachas a gabhail agus a bhi air an tearnadh, 
gidheadh gu 'm beil iad seachad air na h-uile 
leasachadh. 

4. Guilidh iad an àm smaointeachadh gu'n 
robh iad cho amaideach 'san toil-inntinnean fèin 
a ieantuinn, an uair a bha muinntir eile a' 
lantuinn Chriosd Luc. xiii. 28. 

5. Guilidh iad an àiii smaointeachadh gnr 



70 OSNAIDHEAN BHO IFRIXN, 

èigin daibh a bhi tearbte bho Dhia, bho 
Chriosd agus bho rioghachd nèimh, agus sin 
gn sìorruidh. 

6. An àm smaointeachadh nach dean an cuid 
guil agus caoidh math sam bith dhaibh a nise. 
7. An àm smaointeachadh gur èigin daibh 
aig latha a' bhreitheanais seasamh air làimh 
chiì Chriosd, am measg cuideachd do-àireamh 
do mhuinntir dhamnaite. 

8. Guilidh iad an àm smaoìnteachadh, gur 
èigin Lasarus, a chuir iadsan aon uair suarach, 
a bhi dhiiì-san a dh' f heumas suidhe sìos mailie 
ri Criosd chum bretii' a thoirt binn dìtidh 
air an anmannan gu sìorruidh, 1 Cor. vi. 2, 3. 

9. Guilidh iad an àm smaointeachadh, 'nuair 
a tha 'm breitheanas thairis, agus cuid eile air 
an toirt a chum rìoghachd shìorruidh na giòire^ 
an sin as èigin dhutsa dol air t'ais a rithist a 
chum a' ghainntir dhorchadais sin o 'n tàinig 
tu mach (gu taisbeanadh an iàthair cathair a 
bhreitheanais uabhasaich sin) far am bi thu 
air do phianadh cho fad' 'sa mhaireas 
bith-bliuantachd ; gun am faothachaidh no'n 
t-socair a's iugha. 

Cionnas, a their thu, O ! thruaghain mhac- 
nusaich, uaimhrich, mhionntaich, bhreugaich, 
ain-diadhaidh ! am beii so gu bhi air a chur 
suarach gu fochaideach ? Agus a rithist, 
innis dhomh a nise, mur eiie ni's fearr peacadh 
a thrèighsinn agus teannadh dlù ri Criosd losa, 
a dh' aindeoin nam masladh ris an coinnich thu 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 7^ 

air son sin a dheanamh na bhi beò sealan 
beag anns an t-saoghal so ann an sòlasan 
diamhain, agus a' beathachadh ana-mhiannan, 
ann an dearmad slàinte t'anma, agus a'diùltadh 
a bhi air t' f' hireanachadh le losa ; agus 
tuiteam sìos do dh' ifrinn ann an tiotadh agus 
gul? O ! thugaibh an aire, tha mi 'g ràdh, 
smaointici^iibh an àm, agus na cuiribh uaibh 
tairgsean gràis ar Tighearn losa Criosd, air 
eagal gu 'n tog sibh suas ùr sùilean ann an 
ifrinn, agus gu 'n gul sibh le cràdh spior- 
aid. 

** Agus ghlaodh e agus thuirt e, Athair 
Abrahaim, dean tròcair orm, agus cuir Lasarus," 
&c, Tha na briathran so cha n-e mhàin a' 
cumail a mach cor brònach nam muinntir 
diiamnaite, agus an tuireadh brònach, agus an 
glaodhaich a mach fo 'n cràdh spioraid, ach 
mar an ceudna tha iad a* ciailachadh dhuinne 
(mar a thuirt mi roimhe an aithreachas ro ana- 
moch ; agus mar an ceudna gu 'm b' àill leo 
gu ro dheònach, na 'm faodadh iad a bhi air an 
cuir saor o 'n truaighe shìorruidh sin, anns an 
do thilg siad iad-fein le 'm peacannan. Tha 
mi 'g ràdh, tha na briathran so a' cumail a 
mach an iarrtas a th' aig a' mhuinntir dhamnaite, 
gu bhi air an saoradh o na piantaibh ud anns 
am beìl iad an dràsta: ''^ Athair Abrahaim, 
ars' e-san, dean tròcair orm, agus cuir Lasarus, 
a chum 's gu 'n tiim e bàrr a mheoir ann an 
uisge, agus gu 'm fuaraich e mo theanga, oir tha 



72 OSNAIDHEAN BHO IFRINN 

mi air mo ro-pliianadh anns an lasair so/' 
Faodaidh na briathran so, ** Athair Abra- 
haim," a bhi rudeiginn deacair ra'n 
tuigsinn, theagamh gu'm faod cuid a 
smuaineachadh gum bèil iad a' ciallachadh 
Abrahaim, agus iad-san, no e-san a ta giaodh- 
ach a mach an so, a bhi ciallachadh nan 
ludhach. No theagamh gu 'm faod cuid 
a shaoilsinn e bhi ciallachadh Dhè no 
losa Criosd a mhac, neach a tha mise a 
saoilsinn ris am beil-sa' glaodhaich an so ; 
air son gu 'm beil thu a faotainn an glaodh 
cheudna ris, mar gu 'm biodh e air a labhairt 
a mach leis na h-ain-diadhaich ann an àitean 
eile do 'n sgriobtur ; mar an Luc. xiii. 25, 
26. '' An sin toisichidh sibh air a ràdh, A 
thighearn, a Thighearn dh'ith sinn agus 
dh'òl sinn a' d' làthair, agus theagaisg thu 'n-ar 
sràidibh." Cha n-e sin a mliàin ach tuilleadh, 
*' r^nn a t'ainmsa thilg sinn a mach deamhnan, 
agus ann a t'ainm-sa rinn sinne iomadh obair 
iongantach," Thachair so dìreach aig àm an 
diiìltaidh. Agus a rithist, ann am Mat. xxv. 11, 
tha iad a' glaodhaich ri losa, ** A Thighearn, a 
Thighearna, fosgail dhuinne." Agus tha e ann 
an sin a rithist a' toirt an diùltaidh dhaibh, mar 
anns an t-sàmhla so. Ach cia-sam-bith, no co- 
sam-bith, an t-Abraham a th' ann, gidheadh 
faodaidh na f ìrinnean so a bhi air an toirt 
fainear o na briathran ; 

1. Gu'n iarr a' mhuinntir dhamnaite, 'nuair a 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. J3 

bhios iad anri an staid do-leasaicht', saorsa bho 
na chorraich anns am beil^ agus anns am bi 
iad, tre shìorruidheachd. ** Gu cinnteach ann 
an tuiltean nan uisgeachan mòra cha tig iad 
am fagus da." 

2. Gu 'n dean iad ùrnaigh (ma dh' f haodas 
mi a' chainnt a chleachdadh) gu dian air son 
saors' o 'n staid thruaigh. Tha 'n dà nì so soilleir 
o na briathran. Oir tabhair fainear, Cha n-e 
'mhàin gu 'n tuirt e, " Athair Abrahaim, dean 
tròcair orm ;" ach " ghlaodh e, agus thuìrt e, 
Athair Abrahaim dean tròcair orm/' Uaithe sin 
gabhaibh an treas beachd so, agns 's e sin, 
tha àm a' tighinn, anns nach eil e coltach 
gu'm faigh daoine tròcair sam bith, latha Dhè, 
ged a ghlaodhas agus a ghuidheas iad ; oir mar 
sin bha 'n duine so air a riarachadh, mar a ni 
mi ni's f haide fheuchainn gu h-aithghearr 
'nuair a thig mi g'a ionnsaidh. 

Tha cuid do mhuinntir air am mealladh cho 
mòr leis an diabhol, is gu'n smuaintich iad gu 'm 
beil Dia cho tròcaireach^ as gu 'n toir e feart 
air ni sam bith air son ùrnaigh ; tha iad a' 
smuainteach gu 'm foghainn ni sam bith, am 
feadh a tha iad an so anns an t-saoghal, 
tre ain-eolas air fìor nàdur tròcair Dhe, agus 
air eòlas na slighe anns am beil Dia air a 
riarachadh air son peacaidh. A nise tha mi 'g 
ràdh, tre aineolas tha iad a' smuaineachadh 
ma *s e 's gu 'n dean iad uiread ri gnè do 
dh' ùrnaigh gu lag-ghuthach, ged nach eil 

G 



74 OSNAIDHEAN BRO IFRINN, 

fios aca cìod a tha iad ag ràdh, no ciod a tha 
ìad ag iarraidh, gidheadh gu 'm beil Dia 
riaraichte, seadh, gu ro mhath air a riarachadh 
le 'n deanadas : 'nuair mo thruaighe ! nach eil 
ni sam bith na 's suararaiche. O mo chàirdean, 
tha mi a' guidhe oirbh sealltainn mu 'n cuairt 
duibh, agus iarraibh gu rò dhurachdach Spiorad 
Chriosd gu bhur còmhnadh an dràsta, strì agus 
ùrnaigh a dheanamh, agus gu bhur deanamh 
comasach air greim a ghabhail do Chriosd, a 
chum 'sgu'm bi bhur n-anmannan air an tearnadh, 
air eagal gu 'n tig an t-àm, ged a ghlaodhas 
agus a ghuidheas sibh, agus ged bu mhiannach 
leibh mar an ceudna gu 'n robh sibh air 
greim a ghabhail air an Tighearn losa, gidh- 
eadh gur èigin gu 'm bi sibh air 'ur damnadh. 
An sin, faodaidh sibh a rithist f haicinn ged 
tha Dia deònach peacaich a thearnadh aig 
àra air chor-eigin, gidheadh cha-n eil an t-àm 
sin do ghnà a' mairsinn. Cha-n eil, — esan 
a's urrainn fhaighinn 'na chridhe cùl a 
chur ri losa Crìosd an dràsta', gheibh e 
cùl air a chur ris fèin an deigh so, ^nuair a 
dh' fhaodas e glaodhaich agus guidhe air 
son tròcair gidheadU falbhaidh e gu'n a 
faotainn. Bithidh àm aig Dia gu coinneach- 
adh riu-san, nach eil an dràst ag iarraidh 'na 
dheigh-san ; bithidh aca-san àm, seadh, àm ni's 
leòir an deigh so, gu aithreachas aghabhail air 
son an amaideas, agus gu iad-fèin a mheas 
'nan amadanan, air son an cùl a thionndadh 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. J,J 

ris an Tighearna losa Criosd. '' Ni mise niar 
an ceudna gàire ri'r sgrios ;" ars' e-san, 
'* agus fanaid 'nuair a t/iig bhur n-eagal," Gnà. 
i. 26, 27. 

A rithist, bu chòir d'a so ar teagasg gu 
ùine' gabhail am feadh a ta i air a tàirgse, air 
eagal gu'n gabh sinn aithreachas air sonarn-as- 
chreidimh agus ar ceannairc^ nuair bhios sinn an 
dèigh a call. A chàirdean ! tha iline prìseil, 
tha uair do dh'uine chum searmoin èisdeachd 
prìseil ; Smuanaich mi cuid do dh' uairean mar 
so leam fèin, smuainich, gu 'n cuireadh an 
Tighearn dithis, no triùir de a sheirbhisich, 
ministearan an t-soisgeul, gu ifrinn am measg 
nam muinntir dhamnaite leis an ùghdarras 
so : Siubhlaibh-sa gu ifrinn, agus searmonaich- 
ibh mo ghradh-sa dhaibh-san a ta ann an sin : 
searmonaichibh fad uaire, agus cumaibh a 
mach toillteannasan breith, ionracais, bàis, 
ais-eirigh, dol suas, agus eadarghuidhe nio 
Mhic-sa, maille ri m' uile ghaol ann, agus 
tairgibh dhaibh e ag innseadh dhaibh, gu'm 
beil mise a nis' aon uair eile, agus gun ach 
aon uair, a' tairgse meadhonnan na rèite dhaibh. 
ladsan a tha 'n dràsta ri glaodhaich, air dhaibh 
a bhi an an-dòchas, leumadh iad an uair sin ris 
an tairgse a's lugha do thròcair: O iadsan a 
b' urrainn lathaichean iomlan, seachduinnean, 
cha-n e sin a mhàin, ach bliadhnachan a 
chaitheamh, ann an diùltadh Dhè bhiodh iad 



76 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

a nise toilichte air son aon tairgse do 'n tròcair. 
sin. *' Athair/' ars* esan, <* dean tròcair orm." 

A rìthist, faodaidh sibh a thoirt fainear, o 
na briathrari so gu 'm biodh tròcair air a 
gabhail gu toileach 'nuair a tha anmannan fo 
bhreitheanas ; a nise tha 'n t-anam so anns an 
teine, a nise tha e fo chorraich Dhè, a nise 
tha e ann an ifrinn, ann an sin gu bhi air a 
phianadh ; a nise tha e comhla ris na 
diabhoil agus ris na spioradan damnaite, a nise 
tha e a' faireachdadh dioghaltas Dhè ; a nis' 
O nise dean tròcair orm ! Ann an so 
faodaidh sibh f haicinn, gu 'm beil tròcair air 
d meas luachmhor leosan a ta ann an ifrinn, 
bhiodh iad subhach nam b' urrainn iad a 
faotainn. Athair dean tròcair orm, air sgàth 
m' anma bochd, cuir beagan tròcair do m' 
ionnsaidh. 

" Agus cuìr Lasarus, a chura *s gu 'n tdra e 
barr a mheòir ann an uisge, agus gu'm fuaraich 
e mo theanga.*' 

Tha na briathran so cha-n e mhàin a* cumail 
a mach, gu 'm beil dèidh aig na h-ain-diadh- 
aich air tròcair, ach ciod na tròcairean ud bu 
mhath leis na creutairean bochda so f haotainn. 

1. Cuideachd Lasaruis a bhi air a dheòn- 
achadh dhaibh. " Athair Abrahaim, dean 
tròcair orm, agus cuir Lasarus/' A nise b' e 
Lasarus an tì a bha air a ghràdhachadh le Dia, 
agus mar an ceudna air fhuathachadh leo-san ; 
Uime-sin. 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE, 77 

2. Thugaibh fainear, na naoimh ud nach 
b'urrainn an saoghal ann an àm am beatha 
f hulang, a nise 'nuair a tha iad air triall, 
bhiodh iad toileach comunn a bhi aca maille 
riu. " O nise cuir Lasarus !'' ged bha 'n t-àm 
ann 'nuair nach robh spèis agam dha, gidh- 
eadh a nise faigheam beagan comuinn maiUe 
ris. 

Ged tha 'n saoghal a' cur suarach comuinn, 
cloinne Dhè an dràsta, gidheadh tha'n t-àm a' 
tighinn anns am bu mhath leo an comunn a's 
lugha a bhi aca maiUe riu. Cha-n e sin a 
mhain, ach thoirt fainear, a' mhuinntir ud de 
na nàoimh a ta nise ni's mò air an diùltadh 
leo, eadhon bithidh iad subhach air son 
comhfhurtachd uathasan, nam faodadh e bhith. 
Cuir Lasarus : an tì sin a chuir mi suarach ni's 
raò na mo chuid con an tì sin nach b' urrainn mi 
fhulang tighinn a steach do mo thaigh, ach 
a dh' fheumadh laidhe aig mo gheata, cuir esan : 
a nise biodh Lasarus air a ghabhail gu taitneach 
leam, a nise tha mi'g iarraidh cuid do chomfhurt- 
achd uaithe ; falbhaidh e gun sin a thoirt 
dhomh. 

Uaithe sin a rithìst thugibh fainear ; gu 'm 
beil àm a' tighinn, O sibhse a luchd-geur- 
leanmhuinniargalta, choimheach air na naoimh, 
gu 'n cuir iadsan sibhse suarach cho mòr sa 
chuir sibhse riamh suarach iadsan. Thug 
sibhse dhaibh-san iomadh facal cruaidh, 
dh' innis sibh iomadh breug mu 'n dèibh- 



78 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

inn, thug sibh ìomadh buille dhaibh ; agu^ 
a nise ann *ur feum agus ann 'ur teanntachd 
a*s mò cha ghabh iad truas ribh. 'S ann a ni 
an t-ionracan gàirdeachas a uair a chìe diogh- 
altas Dhè ort. Salm Iviii. 10. 

'' Agus cuir Lasarus." Uaithe so thugaibh 
fainear, gu 'm bi neach sam bith do na naoimh 
an uair sin air aideachadh leibh a bhi 'na naomh. 
A nise tha sibh ga meas a bhi de luchd 
co*-bharail Himeneuis agus Philetuis, ach an 
uair ud chì sibh gur iad Lasarusan Dhè, 
eadhon clann ghràdhach Dhè. Ged an dràsta 
nach bi naoimh an Tighearn' air an aideachadh 
leibh, air son gu 'm beil iad ainniseach, iosal, 
bochd, suarach, 'n-'ur measg : gidheadh tha'n 
latha a' tighinn gu 'n aidich sibh iad, gu 'n 
iarr sibh an comunn, agus gu 'm bi sibh dèidheil 
air a* chaoimhneas a 's lugha fhaotainn uapa. 

'^ Cuir Lasarus, a chum 's gu 'n tùm e barr 
a mheòir ann an uisge, agus gu 'm fuaraich e 
nio theanga ; oir tha mi air mo ro-phianadh 
anns an lasair so." 

'S ann mar so a ghlaodhas na h-anmannan a 
bhuanaicheas 'nan cuid peacannan a mach, ann 
an searbhadas an spioraid, le àmghar iongant- 
achagus cràdhcogais gun lasachadh: '' A chum 
's gu'n tùm e barr a mheòir ann an uisge, agus 
gu 'm fuaraich e mo theanga." A chum 's gu'n 
tùm esan, eadhon an duine roimhe gu 'm bu 
mhasladh leam gu 'n itheadh e comhla ri coin 
mo threuda, a chuir mi suarach roimhe agus air 



NO ACAIN AKMA DAMNAITE, 7^ 

nach robh feairt agam a dhùin mi 'mach air na 
dorsan ; cuir esan a chum 's gu 'n tùm e barr 
a mheòir ann an uisge, agus gu 'm fuaraich e 
rao theanga. 

A nise, tha na briathran so, " a chùm 's gu 'n 
tùm e barr a mheòir ann an uisge/' &c. a' 
cumail a mach an càirdeas no am fàbhar a's 
higha ; mar gu 'm biodh e air a radh, A nise 
bhithinn toilichte a chionn an tròcair a's 
lugha, a nise bhithinn toilichte air son a chomh- 
fhurt a's lugha, ged nach biodh ann ach aon 
bhoinne do dh' uisge fuar air barr a mheòir. 
Smuainicheadh neach gu 'm bu bheag an 
iarrtas an caoimhneas so ; aon bhoinne uisge 
ciod e sin ? gabh làn cuinneig dheth, ma ni 
sin math sam bith dhut. Ach tabhair fainear, 
cha-n eil e air a cheadachadh dha uiread ri 
aon bhoinne, fhaighinn cha-n eil uiread 'sa 
dh' f haodas duine a chumail air barr a mheòir ; 
tha so a' ciallachadh gu 'm bi iadsan a thig 
gearr air Criosd air an pianadh cho fad' 'sa 
mhaireas bith-bhuantachd, agus cha bhi aca 
uiread ris an t-socair a's lugha, cha bhi, f had 
sa dh' f haodas duine e-fèin a thiundadh mu'n 
cuairt, cha bhi uiread de chead as gu'n sluig e 
smugaid, cha bhi aon bhoinne uisge. 

O na'n gabhadh iad so àite n'ur cridheachan, 
cia mar a bheireadh e oirbh iarraidh an deigh 
fois do 'ur n-anmannan mus bi e ro anamoch, 
mus bi grian an t-soisgeil air dol fodha oirbh. 

Thugaibh fainear, tha mi 'g radh, truaighe 



80 OSNAIDHEAN BHO IFRINN 

nan aindiadhach anns am bi iad, agus 
seachnaibh an cuid lochdan, le teanneadh a 
steach ri tairgseachan na tròcair : air eagal 
gu 'n compàirtich sibhde'nchuibhrionn cheudna 
maille riu, agus èigheach a mach ann an 
searbhadas 'ur n-anmannan ; aon bhoine do 
dh'uisgefuar gu fuarachadh mo theanga ; *' Oir 
a ta mi air mo ro-phianadh anns an lasair so." 

Gu dearbha 'se'n t-aobhar nach eil an 
saoghal bochd cho dùrachdach ag iarraidh 
tròcair, nach eil iad cho suidhichte a' toirt 
fainear am pian anns an èigin daibh gu 
cinnteach tuiteam, ma bhàsaicheas iad a muigh 
à Criosd. Oir innseam dhuibh, 'nan deanadh 
anmannan bochd' uiread r^a thoirt fainear da 
rìreadh a chorraich sin a tha dligheach do'n 
cuibhrionn-san, air son am peacannan an 
aghaidh Dhè, dheanadh iad na bu mhò do 
chabhag gu Dia tre Chriosd a dh'iarraidh 
tròcair na tha iad a' deanamh ; an sin bheireadh 
sinn orra ràdh, Is math teannadh ri Criosd an 
diugh, mu'n tuit sinn 'na leithid do dh'àmhghar. 
Ach c* arson a tha e air a ràdh, '' Tumadh 
e barr a mheòir ann an uisge, agus fuaraich- 
eadh e mo theanga ?" Air son mar a tha 
aig na buill fa-leth anns a' chorp an cuid anns 
a' pheacadh, agus na chuir an gniomh mar sin 
bithidh buill fa leth a' chuirp aig an àm sin air 
am pianadh air a shon. Uime sin, 'nuair a 
tha Criosd a' comhairleachadh a dheisciobuil, 
achum nach tionndadh iad a thaobh uaithe, agus 



NO ACAINN ANMA DAMNAITE. 81 

gur h-ann bu chòir dhaibh eagal agus uamhunn 
cumhachd an Dè a bhi orra, a roghainn air 
cumhachd eile ; a deir e, '^ Biodh eagal an Tì 
ud oirbh aig ani beil cumhachd araon corp 
agus anam a thilgeadh do dh' ifrinn," (Luc. xii. 
5.) Agus a rithist, '' Biodh eagal-san oirbh aig 
am beil cumhachd araon anam agus corp a 
sgrios ann an ifrinn." Ann an so cha-n eil 
aon bhall a mhàin, ach an corp uile, an corp 
gu h iomlan, do 'm beil na làmhan, na casan, 
na sùilean, na cluasan, agus an teanga nam 
buiU. Agus tha mi dearbhte às, ged a 
dh' f haodas so a bhi air a mheas feòlmhor le 
cuid an dràsta, gidheadh taisbeanaidh e bhi 'na 
fhìrinn an uair sin, chum an truaighe a's 
mò dhaibhsan a bhios air an èigneachadh 
gu dol fodha sin, a leagas Dia na cheart 
bhreitheanas orra. Uaithe sin glaodhaidh iad, 
aon bhoinne do shocair air son mo theanga 
ghuidheach, mhionntach, bhreugach, fhanaid- 
each. Beagan socairair son motheanga uallach, 
mhòr-chuiseach, mhiodalach, bhrosgullach, 
bhagarrach, mhealltach, chealgach. An dràsta 
's urrainn do dhaoine leigeadh le 'n teangan 
ruith air thuaiream, mar is gnà leinn a ràdh ; 
an nise bithidh iad uUamh gu 'ràdh, " Is leinn 
fèin ar teangan, cò a cheannsaicheas,*' (Salm 
xii. 4.) Ach an uair ud bithidh iad do dh'inn- 
tinn eile. An uair ud, O nach h-ann a 
dh' f haodainn beagan socair a bhi agam air son 
mo theanga cealgaich ! Saoilean cuid a 



82 OSNAIDHEAN BHO IFRIN, 

dh' uairean ri toirt fainear, cionnus a tha cuid 
de dhaoine a' leigeadh le 'n teangan ruith air 
thuaiream, gun riaghailt, gu 'm beil e a' cur 
iongantais orm. Gu cinnteach cha-n eil iad a 
smuaineachadh gu 'm bi aca ri cunntas a thoirt 
seachadh air son a bhi a' toirt oilbheum le'n 
teangaibh. Na'n deanadh iad uireadri smuain- 
eachadh gur èigin daibh cunntas a thoirt dha- 
san a tha ullamh gu breth a thoirt air a' bheò 
agus air na mairbh ; gu cinnteach bhiodh iad 
ni bu chaithrisiche mu 'n teangan na tha iad, 
agus bhiodh tuille feart agus spèis aca dhaibh 
na th' aca. 

^* Tha 'n teanga," arsa Seumas, *' na 
h-olc do-chasgaidh^ làn do nimh marbhtach ; 
tha i a' lasadh uile chùrs' a nàduir, agus 
i-fèin air a lasadh o ifrinn.'' (Seumas ii.) An 
teanga, cia mòr a dh' olc a bheothaicheas 
suas i ann an ùine ro bheag'^ Cia iomadh 
buille agus leòin a tha i cosnadh ? Cia iomadh 
uair a tha i (mar a deir Seumas) a' mallachadh 
duine ? Cia minig a tha 'n teanga na h-inneal- 
giùlain a mach air an nimh ifrinneach sin a ta 
anns a' chridhe, araon a chùm eas-urram do 
Dhra, ciiìradh a comhairsnaichean agus tììr 
mhilleadh a h-anma fèin ? Agus am beil 
thus' a smuaineachadh gu 'n suidh' an Tigh- 
earn 'na thost (mar a dh' fhaodas mi radh), 
agus a leigeadh le do theanga-sa ruith mar 
as àill leatha agus gidheadh gun do thoirt gu 
bràth gu cunntas air a son ? Cha shuidh', 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 83 

stad, Cha'n fhuirìch an Tighearna do ghnà *na* 
thosd,ach cronaichidh e thu, agus cuiridh e do 
pheacannan ann an òrdugh fa chomhair do 
shùl. O a pheacaich ! cuirldh, agus bithidh 
do theanga, cuideachd maille ris a' chud eil'e 
dod' bhallaibh air an cràdh air son peacachadh. 
Agus tha mi *g ràdh, gu 'm beil mi dearbh- 
chinnteach as, ged tha so air a chuir gu 
h-aotrom an dràsta', gidheadh tha 'n t-àra 
a' tighinn, 'nuair a bhios aithreachas air 
iomadh anam bochd air son an latha anns na 
labhaìr iad riamh le*n teangaibh. Och, their 
aon, gu 'n dearmadain-sa mo theanga cho 
mòr ! Och nachann d, bha mi, 'nuair a 
thuirt mi mar so 's mar sud, air mo theanga 
ghearradh asam ! Nach ann a bha mi air 
mo bhreith gun teanga ; mo theanga ! mb 
theanga ! beagan uisge gu fuarachadh mo 
theanga, oir tha mi air mo ro-phianadh anns 
an lasair so ; eadhon an lasair sin a chum an 
tug mo theanga mi maille ri càch de mo 
bhuille le peacachadh. Leigidh anmannan 
bochda an dràsta le 'n teangaibh rud sam bith 
a radh air son buannachd bheag, air son dà- 
sgillinn na trì-sgilìinn do bhuannachd. Ach o 
ciod an cràdh a bheir sin aig an latha ud, 'nuair 
is èigin daibhsan, cuideachd mailie ra'n teaiigan 
pian fhulang air son an ni sin a rinn iad 
\e 'n teangaibh am feadh a bha iad anns an 
t-saoghal so ! Ma ta, sibhse tha a' gràdhach- 
adh 'ur n-anmannan, seallaibh ri bhur teangan, 



84 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

air eagal gun ceangail sibh sìbh.fèin sìos cho 
teann ri ifrinn le peacannan 'ur tean^an 's 
nach bi sibh gu bràth comasach gu faighinn 
fuasgailte tuilleadh gu sìorruidh. Oir le do 
bhriathran bithidh tu air do dliìteadh, mur toir 
thu 'n aire do d' theanga. *^ Ach tha mi 'g 
ràdh rihh, gun toir daoine cunntas ann an latha 
'bhreitheanais air son gach facal diomhain a 
labhras iad." Mat. xii. 36. 



*' Ach thuirt Ahraham A mhic^ cuimhnich 
gun d fhuaìr thusa do nithe matha ri àm dhut a 
bhi heò, agus Lasarus mar an ceudna droch nithe : 
ach a nise a ta esan d faotainn sòlais, agus a ta 
thusa air do phianadh — Rann, 25. 

Tha na briathran so 'nam freagairt do 
dh' iarrtas nam muinntir dhamnaite. Tha 'n 
rann roimhe (mar a dh' innis mi dhuibh) 'na 
fhoillseachadh air na h-iarrtasan a tha ac' an 
deigh dhaibh an t-saoghal so fhàgail. Is e 
80 am freagairt, *' A mhic, cùimhnich," &c. 

Tha 'm freagairt a' ciallachadh an uiread so, 
gu 'm beil iad, an àite saorsa no socair sam 
bith a bhi aca, leis a so ni's mò air am pianadh, 
agus sin le ath-chuimhneachanan ùra, no le 
toirtan diiroch caithe-beath'as ùr'nan cuimhne 
am feadh a bha iad anns an t-saoghal, <' A mhic 
ouimhnich, gu'n robh agad-sa nithe math' an 
àm do beathaj" mar gun abradh e, tha 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 85 

thu nise mothaehail air ciod e sin t'pnam a 
chall, tha thu nise mothachail air ciod e sin 
aithreachas a chuir uat; tha thu nise mothach- 
ail, gu 'n do ghniomharraich thu gu h-amaid- 
each, anns gu 'n do chaith thu 'n ùine sin an tòir 
air nithibh diombuan, talmhaidh, bu chòir dut 
a chaitheadh ag iarraidh losa Chriosd a dhean- 
amh cinnteach do t'anam ; agus a nise tre do 
ehràdh spioraid, ann am piantan na li-ifrinn, 
b'àill leat sin a mhealtuinn a chuir thu roimhe 
suarach ; ach mo thruaighe I tha thu ann an so 
gu tùr air domhealladh, chadean t-eigheach a 
nis' a bheag idir do mhath dhut, cha n-e so an 
t-àm taitneach gu gabhail riut, (2 Cor. vi. 2.) 
Cha n-e so an t-àm gu iarrtasan nam muinntir 
dhamnaite a f hreagairt ; na 'm biodh tusa air 
glaodhach a mach le deagh dhùrachd am feadh a 
bha gràs air a thairgse, dh' fhaodadh mòran a 
bhi air a dheanamh ; ach an uair-sin bha thu neo- 
chùramach, agus thionndaidh thu fad-fhulangas 
agus mathas Dhè gu macnus. Nach robh 
air innseadh dhut, iadsan nach èisdeadh ris an 
Tighearn 'nuair a ghairm e, nach èisdear riu- 
san (ma thiondaidh iad air falbh uaithe-san) 
'nuair a ghairmeas iadsan, (Gnà. i. 24 — 28.) 
Achcàlg-dhìreach anaghaidhsin, gu 'n deanadh 
e gàire r'an sgrìos agus fanaid 'nuair a thigeadh 
an eagal. 

A nis' uime-sinj an àite dùil a bhi ris a' bhoinne 
.is lugha do thròcair agus do dh' fhabhar, gairm 

H 



86 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

a chùm t'inntinn cia mar a chaith thu na 
laithean ud anns an do cbeadaich Dia dhut a 
bhi beò ; tha mi 'g ràdh, cùimhnich, ann an àm 
do bheatha gu'n d' rinn thu thu-fèin a ghiùlan 
gu ceannairceach an aghaidh an Tighearna, 
anns gu 'n robh thu neo-chìiramach mu 'f hacal 
agus òrduighean, seadh, agus mu shlàinte 
t'anma fèin mar an ceuda: air an aobhar sin, 
a nise tha mi 'g ràdh, an àite dùil no dòchas rì 
cobhair sam bith, feumaidh tu a bhi air t èig- 
neachadhgu cuimhneachadh airdoshligheachan 
truaillidh agus beathachadh orrasan, chura 
t'ioghnaidh agus do bhreislich shìorruidh. 

O na briathran so, uime sin, a tha 'g rddh, 
<^Cuimhnich, gu 'n d' fhuair thusa do nithe 
matha ri àm dhut a bhi beò," is iad so nan 
nithe a ta gu bhi r'an toirt fainear uapa. 

1. ladsan, a ta ciàir cùl ri aithreachas, agus 
beò 'nan cuid peacannan, a chailleas an 
anmannan, an àite an tomhas a's lugha bhi aca 
do chòmhf hurt 'nuair a thig iad do dh' ifrinn, 
bithidh, aca an droch caithe-beathdo ghnà as ùr 
'nan cùimhne. Am feadh a tha iad beò an so, 
's urrainn daibh peacachadh agus a dhì-chuimh- 
neachadh ; ach an uair a bhàsaicheas iad, bith- 
idh e aca fa 'n comhair ; bithidh aca cuimhne, 
no an cuimhne gu comharraichte air a soillseach- 
adh, agus bithidh sealladh ni's soilleir' ac', agus 
sin do ghnà air an uile dhroch chleachdaidhean \ 
a chuir iad an gniomh, feadh a bha iad anns 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 87 

an t-sao^hal. <'A nihic, cuimhnìch," ars* esan ; 
'rìn sin bheirear ort a chuimhneachadh ; 

1. Cionnus a bha thu air do bhreith ann am 
peacadh, agus air do thogailsuas annsa'pheac- 
adh cheudna. 

2. Cuimhnich cionnas a fhuair thu iomadn 
uaìr an soisgeul air a shearmonachadh dhut air 
son toirt air falbh a' pheacaidh cheudna leis an 
Tì a ta 'n soisgeul a* cumail a mach. 

3. Cuimhnich gu 'n d' rinn thu o ghaol do 
d' pheacannan agus t'ana-miannan, do chul- 
thaobh a thionndadh air tairgsean an t-soisgeil 
cheudna nan deagh naigheachdan agus na 
sìthe. 

4. Cuimhnich gu 'm b'e 'n t-aobhar air son 
an do chaill thu t'anam, do bhrìgh nach 
do dhlùthaich thu steach ri saor-ghràs, agus 
tairgsean losa Criosd gràdhach agus saor- 
chridheach. 

5. Cuimhnich, cia cho dlù sa bha thuair iom- 
pachadh aig aleithid agus aig a leithid sud do 
dh'àm ach a mhàin gu'n robh thu deònach an 
cead a thoirt do t'anambiannan 'nuair a dh' oib- 
rìch iad, do mhisgearean 'nuair a ghairm iad^ do 
thaitneasan 'nuair a thairg siad iad-fein, do 
chùraman agus thrioblaidean an t-saoghail, 
nithe, coltach ri cho liugha dris a thachd na 
h agartasan-coguis sin, no sud, a bh' air an cur 
air do chridhe. 

6. Cuìmhnich cia cho deònach sa bha thu 
air thu-fèin a riarachadh le dòchas cealgair 



88 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

agus le baraìl mu dhèibhinn nithe Dhè, gun 
fhior chunihachd agus bheatha nan nithe sin. 

7. Cuimhnich cionnus a rinn thu, 'nuair a 
bha thu air do chomhairleachadh gu iompach- 
adh, gu'n chuir thu iompachadh, agus aith- 
reachas uat gu àm eile. 

8. Cuimhnich cìonnus a rinn thu mealladh 
aig a leithid do dh-àm, a rinn thu breug aig a 
leithid do dh'àm a char thu do choimhearsnach 
aig aleithid do dh'àm, a rinn thu fanaid, magadh, 
beumadh, fuath a thoirt, agus geur-leanmh- 
uinn air pobull Dhè, aig a leithid do dh'àm, 
ann a leithid do dh'àite, am measg a leithid do 
chuideachd. 

9. Cuimhnich 'nuair a thàinig muinntir 
eile cruinn ann an eagal an Tighearna ga 
iarraidh gu 'n robh thusa air coinneachadh 
comhla' ri cuideachd dochompanaichdhiomham 
gu peacachadh 'na aghaidh ; 'nuair a bha 
na naoimh ag ìirnaigh, bha thusa a.' mionachadh, 
SL mallachadh ; am feadh a bha iadsan a' labb- 
airt math mu ainm Dhe, bha thusa a labhairt 
uilc mu naoimhDhe. Uaithe sinbithidhcuimhne 
theth-loisgeach agad air t'uile smuaintean, 
bhriathran agus ghniomharran peacach, o'n 
dearbh cheud aon gus an aon mu dheireadh 
dhiù a rinn thu riamh a chionntachadh an 
àm do bheatha uile: an uair sin gheibh thu a 
sgriobtur sin a bhi fior (Deut. xxviii. 65 — 67), 
"Bheir an Tighearn dhut an sin cridhe 
gealtach agus fàilneachadh shàl, agusdoilgheas 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 89 

itintìnn, Agus bithidh do bheatha crochte ann 
an amharus fad' chomhair ; agus bìthidh eagal 
ort a latha agus a dh'oidhche, agus cha bni 
cinnte air bith agad do d' bheatha. Sa mhad- 
ainn their thu, och ! nach b'e 'm feasgar e, 
agus 'san fheasgar their thu, Och ! nach b*e a' 
mhadainn e ; air son eagal do chridhe leis am 
bì eagal ort, agus air son seallaidh do shiìl a 
chì thu." Seadh gheibh thu nithe ni 's measa 
gu do thruaighe, na tha 'n sgriobtur so a! 
foiUseachadh. Oir gu dearbh cha-n eil teanga 
sam bith comasach an t-uabhas, an oillt, am 
pian, agus an truaighe shìorruidh is èigin 
do na h-anmannan bochd ud fhulang a chuir an 
cèill,a dh' easbhuidhan fhaochadhaidha'slugha 
de shocair, thig earrainn mhòr dheth o na 
chuimhne bheò, làn, agus mhaireannach sin a 
bhios ac' air am peacannan. Agus air an 
aobhar sin tha mòr chudthrom anns na facail 
so, " A mhiCj cuimhnich gun d' f huair thusa 
do nithe matha ri am dhut a bhi beò." 

O na briathran so, tha sibh a' faicinn, gu'm 
beil so gu bhi air a thoirt fainear, gu 'n 
cuimhnichna h-aindiadhaich, air ana-caitheadh 
am beathan; '• Cuimhnich gu 'n d' fhuair 
thusa, do nithe matha ri àm dhut a bhi 
beò." Faodaidh sibh na briathran so, ''nithe 
matha," a ghabhail an darna cuid a mhàin air 
son nithe an t-saoghail so, nithe annta fèin a 
ta air an gairm, agus a dh' f haodas a bhi air 
an gairm, '^ nithe matha*'; air neo leis na briath- 



90 OSNAIDHEAN BHO IFRTNN, 

ran so, eadhon (nithe na beatha so) uile thoil- 
inntinnean, shòlasan, bhuannach, agusdhiomh- 
anas, a tha muinntir aineolach an t-saoghail 
a* cunntadh 'nan nithe matha, agus leis am beil 
iad a toirt mòr-shòlas dhaibh fein. Anaim, 
anaim, ith ol, ngusbi subhach, oir tha agad mòran 
de nithe matha air an tasgaidh fa chomhair 
mòrain bhliadhnachan, (Luc. xii, 19.) A nise, 
tha mi *g ràdh, bheir Dia, do rèir a chumhachd 
agus a ghliocais ghlòrmhor, air creutairean 
bochda bhi aca do ghnà 'nan inntinnean 
cuimhne ùr agus shoilleir air an droch caithe- 
bheatha ; their e riù, ^' Cùimhnich, cuimhnich, 
gu 'n robh agad ann an àm do bheatha mar 
so agus mar so, agus ann an àm do bheatha 
bha do ghiùlan mar sin agus mar sin." 

Nam faodadh peacaich an roghainn a bhi 
aca, cha bhiodh an cuid peacannan agus ciontan 
cho mòr aca 'nan cuimhne ; mar a ta e soilleir 
le 'n giùlan anns an t-saoghal so : oir cha-n 
fhuilig iad aoidheachd a thoirt do smuain 
chudthromach mu dhèibhinn am beatha 
thruaillidh, tha iad '' a* cur an droch latha 
fad' uapa." (Amos, vi. 3; Esec. xii. 27 :) ach 
saoithrichidh iad leis na h-uile meadhon chum 
an smuain mu thimchiol sin a chur a mach às 
an inntinn ; ach 's an àite sin bithidh air a thoirt 
orra a chuimhneachadh a rìreadh, agus smaoin- 
eachadh do ghnà air an gniomharran ain- 
diadhaidh. Agus uime sin tha e air a radl», 
nuair a thig ar Tighearn losa Criosd gu 



NO ACAIN ANMA DAMNAlTE. 91 

breitheanas, gur h-ann gu dearbhadh air an 
t-saoghal ain-diadhaidh an cuid gniomharran 
olc agus mi-naomha, thoir an aire *' gii 
dhearbhadh orra," (ludas. i. 15.) Cha ghabh iad 
gu deònach aire dhiù an dràsta. Ach an uair 
sin gabhaidh iad an deigh so, ge b' oil 
le 'm fiaclan. Agus fòs eadar so agus an uair 
sin, iadsan a bhàsaicheas am muigh à Criosd, 
bheirear orra f haicinn, agus aideachadh, dean- 
adh iad na *s ùrrainn iad, 'nuair a thogas iad 
suas an sùilean ann an ifrinn, agus a chuimh- 
nicheas iad an cuid peacannan. Bithidh Dia 
*' na fhianais luath 'nan aghaidh," (Mal. iii. 
5 ;) agus their e, *' Cuimhnich ciod a rinn thu 
ann an àm do bheatha, cionnus a bha thu beò 
ann an am do bheatha." O chairid I '^ Mur 
dean thu ann an lathaichean so an t-soluis lath- 
aichean an dòrchadais a chuimhneachadh," 
(Eccles. xi. 8.) lathaichean bàis, ifrinn, agus 
breitheanais, bheirear ort ann an lathaichean an 
dòrchadais, a' bhàis, na h-ifrinn, agus aig a* 
bhreitheanas mar an ceudna, cuimhneachadh 
air lathaibh an t-soisgeul, agus cionnas a rìnn 
thu tàir orra cuideachd, a chum do lèir sgrios 
agus do thruaighe shìorruidh fèin. Tha so 
air innseadh anns a chùigeamh caibidil thar an 
f hichead do Mhata. 

'* Cùimhnich gu'n d' fhuair thusa do nìthe 
matha ri àm dhut a bhi beò/' 

Ni an Dia mòr, an àite socair sam bith a 
thoirt do na h-ain diadhaich, eadhon am pia?i- 



92 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

tan antromachadh; air tùs, le'n doìlghiosan a 
chur a neo— shOiim, agus le innseadh dhaibh 
ciod air am feum iad a bhi smuaineach- 
adh ; '* Cuimhnichibh," (ars* esan,) " O sibse 
anmannan caillte, gu 'n robh agaibhse bhur 
n-aoibhneasannan àm 'ur beatha, 'ur sìth ann an 
àm 'ur beatha, 'ur comhf hurtan, 'ur tlachdan, 
'ur socair, 'ur beartas, 'ur slàint, 'ur flaitheas, 
'ur sonas, agus 'ur cuibhrionn, ann an àm 'ur 
beatha." 

O staid thruagh ! Bithidh tu 'nuair sin ann 
an cor brònach a rìreadh, 'nuair a chì thu gu 'n 
robh agad do nithe matha, do nithe ab' f hearr, 
do nithe taitneach ; oir tha sin gu soilleir air 
a chiallachadh leis na briathran so, '* Cuimh- 
nich gu 'n d' f huair thusa do nithe matha ri 
àm dhut a bhi beò," no na h-uile nithe math a 
bha choltas ort f haotainn." Uaithe so thug- 
aibh fainear fìrinn eile (ged tha i na h-aon 
uabhasach) 's e so i. Tha iomadh creutair 
bochd ann, aig am beil an uile nithe matha, 
milis agus comhfhurtachd anns a' bheathso, no 
am f eadh a ta iad beò anns an t-saoghal so : 
*' Cuimhnich," ars* esan, **gu *n d' fhuair thu 
do nithe math ri àm dhut a bhi beò." 

Thig nithe matha nan aingidh gu crìoch ann 
an ùineghearr: cha mhair iad maille riù ni's 
f haide n'a bheatha so, noàm beatha. Cha robh 
an sgriobtur sin air a sgrìobhadh an diomhanas a 
thuirt: *'Tha e coltach ri fuaim droighnich fo 
phoit,ni elasair bheag ghrad, teas rè sealan, ach 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 9^ 

thigibh agus thugaibh an aìre dhaibh ann an 
ùine ghearr, agus an àite teas comhfhurt, 
cha-n f haigh sibh ni sam bith ach beagan do 
luathair mharbh ; agus an àite teine lasarach 
cha-n f haigh sibh ni sam bith ach fàileadh ceò. 
Tha àm a' tighinn, anns am bidh na h-ain- 
diadhaich subhachair son cuibhrionn a's fearr, 
'nuair a chì iad faoineachd so, 's e sin, 'nuair 
a chì iad ciod a ni bochd a th' ann do duine 
a chuibhrionn a bhi aige anns an t-saoghal so. 
Tha e fior, am feadh a tha iad an so air an 
taobh so do dh' ifrinn, tha iad a' smuaìneach- 
adh nach eil ni sam bith gu bhi air a choimeas 
ri beartas, urram, agus toil-inntinn anns an 
tsaoghal so, ni a tha toirt orra glaodhach a 
mach, *' Cò a nochdas duinn math sam bith," 
(Salm iv. 7,) ni a ta ciallachadh, buannachd, 
agus glòir an t-saoghail so.^ Ach an uair ud 
chì iad gu 'm beil ni e Je ann is fearr, agus ni's 
luachmhor' na deich mile saoghal. Agus 
gu dùrachdach a cbàirdean, nach cràdh, nach 
trioblaidich, nach ioma-cheistich, agus nach pian 
e sibh, 'nuair a chì sibh gu'n do chaill sibh 
nèamh, air son beagan sòlais agus buannachd 
ann an àm 'ur beatha ; gu cinnteach pianaidh 
e sibh, agus cuiridh e sibh fo, mhòr chàmpar a 
bhi faicinn an nèamh a dh' fhàg sibh air son 
saoghal breun^truaillidh. O! na'n deanadh sibh 
uiread rì so a chreidsinn, na 'n deanadh sibh 
uiread ri so a thoirt fainear, agus a radh an 
taobh astigh dhibh fèin, Ciod, am bi mi toilichte 



94 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

^e mo chuibhrionn, nio chuibhrionn anns an 
t-saoghal so ? Ciod, an caill mi flaitheas air son 
an t-saoghail so ? Tha mi 'g ràdh, thugaibh 
fainear e am feadh a tha solus-latha agaibh, 
agus solus-soisgeil, am feadh a tha mac Dhè 
a cumail a mach cùmhnantan na rèite 
dnuibh, air eagal gun toirear oirbh a leithid 
so do ghuth a chluinntinn. — '^ A mhic cuimh- 
iiich gun d* fhuair thusa do nithe matha ri 
àm dhut a bhi beò," do shuaimhneas, t' 
aoibhneasan, do shocair, do shìth, agus an 
nèamh uile a tha choltas ortsa bhi agad. O ! an 
nèamh thruaghe ! O na sòlsasan goirid! Ciod 
an ni leibideach a t' ann a bhi air m' f hàgail 
ann a leithid do chòr ? Anaim, thoir fainear, 
nach eil e truagh nèamh a chall air son fichead, 
deich 'ar fhichead, no dà-fhichead bliadhna 
do pheacannan an aghaidh Dhè? 'Nuair a 
tha do bheath' air crìochnachadh, tha do 
f hlaitheas mar an ceudna air crìochnachadh ; 
*nuair a thig am bàs gu t'anam agus do chorp 
a sgaradh o chèile, anns an latha sin mar an 
ceudna feumaidh tu do nèamh agus do shonas 
a bhi air an dealachadh uat, agus thusa uatha- 
san. Thoir fainear na nithe so gu tràthail, air 
eagal gu 'm bi agad do chuibhrionn ann an 
àm do bheatha. Oir ma 's ann 's a bheath so 
a mhàin a ta ar cuibhrionn againn, is sinn a's 
truaighe do na h-uile dhaoine, (1 Cor. xv. 19.) 
A rithist, thoir fainear, an uair a tha daoine 
eile (na naoimh) gu an nithe matha f haighinn. 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 95 

an sìn bha agad-sa do nithe matha : 'nuair a 
tha cuid eile gu dol a steach do dh' aoibhr eas, 
an sin tha thusa gu fàgail agus gu dol air 
falbh o t aoibhneas : 'nuair a tha cuid eile 
gu dol gu Dia, is èigin dutsa dol chum an 
diabhoil. Och is truagh ! B' fhearr dbut 
nach robh thu riamh air do bhreith, na thu bhi 
'na t-oighre air a leithid ; air an aobhar sin. 
tha mi 'g radh, thoir an aire nach e sin do 
chòr. 

"Cùimhnich gu'n d' fhuair thusa do nithe 
matha, agus Lasarus droch nithe." 

Tha na briathran, cha n-e a mhàin a* ciall- 
ichadh truaighe nan aingidh anns a' bheatha 
so, ach f òs mòr shòlas nan naomh ; 's an 
àit' anns am beil e 'g ràdh, " Agus Lasarus na 
droch nithe;" 's e sin, bha aig Lasarus a dhroch 
nithe ann an àm a' bheatha, no 'nuair a bha e 
anns an tsaoghal. 

Uaithe so thugaibh fainear ; — 
L Gu 'm beil beatha nan naomh, cho fad 
's a tha iad anns an t-saoghal so, air fheith- 
eamh le iomàdh olc no trioblaidean ; a 
dh' fhaodas a bhi air am foillseachadh a bhi 
do chaochla gnèithe, mar a deir an sgriobtur, 
^' Is lionmhor trioblaidean an ionracain, ach 
saoraidh an Tighearn e uatha gu lèir." 

2. Thoir an aire gu 'm faod na trioblaidear. 
no 'na h-uilc a ta leanmhuinn nan naonih 
buanachd 'nam fochar cho fad 'sas beò iad anr 
an gleann nan deòr so, agus faodaidh iad a bh 



96 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

eagsamhail, 's e sin, do dh' iomadh seòrsa ; cuid 
an leth-a-muigh, cuid an leth-a-steach, agus sin 
cho fad 's a mhaireas iad an so a bhos, mar 
bha faireachadh agus fèìn-f hiosrachadh nan 
naomh uile anns gach linn ; agus dh' fhaod- 
adh so a bhi air a dhearbhadh gu farsuinn cha-n 
eil mi ach a' cur an cuimhne na nithe so, ach 
dh' f haodainn leudachadh gu mòr orr' uile. 

3. Na h-uilc a ta 'n leanmhuinn, nan naomh 
cha mhair iad ni's f haide maille riù na àm 
am beatha ; agus 's ann an so da rìreadh a 
ta comhfhurt nan creideach 'na laidhe na 
Lasarusan, na naoimh, is èìgin daibh-san 
an cùpan searbh a bhi aca air f hàsgadh suas 
dhaibh ann an àm am beatha ; is ann an so 
is èigin do'n uile thrioblaid a bhith, agus an uile 
chràdh bithidh sibhse dù-bhrònach, ach pillear" 
thugaibh fainear, '' bhur bròn gu gàirdeachas." 
** Feuch," ars' Criosd, '' ni an saoghal gàird- 
eachas, ach bithidh sibhse do-bhrònach" 
(Eoin xvi. 20.) guilidh sibh ann an àm 
'ur beatha, ach bithidh 'ur bron air a 
philleadh gu gàirdeachas, agus 'ur n-aoibhneas 
cha toir duine sam bith (biodh e 'na 's àill 
leis,) air falbh uaibh. A nise ma tha sibh a' 
smuaineachadh, 'nuair a tha mi 'g ràdh gu 'm 
beil aig na naoimh an uile dhroch nithe ann 
an àm am beatha, gu 'm beil mi a' ciallach- 
adh nach eil aca ni sam bith eile ach triob- 
laid ann an àm am beatha an so, 's e so 
bhur mearachd-sa ; oir innseam dhuibh, ged 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 97 

a tba aig na naoimh an uile dhrocli nithe anri 
an àm am beatha, gidheadh eadhon ann an 
àm am beatha tha aca mar an ceudna ^'aoibh- 
neas do-labhairt agus làn do ghlòir/' am feadh 
a tha iad a' sealltainn cha-n ann air na nithibh a 
ta làthair, ach air na nithibh nach eil r'am 
faicinn. Tha 'n t-aoibhneas a th' aig na naoimh 
cuid do dh' uairean 'nan cridheachan, le beachd- 
smuain chreideach air na nithibh matha r'a 
thighinn, 'nuair a chrìochnaicheas a' bheath so, 
'g an lionadh ni's làine do dh* aoibhneas, na's 
urrainn na b-uile crois, trioblaid, buaireadh 
agus olc a ta 'nan cuideachd anns a' bheatha 
so^ an lionadh le cràdb, 2 Cor. iv. 

Ach faodaidh cuid do naoimh a ràdh, Tha 
mo thrioblaidean mar iad sin a ta uUamh gu 
buaidh a thoir tharam. Freagairt, Gidheadh 
biodh d^agh mhisneach agad, cha mhair iad 
ni 's faide na àm do bheatha. 

Ach 's e mo tbrioblaid-sa, tha mi air mo 
shàrachadh le cridhe làn do thruailleachd agus 
do pheacadh, air chor *s gu 'ra beil mi gu mòr 
air mo bliacadh ann an imeachd maille ri Dia. 
Freagairt, Tha e coltach gu 'm beil thu mar 
sin, ach cha bbi na trioblaidean so agad ni's 
faide na àm do bheatha. 

Ach tha fear-pòsta crost' agam, agus tha 
sin 'na chràdh mòr dhomh. 

Is fior sin, ach cba bhi thu air do thrioblaid- 
eacbadh leis ni 's faidhe na àm do bbeath*, agus 
uime-sin na bi fo dhiobhail misnicb, na bi mi- 
I 



98 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

shuaìmhnach, cha bhi trioblaid sam bìth agad 
ni's faide na am do bheatha. 

Am beil thxymr do thrioblaideachadh le 
clann chrosta, dìlsean crosta, coimhearsnaich 
ehrosta ? Cha thrioblaidich iad thu ni's faide 
na àm do bheatha. 

Am beil thu air do thrioblaideachadh le 
diabhol cuilbheartach, le as-creideamh ?'seadh, 
bitheadh e mar a thogras e, gabhaidh tu do 
chead dhiù uile (mas a creideach thu) an 
deigh do d' bheatha bhi air criochnachadh. 
O is oirdheirc ! An sin siabaidh. Dia air 
falbh na h-uile deur o do shiìilean : cha bhi 
tuilie bàs, no bròn, no gul, no èigheach, no 
pian sam bith ; oir an sin tha na nithe roimhe 
sin air dol seachad. 

Ach a nise calg-dhìreach an aghaidh sin, mur 
bi thu *na do chreideach ceart agus fallain ; an 
sin ged a bhiodh tu beò mìle bliadhna anns an 
t-saoghal so, agus coinneachadh ri trioblaidean, 
no sàrachaidhean goirt na h-uile latha ; gìdb- 
eadh na sàrachaidhean so, air cho mòr agus 
cràiteach 's d'am bi iad, cha-n eil iad ach 
mar neo-ni an coimeas ris na piantaibh sin a 
thig ort araon 'na t-anam agus 'na d' chorp, an 
deigh do 'n bheatha so a bhi aìr crìochnachadh. 

Tha mi 'g ràdh, bi mar a thogras tu, ma 
bhios tu air t-f haighinn suidhicht' ann an as- 
<?hreideamh, no fo 'n cheud chùmhnant, tha thu 
cinnteach à fulang air a shon, aig an àm anns an 
tèid thu mach às an t-saoghal so. Ach an 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 99 

ni a tha ri bròn a dheanarah air a shon *s e, 
ged tha 'n còr so cho brònach gu tuiteam ann, 
gidheadh tha anmannan bochd' air a chuida's 
mò neo-thuigseach mu dhèibhinn ; 'seadh, cno 
neo-thuigseach, (aig cuid do dh' uairean) as ged 
nach robh a leithid sam bith do thruaighe gu 
teachd an deigh so. Do bhrigh nach eil an 
Tighearn gu h-ealamh a bualadh leis a 
chlaidheimh, acb a' giùlan fada le chreutairean, 
a' feitheamh a chum 's gu 'm faodadh e a bhi 
gràsmhor : " Uime sin," tha mi 'g radh, 
*' tha cridhe" cuid do, " chloinn nan daoine 
làn shuidhichte air olc a dheanamh." (Ecles. 
viii. 11.) Agus am fada-fhulangas sin agus 
mathas Dhè a smuainicheadh nach bu chòir 
an treòrachadh gu aithreachas, air do 'n 
diabhol a bhi 'g an cruadhachadh le 'm 
buanachadh 'nam peacadh, agus le dalladh 
an sùilean, a thaobh crìoch fhada fulangais 
Dhè do 'n taobh, tha iad air an treòrach- 
adh air falbh le cridhe chruaidhichte agus 
neo-thuigseach, neo-mhothachail, eadhon gus 
an tuit iad ann an lèir-sgrios sìorruidh, 

Ach cridheachan bochda, is èigin daibbsan a 
bhi aca àm anns am feum iad a bhi air an 
deanamh tuigseach, mhothachail air an roi- 
chaithe-beatha, 'nuair a lasas ceart bhreith- 
eanas an Tighearna mu 'n cuairtd'an cluas- 
an, ionnus gu 'm bi iad air an toirt gu 



JCO OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

glaodhach a mach a rithist le anabarr cràidh, 
"tha mi airmo ro-phianadh anns an lasair so.'' 
** Ach a nis' a ta esan a faotainn sòlifis, agus 
a ta thusa air do phianadh." 

Mar gu 'n abradh e, A nise thug Dia duais ar- 
aon do Lasarus agus dhutsa, do rèir mar dh'iarr 
sibh am f eadh a bha sibh anns an t saoghal 
so : air do shonsa dheth, dhearmaid thu tròcair 
agus mathas prìseil Dhè, thionndaidh thu do 
chul ri Mac Dhè a thainig do 'n t-saoghal 
a' thearnadh pheacadh ; rinn thu fanaid air sear- 
monachadh an t-soisgeil ; bha thu air do 
comhairleachadh thairis agus thairis, gu teann- 
adh a steach ri caoimhneas-gràidh an Tigh- 
earna 'na Mhac losa Criosd. Leig an Tigh- 
earna leat a bhi beò fìchead, deich 'ar f hichead, 
dà-fhichead, leth-cheud, no tri-fichead bliadh- 
na : an ùine sin uile, an àite a caitheamh chùm 
do ghairm agus do thaghadh a dheanam, cinnt- 
each (2 Pead. i. 10 ) 's ann a chaith thu i ann 
an damnadh sìorruidh a dheanamh cinnteach do 
t*anam. Agus fòs rinn Lasarus ann an àm a 
bheathaa ghnothach do bhi gabhail ri mo ghràs 
agus ri mo shlàinte anns an Tighearn losa 
Criosd. 'Nuairabha thus anns an taigh-leanna, 
thaghaich esan am facal air a shearmonachadh ; 
'nuair a bha thusa a fanaid air mathas, bha esan 
ag osnaich air son peacannan nan aimsir. Ani 
feadh a bha thusa a' mionnachadh bha esan 
ag ùrnaigh ; ann am facal, am feadh a bha 



NO ACAIN A^MA DAMNAITE. JOl 

thusa a' deanamh cìnnteach à sgrios sìorruìdh, 
bhaes-an,lecreideamhann ani fuil an Ti^hearn* 
losa Criosd, a' deanamh cinnteach à slàlnte 
shìorruidh. Air an aobhar sin, '* A nis' a tà 
esan a faotainn sòlais, agus a ta thusa air do 
phianadh." 

Ann an so ma ta faodaidh sibh fhaicinn, 
mar nach bi na h-ionracain do ghnà a dh' eas- 
bhuidh suaimhneis agus sonais ; mar sin cha 
mhò thèid na hain diadhaich do ghnà a 
dh' easbhuidh dioghaltais. Cho cinnteach 'sa 
tha Dia anns na flaitheas, bithidh chùis mar so : 
's èigin dhaibh an cuibhrionn fa leth a bhi aca. 
Agus uime sin, sibhse a ta 'n-ur naoimh 
an Tighearna, leanaibh air bhur n-aghaidh, na 
bithibh fo dhiobhail misnich, <* Air dhuibh fios 
a bhi agaibh nach eil bhur saothair diomhain 
anns an Tighearn," (1 Cor. xv. 58.) Bhur 
cuibhrionn is e gìòir shìorruidh. Agus sibhse 
a ta cho neo-thoileach an dràsta teannadh a 
steach ri losa Criosd, agus neo-thoileach bhur 
peacannan fhàgail gu esan a leantuinn ; tha'n 
hitha a' tighinn, (8alm xxxvii. 13,) anns ani 
bi fios agaibh, gu 'm bi aig bhur greimeannan 
milis do pheacadh, a tha sibh cho soirbh a' 
s'iUgadh, (lob xv. 12 — 14^) agus gur gann a ta 
e 'g a bhur trioblaideachadh, àm gu oibreach- 
adh air a leithid do dhòigh an taobh a steach 
dhibh chum bhur sgrios bith-bhuan, 's gu 'm bi 
sibh ann an cor ni's miosa na ged bhiodh agaibh 
deich mìle deanihain 'gu bhur pianadh ; cLa n 
e sin a mhain, ach b' fhearr dhuibh a bhi air 



(■ 






102 O&NAIDHEAN BHO IFiiINN, 

bhur spionadh ball o ball nùle uair, (nam 
b' urrainn sin tachairt) na bhi 'n-'ur lucLd- 
eonipairt do'n phianadh so, agus laidhidh ^ qyi 
cinnteach, gun tròcair oirbh. 



** Agus a hharr air so uUe^ tha doimhne mhòr air 
a chur eadar sinne agus sibhse, air chÒr agus iad- 
san te'm 6' àill dol à so do 'ur n-ionìisaidh-sa^ nach 
eil e ^n comas daihh ; agus nach mò tha e'n comas 
do dKaon neach teachd às a' sin dHar n-ionnsaidh' 
ne/' — Rann 26. 

Tha na briathran so fathast 'nan cuid do 'n 
fiireagairt sin, a gheibh na h-anmannan ann an 
ifrinn air son an uile chneadan, osnaidhean, 
ghlaodhan cràiteach, dheòìr agìis iarrtasan, a 
th' aca, gu'n bhi air am fuasgladh a mach às 
'na piantan do-fhulang ud a tha iad a* mothach- 
adh, agus leis am beil iad air an sàrachadh. 
Agus O ! air leam, gu 'm beil na briathran 
aig a' cheud bheachd, ma bhios iad gu ceart 
air an toirt fainear, gu leòir gu thoirt air 
peacach cruaidh-chridheach sam bith anns an 
t-saoghal tuiteam sios màrbh. An rann air an 
do labhair mi mu dheireadh, bha i, agus tha i 
na rann ro uabhasach, agus ag antromachadh 
piantan pheacach bochda gu h-iongantach ; 
far am beil e 'g radh, *' Cuimhnich gu'n 
d' f hdair thusa do nithe matha, ri àm dhut a 
bhi beò, agus Lasari'- mar an reudna droch 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE ]()3 

iiitl:e," &c. Tha nii *g radh, tha na briathran 
so ro uabhasach do na h-anmannan truagh' ud 
a tha bàsachadh a mach à Criosd. Ach tha 
na brìathran so mu dheireadh ni's ro mhò 
a' nochdadh am bròin. Bha iad-san air 
an labhairt, a thaobh a' choranns an robh am 
peacach an uair sin: tha iad so cha n-e mhain 
a' cur leis na briathran roimhe so, ach tha iad 
fòs ni's f haide ag an-tromachadh an truaighe, 
a' cumail a mach sin a bhios ni's ro dho- 
fhulang I tha 'n rann a ta air thoiseach oire 
so gu leòir gu peacach sam bith a bhualadh ann 
an neul, ach tha 'n rann sogu thoirt orra tuiteam 
sios màrbh. 'S an àite anns am beil e 'radh, 
*^ Agus a bharr air so uile,'* tha fathast rud eigin 
gu an-tromachadh an truaighe, fathast mòran 
ni's lionmhoire. Labhraidh mi gu h-aithghearr 
air na briathran, mar tha buntainn aca ris 
an uabhas mu *n do labhradh anns na rainn 
roimhe so. Mar gu 'n abradh e, tha thu 
smuainteach' gu'm beil an staid 'sam beil thu 'n 
dràsta do-fhulang, tha e 'toirt ort a bhi 'g 
acain agus ag osnaich, tha e 'toirt ort gu'm 
b'fhearr leat nach d' rugadh riamh thu, a 
nise tha thu a tuigsinn cho truagh sa tha bhi 
as eugmhais tròcair : a nise leumadh tu ris a' 
bhoinne a's lugha dh'i ; a nise tha t*hu fair- 
eachdainn ciod an nì di-meas a dheanamh air 
tairgse gràis Dhè : a nise tha e toirt ort a 
bhi 'g acain, ag osnaich, agus a' rànaich gu 
h-anabarracli, air son a' chràidh anns am beU 



J04 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

thn, ^* Agus a bharr air so uile," tha nithe 
eile agamsa gu innseadh dhut umpa, a bhristeas 
do chridhe da rìreadh, Tha thu nise gun a 
bhi anns an t-saoghal ; tha thu air call a bhi 'g 
èisdeachd an t-soisgeil ; bha 'n diabhol ro 
chruaidh air do shon, agus thiig e ort dol am 
mearachd air neamh ; tha thu nis' ann an 
ifrinn, am measg cuìdeachd do-àircamh do 
dheamhnaibh, agus do pheacannan uile air 
iathadh mu d' thimchioU ; tha thu uile thairis 
air t' fhilleadh ann na lasraichean, agus cha-n 
nrrainn thu aon bhoinne uisg' f haotainn gu 
socair sam bith a thoirt dhut; tha thu 'g 
èibheach ann an diomhanas, oir cha bhi ni sam 
bith air a dheònachadh dhut ; tha thu a* faicinn 
nan naomh ann am nèamh, ni nach eil 'na 
bheag trioblaid do t'anam damnaite ; tha thii 
faicinn nach eil aon chuid Dia no Criosd a' 
gabhail cùram sam bith gu socair a thoirt dhut, 
nogu comhfhurtsambith alabhairt riut : *' Ach 
a bharr air so uile," ann an sin a ta choltas ort 
laidhe ; na smuainich gu bràth rau shocair 
sam bith, na seall gu bràth, air son comhf hurt 
sam bith ; cha dean aithreachas a nise feum 
sam bith dhut, tha 'n t-àm seachad, agus cha-n 
urrainn e bhi gu bràth air a ghairm air ais a 
rithist : seall ciod a th' agad a nise, ni is eigin 
dut a bhi agad gu bràth ! 

Tha a fior, làbhair mi gu leò'r roimhe chum do 
chridhe bhristeadh 'na bhloidibh; *'Ach a bharr 
air 80 uile," laidh ann an sin, agus snàmh 



NO ACAIN ANMA DAMNAlTii. 105 

ann an lasraìchean gu bràth ; tha na briathran so, 
" A bharr air so uile," nam briathran uabhasach 
da rìreadh. Bheir mi dhuibh am brìgh ann an 
sàmhla. Abair gun ceanglaidh sibh duine ri 
crann, agus le turcais dhearg theth gu 'n 
spionadh sibh dheth f heoil 'na mìrean beaga rè 
dhà no trì do bhliadhnachan iomlan, agus mu 
dheireadh, 'nuair a dh'èigheadh an duine bochd 
a mach air son socair agus còmhnadh, gu 'm 
freagradh an luchd-pianaidh, cha-n fhaigh, 
'' Ach a bharr air so uile" is èigin dut a bhi air 
do làimhseachadh mòran ni's measa. 

Riaraichidh sinn thu mar so an f hichead 
blìadhna so cuideachd, agus an deigh sin lion- 
adh sinn do chorp reubte làn do luaidhe theth 
ieaghte, no sàthaidh sinn bior dearg teth 
tromhad ; nach biodh so brònach ? Gidheadh 
cha-n eil so ach mar sgobadh deargain an 
comais ri bròn nam muinntir ud a thèid do 
dh' ifrinn ; oir na'm biodh duine air a riar- 
achadh mar sin, bhiodh crìoch air ann am 
beagan ìiine. Ach esan a thèid do dh' 'ifrìnn 
fuiligidh e piantan deich mìl uair ni's miosa 
na iad so, agus gidheadh cha bhi e gu bràth 
^u tur marbh fopa. Ann an sin bithidh iad 
gu bràth a' gearan, a* seargadh, a' gul', a bròn', 
gu bràth air am pianadh gun socair no fois, 
gidheadh gun a bhi gu bràth air an caitheamh 
gu neo-ni ; na'n deanadh an diabhol a's mO 
ann an ifrinn do spionadh uile 'na d' bhloidibij 
agus do phronnadh cho mìn ri smùraich, agus 



106 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

do chaitheamh gu neo-ni, irheasadh tu so 'na 
thròcair. Ach an so feumaidh tu laidhe agus 
a bhi air do ròstadh, agus losgadh gu brath ; 
— gu bràth — 's fada an ùine sin, ach gidh- 
eadh is èigìn d'i bhi cho fad'. " Imichibh 
uam, (arsa Criosd,) a dh'ionnsaidh an teine 
shìorruidh, (a dh'ionnsaidh an teine a bhios 
a losgadh gu bràth) a dh'ullaicheadh do'n 
diabhol agus d'a ainglean," (Mata. xxv. 41.) 
O ! thusa leis bu diùlich do chas a shalachadh 
ged bha i theagamh salach cheana, no thus' a 
bha neo-thoileach taobh an tein'fhàgail ma bha 
e ri beagan gaoithe no uisge ; agus a bha neo- 
thoileach dol leth mhìle, 'seadh, an seathamh 
earrann deug do mhìle gu facal Dhè èisdeachd, 
ma bha e rudeigin drocha ; thus' bhaneo-thoil- 
each beagan do chompanaich dhiomhain f hàg- 
ail gu fòghlum t'anma ; bithidh teine gu leòir 
agad, bithidh oidhche gu leòir agad, agus droch 
cuideachd gu leòir^ bithidh do shàth ma thèid 
thu mearachd air Criosd, agus "a bharr airsin 
uile/' bithidh iad agad gu bràth, agus gu bràth. 
O thus' a ta caitheamh òicheachan iomlan 
ann an cluich air cairtean agus dìsean, ann an 
neo-stuamachd agus ana-miann ; thus' a tha 
g'a mhios na nì gasta a bhi mionnan cho 
teann rìs an fhear a's treuna, a' caitheamh 
comhla ris an raoightear a's mò th' anns an 
dùthaich ; thus' n ta gràdhachadh peacach- 
adh ann an cùil 'nuair nach eil neach sam bith 
ga t'fhaicinn ! O thus* a tha ri aideachadh 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. ]07 

cealgair air son ^do chrìocban araid fèin, a 
thaobh gu 'm b' àìll leat a bhi air do mheas anri 
ad neach-eigin 'am measg <cloinn Dè, ach a 
tha 'na do nàmhaid do nithibh Chriosd 'na do 
chridhe : thusa iha ga d' riarachadh fèin, an 
dara cuid le peacannan, no aideachadh lòm na 
diadhachd, tuitidh t'anam ann an anabarr 
pèin agus àmghair a cheart cho luath 's a 
thèid thu às an t-saoghal so, agus ann an sin 
bithidh tu a' giìl agus a' gìosgan t'fhiaclan, 
(Mat. viii. 11, 12.) ^' Agus a bharr air so uile," 
tha e coltach nach bi socair no ioc-shlaint 
sam bith agad gu bràth, na seall gu bràth air 
son saorsainn sam bith, bàsaichidh tu ann ad 
pheacannan, agus bithidh tu air do phian- 
adh cho liugha bliadhna 'sa tha do rionnagan 
anns an iormailt, no do ghrainean gainmhich 
air tràigh na mara ; agus a bharr air so uile, 
is èigin dut fuaireach fodha sin gu bràth. 

'< Agus a bharr air so uile tha doimhne mhòr 
air a chur eadar sinne agus sibhse, air chòr 
agus iadsan le'm b' àill dol à so do 'ur n-ionn- 
saidh-sa, nach eil e 'n comas daibh ; agus nach 
mò tha e'n comas do dh'aon neach teach a's 
a sin d'ar n-ionnsaidh-ne/' '' Tha daoimhne 
mhòr air a cur eadar sinne agus sibhse.'' Their 
thu ; ciod e sin ? Freagairt, Is mion a cheist 
i, air an aobhar sin, air tùs iarr dol a steach air 
a' gheata chumhainn, a roghainn air f heòraich 
gu mionaideach ciod i an doimhne so. 

Ach 's an dara h-àiie^ Na'm b' àill leat fìos 



108 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

fhaigbinn ma tliig tii gearr air nèamh, 
gheibhthugurh-e so e. eadhon^òrdughsìon'iiidh 
Dhè ; 'se sin, tha òrdugh air dol a mach o 
Dhia, a' mhuinntir ud a thig gearr air nèamh 
anns an t-saoghal so, tha Dia air rùnachadh 
nach meal iad i gu bràth anns an t-saoghal a r.a 
ri teachd. Agus gheibh thus an doimhne so eho 
domhain 's nach bi thu gu bràth comasach dol 
troipe cho fad 'sa mhaireas sìorruidheachd. 
Mar thuirt Criosd, "Bi rèidh ri t-eas-chairid gu 
luath, am feadh a ta thu maille ris air an 
t-slighe air eagal gu 'n tarruinn e thu chum 
a* bhreitheimh, agus gu 'n toir am breitheamh 
thairis thu do 'n mhaor^ agus gun tilg na maoir 
am prìosan thu, tha mi 'g radh riut nach tèid 
thu mach às a' sin (se sin an doimhne) gus 
an ioc thu an fheòirlmn dheireannach, no an 
dearbh pheighinn dheireannach." Na briathran 
so uime sin, " Tha daoimhne mhòr air a cur" 
tha mis a' saoilsinn gur e sin òrdugh sìorruidh 
Dhè ; dh' òrduich Dia nach tèid iad-san a thèid 
do nèimh gu bràth às sin a rithist do dh'àit' s 
miosa : agus mar an ceudna an dream a thèid 
do dh' ifrinn, agus leis am b' àill tighinn a 
mach, cha tig iad a mach aiste a rithist. Agus 
a chairid, is doimhne i so, a tha cho suidhichte 
ieis-san nach urrainn breug a dheanamh no 
a radh 's gu 'm faigh thu i mar sin cia b'e sam 
bith rathad a thèid thu, cò dhiù 's ann do 
nèimh no do dh' ifrinn. An so, uime sin, 
tha thu a' faicinn cia tearuinte a ni Diaiad-san 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 109 

a bhàsaicheas anns a' chreidimh ; cumaidh Dia 
iad anu an nèamh : ach iadsan a bhàsaicheas 'nan 
cuid peacannan, tiìgidh Dia iad do dh' ifrinn, 
agus cumaidh e iad ann an sin : air chor 's 
iadsan leis an àill dol o neamh gu ifrinn 
nach iirrainn iad, cha mhò a's urrainn iad- 
san tighinn o ifrinn leis an àiU dol do 
nèamh. Thoire an aire, cha-n eil e 'g 
radh, cha b' àill leo ; oìr O ! cia cho toileach sa 
b' àill lèis a' mhuinntir ud a chaiU an anama^in- 
an air sonana-miann, air son dà sgillinn, air son 
cuach leanna, air son strìopaieh, air son an 
t-saoghail so, tighinn a mach às an amh- 
uinn theth theinntich dioghaltais shìorruidh 
Dhè, na'm faodadh iad ; ach an so tha 'n 
trug^ighe, iadsan leis an àiU tighinn uaibhse 
d' ar n-ionnsaidh-ne, 'se sin, o ifrinn gu 
nèamh, cha-n urrainn iad, — cha-n f haodiad, — 
chatigiad; — cha 'n urrainn iad,— dh' òrduich 
Dia e, agus tha e air cur roimhe nach tèid an 
t-òrdugh atharrachadh ; ann an so uime 
sin tha*n truaige 'na laidhe, cha n-e gu 'm 
beil iad ann an ifrinn, ach ann an sin gur èigin 
dut laidhe gu bràth agus gu sìorruidh. Uime 
sin na *n deanadh do chridhe aig àm sam 
bith do bhuaireadh gu peacachadh an agh- 
aidh Dhè, èigh a mach cha pheacaich, oir ma 
pheacaicheas an sin as èigin dhomh dol do 
dh'ifrinn, agus ìaidhe ann an sin gu bràth. Na'n 
deanadh na misgearan, na mionntairean^ na 
breugairean agus cealgairean, an teagasg so 

K 



IJO OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

a' ghabhail sios, bheireadh e orra criothnachadh 
*nuair a smuainicheadh iad air peacachadh. 
Ach anmannan truagha, '* An dràsta ni iad fan- 
aid air peacadh/' (Gnà. xiv. 9,) agus cluìch leis 
mar ni leanabh cluich le glagaran, ach tha *n 
t-àm a' tighinn, anns an dean na glagarain so 
leis am beil iad an dràsa a' cluich, a leithid do 
dh' fhuam'nan cluasan 's 'nan cogaisean,ionnus 
's, ged bhiodh na h-uile diabhol an ifrinn 
a' sgreadail 'sa sgriachail aig an sàiltean, nach 
deanaidh iad fuaim cho mòr ris. (Aireamh. 
xxxii. 23.) A chairid, Ni do pheacannan, 
mar cho liugha do choin-luirg, an toiseach do 
lòrgachadh a mach, agus an sin glacaidh iad 
thu, agus ceanglaidh agus cumaidh iad sios gu 
bràth thu, (Gnà. v. 22,) teumaidh agus 
cagnaidh iad thu mar gu 'm biodh nead 
nathraichean-nimhe agad 'na t'innidh, (Eoin xx. 
14,) agus cha bhi so rè ùine, ach, mar a thuirt 
mi roimhe — gu bràth ! — gu bràth ! — gu bràth ! 



'' Ansin thubhairt e, Uime sin tha mi cù guidhe 
ort\ athaivy gun cuireadh tu e gu tigh m! athar,*' 
— Eann, 27. 

Dh' innis mi dhuibh gu'n robh na rainn roi' 
so air an labhairt ann an cuid chum a nochd- 
adh cho dèidheil sa tha 'n sluagh damnait' air a 
bhi airan saoradh o 'n truaighe gun chrìch. A 



NO ACAIN aNMA DAMNAITE 111 

nise tha ^n rann so fathast a nochdadh 
glaodhaich dhian nan anmannan bochd' ud, bu 
ro mhath leo ni-eigin a bhi air a dheònachadh 
dhaibh, ach cha bhi ni sara bith ; mar a chìtir 
ni's soiUeir' an deigh so. 

" An sin thubhairt e, uime sin tha mi 'g 
guidhe ort athair/' &c. Mar gu 'n abradh e, 
air faicinn domh gu 'n tug mi mi-fèin a chum 
a leithid do chor truagh, 's nach toir Dia feart 
orm, 's nach bi m' èigheach labhar agus shearbh 
air a h-èisdeachd ; air faicinn domh nach 
faod urrad ri aon bhoine do dh'uisge 
fuar a bhi air a dheònachadh dhomh, no 
fhurtachd a's lugha bho na naoimh a's 
bochdte. 

Agus a' faicinn, a bharr air so uile, ann an 
so gur èigin da m' anam laidhe gu sìorruidh 
a' rx)stadh agus a' losgadh a' faicinn gu feum 
mi, cò-dhiù a's àill no nach àiU leam làmh 
dioghaltais shìorruidh f hulang, agus achmhas- 
anan teine sgriosach, miilteach; a' faicinn gu 'm 
beil mo staid cho oic, *s nach iarrainn cù a 
bhi mar tha mi " Cuir e gu tigh 'm athar," 
Tha e fiùghail aìr aire (a rithist) cò a dh' iarr e 
bhi air a chur, gu taigh athar, eadhon, Lasarus^ 
O chairid, faic an so cionnas a bhios goilleach- 
an agus cridheachan laidir chreutairean bochd' 
air an irioslachadh, (mar a thuirt mi roimhe) 
bithidh iad air an toirt a nuas cho mcr, 's gu 'm 
biodh iad subhach air son na nithe ud air an d' 
rinn iad tàir agus di-mheas anns an t-saoghal so, 



112 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

a bhi aca anns a' bheatli a ta ri teachd ; an tì a 
bha leis an duine so air a chur cho suarach, as 
gu 'n do smuainich se e 'na as-urram gu 'n 
itheadh e comhla ri coin a threnda ; ciod, am 
bi agam sa meas air Lasarus, Lasarus tàireil, 
truagh ? Ciod, an cuir mis' a leithid sin a 
dh'asurram air mo thaigh maiseach, greadh- 
nach, le leithid-sa do chroman sgreabach ? 
Clia chuir mi, is tàire leam gu 'm faigheadh e 
aoidheachd fo dhruim mo thaighe. Mar so 
bha e ann an àm a bheatha, am feadh a bha e 
'na mhòr-chuis ; ach a nise tha e air tighinn 
do shaoghal eile, a nise tha e air a dhealachadh 
o shòlasan, a nise tha e faicinn a thaigh 
breagha, a mhiasan àilleasach^ a choimhearsnaicb 
agusachompanaichbheartach,agus e-fèin airan 
dealachadh o chèile : a nise tha e faighinn 
an àite sòlais, pian ; an àite aoibhneis, 
dubhachas ; an àite nèimh, ifrinn, an^ àite toil- 
inntinn a' pheacaidh, uabhas agus cionta peac- 
aidh : ** O a nise cuir Lasarus T 

Theagamh, gu 'm faodadh Lasarus a bhiair 
deanamh math air chor-eigin dha, nam biodh e 
airaoidheachd a thoirt dha anns an àm a chaidh 
seachad, agus dh' f haodadh gu 'n cuireadh e 
iompaidh air, air a' chuid a's lagha gun dol air 
adhaidh cho cràiteach olc, ach chuireadh esan 
suarach e, cha bhiodh meas aig air, chuir e 
roimhe cùl a chur ris, ged chaiUeadh e 'anam 
air son sin a dheanamh. Seadh, ach a nise 
cuir Lasarus, mur h-ann thugamsa, gu tigh 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE, 113 

m' athar, agus innseadh e dhaibh uam-sa, 
Mas e 's gu 'n a ruith iad air an adhaidh ann 
am peacadh, mar a rinn mise, gur èigin daibh 
fhaighinn, agus gheibh iad, an duais cheudna 
Thuair mise. 

Thugaibh so fainear, sibhse a ta 'n-'ur luchd- 
tàrchuis air an aon a's lagha do Lasarusan ar 
Tighearn' losa Criosd ; faodaidh e bhith an 
dràsda gu 'm beil sibh neo-thoileach gu gabhail 
ris a' mhuinntir bhig so aige-san, air son n'ach eil 
iad 'nan daoine-uailse, air son nach urrainn iad 
maille ri Pontius Pilate, Eabhra, Grèigis, agus 
Laideann a labhairt ; Cha n-e sin a mhàin, ach 
cha-n fhaod iad, cha-n f haigh iad a chead 
labhairt riu, gu'n comhairleachadh, agus sin 
gu lèir air son so. 

Ged a nis' a dh' f haodas soisgeùl an Tigh- 
earn' losa Criosd a bhi air a shearmonachadh 
dhaibh gu saor, agus a nasgaidh ; cha n-e sin 
a mhain, ach tha nis' air iarraidh orra èisd- 
eachd agus gabhail ris. Ged a nise nach aidich 
iad, nach cuir iad meas air, agus nach gabh iad 
ri tairgsean criosdaidh do dh' fhìrinnean glòr- 
mhor losa, air son gu 'n tàinig iad a mach a 
cuid do na soithichean talmhuinn a *s tàireile, 
(1 Cor. i. 26,) gidheadh, tha 'n t-àm a' tighinnj 
'nuair a ni iad araon osnaich agus èigheach, 
** Cuir e gu tigh m' athar." Tha mi 'g radh, 
cuimhnichibh so, sibhse a ta deanamh tàir air 
latha nan nithe beaga. tha 'n t-àm a' tighinn, 
'nuair a bhiodh sibh toilichte^ nam faodadh sibh 



114 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

aon bhoine do dh' uìsge fuar f haofaìnn bho Dia, 
bho Chriosd, no bho naomh, ged a ta sibh 
aa dràsta neo-thoileach gabhail ri boinnean 
glòrmhor druighteachsoisgeil ar Tighearn 'losa. 

A rithist, faicibh an so an staid bhrònach 
anns am beil iadsan, a tha dol do dh'ifrinn o 'n 
athraichean, o'm màthraichean, o'm peathraich- 
ean, agus o'm bràithrean, &c. Am feadh a ta 
muinntir anns an t-saoghal tha iad a' gabhail 
tlachd ann a bhi cur droch eiseamplairean fa 
chomhair an cuid cloinne ; agus mar an ceudna 
tha clann a' gràdhachadh a bhi leanmhainn 
droch cheumannan am pàrantan ain-diadhaidh ; 
ach 'nuair a thèid iad às a' bheath so agus a 
thuiteas iad sìos do dh'ifrinn, agus a gheibh 
siad iad-fèin ann an truaighe as nach urrainn iad 
tighinn, an sin èighidh iad, Cuir neach eigin 
gu taigh m' athar, gu taigh mo bhràthar. Innis 
dhaibhgu'mbeilmostaid-sa truagh,innisdhaibh 
gu 'm beil mise miUte, caillte gu bràth ; agus 
innis dhaibh fòs, ma bhios iadsan ag imeachd 
anns na ceuman ain-diadhaidh so anns an 
dh'f hàg mise iad, gu 'n tuit iad gu cinnteach 
do dh'ionad na dòrainn so, 

'^ Tha mi' guidh' ort gu'n cuir thu e gn tigh 
m' athar." Ah a chàirdean agus a choimh- 
earsnaichean tha e coltach gur beag a tha sibhse 
a' smuaineachadh air a so, gu 'm beil cuid do 
bhur càirdean agus dhìlsean ag èigheach, ann 
an ifrinn. A Thighearn', cuir neach-eigin gu 
taigh m' athar, a shearraonaicheas an soisgeil 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. Hg 

dhaibh, air eagal gu 'n tig iad-san mar an 
ceudna chum nam piantan so. 

An so, am feadh a tha daoine beò 's urrainn 
iad imeachd cuideachd gu deònach ann an 
slighe a' pheacaidh, agus an uair a ta iad air 
dealachadh le bàs, iadsan a ta beò, is ainmig, 
ma tha iad idir, a' smuaineachadh air a' chor 
bhrònach chum am beil iadsan a bhàsaich 
air dol sìos. Ach sibhse athraichean ain- 
diadhaidh, cia mar a ta bh 'ur clainn ain-diadh- 
aidh a' rànaich 's a sgreadail ann an ifrinn ? 
Agus a chlainn ain-diadhaidh, cionnas a tha 
bhur pàrantan ain-diadhaidh a bha beò agus a 
bhàsaich ain-diadhaidh, a nis' ann am piantaibh 
na h-ifrinn mar an ceudna ? Agus tha aon 
mhisgeara' gabhail òrain air suidheachan an 
taigh-leanna, agus fear eile a' rànaich 's a 
sgreadail fo chorraich Dhè, ag radh, O nach 
ann a bha mise maille ris, cia mar a yieirinn 
achmhasan dha, agus a chomhairiichinn e air na 
h-uile còr, na droch shligheachan so toirt 
thairis. O ma rinn iad uiread r'a thoirt-fain- 
ear ciod a tha mise nis' a' fulang air son 
pròis', sannt', misg', breugan, mionnan, gadachd, 
strìopachas, agus an leithid sin. O ! nan 
robh iad air mothachadh am mìle earrann 
dheth, bheireadh e orra sealltainn mu 'n cuairt 
dhaibh, agus gun am peacadh a cheannach aig 
luach cho .daor 's a rinn mise, eadhon le m' anam 
prìseil a cliall. 

*' Cuir e gu tigh m' athair." Cha-n ann 



116 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

gu'm 'athair, ach gu taigh m' athar. Theagamh 
gu 'm beil clann aindiadhaidh ann an sin, 
gu 'ra beill seirbheisich ain-diadhaidh ann an sin 
ag aoineagraich 'nan cuid ain-diadhachd, cuir 
uime sin "gu tigh m' athar." Tha e 
coltach, gu 'm beil iad fathast mar a dh' f hàg 
mi iad : dh'f hàg mi iad aingidh, agus tha iad 
aingidh fathast ; dh' fhag mi iad nan luchd- 
dimeas air an t-soisgeil, nan luchd-tarcuis air 
na naoimh, agus air slighe Dhè, agus tha iad 'g a 
dheanamh fathast ! '' Cuir e gu tigh m' athar,'* 
tha e coltach, nach eil ach beag eadar iad 
agus an t-àite 's am beil mise ; cuir e an diugh, 
mu 'n tig am màireach, air eagal gu ^n tig iad 
do 'n *'ionad ro-phiantach so." Tha mi 'g 
achanaich ort gun cuireadh tu ann e. Tha 
mi 'g a iarraidh air mo ghlùinean liìbte, le gul 
agus deòir ann an spairn m' anma. Faodaidh 
e bhith^ nach toir iad fainear, mur cuir thu ann 
e : Dh' fhàg mi iad neo-thuigseach gu leòir, 
cruaidhichte cho math rium fèin, tha aca an 
^ysihhnX peudna gu 'm buaireadh ; na h-ana- 
^niannan agus an saoghal ceudna gu buaidh 
thoirt orra. '" iJime sin tha mi guidhe ort 
gun cuireadh tu e gu tigh m' athar ;" na dean 
maiUe, air eagal gu 'n caill iad an anmannan, air 
eagal gu 'n tig iad an so ; ma 's e 's gu 'n tig, 
is coltach nach pill iad gu bràth a rithist. Och! 
is beag a tha iad-sa a' smuaineachadh, cia cho 
furasd sa dh'f haodas iad an anmannan a chall, 
thaiad uilamh gu smuaineachadh an staid a bhi 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 117 

cho math ris an staid a's fearr, mar a rinn mise 
aon uair tre aineolas ; ach cuir ann e, cuir ann 
e gun dàil, '*air eagal gun tig iad do'n ionad ro- 
phiantach so." O ! nach ann a bheireadh 
tu ùghdaras da, chuir fèin ann e ; bha 
àm anns an do chuir mise, cuideachd maille 
riu-san, suarach a' mhuinntir ud a bh' air an cur 
le Dia, ged nach b' urrainn duinn àicheadh 
nach do labhair iad facal Dè ; agus gu 'n 
robh iad air an cur leis-san mar adh'innis arcog- 
aisean duinn ; gidheadh ròghnaich sinn gairm- 
ean dhaoine roi' ghàirmean Dè ; oir ged bha'n 
t-aon aca, gidheadh a chionn nach robh an 
t-aon eil* aca anns an dòigh ana-criosdail sin 
a smuainich sinne iomchuidh, cha b' urrainn 
duinn, cha b' àiU leinn, aon chuid an èisdeachd, 
sinn-fein 's cha mho a bheireadh sinn aonta 
gu 'n èisdeadh muinntir eile iad. Ach a nise 
gairm o Dhia is fiùgh i an t-iomlan, " Dean" 
thus' *'uime sin a chur gu tigh m' athar.'' 

Bha 'n t-àm ann, 'nuair nach bu toigh leinne 
e, mur biodh e air a shearmonachadh anns 
an t-sionagog, mheas sinn e 'na ni suarach a 
bhi searmonachadh agus ag ùrnaigh cuideachd 
ann an taighean ; bha sinne ro uaimhreach, ro 
shaobh-chràbhach ; cha rachadh an sois- 
geil sios dhuinn, mur biodh e againn 'na 
leithid do dh' àite, le leithid do dhuine ; cha 
rachadh, no idir an uair-sin fèin gu h-èifeachd- 
ach ; ach a nise, O nach ann a bhithinnsa 
beò anns an t-saoghal a rithist ! agus an t-soch- 



J18 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

air sin a blii agam ; eòlas beag a bhi agam air 
Lasarus beannaichte, beagan mion-eòlais airan 
duine naomha sin ; ciod an aire abheirinn-sa d'a 
bhriathran fallainn ? cia mar a' ghràdhaich^, 
atheagasg, agus a theannainn a steach ris? Cia 
mar riaghlainn mo bl»eatha leis ? A nis' (uime 
sin) mar a ta e ni's fearr èisdeachd ris an 
t-soisgeul fo sgàile na dìge, na suidhe a' beucail 
ann an taigh-òsd'? tha e n'is fearr gabhail ri 
Lasarusan bochda Dhè, na ri companaich ain- 
diadhaidh an t-saoghail so. Tha e ni's fearr 
gabhail ri naomh ann an ainm naomh^ deis- 
ciobul fo ainm deisciobuil, (Luc. x. i6,) na 
deanamh mar a rinn mise. Och ! tha e ni's 
fearr gabhail ri leanabh le Dia, a's urrainn le 
faireachadh, le fèin f hriosrachadh, nithe Dhè a 
liubhairtj a shaor-ghràdh, a caomh-ghràs, f had- 
f hulangas saibhir, agus mar an ceudna truaighe 
an duine^ ma bhios e as eugmhais sin, na 
bhi air a chòmhdach thairis le criadh gun 
oibreachadh, (Esec. xiii.) Och ! faodaidh mi 
an latha a mhallachadh 's an do ghabh 
mi ri miodal agus ri brosgal dhaoine feòl- 
mhor, ach tha m* aithreachas an so ro ana- 
moch ; bu chòir domh a bhi air sealltainn 
mu *n cuairt domh ni bu luaithe, na 'm b' àill 
leam a bhi air mo thearnadh o 'n ionaid 
thruagh so. *' Uime sin cuir e," cha-n ann a 
mhàin a chum a' bhaile anns an robh mi beò 
agus a dh'ionnsaidh cuid do mo ìuchd-eòlais 
' ach gu tigh m' athar.'* 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 1 Ì9 

Ann an àm mo bheatha, cha bu toìgh leam 
èisdeachd ris an fhacal sin bu mho a bheum 
mi, agus a dhf heuch dhomh mo staid gu ceart. 

Bha mi air mo chràdh, air mo chiùrradh, an 
'am èisdeachd a bhi luaidh mo pheacannan agus 
d'an cuir ri mo chunntais ; ghràdhaich mi ni 
b' fhearr an tì sin bu mhò a mheall mi, agus a 
thuirt, *' Sìth, sìth, 'nuair nach robh sìth ann." 
(ler. vi. 14.) Ach a nis', o nach ann a bha e 
air innseadh dhomh uime ! gu cridheil, 
gu treun, gu firinneach, gu fallain. O ! nach 
anna bha e air drìighadh tre mo chluasan agus 
tre mo chridhe, agus air, sathadh cho teann, 
's nach b' urrainn ni sam bith mo leigheas, 
ach fuil Chriosd a mhàin ; tha e ni's fearr 
cùis innseadh gu rèidh soilleir dhuinn, na 
gu 'm biodh sinn air ar mealladh^ b'fhearr 
dhaibhan cor cailltefhaicinnanns an t-saoghal, 
na fuireach gus am bi iad damnaite, mar a 
rinn mise ; sin, " cuir Lasarus,*' cuir e gu 
tigh m' athair. Leig dha dol agus a ràdh, 
chunnaic mise do mhac, do bràthair, ann an 
ifrinn, a' gul, agus a' caoidh, agus an snagadaich 
f hiacal : labhradh e riù le ùghdarras uime, 
agus innseadh e dhaibh gu soilleir gu 'm 
beil e mar sin, agus gu 'm faic iadsan an 
truaighe shìorruidh, mur bi cùram àraidh 
orra. '< Cuir e gu tigh m' athar." 



120 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 



•* Oìr a ta cùignear hhràithrean agam ; chum 
gu'n toir efianais dhaibh, air eagal gun tig iadsan, 
mar an ceudna do'n ionad ro phiantach so,^' — 
Rann. 28. 

Tha na briathran so (ma dh'f haodas mi sin a 
radh) 'nan ceann-f àth air a thoirt leo-san a ta 
ann 'an ifrinn, air son iad a bhi gun f hois, agus 
a' glaodhach cho labhar, *s ann a chum gu 'm bi 
an companaich air an cumail o na piantaibh do- 
fhulang ud, a dh'fheumas iad f hulang agus a 
dh' f huiligeas iad, ma thig iad gearr air beatha- 
mhaireannach tre losa Criosd. Cuir e gu 
tigh m' athar, oir tha cùignear bhràthrean, 
agam, &c. Ged nach robh iad cho tuigseach an 
uair a bha iad beò mam measg anns an t-saoghal 
4 mu 'n lèir-sgrìos, gidheadh a nise 'nuair a tha 
iad air triall a mach as an t-saoghal, agus a' 
co-pairteachadh do 'n ni sin mu'n robh rabh- 
aidh air a thoirt dhaibh roimhe, 's urrainn 
iad, tha mi 'g radh, an sin èigheach a mach, a 
nis tha mi a' mothachadh sin a bhi fìor da 
rìreadh, a bha 'n dràsta 'sa rithist air innseadh 
dhomh, agus air a chur an cèill domh, gu 'n 
tigeadh e gu cinnteach gu crìch. 

** Oir tha cùignear bhraithrean agam." Ann 
an 80 faodaidh sibh fhaicinn gu 'm faod e bhith, 
agus gu'mbeil teaghlaichean iomlan annanstaid 
agus ann an còr damnaidh, mar a ta ar Tigh- 
earn losa a' ciallachadh leis a so. *' Cuir e gu 



KO ACAIN AKMA DAMNA1TJÌ„ J21 

tigh m'athar/' oir tha iad uile ann an aon staid, 
dh'f hag mise mo bhràithrean uile ann an cor 
truagh. Fhad sa tha muinntir beò ann an so, 
cha 'ri urrainn iad gìùlan le bhi cluinntinn 
gu 'm biodh iad uile ann an cor truagh : 
ach 'nuair a tha iad fo ehorraich Dhè, tha iad 
'ga fhaicinn, tha fios ac' air agus tha iad gle 
chinnteach as ; oir bha iadsan iad-fèin, 'nuair 
a bha iad 's an t-saoghal, beò mar a ta iad-san, 
ach thàinig iad gearr air nèamh agus uime 
8Ìn ma thèid iad air an adhart, mar sud 
bithidh iad. O ! uime sin cuir e gu luath 
gu taigh m' athair, oir tha 'n teaghlach uile anu 
an cor mìlte^ agus 's feudar gu 'm bi iad air an 
damnadh, ma bhuanaicheas iad mar sin. 

'S e nith'airathoirt fainear anso, eadhon, nach 
eil iad-san a ta ann an ifrinn, ag iarraidh gu 'n 
tigeadh an còmpanaich do 'n ionad sin ; cha-n 
f^il, ach a roghainn air sin, ars' esean, " Cuir e 
gu taigh m'athar chum gu'n toir e fianais dhaibh, 
air eagal gu'n tig iadsan mar an ceudna.'' 

CeisL Ach faodaidh cuid a radh, Ciod an 
t-aobhar mu'n iarradh a' mhuinntir dhamnai^e 
gun an còmpanaich a thighinn do 'n chÒr 
cheudna chum am beil iad-fèin air tuiteam, ach 
gur ann a tha iad ag iaraidh gu 'm biodh iad 
air an cumail uaithe, agus an staid eagalaeh 
sin a sheachnadh. 

Freagairt. Tha mi creidsinn gur gann a 
tha uidhir do ghaol ann an neach sam bith 
do 'n mhuinntir dhamnaite ann an if'rinn, as 
1. 



122 OSNAIDHEAN BHO IFKINN, 

ìarraidh da rìreadh gu'm biodh neach sam bith 
air a thearnadh. Ach le iarrtas sam bith a bhi 
annta-san a ta air an damnadh, nach tigeadh an 
càirdean agus an dìlsean do 'n àite phianaidli 
sin ; tha e a' taisbeanadh dhomhsa, gur h-ann 
air son an socair fèin, 's nach ann air son math 
an coimhearsnaichean ; oir innseam dhuibh, so 
tha mi creidsinn, gu 'n an-tromaich e an cràdh 
agus an uabhas, an còmpanaich ain-diadhaidh 
fhaicinn anns an lèir-sgrios cheudna anns ani 
beil iad fèìn : oir far am beil na h-ain-diadhaicli 
beò agus a' bàsachadh, agus a' dol sios do 'n 
t-sloc cuideachd, 's ann a tha 'n t-aon 'na chràdh 
do 'n aon eile, 's cha ni sam bith ach sin. Agus 
feumaidh e bhith mar sin, a thaobh nach eil 
muinntir ain-diadhaidh sam bith a ta beò ain- 
diadhaidh cuideachd, nach eil iad ag ionnsach- 
adh droch eiseamplairean o chàch a chèile, mar 
so ; ma tha aon beò anns a' bhaile a ta ro eòlach 
innleachadh a thaobh an t-saoghail, a nise 
saoithrichidh càch a ta do 'n aon inntinn ris, 
chum deanamh d' a rèir agus a cheuman a lean- 
tainn ; tha so do ghnà r'a fhaicinn. 

A rithist, ma bhios aon air a thoirt do 
mhisg, ruithidh cuid eile do 'n bhaile, tre 
eiseamplair-san^ ni's mò do 'n pheacadh sin 
maille ris, agus cleachdaidh iad iad-fèin ni's 
mò ann, air son esan a bhi 'gan tàladh agus 
'gam brosnachadh ; agus mar an ceudna ie cur 
a leithid do dhroch eiseamplair fa 'n comhair. 
Agus iiiar sin ma bhios muinntir sam bith air 



NO ACAl^ A^MA DAMNAITE. 123 

an toirt suas do phròis, agus gu 'n feum iad 
a bhi anns na h uile fnsan a's ùire> cia mar a 
tha 'n eiseamplair-san a' brosnachadh muinntir 
eile gu gràdhachadh agus leanmhainn an 
diomhanais cheudna ? a' caitheamh sin air an 
cuid ana-miannan, bu chòir freasdal air an 
uireasbhuidhean fèin agus uireasbhuidhean 
niuinntir eile. Mar an ceudna, ma bhios 
niuinntir sam bith air an toirt do bhaoth- 
shùgradh, do dh'fhanaid, do bhreugan, do 
strìopachas, do chùl-chàineadh, do cuirmean 
uaigneach do dh'ana-measarachd, no do 
pheacadh sam bith eile ; tha iadsan a tha ni 's 
eòlaiche anns na nithibh so gu tric a ribeadh 
muinntir eile, dh' fhaodadh nach biodh cho 
tur ghràineil sa ta iad a nise mur b' e gu 'n robh 
a leithid do dh' eiseamplair aca, agus uaithe so 
tha iad air an gairra " luchd truaillidh,'' Isa 
i. 4. 

A nise ni iad so le'n deanadas, pian na 
muinntir eile an-tromachadh gu h-anabarrach. 
Esan a shuidhich droch eiseamplair, da choimh- 
earsnach agus le sin a thug air imeachd ann am 
peacadh, bithidh e air fhaotainn 'na acui 
aohhar gu sgrios a chairid, ionnas ga 'm bi aige 
ri freagairt air son earrannm hor do pheacadh 
a chòmpanaich cuideachd, ni a mheudaicheas 
fathast a Ièir»sgrios ! mar a ta 'n sgriobtur 
ann an Eseciel a' nochdadh anns an àit anns 
am beil e labhairt mu dhèibhinn an fhir 
fiiaire bu chòir rabhadh a thoirt do *n 



124 OSNAiDHEAN BHO IFRINN, 

t-sluagh ; mur dean se e, ged a bhàsaiclieadh 
an duine 'na pheacannan, '^ gidheadh iarrar 
t huil air làimh an f hir-fhaire," Esec. xxxiii. 
6. 

Mar sin an so innseam dhut, ma 's e 's gu 'm 
bi thu 'nad' leithid do neach, 's a bhios le du 
chòmhradh agus do cleachdannan ann ad 
ribe agus ann ad cheap-tuislidh gu thoirt air do 
choimhearsnach tuiteam ann an lèir-sgrios 
sìorruidh ged bhios esan air a dhamnadh air 
son a pheacaidh fèin ; gidheadh faodaidh Dìm, 
cha n-e sin a mhàin, ach cuiridh se e ri do 
chunntas-s' thu bhi ciontach à fhuilsan, 
ionnas nach fònadh leat do thruaigh, thu-fèin a 
chumail o nèamh, ach gu 'n d' rinn thu mar 
an ceudna le do chàithe-beatha salach muinntir 
eile a chumail air falbh, agus a thoirt orra 
tuiteam maiUe riut. O uime sin, nach 
an-tromaich so do phiantan? 'Seadh, na'uì 
bàsaicheadh tu agus dul do dh' ifrinn roi' 
do choimhearsnaich no do chòmpanaich, a 
thuilleadh air cionta do pheacannan fèin 
bhiodh tu clìo luchdaichte le eagal damnaidh 
mhuinutir eile a bhi air a chur ri do chunntas, 's 
gu 'n glaodhach tu mach ; O cuir aon o na 
mairbh chum a' chòmpanaich so, agus a' 
cbòmpanach sud, maiUe ris an robh cuideachd 
agam-sa ann an àm mo bheatha, oir tha mi 
faicinn gu 'm bi moghiulan mallaicht-sa'na aon 
aobhar dìtidh dha, ma thig e gearr air glòir. 
— Dh' fhàff mise beò e ann an oilbheuman 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 125 

salach agus ro aingidh ; ach bu mhise a h-aon 
do na ceud mheadhonnan chum a thoirt g'an 
ionnsaidh. O ! bithidh mi ciontach araon ann 
am dhamnadh fèin, agus à dhamnadh-sa 
cuideachd. ! nach ann a bhiodh e air a 
chumail a mach as a so, air eagal gu 'm bi mo 
phianta-san air an-tromachadh le esan a 
thighinn do 'n àite so ! 

Oir far am beil muinntìr ain-diadhaidh a* 
gabhail còmhnaidh cuideachd, air dhaibh a bhi 
'nan ribe agus nan ceap-tuislidh aon do dh'aon 
eile le 'n cleachdadh, is èigin daibh a.bhi 'mam 
piantaibh do càch a chèiie, agus nan an- 
tromachadh air damnadh a chèile, O mallaichte 
gu'n robh do ghnùis, (deir aon) gu 'n do 
shocraich mi riamh mo shùilean ort : is tusa bu 
choireach : faodaidh mi buidheachas air son so a 
thoirt dhutsa: bu tusa rinn mo thàladh, agus a 
rinn mo ribeadh: b'e do chaithe-beatha salach- 
sa, bha 'na cheap-tuislidh dhomh: b'e do shannt 
do phròis do thaghaìch san taigh-òsda, do 
chluich agus do neo-ghlaine-sa: bu choireach 
gu 'n tainig mise gearr air beatha ; nam 
biodh thusa air suidheachadh eiseamplair 
mhath dhomh mar a shuidhieh thu droch aon, 
dh' f haodadh e bhith gu 'm bithinn air deanamh 
n'a b' f hearr na a rinn mi : ach dh'ionnsaich 
mise uat^a, lean mise do cheumansa, ghabh 
inise comhairle uat-sa. O ! nach ann a bha nii 
gun t'aodann fhaicinn riamh. O I nach ann 
e bha thu gun a bhi riamh air do bhreith mu'n 



126 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

d' rinn thu 'n dochann so air m'anam a rinn 
thu ! O, (ars an t-aon eile,) Agus faodaidh 
mise thus' a choireachadh a cheart cho mòr, 
oir nach eil thu cuimhneachadh, cionnas ai^ 
a leithid do dh' àm, agiis air a leithid a dh'àm, 
a tharruinn thu mach mi, agus a tharruinn thu 
air falbh mi, agus a dh' f hoighnich thu rium 
an rachainn còla riut, 'nuair a bha mi dol 
mu 'n cuairt do ghnothach eile, mu 'n cuairt 
do'm ghairm : ach dh'iarr thusa air talbh mi. 
Ohuir thu air mo shon, tha thus' a cheart cho 
mòr 'sa choire 's a tha mise, ged bha mise 
sanntach, bha thusa pròiseil; agus ma dh' ionns- 
aich thusa sannt uamsa, dh'ionnsaicb mi^e 
f)ròis agus misg' uat-sa ; ged dh' ionnsaich mise 
dhut-sa a bhi mealladh, sa caradh, dhionns- 
aich thusa dhomh-sa strìopachas, breugao 
agus a' bhi a' fanaid air mathas. Ged rii-u 
mis', am thruaghan gràineil, thus' athuisleadlì 
ann an cuid do rudan, gidheadh, rinn thusa a 
cheart cho mòr misea thuisleadh ann an rudau 
eile. *S urrainn dhomhsa thus' a choireachadh 
mar a ta thusa 'g a m choireachadh-sa ; agus 
ma tha agam-sa gu freagairt air son cuid do d' 
ghniomharran salach-sa, tha agadsa gu freagairt 
air son earrann do 'm chuid-sa. B' iiiearr leauì 
nach robh thu air tighinn an so, tha do dhearbh 
shealladha'leòin m' anma letoirt mopheacannHii 
as ùr do m' chuimhne, an t àm an uair, an dòigii, 
cionnus, an t-àite, a' mhuinntir maille ris an 
do chuir mi 'n gniomh iad : B' ann còmhladh 



NO ACAIN ANMA DAMNAFTE. 127 

riut-sa ! riut-sa ! 's cràdh do *m anam o iiach 
b' urrainn mi do chuideachd a sheachnadh an 
sin, O ! nach ann a bhithinn as eagmhais do 
chuideachd an so ! 

Tha mi 'g radh uime sin, air an son-sa a' 
pheacaich cuideachdgun dean an dol cuideachd 
do dh' ifrinn an cuir fo mhòr chàmpar agus 
am pianadh le chèile : air an aobhar sin 
tha mi meas gur e so aon aobhar air son am 
beil iadsan a th' ann an ifrinn ag iarraidh nach 
tigeadh an càirdean, no 'n còmpanaich an sin 
chumankitephianaidhcheudna annsam beiliad- 
fèin. Agus atr an aobhar sin, an t-àit anns am 
beil Criosd ag radh, gu 'm beil na h-anmannan 
damnaite so ag eigheach a mach, Cuir gu mo 
chòmpanaich, a chum 's gu 'm faigh iad rabh- 
adh agus àinte gu seaUtainn riu-fèin. "0 cuir 
a chum mo chùignear bhràithrean !" 'S ann air 
son nach b' àill leo am piantanfèin a bhi air an 
uieudachadhle'ncuideachd; agusfaireachdainn, 
'seadh,faireachdainnchonnabhalachgunsgurdo 
'm peacannan, a thug iad orra chur an gniomh, 
'nuair an bha iad anns an t-saoghal maille riìi. 
Oirtha mi creidsinn gu 'm bi dearbh amharc 
ua h-aiteam ud a bha air am mealiadh 
le 'n companaich, tha mi 'g radh, gu 'm bi an 
dearbh amharc 'na phian dhaibh ; oir leis 
sin bithidh cuimhne ac' air am peacannan a 
chiontaich iad còmhla riù, air a chumail (mas 
a comasach e) ni 's ùire air an cogaisean ; agus 
mar an ceudna bithidh aca gu h-iongantach 
oionta peacannan mhninntir eiìe orra, anns 



128 OSVAIDHEAN BHO IFRIN, 

an robh ìad ann an cuid 'nan aobhar da 'n cnran 
gniomh leo; air dhaibh a bhi 'nan meadhonnan 
ann an làmhan an diabhoil, gu 'n tarruinn, a 
steach cuideachd. Agus uime sin, air eagal 
gu 'n tig so gu crìch, guidhean ort cuir e gu 
taigh m'athar. Oir mur faod iad tighinn 
do 'n àite so, dh' fhaodadh gu 'm bi beagan 
faothachaidh aig mo phiantan-sa, 's e sin, ma 
bhios iad-san air an tearnadh, an sin bithidh 
am peacannan air am mathadh agus gun a 
bhi cho trom air an cur ri cunntas m'anmasa. 
Ach ma thuiteas iad san àite cheudna anns am 
beil mise, na peacannan a thug mise orra a 
chiontachadh laidhidh iad cho trom cha n-e 
mhàin air an anam-san, ach mar an ceudna air 
m' anam-sa, 's gu 'n cuir iad fodha mi ann an 
truaighe shìorruidh, ni's doimhne agus ni's 
doimhne. '' O uime sin, cuir e gu tigh m'athar, 
gu mo chiìignear bhràithrean, chum gun toir e 
fianais dhaibh, air eagal gun tig iadsan do'n 
ionad ro-phiantach so.'* 

Air do na briathran-sa bhi mar so air an 
tuigsinn : Ciod an cor a ta e nochdadh anns 
am beil iad a nise, a tha 'n dràsta 'gabhail 
cho mòr do thlachd ann a bhi 'nan dearbh chinn- 
feadhna air an còmpanaich a chum pheacannan 
do gach seòrsa a chur an gniomh ? 

Am feadh a tha daoine beò ann an so, ma 
dh'f haodas iad a bhi air am meas mar an aiteam 
as seòlta air son meallaidh,a's dàineair son dean- 
amh bhreug, a's sunntaich' air son strìopachais 
a 's caraiche air son sannt, a^rus bnannachd an 



INO ACAINN ANMA DAMNAITK. 129 

t-saoghail ; ma's urrainn daibh gu carach 
uirread r' an comhearsnaichean a mhealladh, an 
cuir às an àite, miothlachd agus fearg a chuir 
orra, 'seadh, agus an cumail o mheadhonnan 
nan gràs, o shoisgeul Chriosd, ni iad uaiU às, 
agus bi'dh moit orra da chionn, agus saoilidii 
iad iad-fèin gu breagh socrach^agus a sin tha'n 
inntinnean rud-eigin suaimhneach, air dhaibh 
a bhi air am mealladh le peacadb. 

Ach a chairid, 'nuair a chailleas tu 'bheatha 
so, agus a thòisicheas tu air togail suas do 
shùilean ann an ifrinn, agus a chì thu ciod e 
chum an tug dopheacannan thu ; agus cha n-e 
nihàin mar sin, ach gu 'n tug thu, le do 
pheacannan saiach, air muinntir eile (mar thug 
an diabhol) tuiteam a chum an dìtidii cheudna 
maille riut-fèin ; agus gu 'm b' aon do dh'aobh-' 
dj'nìì an damnaidh-san so, gu 'n d* rinn 
tlius' an treòrachadh a chum droch cleachd- 
aidhean an t-saoghail so a chur an gniomh, 
agus a' chuid ana-miannan. A sin, nach 
ann a stadadh neach eigin iad o thighinn, air 
eagal gu 'n tig iad mar an ceudna do dh'ionad 
na dòrainn so, agus a bhi air an damnadh 
mar a ta mise ! Cia mar a phianas e mi -^ 
Cha-n f hòghnadh le Balaam e bhi air a dham- 
nadh e-fèin, ach mar an ceudna dh'fheum- 
adh e le chuid aingeachd a thoirt air muinntir 
eile tuisieadh agus tuiteam. Cha f haodadh na 
Sgrìobhaich agus na Pharisich a bhi toilichte 



130 OSNAIDHEAN BHO 1FRINJ\\, 

le iad-fèìn a clmmaii a m'ach à neimh, aeh 
i\\\ fheumadh iad saoithreacliadh a chum 
muinntir eile a chumail a mach mar an ceudna. 
Uime sin 's leo-san an damnadh a's mò. 

Am fear a ta air a mhealladh, cha-n urrainn 
e a bhi toilichte le bhi air a mhealladh e-fèin a 
mhàìn, ach feumaidh e saoithreachadh chum 
cuid eile mealladh mar an ceudna. Cha-n urr- 
ainn am misgear a bhi toilichte dol do dh* ifrinn 
air son a pheacannan fèin a mhàin, ach feumaidh 
e saoithreachadh chum toirt air muinntir eile 
tuiteam anns an àmhuinn cheudna maille ris. 
Ach seallaibh ribh fèin, oir ann an so bithidh 
damnadh air muin damnaidh ; air do dhamnadh 
HÌr son do pheacannan fèin, agus air do 
dhamnadh air son thu bhi 'na t-f hear-compàirt 
ri muinntir eile 'nan cuid ppRcannan ! air do 
dhamnadh air son a bhi ciontach ann an 
damnadh muinntir eile. O cia mar a ghlaodhas 
na misgearnan aìr son an cuid coimhearsnaichean 
a threòrachadh chum na misge? Cia mar a 
chaoineas am fear sanntach, air son eiseam- 
plair a shuidheachadh d'a choimhearsnach, d'a 
chairid, d'a bhràthair. d'a chloinn, agus d'a dhìl - 
sean, eiseamplair cho aingidh ; leis an d' rinn e 
cha n-e mhain cron d'a anam fein, ach do 
dh'anmannan muinntir eile ? Am breugaire, le 
deanamh bhreug dh' ionnsaich e do mhuinn- 
tir eile a bhi deanamh bhreug ; dh' ionns- 
aich am mionntar do mhuinntir eile bhi mionn- 



NO ACAIN AJNMA DAMNAITE. 131 

Hcliadh ; dh' ionnsaich fear na neo-ghlaine 
do inhuinntir eile a bhi deanamh strìop 
achais. 

A nise bithidh iad so uile, maille ri cuid eile 
do 'n tseòrsa cheudna, cha n-e mhain ciontach 
'nan damnadh fèin, ach mar an ceudna ann 
an daninadh muinntir eile. Tha mi *g innseadh 
dhut, gu 'n robh cuid do dhaoine cho mòr nan 
ìighdaran damnaidh muinntir eile, 's gu 'm 
beil mi ullamh gu smaointeachadh, gu'n dean 
an damnadh-san am piannadh, a cheart cho mùr 
sa ni'n damnadh fèin. Is eagal leam gu*m bi 
cuid do dhaoine aig latha a* bhreitheanais, air 
am faotainn a bhi 'nan ùghdaran sgrios' air 
rìoghachdan iomlan. Cia iomadh anam a tha 
sibh a' smuaineachadh, a bhios aig Balaam le 
ciièilg, gu freagairt air an son ? Cia iomadh a 
bhios aig Mahomet ? Cia iomadh a bhios aig 
na Phairisich, a thug duais do na saighdearan 
air son a ràdh, gu'n do ghoid na deisciobail air 
falbh losa ? (Mat. xxviii. 11 — 15.) Agus a 
thug leis a sin, air an cuid bràithrean tuibleadh 
gus an latha 'n diugh, agus bha e 'na aon 
mheadhon chum an cumail o nithibh Dhè agus 
losa Criosd a chreidsinn, agus mar sin b'e 'n 
i-aobhar damnaidh air am bràithrean gus an 
dearbh latha so. 

Cia iomadh anam a th' aig Bonner gu 
freagairt air an son, tha sibh a' saoilsinn ? Agus 
aig iomadh sagart saiach, dall ? Cia iomadh 
anam a bh' air an sijrios leo-san le *n aineolas 



132 OSNAIDHEAN BHO IFRIXN, 

agusle 'n teagasgan truaillidh ? Seaimon;ichad!j 
nach robh dad ni bThearr air son an anma, 
iia bha nimh marbtach do 'n chorp, air sgàth 
buannachd shalach. Chì iad, gu 'm bi aca-san, 
aig mòran diù, is aobhar eagaiK baillean agus 
dùthchannan iomìan gu freagairt air an son. O ! 
a chairid, tha mi 'g innseadh dhut, thus' a 
jLihabh os-làimh a bhi searmonachadh do'a 
t-sluagh, faodaidh e bhith gu 'n do ghabh thu 
os-làimh sin nach urrainn thu innseadh ciod e. 
Nach cràdh e thu, a bhi faicinn do sgìreachd 
gu h iomlan a' tighinn a' geumnaich ann ad 
dhèigh gu ifrinn, ag èigheach, Faodaidh 
sinn buidheachas a thoirt dhut-sa, air son so is 
tusa bu choireach ris. Cha do theagaisg thu 'n 
f'hìrinn dhuinn : rinn thu ar treòrachadh air faibh 
le sgeulachan diomhain, bha eagal ort innseadh 
dhuinn mu th mchioll ar peacannan, air eagal 
naeh cuireadh sinn biadh teann gu leòir 'nad 
bheul. O I a thruaghaìn mhalìaichte, gu 'n 
deanadh tu riamh ar mealladh mar so, gu 'n do 
ghabh thu brath oirnne mar so, gu 'n d' rinn 
thu miodal mar so ruinn ! Rachadh sinne a 
mach a dh' èisdeachd an f hacail gu àit' eile ; 
mar b'e gu 'n do chronaich thusa sinn ; agns 
mar an ceudna dh'innis thu dhuinn, gu 'n robh 
sin a ta sinne a nis' a' faicinn is e siighe Dhè, 
e 'na shaobh-chreideamh, agus 'na theagasg 
meallta ; agus cha robh thu toilichte ('na 
t' f hear-treòrachaidh dali mar a bha thu) 
tuiteam anns an t-sloc thu-fèin ^ch mar an 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 133 

ceudna tbreòraich thu sinne innte còmhia 
riut. 

Tha nii 'g radh, seall riut fèin, air eagal 
gu 'n èigh thu mach 'nuair a bhios e ro 
anmoch, '- Cuir Lasarus a dh'ionnsaidh mo 
phobuill, gu mo chàirdean, gu mo chlann, gu 
mo cho-thional, do 'n do shearmonaich mi, 
agus a mheall mi tre m' amaideas. Cuir e 
chum a' bhaile anns an do shearmonaich mi mu 
dheireadh, air eagal gu 'm bi mise 'nam aobhar 
an damnaidh-san. Cuir e dh'ionnsaidh mo 
chàirdean o 'n tàinig mi, air eagal gu 'n 
toirear orm-sa freagairt air son an anmannan- 
san agus m' anam fèin cuideachd," Esec. xxxiii. 
1—6. 

O cuir e air an aobhar sin, agus innseadh e 
dhaibh agus dearbhadh e dhaibh, air eagal gu'n 
tig iad-san mar an ceudna do 'n àite phianaidh 
so, Thugaibh fainear, gu 'm beii sibh mar so 
beò anns an t-saoghal, am feadh a tha sibh ann 
an tìr nam beò, air eagal gu 'n tuit sibh anns a' 
ehòr so. Abairna'n sgriosadh tu le do ghiuian 
uiread ri aon anam, uiread ri aon anam bochd, 
le aon do d' ghniomharran, peacach ; thoir 
fainear e 'n dràsta, tha mi 'g radh, air eagal 
gu 'm bi thu air t-èigneachadh gu ghlaodhach : 
— " Uime sin tha mi a' guidhe ort, gu'n cuir- 
eadh tu e gu tigh m'athar ; oir a ta cùignear 
bràithrean agam ; chum gun toir e fìanais 
daibh, air eagal gun tig iadsan mar an ceudna 
do'n ionad ro phiantach so." Ma's ann niar 

M 



13-4 OSNAIDHEAJS BUO IFRINN^ 

sin a ta, an sin their mi cha n-e mhàin ris, 
na cinn-iùil dhalla, seallaibh ribh-fèin, agus na 
dùinibh a mach muinntir eile ; ach tha so a' 
ruigsinn g'an ionnsaidh-san a tha cha n e 
mhain a' cumail anmannan o neamh le searmon- 
achadh, agus a leithid sin, ach tha e labhairt a 
mach dìteadh na h-aiteam ud a bhios air dhòigh 
sam bith nam meadhon gu cuid eile bhacadh 
bho theannadh a steach ri losa Criosd* O 
ciod na cunntaisean dearga bhios iad sud an 
aghaidh nan uachdarannan fearainn beartach, 
ain-diadhaidh ud uile, a tha a' cumail fodha 'n 
cuid tuatha bochda cho mòr 's nach f haod iad 
dol a mach a dh' èisdeachd an f hacail, air eagal 
gu *m biodh na màil aca air an togail, no iad 
fèin air an tionnda a mach à cuid taighean ? 
Ciod a their thu, fhir-fearainn, nach gearr e 
t'anam, 'nuair a chì thu nach b' urrainn thu a 
bhi toilichte le dol a mearachd air neamh thu- 
fèin, ach dh'f heumadh tu saoithreachadh gu èis 
a cur air cuid eile mar an ceudna ? Nach toir 
e dhut leòn sìorruidh ann ad chridhe, araon aig 
bàs agus breitheanas, a bhi air do dhìteadh air 
son sgrios anma do choimhearsnaich, anma do 
sheirbheisich, anma do mhnatha, cuideachd 
maille ri sgrìos t'anma fèin ? Smuainichibh air 
so, sibhse amhaighistearan misgeacha, pròiseile, 
saoibhir, agus fanaideach, smuainichibh air so 
sibhse fhearabh-pòsta fiadhaich toi-bheum- 
aich, a ta 'n aghaidh caithe-beatha diadhaidh 
agus geamnaidh bhurmnathan ; mar an ceudnn 



^O ACAIN ANMA DAMNAITE. 135 

sibhse a ti\ 3* eumail bhur seirbheiseach cho 
cruaidh ri bhur gnothach, 's nach seachain sibli 
dhaibh ùine gu èisdeachd an fbacail, raur bi 
e 'san àit am miann leibh fèin, agus 'nua^r a 
leigeis bhur anamiannan leibh. Ma tha gaol 
agaibh do bhur n-anmannan fèin, do dh'anmannan 
bhur tuatha, do dh'anmannan bhurmnathan, do 
dh'anmann bhurseirbheiseach, dodh'anmannan 
cloinne: mur b' àill leibh èigheach, mur b' àiU 
leibh a bhi a' caoineadh, mur b' àill leibh ealiach 
sgrios' mhuinntir eile a ghiùlan gu bràth : 
an sin tha mi a' guidhe oirbh thugaibh fainear 
an sgeula bhrònach, dhubhach, chràiteach so, 
agus saoithrichibh gu seachnadh a' phianaidh 
anma murtaidh fo 'm beil an truaghan so ag 
osnaich, 's 'g acain 'nuair a tha e 'g radh, 
'' Uime sin guidheam ort gun cuireadh tu e gu 
taigh m'athair. Oir a ta cùignear bhràithrean 
agam, chum gun toir e fianais." Thoir fainear, 
" chum gun toir e fianais dhaibh air eagal, 
gun tig iadsan mar an ceudna do'n ionad ro- 
phiantach ?o." 

Tha aig na briathran so fathast rud-eigin 
eile annta a bharr air na thug mi fòs 
fainear uapa ; tha aon no dha do nithibh eile 
ris am bean mi gu h-aitlighearr, agus uime sin, 
thoir fainear, ars esan, '' chum is gun toir e 
Hanais dhaibh," &c. Thoir fainear, guidheam 
ort, agus thoir an aire do na briatbraibh. '' Gun 
toir e tìnais." Cha n-eil e 'g radh, agus rachadh e 
thuca, no labhradh e riu, no innseadh f 



136 O.SNAIDHEAN BHO IFRIJNJN, 

Hhaibb an leithid so 's an leithid snd do nitht . 
Cha-n eil, ach '' chum is gun toir e fianais," no 
dearbhadh e gu cinnteach bunaiUeach e, mas e 's 
guncuirneachsam bith 'na aghaidh. Thugadh 
e fìanais dhaibh. 'S e na briathran ceudna a 
tha 'n sgriobtur a' gnàthachadh gu foilseachadh 
dian-dhùrachd Chriosd ann an innseadh d' a 
dheisciobuil mu dhèibhinn an tì a bhrathadh e. 
" Agus thug e fianais" ag radh, brathaidh 
a h-aon agaibh mise. Agus " thug e tianais," 
's e sin, labhair e air chor 's gu bualadh, 
no gu buaidh a thoirt air neach sam bith a 
theireadh nach tachradh e. Tha iad nam 
briathran a ta ciallachadh, gu 'n cuireadh 
neach sam bith an aghaidh nan nithe mu 'n 
labhrar gidheadh gu 'm m.aireadh an neach a 
labhradh fathast gu bunailteach ann an labhairt. 
Agus dh' àithn e dhaibh gun searmonaicheadh 
iad, agus gun togadh iad fianais, gur esan a 
bha air òrduchadh le Dia gu a bhi na bhreith- 
eamh air a bheò agus air na mairbh. 
Chum fianais a thoirt dhaibh, thugaibh fainear, 
*s 6 sin a bhi bunailteach, seasmhach, neo- 
ghealtach, nan rachadh a bhacadh agus cuir 'na 
aghaidh. Mar sin ann an so, thugadh e 
*' fianais dhaibh, air eagal gun tìg iadsan mar 
an ceudna do'n ionad ro phiantach so." 

Uaithe so thoir fainear, nach eil e 'na gnothach 
furasda dearbhadh orra-san a tha 'nan cuid 
peacannan beò 'san t-saoghal so, gu 'm feum 
lad, agus gu 'm bi iad air an damnadh mur pill 



iNO ACAIN ANMA DAMXAITK. 137 

lad, agus mur bi iad air an iompach-idh gu Dia. 
" Thugadh e fianais dhaibh/* labhradh e gu 
muinghninneach, dìleas, ged bhiodh iad 
gruamach, coimheach ris, no ged bu mhithait- 
neach leo a seòl labhairt. Agus cia mar a tlia 
'n fhìrinn so air a daighneachadh, air a 
dearbhadh agus air a soilleireachadh le giùlan 
na cuid a's liugha do na dhaoine atha 'ri dràsta 
's an t saoghal, riù-san a tha searmonachadh an 
t-soìsgeil, agus a' feuchainn an staid thruagh 
fèin dhaibh, m,ur taobhaich iad ris. Ma's 
e 's gu 'n dean dnine uiread ri saoilhreachadhda 
rìreadh gu dearbhadh air peacaich an cuid 
peacannan, agus an staid chaillte a thaobh nà- 
duir, ged is èigin daibh a bhi air an damnadh 
ma bhios iad beò agus ma bhàsaìcheas iad 
anns a* chor sin : o cia cho feargach 'sa ta iad 
ris I Seall cia mar a ta e a* toirt breth, their 
iad, èisd cia mar a tha e 'ga ar dìteadh ; tha 
e 'g innseadh dhuinn gu 'n feum sinn a bhi air 
ar damnadh ma bhuanaicheas sinn beò agus 
ma bhàsaicheas sinn anns an staid so : tha fearg 
againn ris, cha-n urrainn sinn fuireach g'a 
èisdeachd, no neach sam bith d' a leithid ; cha 
chreid sinn fear sam bith diù sud, ach thèid 
sinn air ar n adhart anns an rathad anns am 
beil sinn a' dol. Stad, sguir, c'arson a bhiodh 
tu air do bhualadh? ars' an rìgh airi- 
diadhaidh ris an fhàidh, 'nuair a dh'innis e 
dha mu dhèibhinn a pheacannan, 2 E;ichd. 
XXV. J5, 16. 



138 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

Tha mi 'g radh, innis do'n mhisgear gu'm 
feum e bhi air a, dhamnadh mur fàg e chuid 
misge ; do 'n mhionntair, do 'n bhreugadair, 
do 'n mheallta'r^ do 'n mhearlach, do 'n f hear 
shanntach, do luchd na droch cainnte, no do 
mhuinntìr ain-diadhaidh sam bith, gu'm feum 
iad laidhe, agus ga 'n laidh' iad ann an ifrinn 
air a shon, ma bhàsaicheas iad anns a' chòr so ; 
cha chreid iad thu, 's cha toir iad creideas 
dut. 

A rithist, innis do chuid eile gu 'n beil 
iomadh ann an ifrinn a bha beò agus a bhàsaich 
anns an aon chòr riusan, agus mar sin tha iadsan 
coltach r'a bhith, mur pill iad ri losa Criosd, 
agus mur bi iad air am faotainn ann ; no gu 'm 
beil cuid eile a ta 'nan daoine ni's ciùine agus 
ni's stuaime, muinntir (ged tha f hios againn 
nach sàbhail an cuid ciùineachd iad) ma ni sinn 
uiread ri innseadh gu soilleir cho falamh agiis 
cho neo-tharbhach sa tha sin a thaobh tearnadh 
an anmannan, agus nach gabh Dia riù, 's nacli 
gràdhaich e iad, air son nan nithe so, agus ma 
tha iad airson a bhi air an tearnadh, gu'm feum 
iad a bhi ni's fearr air an deasachadh na le a 
leithid so do dh'ionracas ; an darna cuid teichidh 
iad air falbh, agus cha tig iad tuille g'a 
èìsdeachd, no ma thig iad bheir iad leo a leithid 
de chh^on-bhreth 'nan cridheachan, 's nach 
dean am facal air a shearmonachadh feum 
dhaibh, air dha a bhi air a mheasgadh, cha-n 
ann le creideamh, ach le claon-bhreth anntasan 






NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 139 

a dli'èisdeas e, (Eabh. iv. 1,2.) Cha n-e sin 
a mhàin, ach bithidh cuid dhiù cho làn do 
dh'f heirg, 's gu 'm bris iad a maeh agus gu 'n 
gairm iad, eadhon riusan a labhras an f hìrinn, 
luchd saobh-chreideamh ; seadh, agus marbh- 
aidh siad iadj (Luc. iv. 26 — 29.) Agus c'arson 
sin ? Air son gu 'm beil iad ag innseadh 
dhaibh, ma bhios iad beò 'nan cuid peacannan, 
gu 'n dìt sin iad ; gidheadh ma ruitheas iad 
Hgus ma bhios iad beò gu h-ionraic^ do rèir 
lagh naomha cheart, agus mhath Dhè, nach 
tearuìnn sin iad. Seadh, air son gu 'm beil 
sinn ag innseadh dhaibh gu soilleir, mur fàg 
iad an cuid peacannan agus eas-ionracas 
cuideachd, agus mur teann iad a steach ri losa 
Criosdlomnochd,r'af huilagus r'a thoillteannas, 
iigus na rinn e, agus na tha e nis' a' deanamh 
air son pheacach, nach urrainn iad a bhi airan 
tearnadh ; agus mur ith iad feòil Mhic an 
duine, agus mar òl iad fhuiì, nach bi beath' ac/ 
annta ; bithidh iad càs ris air ball, agus bithidh 
iad feargach ris (mar a bha na h-Iudhaich ri 
Criosd, air son nan nithe ceudna a labhairt riu, 
(Eoin vi. 53 — 60), agus teichidh iad air fàlbh, 
an anmannan agus gu lèir ; le strìgh an aghaidh 
teagasg Mhic Dhè, mar da rìreadh tha iad a' 
deanamh, ged nach creid iad gu 'm beil iad 
g'a dheanamh ; agus uime sin esan a ta 'na 
f hear searmonachaidh an f hacal, dh'fheumadh 
e, cha n-e mhain innseadh dhaibh, ach fianais 
a thoir dhaibh a rithist agus a rithist, gu 'c 



140 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

dean an euid peacannean, ma blmanaicheas iad 
annta, an daninadh, agus an daninadh a rithist. 
Agus innseadh dhaibh a rithist, nach dean a 
bhi beògu h-onarach a rèir an lagha, ag iocadh 
do gach aon a chuid fèin, agus a bhi beò gu 
sàmhach còmhla r'an coimhearsnaichean, agus 
a' toirt do na bochdan, am barail mu 'n t sois- 
geul, agus a radh, gu 'm beil iad a creidsinn 
ann anCriosd, math sambith dhaibh aig latha 
mòr a' bhreitheanais. O chàirdean ! cia 
iomadh dhibh air an latha 'n diugh, do 'n robh 
air innseadh aon uair agus a rithist, thairis 
agus thairìs, mu dhèibhinn bhur cor caillre, 
mìllte, air son sibh a bhi a dh'easbhuidh deagh 
obair, fhìrinneach, agus shàbhaih Dhè air 'ur 
n-anmannan ? Tha mi 'g radh, nach robh so air 
innseadh dhuibh, seadh, air thoir mar f hianais 
dhuibh o àm gu àm, gu 'm beil *ur stnid truagh, 
nach eil sibh fathast car idir ni*s fearr, ach 
gu 'm beil sibh fathast 'n *ur seasamh far an 
do sheas sibhj cuid annambeatha ain-diadhaibh 
fhollaiseach, agus cuid air am bàthadh ann an 
naomhachd fhèin-bharalach do chreideamh 
criosdail? Air an aobhar sin, air sgàth Dh^, ma 
tha gaol agaibh do bhur n-anmannan thugabh 
fainear, agus guidhibh air Dia air sgàth losa 
Criosd, gu 'n oibricheadh e leithid dodh'obair 
gràis ann 'ur cridheachaii, agus gu 'n tugadh e 
dhuibh a leithid do chreideamh 'na Mhac losa 
Criosd, a chum gu 'm bi agaibh cha'n e mhàin 
fois ann an so, mar a tha sibh a' saoiisinn, cha 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 141 

n-e mhàin a' shaoilsinn bhur staid a bhi 
sàbhailt am feadh a's beò sibh an so, mar a 
dh' f haodas sibh a bhi sàbhailt a rìreadh, cha 
n-e mhàin an so, ach mar an ceudna 'nuair a 
bhios sibh air triall, air eagal gn 'n èigh sibh 
an cràdh agus an iomacheist 'ur n-anmannan : 
Cuir aon gu mo chòmpanaich a bh' air am 
mealladh le Sàtan, mar a bha mise ; agus mar 
sin le dol air an aghaidh, a thig do 'n àite 
phianaidh so, mar a thàinig mise. 

A rithist, tha aon ni eile gu bhi air a thoirt 
fainear o na briathran so, Thugadh e 
'' fianais dhaibh, air eagal gu' n tig iad do'n ionad 
ro-phiantach so." 

Thugaibh fainear ; air eagal gu 'n tig iad ann, 
mar gu 'n abradh e, air neo thig iad do 'n àite 
phianaidh so, cho cinnteach 's a tha miseanso. 
Uaithe so thugaibh fainear. ged tha cuid do 
dh'anmannan air son peacadh a' tuiteam ann an 
sloc gun iochdar na h-ifrinn' ro an còmpanaich 
air son gu 'm beil iad a' fàgail, an t-saoghaii 
so rompa : gidheadh air do 'n mhuinntir eile 
buanachd anns a' chùrsa cheudna, tha iad gu 
dol cho cinnteach do 'n àit cheudna, as ged 
bhiodh iad ann cheana. Ciamar sin ? Air 
son gu 'm beil iad uile air an dìteadh cuideachd 
gu 'n thuit iad uile fo 'n aon lagh, agus gu'n 
tug iad oilbheum uile do'n ceartas cheudna, 
agus feumaidh iad gu cinnteach, ma bhàsaich- 
eas iad anns a' chor sin, òl cho domhain, mur 
òl ni's doimhne, do 'n lèir-si^rios cheudna. 



142 OSNAIDHEAN BHO ItiaNN, 

Thugaibh fainear, guidheam oirbh ciod a 
deir an sgriobtur, " An tì nach creid, tba e air 
a dhìteadh cheana," Eoin iii. 18. 

Tha e air a dhìteadh cho math riu-san, air 
dha an lagh ceudna a bhriseadh maille riù : 
ma tha chùis mar sin, ma ta ciod as coireach, 
nach compàirtich iad do'n sgrios cheudna maille 
riia ? 'S e mhàin naeh eil aig an aon mhuinn- 
tir an lagh fathast mar sin air a cur an gniomh 
orra, air son gu 'm beil iad an so ; tha aig a' 
chuid eile an lagh air a cuir an gniomh orra, 
tha iad air triall a dh' òl sin a bha iad 
a' deasachadh, agus tha thus' sl deasachadh sin 
anns a' bheath so, a dh'f heumas tu gu cinnteach 
òl. Tha 'n lagh ceudna, tha mi 'g radh^ 'na 
neart 'n 'ur n-aghaidh araon, ach a mhàin 
gu 'm beil esan air a chur gu bàs, agus nach 
eil thusa. Dìreach mar gu 'm biodh cuideachd 
do phrìosanaich aig ionad na binnedìtidh agus 
iad uile air an diteadh gu bàsachadh ; ciod, a 
chionn nach eil iad uile air an cur gu bàs ann 
an aon latha, air an aobhar sin, nach bi iad air 
an cuir gu bàsidir? Bithidh ; an lagh ceudna 
a chuir a cruas an gniomh air an aiteam 
a tha nise marbh gu cinnteach air a 
cuir an gniomh orra-san a ta beò 'na àm 
sònraichte fèin. Eadhon mar sin a ta e an so, 
tha sinne uile air ar dìteadh a thaobh nàduir, 
mur teann sinn a steach ri gràs Dè tre losa 
Criosd, feumaidh sinn a bhi, agns bithidh 
sinn, air ar sgrios leis an lèir-sgrios cheudna ; 



JNO ACAIN ANMA DAMiNAlTE. ] 43 

auus " uime sin cuir e" (ars esatj) '' air eagal" 
lliugaibh fainear, 'gun tig iad do'n ionad ro- 
phiantach so." 

A rithist, Cuir e gu taigh m' athair, agus 
tbugadh e fianais dhaibh, air eagal gu 'n tig 
iad do 'n ionad ro-phiantach so. Mar gu \iì 
biadh e air a radh, faodaidh e bhith, gu 'm 
buadhaich e orra, agus mar sin gu 'ni bi iad 
air an cumail le so, bho thighinn do'n àite 
chràiteach phiantach so. Thugaibh fainear a 
rithist, gu 'm beil e 'na ni comasach tròcair 
f haighinn, ma dh'iarrair i nise, tha mi 'g radh, a 
nis' ann an latha so a' ghràis gu'm piU sinn o ar 
peacannan gu losa Crìosd ; seadh, tha e ni's 
mò na bhi comasach, tha e cinnteach. Agus 
uime sin air son do mhisneach, bitheadh fios 
cinnteach agad, ma 's e 's gu 'n dean thu, ann 
do latha so, gabhail ri tròcair a rèir cùmh- 
nanta. Dhè fèin, agus teanadh ris gu 
h-èifeachdach. Gheall Dia, seadh rinn e 
iomadh gealladh, gu 'm bi t'anam air a ghiùlaii 
sàbhailte do ghìòir, agus gu cinnteach thèid e 
as o na h-uilc ud uile a dh' innis mi dhut; 
seadh, agus o iomadh eile seach na *s urrainn 
mi smuaineachadh. Dean a mhàin mo 
sgriobturan a rannsachadh, agus faic cho làn 
sa ta iad do shòlasan do dh' anam bochd aig am 
beil'nainntinn teannadh a steach ri losa Criosd. 
*' An tì a thig do m' ionnsaidh-sa (arsa Criosd) 
cha tilg mi e air chor sam bith a niacii." Geyi 
bhiodh e na sheanna pheacach, ** cha tilg mi air 



144 OSISAIDHEAN BHO IFlllNN, 

chòr sam bith a mach e :" Thugaibh fdinear 
•* cha tilg air chor sam bith," ged bhiodh e 'na 
pheacach mòr^ ^'cha tilg mi air chor sam bith 
a mach e," ma thig e da' m ionnsaidh. Ged 
rinn e tàir orm cho liugha uair, agus ged nach 
robh spèis aige do shonas no shlàinte anma 
fèin, gidheadh thigeadh e nise gu m' ionnsaidh- 
sa, agus an deigh so, " cha tilg mi air chor sani 
bith a mach e/' (Eoin. vi. 37.) *s cha mò a 
thilgeas mi air falbh anam. A rithist a deir an 
t- Abstol, " 'S e nise." Thugaibh fainear ''a 'nis' 
an t-àm taitneach, 's so a nise latha na slàinte."' 
'Nis an so tha tròcair deagh stòr, a nise tha 
cridhe Dhè fosgailte do pheacaich ; a nise 's e 
bhur beatha ga 'ionnsaidh ; a nise gabhaidh e 
neach sam bith, ma 's e 's gu 'n tig iad gu 
Criosd. " An tì a thig ga m' ionnsaidh-sa,'' 
arsa Criosd, " cha tilg mi air chor sam bith a 
mach e." Agus c'arson } Air son " gur e nis' an 
t-àm taitneach, gur e nise latha na slàinte," (2 
Cor. vi. 2, 3.) Mar gun abradh an t-abstol 
Ma 's àill leibh tròcair a gabhail, gabhaidh i 
nise, biodh i agaibh a nise, teannaibh dlù 
rithe nise. 

Tha'nlatha air leth aigDiagu ghràs a chumail 
ri peacaich ; 's e 'nis an t-àm, 's e 'nisan lathn. 
Tha e fior, tha latha damnaidh ann ach 's e so 
latha tearnaidh. Tha latha a' tighinn, anns an 
èigin do pheacaich " èigheach ris na beanntan 
tuiteam orra, ris na cnuic an còmhdach o 
chorraich Dhè : ach a nise, a nise is e an latha 



I 



I 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 145 

anijs am beil e a* nochdadli a ghràs. Tha latha 
a' tighinn, anns nach bi e air a cheadachadb 
dhuibh sochair aon bhoinne uisge a bhi agaibh 
gu fuarachadh 'ur teangan. Ma 's e nise, tha 
mi 'g radh, ma 's e a nise gu 'n cuir sibh 
suarach a ghràs agus a mhathas a tha e a* 
tairgse dhuibh. A I chàirdean, thugaibh 
fainear tha 'n dràsta dòchasan ri tròcaire, ach 
an uair ud cha bhi ; an nise tha Criosd a' 
taisgse tròcair dhuibh, ach an uair ud cha 
bhi, (Mat. vii. 22.) An nise tha a shearbheiseach 
ann a tha 'g achanaich oirbh gabhail r'a 
ghràs, ach ma chailleas tu 'n cothrom a ta air 
a chuir 'na do làimh faodaidh tusa a ghuidhe 
an deigh so, agus gun tròcair sam bith a bhi 
air a toirt dhut. '' Agus ghlaodh e agus thubh- 
airt e, Athair Abrahaim dean tròcair orm agus 
cuir Lasarus chum gu'n tùm e barr a mheòir 
ann an uisge, agus gu'm fuaraich e mo 
theangha." Agus cha robh ni sam bith air a 
bhuileachadh dha. Air an aobharsin nabiodh 
e gu bràth air a radh mu do dhèibhinn-sa, mar 
a theirir mu dheibhinn chuid, '' C' arson a tha 
luach ann an làimh amadain, a dh' fhaotainn 
gliocais agus e gun rùn aige ?" (Gnà. xvii. 
16.) A' faicinn nach eil riin aige gu feum 
math a dheanamh dheth. Thoir fainear 
. maille riut fèin, agus abair tha e ni's fearr 
dol do neamh no do dh'ifrinn ; tha e ni's 
fearr a bhi air mo thearnadh na bhi air mo 
dhamnadh ; tha e ni's fearr a bhi comhla ri 

N 



146 OSNAIDHEAN BHO IFKINN, 

Daoimh na maille rì anmaibh damnaite ; agus 
tha dol gu Dia ni's fèarr na dol chìim an 
diabhoil. 

Uime sin — " iarr an Tighearn am feadh a ta 
e r'a fhaotainn, gairm air am feadh a ta e arn 
fagus.'' (Isa. Iv. 6.) Air eagal ann ad thrioblai(i 
gu 'm fàg e thu dhut fèin, agus gu 'n abair e 
riut gu soiUeir, Do 'n àite anns am beil mise, 
cha 'n urrainn thu tighìnn. Eoin. viii. 21. 

O na'm faodadh iad-san a th* ann an ifrinn a 
bhi aca nise cuireadh mar e so, cia niar a 
leumadh iad le aoibhneas! Smuainich mi 
cuid do dh' uairean, nan cuireadh Dia a mhain 
aon do mhinistearan a chum na mhuinntir 
dhamnaite ann an ifrinn, agus ùghdarras a 
thoirt da gu searmonachadii saor ghaol Dè 
ann an Criosd air a shìneadh a mach dhaJbh, 
agus air a thairsgse dhaibh, ma 's e nis' am 
feadh a tha e air a thairgse dhaibh gu 'n 
gabhadh iad r' a chaoimhneas ; och cia tait- 
neach a bhiodh an naidheachd so leo agus 
dhaibh, agus cia mar a dhlùthadh iad a steach 
rithe air chumhnanta sam bith I 

Gu cinnteach, theireadh iad, gabhaidh sinn 
ri gràs air chumhnanta sam bith anns an 
t-saoghalj agus bheir sinn taing dhut cuideachd, 
ged chosgadh e bheatha agus cas gu sàil; a 
bharr air asin : cha chaomhain sinn cosgais sam 
hith, ma 's e 's gu 'm faod tròcair a bhi r'a 
faotainn. Ach anmannan truagha am fe.»dh 
a tha ìad beò an so cha dealaich iad ri peucadh 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 147 

rì peacadhrììabhlaidhdodh-àracli na h-ifrinn ; 
cha deaìaich, is fear leo an anmannan a chall, 
na'n cuid peacannan salach. 

Ach a chairid tionndaidhidh tusa do cheòl 
gu caochla fuinn ann an ùine ghearr agus 
èighidh tu, O an truaghan amaideach a ta 
mi ann, gu 'n dìtinn m' anam le peacadh ! 

Is tior, bha agam an soisgeul air a shear- 
monachadh dhomh, agus bha mi aìr mo chuir- 
eadh a steach : agus bha rabhaidh air a thoirt 
dhomh mu dhèibhinn so ; ach " cionnas a thug 
mi fuath do theagasg agus a rinn mo chridhe 
tàìr air achmhasan agus nach robh mi umhal 
do ghuth mo luchd-teagaisg, agus nach d'aom 
mi mo chluas riusan a theagaisg mi ?'' (Gnà v. 
12, 13.) O ! uime sin, tha mi 'g radh, anaim 
bhochd ! am beil dòchas ? Ma tha cuir do 
làimh air do bheul agus pòg an duslach agus 
teann a steach ris an Tighearn losa Criosd, 
agus biodh meas agad air a thròcair ghlòr- 
mhor ; agus guidh mar an ceudna air do 
chòmpanaich gu teannadh a steach ris an 
Tighearn losa Criosd cheudna, air eagal gu 'n 
tèid aon diù sios do dh' ifrinn roi-làimh, 
agus gu 'm bi dùil agaibh le cràdh cridhe ri bhur 
còmpanaich a thighinn 'n-'ur deighe ; agus 
anns an àm sin, le cràdh cridhe a bbi *g 
osnaich agus ag radh." — 

O cuir e gu mo chòmpanaich, agus thugadh 
e fìanais dhaibh, air eagal gu 'n tig iad-san 
mar an ceudna do 'n ionad ro-chràiteach so. 



148 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

A nìse ma ta o na tbubhairt mi, dh' f haodadh 
iomadh ni bhi air a labhairt ann an rathad 
feum agus co-chur ; ach bithidh mi ro 
aithghearr, agus cha dean mi ach beantainn ri 
cuid do nithibh, agus mar sin ni mi co-dhùnadh. 

Agus air iùsy tòisichidh mi le cor brònach 
nam muinntir ud a ta bàsachadh a mach 
à Criosd, agus labhraidh mi rud-eigin air a 
sin. 

Anns an dara h-àiie^ Ris a' cheann mu 
dheireadh do 'n t-samhla, a tha nì 's soilleire 
a beantainn ris an sgriobtur, agus labhraidh mi 
rud-eigin air a sin. 

1. Uime sin tha sibh a* faicinn, gu 'm beil 
a* cheud chuid do 'n t-sàmhla a' gabhail a 
steach dearbhadh muladach air staid aon a bha 
beò agus a bhàsaich a mac à Criosd ; mar a 
chaiU e nèamh air son ifrinn^ Dia air son an 
diabhoil, solus air son dorchadais, aoibhneas 
air son bròin. 

2. Mar nach eil acasan uiread ris a' chòmn- 
fhurt;-a's lugha bho Dhia, a rinn ann an àm 
am beatha an so a bhos, dearmad air tighinn 
thuige-san a dh'iarridh tròcair; cha-n eil uiread 
ri aon bhoinne do dh' uisge fuar. 

3. Gu 'm bi aithreachas air an leithidibh sin a 
dh' anmannan air son amaideas, 'nuair nach 
dean aithreachas math sam bith dhaibh, no 
'nuair a bhios iad air dol seachad air saorsa no 
Ipasachadh. 

4. Gu'm beil na h-uiie còmhfhurt a tha 'n 



NO ACAIN ANMA DNMNAITE. J49 

leithidean sin do dii' anmannan coltach r'a bhi 
aca, anns an t-saoghal so a mhain. 

5. Nach gluais an uile ghearan agus 
osnaichean Dia anns an tomhas a's lugha, 
chum a làimh thròm dhioghaltais a ta orra, 
aotromachadh air son nam peacannan a chuir 
iad an gniomh 'na aghaidh. 

6. Gu 'm beil an staìd thruagh do leasaichte, 
oircha-nfhaod iadgubràth, (tabhairfainear,) gu 
bràth tighinn a mach às a' chòr sin. 

7. Cha bhi an achanaich air son an coimhears- 
naichean ain-diadhaidh air an èisdeachd. 

O na nithibh so ma ta, tha mi a' guidh' ort 
thoir fainear staid nam mninntir ud a bhàsaich 
a mach à losa Criosd; seadh, deiream, thoir 
fainear an staid thruagh ; agus smuainich mar 
so maille riut fein ; Is ceart, ma ni mi dearmad 
air tighinn gu Criosd, is eigin domh dol a chum 
an diabhoil, agus cha dhearmad esan mo thoir 
air falbh a chum nan piantan do-f hulang ud. 

Smuainich mar so maille riut fèin, Ciod, an 
caill mi nèamh bhuan air son sòlas diombuan ? 
An ceannaich mi sòlasan an t-saoghail so le 
luach cho daor ri call m* anma? An toilich 
mi mi-fèin le nèamh nach mair ni's fhaide na 
àm mo bheatha ? Ciod a' bhuannachd a bhios 
annca dhomh-sa, 'nuair a sgaras an Tighearn 
anam agus corp o chèile, agus a chuireas e aon 
diù do 'n uaigh, agus an t-aon eile do dh* ifrinn ; 
agus aig ìàtha a bhreitheanais gur èigin 
binn dheireannach an lèir-sgrios shìorruidh 
a bhi air a toirt 'nam aghaidh. 



J50 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

1. Thoir fainear, nach mair buannach agus 
diomhanas an tsaoghal so gu bràtn ; ach tha 
an t-àm a! tighinn, seadh, dìreach aig na dorsan 
'nuair a theicheas iad uat, agus a dh f hàgas 
iad thu ann am fèith, agus ann an drisean nan 
uile ni rinn thu. 

2. Agus uime sin a chum do chòr truagh 
so a chumail air ais, smuainich mar so maille 
riut fèin. Tha e fior^ tha mi a' gràdhachadh 
mo chuid peacannan, mo chuid ana-miannan 
agus shòlasan ; ach ciod am math a ni iad 
dhomh aig latha bàis agus bhreitheanais. An 
dean mo chuid peacannan math dhomh an 
uair sin ? Am bi iad comasach air mo chòmh- 
nadh 'nuair a thig mi chum mo tharuinn anal- 
ach dheireannaich ? Ciod am math a ni mo 
bhuannach domh ? Agus ciod am math a ni 
mo dhiomhanas, 'nuair a their am bàs nach 
gabh e diùltadh? Ciod am math a ni mo 
chòmpanaich, mo cho-luchd-sùgraidh, mo cho- 
luchd-fanaid, mo cho-bhreugairean, mo cho- 
iiihisgearan^ agus m' uile cho-luchd macnais 
dhomh ? An dean iad comhnadh a chum 
piantan na h-ifrinn a dheanamh socradh 
dhomh ? An cuidich iad so gu làimh Dhè a 
tionndadh o fhraoch-fheirg'aleagadhorm? Cha 
chuidich, cha chuidich, nach ann, a roghainn 
air a sin, a bheir iad air Dia nach nochd e tròcair 
sam bith dhòmh, nach toir e dhomh còmhfhur t 
sam bith : ach 's ann a's ro mò thilgeas 
e sìos mi anns an àite is teotha do dh' ifrinu, 



KO ACAIN ANMA. DAMXAITE. 151 

ffir am faod mi bhi snàmh ann an teine agus 
ann am pronasg gu siorruidh. 

3. Thoir fainear mar so maille riut fèin : 
Am bithinn subhach m' uile pheacannan a 
bhi agam, agus gach aon diù tighinn 'nam 
aghaidh, chum ceartas Dè a lasadh 'na 
m'aghaidh ? Am bithinn subhach a bhi air 
mo cheangal suas annta, mar a bha 'n triùir 
chloinne air an ceangal 'nan cuid aodaich, agus 
lì bhi cho cinnteach air mo thilgeadh ann an 
àmhuinn theinteich corraich an Dè Uile- 
chumhachdaich, 's a bha iadsan ann an àmhuinn 
theintich Nebuchadnesair. 

4. Thoir fainear mar so ; am bitninn subhach 
na deich àintean uile bhi agam, agus gach 
aon diù ullamh chum an cuid urchraichean a 
thilgeadh an aghaidh m' anma.^ A' cheud 
àìnt' ag ràdh, Dìt e, oir bhrist e mise ; an 
dara h-àint' ag ràdh, Dìt e, oir bhrist e mise, 
agus mar sin sios, 

Thoir fainear cho uabhasach sa bhios so, 
seadh, ni's uabhsaiche na ged bhiodh deich do 
na gunnachan mòra 's mò am Breatuinn gu 'bhi 
air an iosgadh an aghaidh do chuirp, tàirnean- 
ach, tàirneanach, aon an deigh aon eile ! Cha-n 
e sin a mhàin, ach cha bu choimis so ris na 
h-urchraichean a loisgeas an laghanaghaidh 
t'anma air son thu ga bhristeadh ! Oir cha-n 
urrainn iad sud ach an corp a mharbhadh ; ach 
inarbhaidh iad so araon chorp agus anam : 



iÒ2 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

a<i^us sin, cha-ii am rè uaire, latlia, mìus, no 
bliadlma, ach dìtidh iad thu gu bràth. 

Thoir fainear, tha e gu bhi chaoidh nan 
caoidhean ! 'Sann a cbum dìteadh sìorruidh, 
leir-sgrios sìorruidh^ corraich, shìorrfiidh agus 
duimb o Dhìa, agartasan sìorruidh cogais, 
còmhnaidh shiorruidh maille ri deamhnaibh. 

O thoir fainear, theagamh gu'n dean smuain 
mu 'n diabhol fhaicinn a nis' a thoirt air 
t'fhalt seasamh dìreach air do cheann. O ach 
so, a bhi air do dhamnadh, a bhi am measg 
nan diabhol uile, agus sin cha n-e mhàin rè 
ìiine mar a thuirt mi roimhe, ach gu suthainn, 
tre uile shìorruidheachd. 

Tha so gu h-iongantach truagh, gu sìorruidh 
iruagh, air chor 's nach eil teanga duine, cha-n 
eil no teangan ainglean, comasach air a chur 
an cèill. 

5. Thoir fainear gu mòr mailie riut fèin, 
Cha n-e mhàin mo pheacannan an aghaidh an 
lagha a bhios air an cur ri mo chunntas, ach mar 
an ceudna na peacannan a chur mi'n gniomh 
ann an deanamh tàir air an t-soisgeul, air an 
t-?"OÌsgeul ghlòrmhor : feumaidh iad so mar an 
ceudna tighinn le guth 'na m' aghaidh ; 
mar so, — cha 'n e sin a mhàin, ach tha e toill- 
teannach air damnadh, oir dhiult e 'n soisgeul, 
rinn e tàir air saor-ghràs Dhè, a ta air a 
thairgs' anns an t-soisgeul. Cia iomadh uair 
a bha thu (a thruaghan dhamnait') air do chuir- 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 153 

eadh, air a ghuidh' ort, air achanaich ort thu 
thighinn gu Criosd chum tròcair a ghabhail, 
chum agus gu'm biodh neamh agad, agus do 
pheacannan air am mathadh dhut, t'anam air 
a thearnadh, do chorp agus t'anam air an 
glòrachadh, agus so uile gun luach sam bith 
ach a ghabhail, agus clann ud Shàtain a 
treigsinn tre chreideamh, a rinn le 'm beadradh 
agus le*m brosgul do tharrainn sìos do 
dhoimhne corraich shìorruidh Dhè. 

Cia minig a leugh no dh' èisd thu na geall- 
aidhean, seadh, saor-gheallaidhean na slàinnte 
choitchinn ? Cia minig a leugh no chuala tu 
comhairlean agus teagasgan an t-soisgeul, 
chum gabhail ri gràs Dhè? Ach cha ghabh- 
adh tu ris, cha robh meas agad air ; chuir thu 
suaraeh iad gu lèir. 

Mar a b' àill leam thu thoirt fainear staid 
dhubhach agus bhrònach nam muinntir a 
bhàsaich a mach à Criosd, agus a tha do leas- 
achadh, mar sin b' àill leam thu thoirt fainear 
na h-iomadh tròcair agus sochair a tha thu a 
mealtainn os ceann ouid (theagamh) do d' 
chompanaìch, a ta air triall a chum an ionadan 
iomchuidh fèin. 

Mar 1. Thoir fainear, tha fathasf snaith- 
ean do bheath' agad air a shìneadh^ ni a 
dh' fhaodadh o chion seachd bliadhna, no 
tuiUeadh, a bhi air a ghearradh às air son do 
pheacannan, agus thusa a bhi air tuiteam sios 
am measg nan lasraichean. 



354 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

2. Thoir fainear, tha chumhachan no rèite 
tre chreideamh ann an Criosd fathast air an 
tairgse dhut, agus thusa air do ghairm, seadh, 
air a ghuidhe ort, gu gabhail riu. 

3. Thoir fainear, cha-n eil ann do chumh- 
achan na rèite (ceadaich dhomh a radh ach) 
a mhain creidsinn ann an losa Criosd, 
leis a' chreideamh sin a ghlanas an cridhe, 
agus a ni f anam comasaeh air beathachadh air- 
san gu h-èifeachdach, agus a bhi air do thearn- 
adh o *n staid bhrònaich so. 

4. Thoir fainear, tha àm do thriall as an 
t-saoghal so am fagus agus th'an, t-àm mi- 
chinnteach, agus mar an ceudna airson 'natha 
dh'f hios agadsa, faodaidh latha gràis a bhi aìr 
dol seachad ortmumbàsaich thu, oir cha-n eil e 
mairsinn cho fada ri beatha mhi-chinnteach an 
t-saoghail so. Agus ma's ann mar sin abhios 
a' chùis, an sin bithidh fios agad, gu 'm beiS 
thu gu bhi air do dhamnadh cho cinnteach 's 
ged bhiodh tu ann an ifrinn cheana, mur gabh 
thu aithreachas anns an àm a ta làthair. 

5. Thoir fainear, faodaidh e 'bhith gu 'm beiì 
cuid dod' chàirdean r'an uile dhìchioll chum 
an gairm agus an taghadh a deanamh cinnteach, 
air dhaibh a bhi air cuir rompa dol do 
nèamh agus thusa a' deanamh do dhìchill a 
cheart cho teann ifrinn a dheanamh cinnteacl* 
dhut-fèin, mar gu 'm biodh tu air cur romhad 
i bhi agad; agus cuideachd maiUe ris an so thoir 
fainear cia mar a phianas e thu, am feadh a 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 155 

blia thus' a' deanamh ifrinn cinnteach dhut 
fèin gu 'n robh do chàirdean a' deanamh neimh 
cinnteaeh dhaibh-san ; ach tuiUeadh de so ann 
an ùine ghearr. 

6. Thoir fainear^ ciod an t-ath-smuainteach- 
adh dubhach a bheir so gu t'anam, a bhi faicinn 
do chàirdean ann an nèamh, agus tu-fein ann 
an ifrinn ; t'athair ann an nèamh, agus tus'ann 
an ifrinn ; do mhàthair ann an nèamh, agustusa 
ann anifrinn; do bhràthair, do phiuthair, do 
chiann ann an nèamh agus thus* ann an ifrinn. 
Mar a thuirt Criosd ris na h-Iudhaich mu 
dheibhiiin an dìlsean, do rèir na feòla, mar siu 
faodaidh mise a radh riut-sa mu dhèibhinn do 
chàirdt^n, '^ Ann an sin bithidh gul agus 
caòineadh^ agus gìosgan fhiacal 'nuair a 
chi sibh* 'ur nathraichean agus hhur màthraich- 
ean^ bhur bràithrean agus bhur peathraichean^ 
Jir-phòsta^ agus mnathan pòsia, ciann agus 
àìsiean^ maìlle ri bhur càirdean agus bhur 
coimhearsnaichean, " ann an rìoghachd Dhè 
iigus sibh fèin air bhur tilgeadh a mach," Luc« 
xiii. 27—29. 

Ach a rithist, do bhrigh nach b' àiU leam a 
nihain innseadh dhut mu staid dhamnaidh nam 
niuinntir ud a bhàsaich no a bhàsaicheas a 
iiiach a Criosd, ach fòs iompaidh a chuir ort gu 
gieim aghabhail air beatha, agus dol do nèamh, 
thoir an aire do na nithibh so a leanas. 

1. Thoir fainear, ciod sam bith a's urrainn 
thn dheanamh, a chum thu bhi air do ghabhail 



156 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

gu taitneach le Dia, cha-n fhiach e salachar do 
chuid bròg, ach tha e '' uile mar luideagan 
salach/' Isa. Ixiv. 6. 

2. Thoir fainear, gu 'm beil agus gu 'n robh 
chum'^achan a' Chumnanta Nuaidh (a thaobh 
tearnaidh) gu h-iomlan air an coilionadh leis 
an Tighearn losa Criosd, agus sin air son 
pheacach. 

3. Thoir fainear, gu 'm beil an Tighearn a' 
gairm riut, gabhail ris gach ni a rinn Criosd, 
agus sin gu saor, Tais. xxii. I7. 

4. Thoir fainear, nach urrainn thu onair as 
mò chuir air Dia le ni sam bith, na ni thu le 
teannadh a steach r'a thairgsean gràis, tròcair, 
agus mathanas peacaidh, Rom. iv. 

A rithist, an ni sin a chuireas ri càch gu 
lèir,bidhdearbhthròcairDhè agad, fuilChriosd; 
luchd-searmonachaidh an fhacail, maiUe ris 
gach searmoin ; uile gheallaidhean, ghairmean, 
earailean, agus uile chomhairlean agus bhag- 
raidhean facail Dè, bithidh agad t'uiie 
smuaintean, bhriathran, agus ghniomhrran, 
maille ri t'uile lòn, t-uile thrusgan, do chadal, 
do mhaoin, agus mar an ceudna na h-uile uair, 
latha, seachduin, mios, agus bliadhna, maille 
ris gach ni eile thug Dia dhut ; tha mi 'g radh, 
do mhi-ghnathachadh orra so uile thig e suas 
ann am breitheanais an aghaidh t'anma. Oir 
ni Dia cunntas riut air son, " gach ni mas 
math no olc,'* Eccles. xii. 14. 

5. Cha n-e sin a mhain ach ni's f haide, tha 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 157 

e na nl cho mì-reusonta do dh' anam an 
soisgeul a dhiiìltadh 's gu 'n tig na dearbh 
dhiabhoil iad-fèìn a steach 'na t'aghaidh cho 
math ri Sodora, am buidheann mhallaichte 
sin : nach faod iad, tha mi 'g radh, tighinn 
a steach 'na t'aghaidh, agus a ràdh, O thusa a 
dhuine ghòraich ! O a thruaghain shalaich ! 
aig nach robh uìread do chùram mu dhèibhinn 
t'anma, t'anma prìseil, 's a th' aig a' bhrùid 
mu dhèibhinn a h àil no th'aig a chù mu 'n 
dearbh chnàimh a tha 'na laidhe fa 'chomhair. 
An robh t'anam cho luachmhor, agus cho 
beag meas agad-sa air ? An robh tàirneanaich 
an lagha cho uabhasach, agus an d' rinn thusa 
cho mòr do thàir orra ? Osbarr an robh an 
soisgeul cho saor, cho tric, cho làn air a 
thairgse dhut, agus gidheadh an do dhiùlt 
thusa na nithe so gu lèir ^ 

An do mheas thu peacadh ni's luachmhoire 
na t'anam ? Dia, Criosd, aingiean, naoimh, 
agus co-chomunn maille riu ann an sonas agus 
an glòir bhithbhuan ? Nach robh air innseadh 
dhut mu dhèibhinn teine-ifrinn, na lasraichean 
do-f hulang ud ? Nach cuala tu riamh mu 
dhèibhinn na rànaich do-fhulang ud aig a' 
mhuinntir dhamnaite a ta ann an sin ? Nach 
chuala no nach do leugh thu riamh na seann- 
achas brònach sin a th' anns an t-sèadhamh 
caibidil deug do Lucas, mar tha 'n duine 
peacach ag èigheach a mach am measg nan 
lasraichean, " Aon bhoinne uisge gu fuarach- 





158 OSNAIDHEAN BHO IFRIMN, 

adh mo theanga ?" Mar so tha mi 'g radh 
taodaidh na dearbh dhiaboil, a bhi ullamh gu 
dol maiile riut a steach do 'n amhuinn loisgeach 
theine agus phronnaisg, ged nach ann air son 
peacannan cho cudthromach, ri do pheacann- 
ansa agus ag ràdh air balla-chrith. — O nach 
ann a bha Criosd air bàsachadh air son 
dhiabhol, mar a bhàsaich e air son duine ! Agus, 
O nach ann a bha 'n soisgeul air a shear- 
monachadh dhuinne, mar a bha e dhutsa ! 
Cia mar a shaothraieheadh sinn gu dlùthadh a 
steach ris ? Ach an-aoibhinn duine, oir cha-n 
f haodadh e a bhi air a thairgse dhuinn riamh : 
cha-n fhaodadh, cha-n fhaodadh anns an 
tomhas bu lugha, ged bhiodh sinn aoibhneach 
air a shon. Ach dhut-sa, dhut-sa, bha e air a 
thairgse, air a shearmonachadh, agus air a 
chuir an cèiU, (Gnà. viii. 4.) — Osbarr, bha air 
a ghuidhe agus air achanaich ort gabhail ris, 
*ch cha b* àill leat-sa. O amadanan gun 
toinisg 1 a dh' f haodadh dol às o chorraich, 
dhioghaltas, o theine ifrinn, agus sin tre uile 
bhith-bhuantachd, agus aig nach robh cridhe 
gu sin a dheanamh. 

6. Nach faod teachdraichean losa Criosd 
mar an ceudna tighinn a steach le cùis-dìtidii 
gheur agus uabhasach an aghaidh t'anma, 
'nuair a sheasas tu a fa-chomhair ionad ceartais 
Dè, ag radh, Cha n-e sin a mhàn, ach thus' 
ain-diadhaich, cia minig, a bha rabhaidh air a 
thoirt dhut mu dhèibhinn an latha so ? Nach 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 159 

do sheìrm sinne caiseamach ann ad chluasan, 
le tròmpaid facail Dè, latha an deigh latha ? 
Cia minig a chuala tu sinn ag innseadh dhut 
niu na nithibh so ? Nach d' innis sinn dhut 
^u *n dìteadh peacadh t'anam? Nach d' innis 
sinn dut, a dh' easbhuidh iompachaidh, nach 
robh tearnadh sam bith ? Nach d' innis sinn 
duc, gu 'm biod iad-san a ghràdhaich an cuid 
peacannan, air an damnadh aig an latha dhorch* 
agus ghruamach so (mar a tha choltas 
orstabhith ?) Gidheadh nach d' innis sinn dhut, 
gu 'n do chuir Dia a mach, a thaobh a ghaoil do 
piieacaich, Criosd gu bàsachadh air an son, a 
chum gu 'm biodh iad-san (le tighinn thuige- 
san) air an tearnadh ? Nach d' innis sinn dhut 
inu na nithibh so ? Nach do ruith sinn, nacii do 
inharcaich sinn, nach do shaoithrich agus nach 
d' rinn sinn spàirn gu paiit (nam faodadh e 
'bhith) air son math t'anma (ged tha e nise na 
anam caillte)? Nach do chuir sinn ar maoin, 
ar anmannan, ar beatha an cunnart? Seadh, 
nach d' rinn sinn eadhon sinn fèin a mharbhadh 
le'r n-achanaichean ort do staid a thoirt 
f dnear, agus an latha uabhasach so a sheach- 
nadh tre Chriosd? O a bhreth, an dìteadii, 
a chrioch bhrònach dhubhach ! 'Nuair a bhios 
tu air t'èigneachadh, gu làn-ghòirt an aghaidh 
do thoiie, gu tuiteam fo fhìrinn a' bhreitheanais 
so, ag ràdh, '' O ! Cionnas a thug mi fuath do 
tiieagasg airus a rinn mo chridhe tair air 
aciimhasan,' oir gii dearbh cha rohh mì 



160 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

** umhal do ghuth mo luchd-teagaisg, agus cha 
d'aon mi mo chluais riusan a theagaisg mi," 
Gnà. V. 12—13. 

7. Nach faod t'athar, do mhàthair, do 
bhràthar, do phiuthar, do charaid, do choimh- 
nearsnach, agus mar sin sios, taisbeanadh le 
gàirdeachas 'na t'aghaidh aig an latha uabh- 
asach ! agràdh, O thus' a thruaghain ghòraich ! 
Nach ceart a choinnich Dia riut! O nach 
ceart a thug e binn ort ! Cuimhnich, cha 
b' àill leat a bhi air do riaghladh, no air do 
chomhairleachadh ann an àm do bheatha ; 
mar nach biodh spèis agad dhuinn fèin 
no do 'r comhairlean 'san àm ud, mar sin cha 
mhò th' oirnne do chìiram as leth do sgrios, 
t' uabhas, agus do dhamnadh-sa nise. Cha-n 
eil, ach seasaidh sinn air taobh Dhè ann am 
breth a thoirt ort gu bhi air do chuir a churn 
na cuibhrionn sin do 'm bi nadeamhnabh agad 
mar luchd-compairt. '* Bidhidh aoibhneas air 
an f hìrean 'nuair a chì e an dioghaltas : nighidh 
e a chasan ann am fuil an duine aingidh," 
(Salm Iviii. 10.) O is truagh I Is leòir e gu 
thoirt air beanntaibh crithneachadh, agus air 
creagan sgàineadh agus sgoltadh 'nam bloidibh 
an f huaim bhrònach, chianail so a' chbiinntinn. 
Thoir fainear na nithe so, agus mas a math 
leat gun a bhi anns a' chor so ; thoir an aiie 
nach bi thu beò ann am peacadh an dràtsa. 
Cia cho aindeonach sa bhios tu a bhi air do 
thilgeadh air falbh o gheatachan nèimh } 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 161 

Agus cia clio aìndeonach sa bhios tu air do 
thoirt o thròcair Dhe? 

Cia rho ain-deònach sa thriallas tu chum 
an loch theine : cha robh fear droch-bheirt 
riamh cho aindeònach air pilleadh o'n chroich, 
an uair a bha tobha na croiche mu mhuineal, 
's a bhios tusa gu tionndadh bho Dhia chum an 
diabhoil, o nèamh gu ifrinn, nuair a bhios 
bìnn air a toirt air t'anam. 

Och ! mar a ni thu osnaich agus caoidh ? 
Cia cho deònach a dh'fhalaicheadh tu thu fèin, 
agus a ruitheadh tu air falbh o cheartas ? Ach 
mo thruaighe ! mar iadsan a ta ann an gobhal 
na croiche ullamh gu a bhi air an crochadh, 
mar sin tàrlaidh dhutsa. Bu toileach a ruith- 
f^adh iad air falbh, ach tha iomadh fear-pìce 
5.U 'mbacadh: agusmar sin iathaidh aingleanDè 
tnu 'n cuairt dut, tha mi 'g ràdh, cruinn air 
gachtaobh ; air chòr 'sgu 'm faod thu darìreadh 
sealltainn, ach ruith cha-n urrainn thu ! 
Faodaidh tu guidhe thu fèin a bhi fo chreig 
no fo bheinn mhòir air chor-eigin," (Taisb. vi. 
15, 16.) Ach cionnus a gheibh thu foipe 
cha-n fhios dut. 

Och cia neo-thoileach sa bhios tu leigeadh le 
t'athar dol do neamh, as t-eugmhais, do mhàth- 
ar no do chàirdean, &c. dol do neimh as 
t-eugmhais fèin ! Cia toiieach a chrochadh tu 
riu, chum an cumail o dhol ann ! O athair ! 
nach urrainn thu mo chòmhnadh ? A mhàthair 
nach h-urrairin dutsa beagan math a dheanamh 



162 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

dhomh ? O cia cho aindeònach sa ta mi air mo 
losgadh agus mo ròstadh ann an ifrinn, am 
feadh abhios sibhse a' seinn ann an nèamh? Ach 
mothruaige! ni'n t-athar, a'mhàthar,aguscàird- 
eanandiiaitadh, tàir orra, agus tionndaidh iad an 
cul riù, ag ràdh, Cha b' àili leibh a bheag de 
nèamh ann bhur beatha, uime sin cha bhi 
bheagsam bith agaibh dheth a nise ; chuir sibh 
suarach ar comhairlean ne an uair sin, agus thii 
sinne a* cur suarach bhur deòir, bhur èigheacii, 
agus bhur còrsa nise. Ciod a tha thu 'gràdh, 
a pheacaich ? Nach cuir so iompaidh air do 
chridhe, 's nach toir e ort thu-fèin a chuimh- 
neachadh ! Nach toir e ort smuaineachadh 
ort fèin ? Tha so an nise mu'n tuit thu anns 
an àit' uabhasach sin, an àmhuinn theinteach 
sin. Ach o thoir fainear cia uabhasach 
eagalach a bhios an t-àit fèin, a bhios 
na diabhoii fèin, a bhios an teine ! Agus an 
so aig crioch nan uile, is èigin dut laidhe gu 
sìorruidh ann an so is èigin dut a bhi ròstadu 
a chaoidh nan caoidhean. Bithidh so ni's 
mò dhut na's urrainn duine sam bith a 
chuir an cèill le teanga, no sgrìobhadh le peanu 
cha-n eil neach sam bith a 's urrainn, tha nii g 
ràdh an deicheamh mìle cuid a chuir an cèiil 
do staidagus-do chòr a leithid do dh' anam. 

Co-dliùnaidh mi so ma ta le beagan do 
bheachdan misnich. 

l. Thoir fainear (oir b'àill leam gu dùraclid- 
ach tiiu tliighinn a steach, a' pheacaich), 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 163 

gu 'm beil sligh air a fosgladh le losa Criosd 
air an son-san a ta fo mhallachd Driè, gu 
tighinn a chum staid chòmhfhijrtach agus 
bheannaichte Lasaruis, mu'n robh mi labhairt: 
Ephes. ii. 

2. Tiioir fainear, ciod an t-saothair a ghabh 
Criosd losa air son t-anam a saoradh o uiie 
mhallachdan, thàirneanaich, agus stoirmean an 
lagha ; bho uile lasraichean do-f hulang na 
h ifrinn' ; o 'n choltas dol-sios anma do 
phearsa (air an làimh chlì) fa chomhair cathair 
bhreitheanais Chriosd losa ; bho cho-chomunn 
sìorruidh maille ri cuideachd do-àireamh do 
dhiabhoil sgreadach, sgriachach, chulaidh- 
uabhais-anma. Tha mi 'g ràdh, ciod an 
t-saothair a ghabh an Tighearn losa Criosd 
ann an toirt saorsainn a steach air son pheac- 
aich, o na nithibh so. 

1. Anns, Ged a bha e saibhir gldheadh gun 
d'rinneadh bochd e air bhur sonsa chuiu 
gum biodh sibhse saibhir tre bhochdainU'San, 
(2 Cor. viii. 9.) Gu 'n do chuir e gu taobh a 
ghlòir, (Eoin xvii.) '• agus gu 'n tàinig e gu 
a bhi 'na sheirbhiseach," Phil. ii. Gu 'n 
dh' fhag e cuideachd ainglean, agus gu 'n do 
chathaich e an aghaidh an diabhoil, (Luc. iv. 
Mat. iv.) Gu 'n d' fhàg e suaimhneas nèimh 
re sheal chum laidhe air beanntaibh cruaidhe, 
(Eoin viii.) A dh'aon f hacal, gu *n tàinig e 
gu a bhi ni's bochte na iadsan a tha 'g 
oibreachadh sùist'a's ràcain ; seadh nau dearbh 



164 OSNAIDHEAN BHO IFUI\N, 

eanlaidh no na sìonnaìch, agus sin uile gu 
niath a deanamh dhut-sa. A bharr air so, 
thoir fainear beagan do'na tarehuisean agus do 
na diùltaidhean do-labhairt agus do-f hulang so, 
agus na mi-ghnàthachaidhean iom-f hilteach so 
a thaìnig air o dhuine. Cia mar a bha e gu 
breugach air a chasaid 's air a dhìteadh, 
air dha a bhi na Uan taitneach neo-Iochdach, 
agus neo-thruaillidh, Cia mar a bha e air a 
chuir suarach, air chor 'sgu 'n robh mortair air 
a mheas ni bu neo-thoillteannaiche air dìteadh 
na esan. A bharr air so, cia mar a rinn iad 
fanaid air, a thilg iad smugaidean air, a bhuail 
iad e sa cheann le batachan, bha fhalt air 
a spionadh às. ** Thug mi mo dhruim do 'n 
luchd-bualaidh (ars' esan) agus mo ghruaidhean 
dhaibh-sana spionm' fhionnadh,chad' f halaich 
mi m' aodann o nàire agus smugaidean." Cia 
mar a bha a cheann air a chrùnadh le droighinn 
a làmhan air an tolladh le tairnean, agus a 
thaobh le sleagh ; maille ris mar a sgiùrs' iad 
e, agus cho truagh sa mhi-ghnàthaich iad e, 
's gu 'n do chlaoidh iad e gu mòr mu'n d' rinn 
iad a cheusadh, air chòr 's gu 'm b' f heudar 
do dh' fhear eile a chrann-ceusaidh iomchair. 

A rithist, cha-n e soa mhain, ach gabh gu d' 
chridh car greis na f huair e bho Dhia, Athair, 
gràdhach, ged b' e a Mhac gràidh agus caomh. 
Air tùs, anns gu 'n do mheas se e am peacach 
agus an ceannairceach bu mhò air an t-saoghal: 
oir chuir e peacannan mhiltean, agus dheich 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 165 

mìltean, agus mìltean do mhìltean r 'a chunntas, 
(Isa. liii.) Agus thug e air an copan uabhasach 
òl a bha dligheach dhaibh uile : agus cha n-e 
mhain sin ach ghabh e tlachd ann an sin 
a deanamh : '' Oir thoilich an Tighearn a 
bhruthadh." Bhuin Dia da rireadh r'a Mhac, 
mar a bhuin Abraham ri Isaac, seadh, agus ni 
b' uabhasaiche mar dheich mìie cuid. Oir 
rinn e cha n-e mhain a chorp a reubadh mar 
ni leòghan, ach rinn e anam 'na iobairt air son 
peacaidh. Agus cha robh so air a dheanamh 
gu meallta, ach gu firineach, (oir ghairm 
ceartas air a shon, air dha a bhi *na 
sheasamh ann an àite pheacach, faic an 
chruaidh-ghleachd oiUteil agus dho-labhairt a 
thuit air gu h-obann anns an ghàradh, mar 
gu 'm biodh uile shaithichean dioghaltais tinnt- 
each do-labhairt Dhè air an tilgeadh air uile an 
aon uair, agus mar gu 'm Ìjiodh na h-uile 
dhiabhol ann an ifrinn air an leigeadh fa-sgaoil 
colath chum a sgrios, agus sin gu bràth ; 
ionnun's 's gu *n do ghlac dearbh phiantan a' 
bhàis e anns an uair sin fein. Oir thuirt e, 
"Tha m' anam ro bhrònach eadhon gu bàs, ' 
Marc xiv. 33, 34. 

Faic mar an ceudna am falas iongantach 
sin a shruth sios air aodann ro-bheannaite-san, 
anns an àit anns am beil e gràdh ; '' Agus blia 
t'hallas mar bhraonaibh mòra f ala a' tuiteam sios 
air an talamh.'' O Thighearna losa ! ciod an sac 
a ghiùlan thu! Ciod an t uallach a dh' iomchair 



166 OSNAIDHEAX BHO IFRINN, 

thu do pheacannan nn t-saoghaìì, agus do 
chorraich Dhè ! O rinn thu cha n-e 
iiìhain t'fhuil a chall air do shròin agus air do 
l)heul, leis a chudthrom a laidh ort, ach bha 
thu cho sàraichte, cho luchdaichte, 's gu 'n do 
bhrììchd an fhuil fliior-ghlan tre 'n fheoil 
agus tre'n chraicionn, agus mar sin ruith i a' 
sileadh sios chum na talmhuinn. An urrainn 
dut so a leughadh. O thus' a pheacaich 
aingidh, agus gidheadh dol air t'adhaidh 
ann am peacadh ? An urrainn thu smuain- 
teachadh air a so, agus dàil a chuir an 
athreachas aon uair ni's f aide ? O a 
chridhe chloiche ! 'seadh, ni's cruaidhe. O 
a thruaghain thruaigh ! Ciod an t-àite 
ann an ifrinn a bhios teth gu leòir air do shon 
gu t'anani a bhi air a chur ann, ma bhuan- 
aicheas tu ann an cur aingeachd ri ain- 
geachd ? 

Osbarr,chaidh anamsasìosdo dh' ifrinn, (Saìm, 
xvi. 10. Gniomh. ii. 31.) agus a chorp fo 
ghlasan na h-uaighe. Agus na'm biodh ifrinn, 
bàs, no 'n uaigh laidir na's leòir gu chnmail, 
dh' fhuiligeadh e dioghaltas teine sìorruidh tre 
uile bhith-bhuantachd. Ach, o losa bheann- 
aichte ! Cia mar a leig thu ris do ghaol do 
dhuine le thu dh' f hulang mar so ! Agus, O 
Dhia an t-Athair! cia mar a chuir thusa an 
cèill t' fhir-ghlaine agus neo-chlaonachd do 
cheartais, anns, ge do b'e t'aon Mhac losa, 
Ddumha, neo-ehiontach, neo-Iochdaidh, agns 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE, 167 

neo-thruaillidh ; a ghabh air, ar nàdur-ne, agus 
a sheas ann ar riochdaine, a freagairt air son 
ar peacannan: rinn thu cho iongantach do 
chorraich a thaomadh air, gu thoirt air èigh- 
each a mach, " Mo Dhia, mo Dhia, c' arson a 
thrèig thu mi ?'* Agus, Thighearn' losal 
Ciod a' bhuaidh ghlòrmhor a f huair thu thar 
nàimhdean ar n-anmannan, eadhon air corraich, 
peacadh, bàs, ifrinn, agus deamhnan, ann* 
gu 'n d' fhàisg thu thu-fèin o bhi fo 'n 
cumhachd-san uile ! Agus cha n-e sin a mhain 
ach chuir thu iad-san ann am braighdeanas, 
leis am b* àill sinne a chur am braighdeanas ; 
agus fòs f huair thu air ar son-ne an oighreachd 
ghlòrmhor agus dho-labhairt sin. Nach fhaca 
sìiil, 's nach cuala cluais, 's nach mo thàinig e 
ann an cridhe dhuine a thuigsinn/' Agus mar 
an ceudna thug thu dhaibh cuid do dh' fhoiil- 
seachadh dheth tre do Spiorad. — Agus a nis' a 
pheacaich, maille ris a' so, thoir fainear. 

Jnns a cheathramh àìte, Ged rinn losa Criosd 
na nithe so uile air son pheacach, gidheadh is 
e gnàth obair agus cùram nan deamhnan a bhi 
saoithreachadh a chum thus agus muinntir eile 
a chumail o na sochairean beannaicht' 
so mhealtainn, a bha mar so air an cusnadh do 
peacaich, leis an losa chaomh so. Tha e 
saoithreachadh, tna mi 'g radh. 

1. Chum do chumail aineolach mu do staid 
a thaobh nàduir. 



168 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

2. Chum do chridhe a chruadhachadh an 
aghaidh sligheachan Dhè. 

3. Chum do chridhe a lasadh le gaol do 'n 
pheacadh, agus do shligheachan an dòrchadais. 

Agus 4. Chum do chumail gu buanachd 
annta so. Oir 's e sin an dòigh, tha fios aige, 
gu t* fhaighinn gu bhi 'na t'fhear co-pàirt 
maille ris do theine lasarach na h-ifrinn, 
eadhon an teine ceudna chum am beil esan 
e-fèin air tuiteam ; maille ris a' chuid eile do'n 
t-saoghal aindiadhaidh, air son peacaidh : 
seall ris air an aobhar so. 

Ach a nis' anns an ath àite, facal misnich 
ihuibhse a ta 'n-'ur naoimh an Tighearna. 

1. Thoir fainear, ciod an staid shona' anns 
àm beil thusa, a fhuair creideamh an Tigh- 
earna losa a steach do t' anam. (Ach bi 
cinnteach gu 'm beil e agad). Tha mi 'g radh, 
cìa cho tearuinte, cho cinnteach, cho sona sa 
ìa thu. Oir 'nuair a theid cuid eile do dh' ifrinn, 
eumaidh tusa a dol do neamh ; 'nuair a thèid 

cuid eile chum an diabhoil, feumaidh tusa dol a 
chum Dhè ; 'nuair a thèid cuid eile do phrìosan, 
feumaidh tusa a bhi air do chuir fa-sgaoil, aig 
socair, agus aig saorsa ; 'nuair a dh' f heumas 
cuid eile a bhi gul le bròn cridhe, an sin 
seinnidh tusa mar an ceudna le aoibhneas 
inntinn. 

2. Thoir fainear, feumaidh tu t'uile dheagh 
chaithebeatha bhi agad gu do ìeantainn, an 



NO ACAIN AiNMA DAMiNAlTE. 16t) 

àite t'uile pheacannan ; agus beanaachdan 
glòrmhor an t-soisgeil an àite mallachdan agus 
dìtidhean uabhasach an lagha; beannachdan 
an Athar an àite binn theinteach o 'na 
bhreitheamh. 

3. Thigeadh am bàs 'nuair a's àill leis, 
eha-n urrainn e cron sam bith a dheanamh 
ortsa ; oir cha bhi e ach a mhàin 'na shlighe 
a mach à prìosan a steach do lùchairt ; a mach 
à cuan do thrioblaidean, a steach do chala na 
sìthe ; a mach a dòmhladas nàimhdean, gu 
cuideachd do-àireamh do chàirdean dealaidh, 
gràdhach, agus dìleas ; a mach à nàire, masladh 
agus dimheas, a steach do ghlòir ro mhòr 
agus sìorruidh. Oir cha dean am bàs do 
chiùradh le ghath, no do ghearradh le fhiaclan 
anam-mhurtaidh, ach 's ann a bhios e 'na 
aoidh thaitneach dhut, eadhon do t'anam, 
agus gu 'm beil e air a chuir air leth gu do 
shaoradh o t'uile thrioblaidean anns am beil 
thu am f eadh a tha thu chòmhnaidh san 
t-saoghal so, anns a' phàilliunn chrè. 

4. Thoir fainear, cia b'e sam bith a 
dh' èireas do d' chairdean agus do d' dhìlsean, 
gidheadh èiridh gu math dhutsa. 

Cia b'esam bith a dh' èireas do'n aingidh, "gidh- 
eadh tha fios cinnteach agam," ars esan, *'gu'n 
èirich gu math dhaibh-san air am bi eagal Dè, 
air am bi eagal 'na làthair," Ecle. viii. 12. 

Agus uime sin, thugadh so ort, anns a'cheiid 
àite, t'f hoighidean a ghnàthachadh gu suiibhear 
p 



170 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

fo na h-uìle thruaighean, ehroìsean, thriob- 
laidean agus shàrachaidhean a dh' fhaodas 
tighinnort; agus le buanachadh gu foighidneach 
ann am math a deanamh araon thu fèin agus 
do ghnothaichean agus do ghniomharran earbsa 
ri Dia, tre losa Criosdmar ri Cruithear dìleas, a 
chumas ri fhacal, agus leis a math gach ni 
gheall e thoirt dhut. 

2. Agus uime sin gu d' mhisneachadh, am 
Peadh a ta thu "'n so, chum do cumail air 
fc'adhart le comhf hurt air son t'uile chroisean 
ann ad thuras san t-saoghal so, bi gu mòr a' 
^muainteach air an àite chum am feum thu 
triall 'nuair a ghairmeas am bàs air falbh thu. 

Feumaidh e bhith gu Dia breitheamh nan 
uile, gu cuideachd do-àireamh do dh' ainglean, 
spioradan dhaoine ionraic air an deanamh 
foirfe, gu cho-thional agus eaglais nan ceud- 
bhreith, aig am beil an ainmean sgrìobht' ann 
an nèamh, agus gu losa (gus an Fhear-shaor- 
aidh) an neach is e Eadar-mheadhonair a 
Chumhnanta Nuaidh, agus gufuil a chrathaidh, 
a tha a' labhairt nithe a's fearr air do shonsa 
na labhair fuil Abeil air son Chain, Eabh. xii. 
22—24. 

3. Thoir fainear, an uair a bhios an t-àm 
anns am bi na mairbh air an togail a\r tighinn 
an sin bithidh do chorpsa air a thogail a mach 
às an uaigh, agus bithidh e air a ghlòrachadh 
agus air a dheanamh coltach ri losa Criosd, 
Phil. iii. 21. O an còr oirdhearc ! 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. l^l 

4. 'Nuair a shuidheas losa Criosd air 
cathair a ghlòire suidhidh tusa mar an ceudna 
maiile ris — eadhon an uair a shuidheas e air 
cathair a ghlòire. O nach bi so glòrmhor 
urramach, an uair a bhios mìlltean agus mìUtean 
do mhìlltean air an dìteadh ann an làthair 
cathair bhreitheanais Chriosd, a sin air an son- 
san suidhe maiUe ris air a chathair, gu binn a 
thoirt a mach air na h-aindiadhaidh, (1 Cor. 
vi. 2. 3.) Nach bi e 'na ni glòrmhor a bhi a 
mealltainn nan nithe ud nach fhaca sùil, 's nach 
chuala cluais, 's nach mo thàinig e steach 
do chridhe duine a thuigsinn ? 

Nach bi e 'na ni glòrmhor a bhreth so a 
thoirt orra, *' Thigibh, sibhse a mhuinntir 
bheannaichte m' Athar-sa, sealbhaichibh mar 
oighreachd an rioghachd a ta air a h-ullachadh 
dhuibh mu'n do shuidheachadh bunaid an 
domhain ?" Nach bi e 'na ni glòrmhor dol a 
steach a sin comhla ris na h-ainglean agus na 
naoimh do 'n rìoghachd glòrmhor sin ? Nach 
bi e na ni glòrmhor air do shon a bhi ann an 
glòir maille riu, am feadh a bhios cuid eile 
ann an piantan do-labhairt ? O an sin ! Cia 
mar a bheir e comhf hurtach dhut a bhi faicinn 
nach do chaili thu ghlòir sin ; a bhi a! smuain- 
eachadh nach d' f huair an diabhol t'anam, gu 
'm biodh t'anam air a thearnadh, agus sàbhailt', 
agus sin cha-n ann o chunnart beag, ach o 
chunnart ro mhòr ; chan ann le slàìnte bheag 
ach le slainte mhòr. O air an aobhar sin 



172 OSNAIDHEAN BHO IFRINN^ 

biodh na naoimh aoibhneach ann an glòir, 
deanadh iad buaidh-caithream thar an uile 
nàimhdean. Tòisicheadh iad ri seinn nèimh 
air talamh, air buaidh-caithream mu'n tig 
iad gu glòir, eadhon 'nuair a tha iad ann am 
meadhon an nàimhdean ; *' Oir bithidh an 
t-urram so aig na naoimh uile," Salm, cxlix. 
5—9. 



" Thuirt Ahraham ris, Tha Maois agns na 
fàidhean ac\ èisdeadh iad riù-san. — Rann 29. 

Anns na rainn roi' so, chì sibh, gu 'm beil 
staid thruagh an anma sin a' bhàsaicheas a mach 
à Criosd, agus àfàbhairàraidii Dhè air am foill- 
seachadh. Agus mar an ceudna, cho beag feart 
sa th' aig Dia glòrmhor nèimh air an cÒr truagh. 

A nis' anns an rann so tha e 'g àrdachadh 
an f hacail a bha air a Jabiiairt ris an t-sluagh 
leis na fàidhean ay^us leis na h-abstoil. '' Tha 
Maois agus na fàidhean ac' èisdeadh iad riu- 
san." Mar gu 'n abradh e, Tha thusa g 
iarraidh orm, gu 'n cuirinn Lasarus air ais a 
rithist do *n t-saoghal, gu searmonachadh 
dhaibhsan a tha beò ann an sin, achum 's gu 'm 
faodadh iad an t-àite brònach sin anns am beil 
thusa a sheachnadh : ciod am feum a nì 
sin ? Nach eil Maois agus na fàidhean 
aca ? Nach robh mo mhinistearan agus mo 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 1/3 

sbeirbhisich air an cuir g'an ionnsaidh, agus 
a' tighinn mar uam-sa ? Chuir mi Enoch agus 
aojus Noah, Maois agus Samuel. Chuir mi 
Daibhidh, Isaiah, leremiah, Eseciel, Daniel, 
Hosea, agus a' chuid eile do na fàidhean, maille 
ri Peadar, Pol, Eoin, Mata, Seumas, lude, 
maille r'a càch, *' èisdeadh iad riu-sa/' Na 
labhair iad le deachdadh an spiorad naoimh* 
aidichidh mise e, cò dhiù a bhios e air son 
darnnadh nam muinntir ud a dhiùltas, no 
tearnadh nam muinntir a ghabh no a ghabhas 
r' an teagasg-san. Agus air an aobhar sin, 
ciod e 'm feum a th^ aca air gu 'm biodh aori 
air achur thuca air dòigh eile ? "Tha Maois 
agus na fàidhean ac', èisdeadh iad riu-san ;" 
gabhadh iad r'a facaì-san, teannadh iad a 
steach ris an teagasg a th' air a chur an cèill 
leo-san. Cha labhair mi aig an àm so ni sam 
bith air an fhacal sin *' Abraham*' air dhomii 
beantainn rischeana; ach innsidh mi duibh ciod 
a tha gu bhi air a thuigsinn leis na briathran, 
*' Tha Maois agus na faidhean ac' èisdeadh iad 
riu-san." Na nitbe a bheir mi fainear uaithe so, 
's iad so, (1.) Gu' m beil na sgriobturan a 
th' air an labhairt le daoine naomha Dhè 'narj 
riaghailt gu leòir gu teagasg a cbum tearnaidh 
an dream a chreideas, agus a tbeanas a steacli 
gu cinnteach ris na tha iad a' teagasg. '* Tha 
Maois agus na fàidhean ac' èisdeadb iad riu- 
san." 'S e sin, na 'm b' àill leo an t-àite cianail 
sin a sheachnadh, agus a bhi air an tearnadh 



174r OSKAIDHEAN BHO IFRINN, 

a rìreadh o phiantan do-fhulang teine ìfrinn, 
mar a tha iad ag iarraidh, tha ac* an sin tha gu 
leòir gu 'n comhairleachadh. »' Tha Maois 
agus na fàidhean aca biodh iad air an teagasg 
leosan, èisdeadh iad riu-san." '^ Oir tha 'n 
sgriobtur uile air a dheachdadh le Spioraid Dhè, 
agus tha e tarbhach chum teagaisg, chum 
spreige^ chum leasachaidh, chum oilean ann am 
fireantachd.'* C'arson ? *'chum gu 'm bi òglach 
Dhè coimhlionta chum gach deagh oibir/* 
(2 Tim. iii. 16, i7.) 

Beachdaich air na briathran so : — *' Tha 'n 
sgriobtur uile tarbhach : Uile, gabh e a^n^n 
an àite sam bith a 's àill leat ;" " Tha e uile 
tarbhach.'' <' A chum gu 'm bi duine Dhè," 
iio esan a tha a' dol do nèamh a' teagasg 
niuinntir eile air an turas a chum an àite sin. 

Tha e tarbhach gu theagasg, ma bhios e 
aineolach, gu chronachadh, ma pheacaicheas 
e, gu chuir ceart, ma tha feum aig air ; gu 
dhaighneachadh ma bhios e ann an ioma- 
chomhairle. Tha e tarbhach air son teag- 
aisg, agus so uile ann an rathad ro ionraic, 
a chum 's gu 'm bi an t-anam cha n-e mhàin 
air a chobhair, ach gu h-iomlan air uidheam- 
achadh, cha-n ann a mhain a chum cuid, ach 
a chum gach uile dheagh oibre. Agus 'nuair 
a b' àill le Pòl Timoteuis a chomhairleachadh, 
gu leantainn dlù ris na nithibh a ta fallan 
agus c.nnteach, chuir se e air ball chum nan 
sgriobturan, ag radh. B' aithne dhut o'n 



NO ACAINN ANMA DAMNAITE. 175 

bba tbu ann ad leanabb, na sgrìobturan, a 
tha comasacb air do dheanamh gbc a chum 
slàinte tre cbreideamb ann an losa Criosd. 
Tha 'n sgriobtur a' cumail a mach inntinn 
agus toil Dè, a ghaol agus a thròcair a thaobb 
an duine, agus mar an ceudna giiìltìn nan 
creutairean da tbaobh-san o tboiseach gu 
deireadh ; mar sìn na 'm b' àill leat aithne a 
bhi agad air gaol Dè ann an Criosd do 
pheacaich, *' A sin rannsaicb na sgriobturan, 
oir is iad san a ta toirt fianais mu tbim, 
chioll-san/' 

Na'm b' àill leat fios a bhi agad ciod a tha 
thu, agus ciod a th' ann ad' chridhe, an sin 
rannsaich na sgriobturan, agus faic ciod a 
tha sgriobbt' annta-san, (Rom. iii. 9 — 18 ; i. 
Ì9 — 31. ler. xvii. 9. Gen. vi. 5. Caib. viii. 21. 
Ephes. iv. 18,) maiUe ri iomadh eile. Na 
sgriobturan, tha mi *g radb, tba iad comasacb 
gu seòladh. foirfe a tboirt do dhuine steacb do 
iji sam bith do nitbibh Dbè, a tha feumail do 
chreideamb agus do dhiadhachd, ma 's e 's gu 'ni 
beil aige cridhe ceart, gu cothromachadh 
agus smuaineachadh gu dììracbdach air na 
nithibh fa leth a tba air an cur sìos annta. 
Mar cboiniis ni's sònraite chum tuilleadb 
soillearaichidh air a so ; agus air tùs ma thig 
sinn gu crutbachadh an t-saogbaiL 

Na'm b' àill leat fios a bhi agad air rud èigin 
mu dhèibhinn sin, leugh Gen. i. agu3 ii. agus 



176 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

('oimeas iad ri Salm xxxiii. 6 Mar an ceudna 
Isa. Ixvi. 2. Gnà. viii. gu crìocli. 

Na'm b' àiil leat fios f haighinn cò dhiù a 
rinn se iad do rud-èigin no do neo-ni, leugh 
Eabh xi. 3. 

N'am b' àill leat fios a bhi agad an do chuir 
e mach saothair sam bith g'an deananih, mar 
a ta sinne a' cur a mach ann an deanamh 
nithibh, leugh Sahn xxxiii. 9. 

Na 'm b' àill leat fios a bhi agad cò dhiù a 
bha 'n duine air a dheanamh le Dia truaiHidh no 
ionraic. leugh Ecles. xii. 26. Gen, i, 10 — 31. 

Na'm b' ài 1 leat fios a bhi agad c' àit an do 
shuidhich Dia an duine an deigh dha chruth- 
achadh, leugh Gen. ii. 15. 

Na'm b' àill leat fios a bhi agad am beil an 
duine sin beò ann an sin fathast no nach eil; 
leugh Gen. iii. 23, 24. 

Na 'm b' àill leat fìos a bhi agad am beil an 
duine fathast anns an staid sin a thaobh uàduir, 
anns an do shuidhich Dia e, leugh Ecles. vii. 
29, agus coimeas e ri Rom. v. 16, agus Ephe^. 
ii. 1 — S. '' Rinn Dia an duine ; ionnraic ach 
dh'iarr e fèin iomadh innleachd a mach." 

Na 'm b' àill leat fios a bhi agad cò dhiù a 
b'e 'n duine a bha air tùs, air a nihealladh, no 
a' bhean, a rinne Dia 'na banna chòmpanach diia 
leugh Gen. iii. 6, agus coimeas e ri 1 Tim. 
ii. J4. 

Na'm b' àill leat fios a bhi agad an do mheas 



NO ACAIN A^MA DAMNAITE. IJJ 

Dia Adhamh ithe do 'n chraoibh thoirmisCTte^ 
a bhi iia pheacadh no nach robh, leugh Rom. 
V. 12 — 15, agus coimeas e ri Gen. iii. I7. 

Na'm b' àill leat fios f haighinn cò dhiù a' b' e 
'n diabhol a mheall iad, no nathair nàdurrach 
sin a ta taghal nan ionadan uaigneach, 
leugh Gen. iii. 12, Tais. xx. 1 — 3. 

Am b' àiil leat fìos f haighinn am beil no 
nach eil am peacadh sin air a chur as ar leth- 
ne, leugh Rom. v. 12 — 15, agus coimeas e ri 
Ephes. ii. 2, 3. 

Na'm b' àill leat fios fhaighinn cò dhiù a 
bha no nach robh an duine air a mhallachadh 
air son a pheacaidh, leugh Gal. iii. 10. Rom. 
V. 15. 

Na*m b' àill lèat fios a hhi acjad cò dhiù a 
thuit a' mhallacbd air an duine, no air a 
chruitheachd gu lèir maille ris, coimeas Gen. 
iii. 7, ri Rom. viii. 20 — 22. 

Na'm b' àill leat fios f haighinn am beil an 
duine air a thruailleadh anns gach earrainn 
deth, leis a' pheacadh a chuir e an gniomh, 
leugh Isa. i. 6. 

Na 'm b' àill leat fios f haighinn aìr tograidhean 
an duine colath 's a tha e air a bhreith, leugh 
Salm Iviii. 3. ^' Tha na h-aingidh a'cìaonadh, 
o'n bhroinn^ tha iad a' dol air seachran o*m 
breith." 

Na'm b' àiU leat fios a bhi agad an urrainn 
duine, air dha tuiteam o Dhia aon uair le 



178 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

peacachadh, e-fèin ashaoradh leis na h-uile a's 
urrainn e dheanamh, leugh Rom. iii, 20, 23. 

Na'm b' àill leat fios a bhi agad an e iarrtas 
cridhe duine a thaobh nàduir, Dia a leanmh- 
ainn 'na rathad fèin no nach e, coimeas Gen. 
vi. 5 ; viii. 21, ri Hos. xi. 7. 

Na'm b' àill leat fios a bhi agad cionnas a 
sheas cridhe Dhè, ann an gràdh do thaobh an 
duine roi' thoiseach an t-saoghal, coimeas Eph. 
i. 4, ri 2 Tim. i. 9. 

N'an b' àiil leat fios a bhi agad an robh ain 
peacadh gu leòir gu gaol Dè a tharruinn o a 
chreutairean coimeas ler. iii. 7« Mica vii. 18, 
ri Rom. V. 6 — 8. 

Na'm b' àill leat fìos f haighinn an do sheas 
gaol Dè fathast do thaobh a chreutairean air- 
son ni sam bith a b' urrainn iad a dheanamh 
a chum co-leasachadh a dheanamh dha, leugh 
Deut. xi. 5—8. 

Na'm b' àiU leat fios fhaighinn cionnas a 
b' urrainn Dia fathast a chreutairean a ghràdh- 
achadh, agus gun mhearachd a dheanamh d'a 
cheartas, leugh Rom. iii. 24 — 26. '^ Air 
dhaibh a bhi air am fireanachadh gu saor le a 
ghràs, tre 'n t-saora a ta ann an losa Criosd ; 
neach a shònnraich Dia 'na iobairt-reitich, 
tre chreideimh 'na f huil, chum fhìreantachd 
f hoiliseachadh le mathanas nam peacannan a 
chaidh seachad, tre f had-f hulangas Dè. 
A dh'f hoiUseachadh tha mi 'g ràdh, fhìreant- 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 179 

achdsan 'san àm a ta làthair ; chutn gu'm biodh 
e cothromach, agus gu'm fireanaicheadh e an 
tì a chreideas ann an losa." 

'S e sin, Air do Dhia a cheartas a bhi air a 
riarachadh ann am fuil, ionracas, agus bàs a 
Mhic fèin losa Criosd air son peacannan 
pheacach bochda, 's urrainn e nise iad-san a 
thearnadh a thig g' a ionnsaidh, air cho mòr 
's ga 'm bi iad nam peacaich agus gun dochann 
a dheanamh d'a cheartas, air son gu 'n d' 
f huair e làn riarachadh, a thoirt d' a leis an f'huil 
sin, 1 Eoin ii. 7? 8. 

Na'm b' àlll leat fios a bhi agad cò e, agus eò 
tha e, a rinn a thaobh a ghràidh bàsachadh 
air son pheacach, coimeas, Eoin iii. 16, 17» 
Rom. V. 7? ri Isa. ix. 6. 

Na'm b' àill leat fios a bhi agad an robh aig 
an t-slànaighear so corp feòla agus chnàimhean, 
mu 'n robh an saoghal ann, no 'n do ghabh se e 
e bho 'n Oigh Muire, leugh Gal. iv. 4. 

Na'm b' àill leat fios a bhi agad an d' rinn e 
anns a' chorp sin ar n-uile pheacannan a 
ghiùlain, agus c' àite, leugh 1 Pead. ii. 24. 
'' Neach a ghiùlain ar peacannan e-fèin 'na 
chorp fèin air a' chrann." 

Na'm b' àill leat fios f haighinn an d' èirich e 
rithist an deigh dha bhi air a cheusadb leis an 
dearbh chorp sin, leugh Luc. xxiv. aig rann 38 
—41. 

Na'm b' àill leat fios f haighinn an d' ith no'n 
d' òl e maiUe r'a dheisciobail an deii^h dha 



180 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

èìrigh às an uaigh, leugh Luc. xxìv. 4à. 
Gniomh x. 41. 

Na 'm b' àill leat a bhi dearbh-chinnteach à 
so, gu 'm beil an dearbh chorp sin an dràst' 
os-ceann nan neul agus nan reuUt, leugh 
Gniomh. i. 9 — 11, Luc. xxiv. 50 gus a' 
chrìoch. 

Na 'm b' àiU leat fios f haighinn, gu 'm beil 
na crith-chreidìch ann am mearachd, a ta 'g 
radh gu 'm beil corp Chriosd an taobh a 
steach dhiù : gabh beachd air an sgriobtur 
cheudna. 

Na'm b' àill leat fios f haighinn ciod a tha 'n 
Criosd sin a bhàsaich air son pheacach a' 
deanamh anns an àite chum am beil e air triall 
leugh Eabh. viii. 24. 

Na'm b' àill leat fios f haighinn cò aig^ 
bhios beatha trid-san, leugh 1 Tim. i. 14, 15, 
Rom. V, 6 — 8, a tha 'g radh, bhàsaich Criosd 
air son pheacach, — air son nan ain-diadhach. 

Na'm b' àill leat fios f haighinn an tèid iad- 
san a bhios beò agus a' bhasaicheas *nan 
peacannan do nèimh no nach tèid, leugh l 
Cor. vi. 10. Tais. xxi. 8—27, a tha 'g radh, 
'* Bithidh an cuibhrionn anns an loch a ta 
dearg losgadh le teine agus pronnasg.*' 

Na'm b' àiil leat fios f haighinn am buannaich 
timhlachd an duine gu 'n bhàsaicheadh Criosd 
air an son, no 'n tearrainn Criosd iad air son 
an ùmhlachd, leugh Marc ii. 17- Rom. 5, 6. 

Na 'iii W lììì leat fios f haighinn am beil 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 181 

ionracas, fireantachd, agus naomhachd a' 
tighinn tre fheartan fala Chriosd, coimeas 
Rom. V. 9. ri Eabh. xii. 12. 

Na'm b' àill leat fios f haighinn an urraìnn 
duine nadurrach fuireach o ghniomharran 
faicsinneach a' pheacaidh o'n leth a mugh an 
aghaidh an lagha mhàin le rùn nàduir, coim- 
eas gu math Rom. ii. 14, ri Phil. iii. 6. 

Na'm b'àill leat fios fhaighinn am faod 
duine a thaobh naduir aithne bhi aige air rud- 
eigin do nithìbh neo-f haicsinneach Dhè, 
coimeas gu dùrachdach Rom. xv. 21, ri Rom. 
ii. 14, 15. 

Na'm b'àill leat fios a bhi agad cia cho fad' sa 
dh' f haodas duine dol air aghaidh ann an 
aideachadh an t-soisgeul, agus gidheadh 
claonadh air falbh, leugh Eabh. vi. 4 — 
6. Faodaidh iad blasad air deagh fhacal 
Dè agus cumhachdan an t-saoghail ri 
teachd : faodaidh iad blasad air an tiodhlaic 
nèamhaidh, agus a bhi 'nan luchd-compàirt 
do'n Spiorad Naomh', agus gidheadh tuiteam 
cho mòr air falbh is nach bi iad air an saoradh 
no air an ath-nuadhachadh gu bràth tuilleadh 
gu aitbreachas. Faic mar an ceudna Luc. 
xiii. 

Na'm b'àill leat fios fhaighinn cia cho 
cruaidh satha e dol do nèimh ; leugh Mat. vii. 
13, 14, Luc. xiii. 24. 

Na m b'àill leat fios f haighinn am beil duine 
Q 



182 OSNAIDHEAN BHO IFKINN, 

a thaobh nàduir 'na chaìrid do Dhia, no 'na 
nàmhaid, leugh Rom. v. 11, Col. i. 21. 

Na'm b'àill leat fios f haighinn air ciod, no cò 
iad a thèid do nèimh an sin leugh Eoin iii. 3 
— 7, agus 2 Cor. v. 7- Mar an ceudna na'm 
b' àiU leat fios faighinn ciod an ni truagh a 
th'ann do mhuinntir sam bith a thionndadh an 
cùl ri soisgeul losa Criosd, leugh Eabh. x. 28, 
29, agus Marc. xvi. 16. 

Na'm b' àill leat fios fhaighinn ciod e 
tuarasdal a' pheacaid, leugh Rom. vi. 23. 

Na'm b' àill leat fios f haighinn c' àit' am 
beil iadsan a' dul a tha bàsachadh gun a bhi air 
an iompachadh gu creideamh Chriosd, leugh 
Salm ix. 17, agus Isa. xiv. 9. 

A Leughadair, ann an so dh' fhaodainn 
iomadh pàipeir a chaithe, seadh, dh' f haodainn, 
leabhair gle mhòr a sgriobhadh, air a' phùing 
so ach an dràsata stadaidh mi, 'g iarraidh ort- 
sa bhi ro eòiach anns na sgriobturan, '< Oir 
is iad sin a ta toirt fianais mu losa Criosd, (Eoin, 
V. 39.) Bha na Bereanaich air am meas uasal 
air son so j <' Bha iad sin na b' uailse na muinn- 
tir Thesalonica, oir ghabh iad am facal da'n 
ionnsaidh leis an uile thogradh a' rannsachadh 
nan sgriobtur gach aon latha," &c. (Gniomh. 
xvii. 11.) Ach an so leig dhomh aon rabh- 
aidh a thoirt dut, 's e sin, thoir an aire nach 
riaraich thu thu-fèin le rannsachadh lom orra, 
gu'n f hior cho-chur air an Tì mu 'm beil iad 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 183 

a' toirt fianais ri t'anam, air ea^al an àìte bbi 
ni's fearr air son na h-oibir so a dhean- 
amh gur ann a bhios tu mòran ni's miosa, 
agus bithidh do dhìteadh ro mhòr le thu 
leughadh ann an sin cho tric mu staid bhrònach 
nam muinntir a bhàsaich 'nan cuid peacannan, 
agus staid ghlòrmhor nam muinntir a dhlùth- 
aich a steach ri Criosd : gidheadh gu 'm 
biodh tu fèin 'na do leithid a dh' amadan 
as gun cailleadh tu losa Criosd a dh'aindeoin 
na dh'èisd agus na leugh thu mu thimchioll. 

<' Tha Maois agus na fàidhean ac', èisdeadh 
iad riu-san/* 

Mar gu 'n abradh e, Ciod am feum a tha 
aca gu 'm bidh aon air a chuir thuca bho na 
mairbh ? Nach eil Maois agus na fàidhean 
aca ? Nach d'innis Maois dhaibh cunnart a 
bhi beò 'nam peacadh ? Deut. xxvii. ]5, 26, 
xxviii. 15 — 'il^xxix. 18 — 22. Nachd'inniseann 
an sin dhaibh, ciod an staid bhrònach anns am 
beil a' mhuinntir ud a mheall iad fèin le ceilg 
an cridheachan, ag radh, Gu 'm bi sìth aca, 
ged a leanadh iad an cuid peacannan, anns na 
briathran so ; '* Agus an uair a chluinneas e 
briathran a mhallachaidh so, gu 'm beannaich se 
e-fèin 'na chridhe, ag radh, bithidh sìth agam, 
ged a thèid mi air m'aghaidh, no ged a 
dh' imichicheas mi ann an smuaintean mo 
ehridhe, a' chur misge ri pathadh : Cha 
chaomhain an Tighearn an duine sin, ach asin 
cuiridh fearg an Tighearna, agus eud, ceò diù 



184 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

na aghaidh, agus laidhidh 'na h-nile mallachd 
a tha sgrìobte 'san leabhar so air, agus dubh- 
aidh an Tighearn a mach ainm o bhi fo 
nèimh." 

A rithist, nach do sgrìobh Maois mu thim- 
chioll an t-Slànaighear a bha gu tighinn an 
deigh sin a chum an t-saoghail ? (Deut. xviii. 
18.) Cha n-e sin a mhàin, ach nach d' rinn 
na fàidhean uile bho Shamuel, maille riu-san 
uile a thàinig 'na dheigh, f hàisneachd, agus 
na nithe so a roi'-innseadh ? uime sin, ciod e 
am feum a th' aca gu 'n oibrichinnn-sa a 
leithid do mhiorbhuil, ri aon a chuir o na 
mairbh do 'n ionnsaidh ? *^ Tha Maois agus 
na fàidhean ac', èisdeadh iad riu-san." 

Uaithe so thoir an aire rithist, gu *m beil 
Dia ag onarachadh sgrìobhaidhean Mhaois 
agus nam fàidhean cho mòr, cha n-e sin a 
mhàin, ach ni 's mò, na ged dh' èireadh aon 
o na mairbh ; '« Nach bu chòir do shìuagh 
iarraidh a chum an Dè ? Ciod a bhi g'iarraidh 
nambeòammeasgnam màrbh! "Chumanlagha 
agus chum nam fianais, (arsa Dia) mur labhair 
iad do rèir an f hacail so, 's ann a chionn nach 
eil solus annta,'' (Isa. viii. 19, 20.) Agus inn- 
seam dhut gu soiUeìr tha mi a' creidsinn 
gu 'm beil aig an diabhol fios air so gu sàr 
mhath, ni a ta toirt air saoithreachadh gu 
gin ann an cridheachan a dheisciobuil agus 
a luchd-leanmhainn smuaintean aotrom mu 'n 
dèibhinn ; agus tha e cur mar f hiachaibh orra 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. J85 

gu 'm beil endhon glunsad o'n cogaìsean 
mealìta, no bho dhroch spiorad fèin, gu a bhi 
air a thoirt fainear, agus lìmhlachd air a ihoirt 
d'a rompasan ; 'nuair a tha dearbh abstol losa 
Criosd, ged' chual e guth o'n ghlòir oirdheirc, 
ag radh, " 'S e so mo Mhac gràdhach-sa, anns 
an beil mo mhor-thlachd," gidheadh a sgrìobh- 
adh a chum nan eaglaisean, tha e a' moladh 
sgrìobhaidhean nam fàidhean roimhe, ag radh, 
"' Tha againn mar an ceudna facal faidhead- 
aireachd a's cinntiche ; da' m math an ni 
sibh aire a thoirt, &c."(2 Pead. i. 27—19.) 
A nise ma tha thu 'n teagamh an e na sgriob- 
turan a ta air an ciallachadh ann an sin le 
facail nam fàidhean no nach e, leugh an ath 
rann, far am beil e labhairt mar daighneachadh 
cinnteach air na briathran so ; " Air dhuibh 
fhiossoabhi agaibh air tùs, nach eil fàidh- 
eadaireachd sam bith do 'n sgriobtur o thog- 
radh dhaoine fèin ; oir cha tàinig fàidh- 
eadaireachd a rèir toil dhaoine bho shean ach 
labhair daoine naomha Dhe mar a sheòladh 
iad leis an spiorad Naomha." 

Agus uime sin ciod an ni truagh a tha e 
do'n dream a tha dol mu 'n cuairt gu aich- 
eadh nan sgriobturan. Innseam dhut, ge 
b* e sam bith mar a ni iad tàir orra an dràsta, 
gidheadh, 'nuair a thig iad do dh' ifrinn, chì iad 
an amaideas : Tha Maois agus na faidhean, aca 
èisdeadh e riu-san. 

Ni's f haide, cò iadsan a th' air an luasgadh 



L 



]86 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

thuige agus uaithe, leis na gaothan fa leth 
teagaisg a bha air an sgaoileadh anns na 
laithibh so, aeh iadsan aig nach robh ach 
meas aotrom air na sgriobturan ; air stèidh a 
mhearachd (mar thuird Criosd) 's e chionn 
nach b' aithne dhaibh iadsan, (Marc xii. 24.) 
Agus gun amharus^ is ceart do Dhia an toirt 
thairis do leanmhainn an cogaisean dorcha, 
dalla fèin, gu bhi air an treòrachadh gu 
mhearachdan, a chum 's gu'm biodh iad air 
an damnadh do dh* ifrinn, nach do chreid 
gu 'm b'e na nithe a th' air an cur sìos anns 
an sgriobtur an f hìrinn, a chum 's gu 'm biodh 
iad air an tearnadh agus gu 'n rachadh iad do 
nèimh. Cha mhath is urrainn mi innseadh 
cia mar a sguireas mi labhairt as letii, agus air 
taobh an sgriobtuir ; a mhàin so tha mi a' 
toirt fainear. " Tha facal gu leòir do 'n 
mhuinntir ghlic ;" agus uime sin earbaidh 
mi na nithe so an làmhan nam muinntir 
a bhuineas do Dhia : agus air son chàich 
deth, their mi riu, mu'n tearainn Dia iad 
o ifrinn le briseadh air f hacaì naomha, ged 
do bhiodh aca mìle anam am fear, sgriosadìi 
Dia iad gu lèir ; Oir cha-n " fhaodar an 
sgriobtur a bhristeadh," Eoin x. 35. 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 18^ 



'' Agus thuhhairi esan: Ni headh, Athair 
Aòrahaim : ach ma thèid neach d'an lonnsaidh o 
na màirbh, ni iad aithreachas.'' — Eann, 30. 

An rann roimlie so, tha f hìos agaibh mar a 
dh'innis mi dhuibh gu'm b' earrainn i do 
fhreagairt do leithid a mhuinntir 's a chaill 
an anmannan ; mar sin tha i na dion do 
rigriobturan Mhaois agus nam fàidhean, 
'• Tha Maois agus na fàidhean ac*, èisdeadh iad 
riu-san.'' 

A nise tha 'n rann so 'na freagairt do na 
bh'air a radh anns an rann roimheso; agus 
'na rann anns am beil diùltadh an f hreagairt 
roimhe. " Ni h-eadh Athair Abraham," ni 
h-eadh, ars' esan, na abair mar sin, na cuir iad 
air falbh mar so, " cuir aon o na màirbh,'* atjus 
a sin bithidh rud-èigin dòchais, Tha e fior, 
tha thu labhairt-mu thimchioll an sgriobtuir, 
mu Mhaois agus na fàidhean, agus ag radh, 
" Eisdeadh iad riu-san ;" ach cha-n eil na nithe 
so cho math 's a b'urrainn domh iarraidh, 
b" f hearr leam gu 'n cuireadh tu neach o na 
màirbh. Anns na briathran ^.0 uime sin, 
" Ni h-eadh, athair Abraham,'' ann an sin tha 
cuir air ais air a thoirt. Ni h-eadh, na biodn 
e mar sin ; ni h-eadh, cha toigh leam am 
freagairt sin : " èisd ri Maois agus ris na 
fàidhean," (thcì 'm facal ceudna air a ghnàfh 
achadb le Criosd.) *• Na h ochd fìr dheug siti 



188 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

air an do thuit an tìir ann an Siloam, agus a 
mhàrbh iad, an saoil sibh gun robh iadsan 'nam 
peacaich os-ceann nan uile dhaoine a bha 'ndn 
còmhnaidh an lerusalem ? Ni h-eadh tha mi 
'g radh ribh : ach mar dean sibh aithreachas 
sgriosair sibh uile mar an ceudna, (Luc xiii. 4, 
5.) Mar sin tha so '' Ni h-eadh, athair Ab- 
raham," &c. Leis an f hacal so, Ni h-eadh, 
uime sin tha air a chiallachadh diùltadh a' 
cheud f hreagairt. 

A nise thugaibh an aire; guìdheam oirbh, an 
reuson air son am beil e 'g ràdh ni h-eadh, 
's e, air son gu 'm beil Dia a' cur thairis iad- 
san uiie leis an àili a bhi air an tearnadh, gu 
toìrt an aire agus gabhail ris an fhìrinn a 
th' air a chuir sios anns an sgriobtur, agus 
sin a chreidsinn. Meas àrd a bhi ac' orra, 
agus an gràdhachadh agus an rannsachadh, 
mar a deir Criosd. " Rannsaichibh na sgriob- 
mran oir is iadsan a tha toirt fianais mu mo 
thiomchioll-sa." (Eoin v. 39.) Ach a deir an aon 
dhamnaite, Ni h eadh, mar gu 'n abradh e, 
'S e so an ni. Gu bhi aithghearr, tha mo 
bhràithrean 'nan as-chreidich, agus cha-n eil 
meas ac' air facal Dè, tha agam-sa fios air 
leam fèin, oir an uair a bha mise anns an 
t"Saoghal, bha mi 'san staid cheudna ; 's iomadh 
searmoin mhath a chuahì mi, 's iomadh uair 
a bha mi air mo chomhairleachadh, 's iomadh 
uair a bha air irtrraldh orm, air a ghuidhe orm, 
air achanaich orm, air a bhagairt orm ; 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 189 

's iomadh uair a f huair mi rabhaidh mu' na tha 
nii nis' a* fulang : ach mo thruaigiie ! bha 
mise aìneolach, fèin-bharalach, iargalta^ ceann- 
laidir, ceannairceach. 'S iomadh uair a 
dh' innis an searmonaiche dhomh gu*m be 
ifrinn mo chuibhrionn, gu 'm briseadh an 
diabhol a mhi-rùn orm, gu'n taomadh Dia a 
chorraich gheur orm, ach bu cho math dha 
bhi air a shearmonachadh do sgonn maide, na 
do na clachan air an do shaltair mi ! rinn 
'f liacail beum ann am chluasan, ach chijra mi 
iad o mo chridhe. Is cuimhne leam gu 'n tug 
e leis iomadh sgriobtur gu dearbhadh, ach orra 
sud cha robh meas agam : na sgriobturan, 
smuainich mise, ciod iad sin? Litir mharbh 
beagan ìnc a's pàipeir, luach trì no ceithir do 
thastain. Och ! ciod e an sgriobtur ? Thoir 
dhomh-sa leabhar òran diomhain, leabhar ùf, 
leabhar sgeulachan ; thoir dhomh leabhar sam 
bith, a theagaisgeas innleachdan iongantach, 
a dh' innseas seann sgeulachan faoine ; 
ach air son nan sgriobturan naomha cha 
robh diùgh agam dhaibh. Agus mar a 
thachair dhomhsa 'nuair-sin, mar sin tha mo 
bhràithrean an dràsta, bha smn uile ann an aon 
spioradj ghràdhaich sinn uile na h-aon pheac- 
annan, chuir sinn uile suarach na h-aon 
chomhairlean^ geallaidhean, misnichean agus 
bagraidhean an sgriobtuir ; agus tha iad 
fathast mar a dh' fhàg mi iad, fathast ann an 
as-chreideamh, fathast a' brosnachadh Dhè 



190 OSNATDHEAN BHO IFRINN, 

agus a* diultadh deagh chomairìe, cruaidhichte 
nan slighe cho aomta chum an cuidpheacannan 
a leanmhainn is ged* bhiodh na sgriobturan 
air am feuchainn dhaibh gach latha searmon- 
achadh theachdraichean Chriosd gus am bi an 
cridhe goirt, gus an tuit iad sios màrbh le 
searmonachadh, 's ann a shaltaireas iad air fo'n 
casan agus an reubadh coltach ris na mucan, 
a roghainn air teannadh a steach ri luchd- 
aidmheil caomh agus beannaichte ud an 
t-soisgeil. '' Ni-h-eadh Athair Abrahain ; 
ach mu thèid neach d'an ionnsaidh o na mairbh, 
ni iad aithreachas." Ged tha Maois agus na 
fàidhean (na sgriobturan) aca cha ghabh iad 
aithreachas agus cha teann iad a steach ri losa 
Criosd, ged tha na sgriobturan a* toirt 
fianais 'n an aghaidh. Ma bhios uime sin, 
math sam bith air a dheanamh dhaibh, 
's fheudar daibh e bhi aca rathad eile. 
" Tha mise a smuaineachadh," ars' esan, " gu'n 
oibricheadh e gu mòr orra nan eireadh neach o 
na mairbh. Agus tha 'n fhìrinn so gun 
amharas cho soilleir, gu'm beil aig muinntirain- 
diadhaidh meas cho aotrom air na sgriobturan, 
's nach feum e moran connsachaidh chum a 
dearbhadh, air dh'i a bhi cho soilleir air a cur 
an cèill le 'n cleachdadh gach latha araon ann 
am briathran agus an gniomharran, ach beag 
anns na h-uile nith a tha iad ag radh agus a' 
deanamh. Gidheadh air son an leughadair, 
a thoileachadh feuchaidh mi dhut le sgriobtur 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. J91 

no dha (ged dh' f haodainn iomadh f heuch- 
ainn) gu'n robh so, agus gu'm beil e, 
fior a thaobh a* chuid a's liugha do'n t-saoghal. 
Faic briathran Nehemiah, anns an naothamh 
caibidil mudhèibhinn chloinn Israeil, muinntir, 
ged a dheònaich an Tighearn daibh tròcair air 
muin tròcair, mar a tha e bho 'n naothamh 
rann deug gus a' chuigeamh rann thar 
f hichead ; gidheadh anns an t-seathamh rann 
thar f hichead, a deir e, " Gidheadh, bha iad 
eaS'Umhal," air son t'uile mhathas do'n taobh, 
"agus rinn iad ceannairc a t'aghaidh," ach 
cionnas? '* agus thilg iad do lagh air an 
culthaobh : agus mharbh iad t' f hàidhean a 
thug fìanais 'nan aghaidh chum am pilltinn 
a t'ionnsaidh agus dh'oibrich iad mòran bhros- 
nachaidh.'' Thoir an aire, (1.) Pheacaich iad 
an aghaidh tròcair. Agus a rithist, (2.) Rinn 
iad tàir air an lagh, no facal Dè. (3.) Mharbh 
iad na fàidhean a chuir an cèill e dhaibh. (4.) 
Mheas an Tighearna sin na bhrosnachadh mòr. 
Faic Eabh. iii. 10 — 19. agus faic Sech. vii. 11, 
12, " Ach dhiùlt iad-san èisdeachd," a deir e 
ann an sin mu thimchioll nan aingidh *^ agus 
tharruinn iad an gualainn air falbhagus dhruid 
iad an chiasan, a chum nach cluinneadh iad 
an lagh." 'Seadh, rinn iad an crideachan 
cruaidh " mar chloich adamant, mu*n cluinn- 
eadh iad an lagh, agus na briathran a chuir 
Tighearn na sluagh le a Spiorad leis na fàidh- 



i 



192 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

ean roimhe so," &c. Beachdaich, guidheani 
ort, tha 'n so mar an ceudna. 

1. Diùltadh èisdeachd ri briathran nam 
fàidhean. 

2. A chum gu'n deanadh iad mar sin, 
dhùin iad an cluasan. 

3. Ma bha ni sam bith gu a bhi aìr a dhean- 
amh, tharruinn iad air falbh an guaileann. 

4. A chum so a thoirt gu buil shaoithrich 
iad chum an cridheachan a dheanamh cruaidh 
mar chloich adamaint. 

.5. Agus so uile, air eagal gu'n cluìnneadh 
agus gu 'n teannadh iad a steach ri losa, agus 
a bhi beò, agus a bhi air an saoradh o 'n 
f hèirg a ta ri teachd. Tha na nithe so uile a' 
cumail a mach neo-thoil gu gèiUeadh do 
bhriathran Dè, agus gabhail riiì, agus mar sin 
ri losa Criosd, mu 'm beil iad a' toirt fianais 
dh' f haodainn mòran sgriobturan eile a thoirt 
a steach air son dearbhadh agus daigneachadh 
an ni so^ mar an Amos, vii. 12, 13. Mar 
an ceudna J Sam. ii. 24, 25. 2 Eachd. xxv. 
15, 16. ler. vii, 23 — 27, xvi. 12. Leugh mar 
an ceudna gu dùrachdach na briathran sin 
ann 2 Eachd. xxxvi. 15, far am beil e 'g ràdh, 
'* Agus chuir Thighearna Dia an aithraichean 
j^os dsLiì ionnsaidh le làìmh a theachdairean 
a'g èirigh gu moch, — a chionn gu'n robh truas 
aige d'a shluagh agus d'a àite-còmhnaidh.*' 
** Agus an do ghabh iad gu taitneach riu.^ 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 193 

Cha do ghabh ; " ach rinn iad fanaid air 
teachdairibh Dhè, agus rinn iad dimeas air a 
bhriathraibh." Agus am b' e sin uile ? Cha 
b' e; '* rinn iad tareuis air fhàidhibh.'* Cia 
cho fad'? *' Gus an d' èirich fearg an Tighearna 
'nan aghaidh : air chor is nach robh leigheas 
ann." Faic mar an ceudna ler. xxix. 19. 
caib. XXV. 3 — 7« Luc. xi. 49. 

Agus a bharr air so, tha iompachadh a 
chuid a's mò do dhaoine a' toirt fianais do'n 
}ii ceudna, araon muinntir dhiadhaidh agus 
ain-diadhaidh, le iad bhi gaeh latha a' diùltadh, 
agus a tiondadh an cùil air teisteas còmhnard 
fian sgriobturan. 

Mar, 1. Gabh na bagraidhean a th' air an 
cuir sios anns an sgriobhadh naomh', agus cia 
mar a ta iad air an dearmad ? Cha-n eil ach 
tearc do dh' àitean anns a' BhiobaU' anns nach 
eil bagraidhean an aghaidh aon pheacaidh no 
peacadh eile ; an aghaidh mhisgearan^ mhionn- 
tairean, bhreugairean, luchd-uailìe, strìopaich- 
ean, luchd-neo-ghloine,luchd-sainnt, luchd-ana- 
eainnt, luchd-foireigin, luchd-foirneart, meirl- 
ich, leisgeadairean a dh'aon fhacal, tha na 
h-uile ghnè pheacannan air an cronachadh, 
agus gun chreideamh anns an Tighearn losa, 
tha peanas goirt gu 'bhi air a chur an gniomh 
orra-san a bhìos ciontach do pheacannan mar 
sin ; agus tha so uile air aithris mu'n 
timchioU anns na sgriobturan. 

Ach air son so uile, nach lionmhor na 

R 



194 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

truaghanan so a' siubhal sìos agus suas 'n ar 
sràidean ! Rach do na taighean-leannan, agus 
chì thu ach beag na h-uile seòniar air cuir 
thairis leo, a' bruchdadh a mach an naire fèin, 
air chòr 's gu 'm beil e gu leòir gu thoirt air 
cridhe naoirah crithneachadh, ionnus 's nach 
b' àill leo cuideachdas sam bith a bhi aca maille 
riu ni's fhaide air son an t-saoghail. Oir mar 
nach eil ràidean nam muinntir dhiadhaidh 
taitneach leis na h-ain-diadhaich, eadhon mar 
sin tha slighean 'nan aingidh nan ghràinealachd 
do na fìreanaibh ; Gnà. xxix. 27, Salm cxx. 5, 
6. 

Tha na sgriobturan ag radh, *' Is mallaichte 
an neach a chuireas a dhòchas ann an duine, 
agus a ni feòil 'na ghairdean dà, agus aig 
am beil cridhe tha claonadh air falbh o'n 
Tighearn." ler. xvii. 5. 

Agus gidheadh cia iomadh anam bochd a ta 
anns an t-saoghal, a ta 'nan seasamh ann am 
fìamh san eagal mòr roi' dhaoine, agus an 
deagh-ghean cho measail aca 's gur fearr leo 
an anmannan a chuir an cunnart ann an làmhan 
an diabhoil maille r'an deagh-ghean, na 
teicheadh gu losa Criosd air son tearnadh an 
anmannan ^ Cha n-e sin a mhain, ach ged tha 
iad dearbhte 'nan anmannan, gur e 'n t-slighe, 
slighe Dhè ; gidheadh cia mar a ta iad a' 
saoithreachadh gu agartas-cogais a mhùchadh, 
agusan cluasana' tionndadhairfalbho'nfhìrinn, 
agus sin uile air son nach àill leo deagh-ghean 



NO ACAIN A.NMA DAMXAlTt. 19." 

elioimhearsnach a ta r'an aghaìdh a chall? 
O ! cha dàna leam aìr son mo mhaighistear, mo 
bhràthar, m'uachdaran fearainn, caiUidh mi 
deagh-dhean a thaigh-oibreach,agus mar sin mo 
dhreuchd a chall. O ars* aon eile, rachainn 
gu toilleach air an t-slighe so, mur b' e m' athair, 
tha e 'g am chronachadh agus ag innseadh 
dhomh, nach seas e mi mar chairid 'nuair thig 
mi gu uireasbhuidh ; cha mheall mi gu bràth 
urrad ri peighinn de a mhaoin ; cuiridh e as 
lìio chòir mi. Agus cha-n f haod mi ars' aon 
eile, le m' f hear-pòsta, oir bithidh e toirt 
anacainnt domh, agus ag innseadh dhomh, 
gu *n cuir e mach air an doras mi, gu'n 
gabh e orm, agus gu 'n gearr e diom mo 
luirgnean. Ach innseam dhut, ma bhios ni sam 
bith diù so, no nithe sam bith eile, cho buadh- 
ach ort an dràst' as do chumail o iarraidh 
an deigh Chriosd na shlighibh bithidh iad 
mar an ceudna cho buadhach maille ri Dia 
'na t' aghaidh^ as a thoirt air do thilgeadh 
air falbh uaithe, air son gu 'm b' f hearr leat-sa 
earbs' à duine na à Dia , agus tlachd a 
ghabhail ann an duine, roi' dheagh-ghean 
an Tighearna. 

2, A rithistj tha na sgriobtiiran ag ràdh, 
*' Am fear a clironaichear gu ininig gidheadh 
a chruaidheachas a mhuineal sgriosar e gu 
h-obann, agus sin gun leigheas,'' (Gnà. xxix, 
1.) Gidheadh tha iomadh cho fad o thionnd- 
adh^ ged bha 'n staid thruagh ceud uair air a 



196 OSNAIDHEAX BHO IFRINN, 

dhearbhadh orra, is nuair a thig geur-mhoth- 
achaidhean no trioblaidean air son peacaidh air 
an cogaisean, gur ann a thèid iad air an adhard 
fathast anns an dòigh cheudna, a' cur an 
aghaidh agus a' mùchadh nan trioblaidean sin 
ged tha sgrios gun leigheas dlù r'an sàiltean. 

3. A rithist, chuala tu bhi 'g ràdh, "Mar 
beireir duine rithist nach faod e rìoghachd Dhè 
f haicinn," (Eoin iii. 3 — 70 Agus gidheadh 
tha thus' a' dol air t-adhard ann an staid 
nàdurrach, cor gun ath-bhreith ; cha n-e sin 
a mhain, ach tha thn a' cur romhad nach pill 
fhu gu bràth, 's nach mò a bhios tu air do 
chaochla, ged tha ifrinn air a comharrachadh 
a dh' aon ghnothach a chum do leithid a 
shlugadh suas (Isa. xiv. 9.) ^< Cuirear na 
h-aingidh gu h-ifrinn na cinnich uile nacb 
cuimhnich Dia." Salm ix. 17. 

4. A rithist, tha 'n sgriobtur ag radh gu 
soìlleir, Gu'm bi aige san a ghràdhaicheas 
agus a ni breug, a chuibhrionn anns an loch a 
ta losgadh le teine agus pronnasg, (Tais. xxi. 
8, 27.) Agus gidheadh tha thusa cho fad' o 
eagal so a bhi ort, 's gur e do thlachd a bhi 
sùgradh 'sa fanaid, agus a* deanamh bhreug 
air son sgillinn, no dà sgiliinn, no seà sgillinn 
do bhuannachd. Agus mar an ceudna 
ma 's urrainn thu do chòmpanaich a dhean- 
amh subhach suigeartach^ le nithibh breug- 
ach innseadh mu 'n timchioll-san i *s fearr 
na thu-fèin, cha mhò agad sin na cuiseai^ 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 197 

no ma chluinneas tu breug mu neach 
eile, aithrisidh tu i, agus mionnn'chidh tu 
gu 'm beil i fior. O is truagh ! 

5. Chual' agus leugh thu, Gu 'm bi e-san 
nach creid air a dhìteadh, (Marc xvi. 16.) 
^' Agus uMch eìl creideamh aig na h-uile, 
(2 Tes. iìi. 2.) Agus gidheadh tha thusa a' 
deanamh tàir cho mòr air na nithibh so, 
's gu 'm beil e coltach gur gann a rinn thu 
riamh uiread ri rannsachadh gu dùrachdach 
an robh thu anns a' chreideamh no nach robh ; 
ach 'sann a tha thu 'ga do thoileachadh fèin 
ìe dòchas cealgair, ni a ghearras Dia fa 
dheireadh air falbh, agus cha mheas se e ni's 
fearr na lion an damhain-allaidh, (lob viii. 
13, 14,) no 'n taigh a th' air a thogail aìr a 
ghainmich, (Luc. vi. 49.) Cha n-e sin a' 
mhàin, ach tha thusa theagamh a' miodal riut 
fèin agus a' smaointeachadh gu 'm beil do 
chreideamh cho math ri creideamh na h-aiteam 
a's fearr diù uile ; 'nuair, mo thruaighe 1 
anaim bhochd, faodaidh tu bhi gun creideamh 
tearnaidh idir agad ; ni nach eil 's nach bi agad, 
mur bi thu air do bhreith a rithist, agus air do 
dheanamh ann ad chreutair nuadh, 2 Cor. ii. 17- 

6. Chuala tu, esan a ni dearmad air slàinnte 
mhòr Dhè nach tèid e gu bràth a's o'n dìteadh 
mhòr, (Eabh. ii. 3, Luc. xiv. 24, Taisb. xlv. 
19, 20.) Agjis gidheadh 'nuair a tha thusa 
air do chuireadh, air t-aslachadh, agus air ach • 
anaich ort tighinn a steach (Luc. xiv. I7, 18, 



198 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

2 Cor, V. 19, 20, Rom.xii. 1), gabhaidb tuleis- 
geul a dh' f hòghnas leat. Cha n e sin a mhàin, 
ach bithidh tu cho ain-diadhaidh i& gun cuir 
thu Criosd air falbh àm an deigh àma, ged a 
tha e cho saor air a thairgse dhut; beagan 
fearrainn, beagan do dhaimh, do chrodh, 
tuathanas, bean, fiach dà sgiliinn, àbhaehd ; 
cha n-e sin a mhàin, ach tha eagal fanaid, no 
magaidh ni's comasaich' air do tharruinn air 
tais, na tha tearnadh t'anma gu do tharuinn 
air t'aghaidh. 

7. Agus chuala tu, *' Ge be air bith neach 
leis an àill a bhi na charaid do'n t-saoghal tha 
e 'na nàmaid do Dhia," (Seum. iv. 4.) Ach 
cha-n eil feart agad-sa air na nithibh so, ach 
an ceart aghaidh sin, a roghainn air thu bhi 
machà càirdeas agus deagh-gheanan t-saoghaiU 
sa^ peacaichidh tu an aghaidh do chogais fèiti, 
agus gheibh thu-thu fèin a steach do dheagh- 
ghean le miodal as brosgal a dheanamh ris an 
t-saoghal, Seadh, a roghainn air thu dh' f halbh 
as eugmhais meallaidh tu, ni thu breug, cul- 
chàinidh tu do choimhearsnach, agus bithidh 
ceud cleas a's car eile agad. 

8. Chuala tu gu 'm beil làtha 'bhreitheanais 
am fagus, anns am feum thus' agus mise, agus 
na h-uiie taisbeanadh an làthair cathair- 
bhreitheanais losa Criosd, agus cunntas a thoirt 
- dhà-san ann an sin a ta ullamh gu breth a 
thoirt air a* bheò agus air na mairbh ; eadhon 
mu na h-uile a rinn sinn riamh, seadh, mu ar 



KO ACAIN AISMA DAMNAITE. J 99 

n-uile pheacannan ann an smuain. facal, agus 
gnlomh, agus a bhi gu cinnteach air ar dìteadh 
air an son cuideachd, mur teann sinn a steach 
ri ar Tighearn Tosa Criosd, agus ris na rintj 
agus na dh' f huilig e air son beatha mhaireann- 
ach, agus sin cha-n ann gu ceann-bharaileach, 
no gu beul-aithriseach, ach gu fìrinneach agus 
gu tearainnte, ann an cumhachd, agus le oib- 
reachadh an Spioraid, tre chreideamh ; (Ecles. 
xi. 9, 12, 14— Eabh. ix. 21— Gniomh. x. 42, 
xvii. 30, 31—2 Cor. v. 10— Tais. xx. 12)— 
" Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus 
mòr, nan seasamh am tìanais Dè agus 
dh' fhosgladhnaleabhraichean : agus dh' fhos- 
gladh ìeabhar eile, eadhon leahhar na beatha 
agus thugadh breth air na mairbh às na nithibh 
sin a bha sgrìobht' anns na leabhraichean." 
Tha leabhar nan creutairean, leabhar nan 
cogaìsean, leabhar-cuimhne an Tighearna, 
leabhar an lagha, leabhar an t-soisgeil. (Rom. 
1.20, ri Rom. ii. 12, 15, Tais. vi. 19, Eoin 
xii. 48.) " An sin tearbhaidhe iad o chèile, mara 
thearbas buachaiU, a chaoirich air a làimli 
dheis, agus na gobhair air a làimh chlì." Agus 
their e riu-san air a dheis. '' Thigibh, a dhaoine 
beannaichte" Ach ri càchtheir e imichidh 
uain ashluagh mallaichte, (Mat. xxv. 80 — 41.) 
Gidheadh, ged tha na sgriobturan cho soilleir 
agus cho pailte a' labhairt mu na nithibh so, mo 
thruaighe ! cò an sin a ta air an sgaradh o 'n 
t-saoghal, agus o' n cuid peacannan agus 



200 OSNATDHEAN BHO IFRINN, 

thoil-inntinn, gu teicheadh o'n f hèlrg a ta rì 
teachd ? (Mat. iii. 70 Ged tha 'n sgriobtnr 
ag radh mar an ceudna. Gu 'n tèid nèainh 
agus talainh thairis mu'n dean aon lide no aon 
phunc do *n fhacaì fàillinn, gus am bi 'n 
t-iomlan air a choilionadh, Tha iad cho 
cinnteach, Mat. v. J8. 

Ach a' fàgail nam bagraidhean, thigeamaid 
a dh' ionnsaidh nan geallaidhean, agus labh- 
ramaid rud-èigin mu *n timchioll, agus faodaidh 
sibh f haicinn cho aotrom sa thadaoine g*an cur, 
agus cho beag meas sa th' aca orra, ged 's e 
beul an Tighearna fèìn a labhair iad. 

1. Pillibh, sibhse amadanan, sibhse a luchd- 
fanaid, sibhse a* mhuinntir ghòrach, le *m 
achmhasan-sa, agus feuch taomaidh mi mach 
mo Spiorad oirbh, (Gnà. i. 23.) Agus gidheadh 
is fearr le muinntir a bhi 'nan cuid amaideas, 
agus fanaidean Fathast, agus is fearr leo gabh- 
ail gu dlìa ri ana-miann salach air chor èigin, 
na gabhail ri Spiorad naomha, neo-thruaiUidh, 
beannaichte Chriosd, trid a' ghealladh, ged 's 
ann leis, a tha cho liugha 's a ghabhas ris, 
'* air an seuladh a chum latha na saorsainn,"* 
(Eph. i. 39.) Agus nach buin an tì a bhios 
beò agus a bhàsaicheas as easbhuidh, do 
Chriosd, Rom, viii. 9. 

2. Thuirt Dia, mas e 's gu 'n tig thu ga 
ionnsaidh-san tre Criosd, Ged bhiodh do pheac- 
annan cho dearg ri sgàrlaid, bithidh iad cho 
geal ri sneachd, agus cha tilg e aìr chòr sam 



NO ACAIN AKMA DAMNAITE. 203 

san bitli air falbh,thu (Isa. i. 18, ri Eoin vi. 27.) 
gidheadhchatiganmannan boehda gu Criosd, a 
chum is gum faigh iad beatha, (Eoin v. 40.) 
ach a roghainn air tighinn, " 's ann a tha iad, 
a rèir an cruais agus an cridhe neoaith- 
reach, a' càrnadh suas fèirge dhaibh-fèin fa 
chomhair latha na fèirge, agus foillseach- 
aidh ceart bhreitheanas Dè," Rom. ii. 4 — 6. 

3. Thuirt Criosd losa ann am facal na 
firinn, ma riaraicheas agus ma leanas duine 
sam bith e. An t-àit anns am beil es-an an sin mar 
an ceudna gu 'm bi a sheirbhiseach, (Eoin xii. 
16,) ach gidheadh is fearr le anmannan bochda 
a bhi a' leanmhainn peacaidh, Shàtain, 
agus an t-saoghail, ged 's e na còmpanaich 
a bhios aca diabhoil, agus anmannan damnaite 
gu bràth, Mat. xxv. 41. 

4. Thuirt e mar an ceudna, larr an tùs 
rìoghachd Dhè, agus bithidh na h-uile nithe 
eile air an cuir ris. Ach iarradh neach sam 
bith leis an àill rìoghachd nèimh air tùs, 
air an son-san ; oir gabhaidh iad an ceudàm, am 
feadh amhaireas àm, gu nithe na beathasofaigh- 
inn. Agus ma bhios a' chùis mar sin, gu 'm 
feum iad nèimh iaraidh no bhi air an 
damnadh, fanaidh iad gus am bi ni 's mo de 
shocair aca no gus am fearr as urrainn iad 
feitheamh ris ; no gus am bi nifche eireachdail 
eir aca mu'n cuairt daibh ; no gus am bi iad 
ni's sine ; 'nuair nach bi bheag eile aca r a dhean- 
amh; no 'nuair a dh'f hàsas iad tinn, agus gu 



202 OSNATDHEAN BHO IFRINN, 

bàsachadh. A sin a Thighearn dean tròcair 
orra; ged is deich mìle ri aon murtèid iad am 
niugha gu bràth. 

Oir tha'n dòigh so aig an Tighearna gu coit- 
cheann chum buntainn ri peacaich a tha 'g 
a chuir uatha 'nuair a tha e a' strì riu, "• An 
darna cuid gaire dheanamh r' an truaighe, agus 
fanaid 'nuair a thig an eagal," (Gnà. i. 26. 
28,) no 'n cuir chum nan dè a riaraich iad, 
's iad sin na dibhoil, (Breith. x. 13, 14,) 
Siubhlaibh chum nan dèe do 'n d' rinn sibh 
seirbhis agus saoradh iadsan sibh, ars' es-an 
coimeas so ri Eoin xiii. 44» 

5. Thuirt e, Cha-n eil duine sam bith a 
thrèigeas athair no màthair, bean, no clann, no 
tearann air a sgàth-san, agus air sgàth an 
t-soisgeil, nach bi aige ceud fìllte uiread anns 
an t~saoghal so, maiUe ri geur-leanmhainnean, 
agus anns an t-saoghal ri teachd beatha-mhair- 
eannach,'' Marc x. 29, 30. 

Ach tha chuid a *s mò do dhaoine cho fad 
is o cinnteachas 'n ni so chreidsinn, 's gur 
gann a chailleas iad cosnadh sgillinn gu èisd- 
eachd ri facal Dè, soisgeul na slàinte. Cfia 
n e sin a mhàin, ach cha tèid iad fèiìi, 's cha 
mhò a d'fhuiligeas iad do mhuinntir eile dol 
(ma 's urrainn iad a leasachadh), gun a bhag- 
airt gu 'n dean iad olc dhaibh, mas urr^^inn 
iad : cha n-e sin a mhàin ach ni's fhaide, tha 
mòran cho fad o dhealachadh ri buannachd 
shaoghalta sam bith, air sgàth Chriosd agus an 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 203 

t-soisgeil, 's gur h.ann a tha iad do ghnà a' 
strìgh, le dubhan agus cromag, mar a their 
sinn, le mionnan,a'deanamh bhreug, mealladh, 
caradh, goid, sannt, foirneart, foireigin, meall- 
taireachd, duaisbhratha, miodal, no dòigh 
sam bith eile, gu tuilleadh fhaotainn, ged 
gheibh iad maille riù so, bàs, fearg, dam> 
nadh, ifrinn, an diabhol, agus na h-uile phlàigh- 
ean a 's urrainn Dia a thaomadh orra. Agus 
ma bhios muinntir sam bith ann nach ruith 
còmhla riu a chum an ana-mheasarrachd 
cheudna, ach a roghainn air sin air son an uile 
bhagraidhean, a bhios cho dàna agus cho neo- 
chùramach (mar their iad) asgu leanmhainn ràid- 
ean Dhè; mur urrainn iad tuilleadh a dhean- 
amh, gidheadh geuraichidh iad an teangan colt- 
ach ri claidheamh, chum an lot, agus an dochan 
as mo is urrainn iad a dheanamh dhaibh, araon 
ann an labhairt 'nan aghaidh r'an coimhears- 
naich ri mnathan, ri fir-phòsta, ri uachdaranan- 
fearainn, agus a' togail sgeuiachan brèi^e 
mu'n dèibhinn. Achthugadhmuinntir marsinan 
aire, aìr eagal gu 'm bi iad ann a leithid do staid 
agus de chòr brònach dubhach anns an robh 
esan, a thuirt an cràdh agus am pian anma, 
'* Aon bhoinne do dh' uisge fuar gu fuarachadh 
mo theanga." 

Mur so dh* f haodainn mòran a chuir ris do 
nithibhamach as an sgrìobhadh naomha, araon 
bagraidhean agus geallaidhean, thuilleadh air 
na comhairlfan nèamhaidh ud, na eronachair* 



204 OSNAIDHEAN BHO IFRIXN, 

ean gaolach ud, na gairmean 's na guidhean 
saor ud do na h-uile seòrsa pheacach, 
araon sean agus òg, beartach agus bochd, daor 
agus saor, glic agus gòraeh. lad sin uile, bha 
iad, tha iad, agus tha aobhar eagail cho fad 
'sa mhaireas an saoghal, gu 'm bi iad air an 
saltairt fo chasan nam muc ud (cha abair mi 
daoine riu), a bhuanaicheas ann an deanamh 
mar sud. Ach gabh beachd do chuid diù. 

1. Comhaìrle Ciod a' chomhairle nèamhaidh a 
tha sin, far am beil Criosd ag ràdh, " Ceannaich 
uamsa òr air a dhearbhadh an teine, a chum 
's gu'm bi thu saibhir, agus aodach geal, a 
chum gu*n comhdaichear thu, agus nach bi 
nàire do lomnochdaidh follaiseach," (Tais. iii. 
17, 18.) Mar an ceudna sin, «'• Ho ! gach 
neach air am beil tart thigibh a chum nan 
uisgeachan, seadh thugibh ceannaichidh gun 
airgead àgus gun luach f (Isa. Iv. 1.) " Eisd- 
ibh, agus mairidh 'ur n-anaman beò," rann 3. 
Gabhaidh greim do mo neart-sa, a chum 
*s gu 'm faod sibh sìth a dheanamh-rium, agus 
ni sibh bhur sìth rium, Isa. xxvii. 5. 

2. Teagasg. Ciod an teagasg a tha 'n so ! 
*' Eisdibh ri teagasg, agus bithibh glic, agus 
na diùltaibh e. Is beannaichte an duine a 
dh' èìsdeas rium (arsa Criosd), a' faire aig mo 
gheataidh gach làtha a' feitheamh aig ursann- 
an nio dhorsan : oir es-an a gheibh mise,^ 
gheibh e beatha, agus gheibh e deagh-ghean 
Deanaibh saothair cha-n ann air son a bhidh a 



NO ACAIN AMMA DAMNAITE, 205 

tbeirgeas, ach air son a* bhidh a mhaireas 
chum na beatha sìorruidh o 'n Tighearn " 
(Gnà. viii. 3e3 — 35.) '' Thugaibh an aire nach 
meall duine sam bith sibh air chòr sam bith." 
" Saoithrichibh cha-n ann air son a bhìdh a 
thèid 'am mugha, ach air son sin a mhairews 
chum na beatha mhaireannaich, " Deanaibh 
spàìrn chruaidh gu dol a steach air a' 
gheata chumhann. Creid anns an Tighearn' losa 
Criosd, agus bithidh tu air do thearnadh/' 
(Gnà. viii. 33 — 35, Eoin yì. 27, Gniomh. xvi. 
31.) Na creidibh na h-uile spiorad, ach dearbh- 
aibh na spioradan. Na mùchaibh an spiorad. 
Gabhaibh grèim air beatha shìorruidh. *' Gu 
ma h-ann mar sin a dhealraicheas bhur solas 
an làthair dhaoine, chum gu 'm faic iad bhur 
deagh obair, agus gun toir iad giòir do bhur 
n-nathair a ta air nèamh," (Mat. v. 16,) 
" thugaibh an aire agus bithibh 'n ur faire an 
aghaidh cealgaireachd,'' " deanaibh faire, agus 
bithibh stuam. lonnsaichibh dhiom-sa (arsa 
Criosd), Thigibh g' am ionnsaidh sa/' 

3. — Roi rabhaidh. Ciod an roi-rabhaidh 
a ta 'n so ì 

A chionm gu'm beil fearg riut, tabhair an 
aire nach toir e air falbh thu le a bhuile an sin 
chashaor èirigmhòr thu. (lob xxvii. 18.) *^ Na 
bithibh rifanaidaireagalgundeanairbhurcuibh- 
richeanlàidir;oirchualamioIehobhahTighearna 
nan sluagh sgrios eadhoin air a shònrachadh 
air an tìr uile/' (Isa. xxviii.22.) Thugaibh an 
s 



206 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

aire, uime sin, air eagal gu 'n tig oirbh sin 
a ta sgrìobhte. Feuchaibh, sibhse a luchd- 
tarcuis, agus gabhaidh iongantas, agus rachaibh 
am mugha. Oir feuch, oibrichidh mise oibir 
ann *ur lathaibh-sa, oibir nach creid sibh idir, 
ged chuireadh duine an cèill i duibh, (Gniomh. 
viii. 40, 41.) '' An tì a shaoileas e bhi 'na 
sheasamh, thugadh e aire nach tuit e." (1 Cor. 
X. 12.) "Deanaibh ùrnaigh, chum 's nach tuit 
sibh ann am buaireadh,'' (Luc. xxii. 40.) 
" Uime sin Biodh faitcheas oirnn air eagal 
air bhi do ghealiadh dol a steach d'a 
shuaimhneas air f hàgail againn, gu 'n tigeadh 
aon neach agaibh an dèigh-làimh air," 
(Eabh. iv. 1.) ** Uime sin is àill leam bhur 
cuir an cuimhne ged bha fhios agaibh aon 
uair air so cionnas an deigh do'n Tighearnci 
am pobull a shaoradh à tìr na h-Eiphit asgrios 
e an deigh sin an dream nach do chreid,' 
(lud. 5.) Deann grèim daighean air na'm beil 
agad, chum nach glac duine sam bith do chrùn, 
Tais. iii. 11. 
4. — Comhfhurf. Ciod an comhf hurt a ta 'n so ? 
An tì a thig do m' ionnsaidh-sa, cha tilg 
mi air chòr sam bith a mach e,'' (Eoin vi. 37-) 
" Thigibh a m' ionnsaidh-sa sibhse uile a ta ri 
saothair, agus fo throm uallach agus bheir mise 
suaimhneas dhuibh," (Mat. xi. 28.) "Biodh 
deagh mhisneach, agad tha do pheacannan 
air am mathadh dhut, (oir) ghràdhaich mise 
thu le ^ràdh sìorruidh/' (ler. xxxi. 3.) " Tha mi 



I 



NO ACAÌN ANMA DAMNAITE. 207 

a' leagadh sios mo blieath air son mo chaoirieh/' 
tha mi a' leagadh sios mo bheatba chum 
gu 'm bi beath' aca-san agus a chum gu 'm bi 
i aca ni's ro phailte. "Chuala mi thu ann an 
àm taitneach, agus ann an latha slàinte 
chuidich mi thu." (2 Cor. vi. 2.) Ged bhiodh 
am peacannan mar sgàrlaid, biodh iad cho 
geal ri sneachd ; ged bhiodh iad mar chrim- 
son, bithidh iad mar oUainn. " Oir dhubh 
mi 'mar neul t' euceartan, agns mar cheò 
do lochdan ; pill rium, oir shaor mis' thu," 
Isa. xliv. 22. 

5. — Cràdh dhaibhsan a thig gearr. O Cràdh 
dubhach ! 

" Cionnas a thug mi fuath do theagasg 
agus a rinn mo chridhe tàir air achmhasan ? 
agus nach robh mi uamhal do ghuth mo luchd- 
teagaisg agus nach d' aom mi mo chluas 
riu-san a theagaisg mi !" (Gnà. v. 11 — 13.) 
'^ Mallaichidh iad an rìgh agus an Dia, agus 
seallaidh iad suas, Agus seallaìdb iad air 
an talamh, agus feuch teanndachd agus 
doilearachd dubhar an àmhghair : agus bithidh 
iad air am fuadach do thiugh-dhorchadas," (Isa. 
viii. 21, 22.) " Sgaoil e, thug e do na bochdan, 
mairidh f hìreantachd gu bràth. — Chì an droch 
dhuine, agus bithidh fearg air, casaidh e f hiac- 
lan agus seargaidh e as ; sgriosar miann nan 
aingidh, Salm, cxii. 9, 10. 

" Ann sin bithidh gul, 'nuair a chì sibh 



208 OSNAIDHEAN BHO IFRliN^, 

Abrabam, Isaac, agus lacob, agus na fàidhean 
uile ann an rìoghachd Dhè, agus sibh fèin air 
bhur tilgeadh a mach," (Luc. xiii. 28.) Tha 
na nithe sin uile air an cuir suarach leis an 
t-saoghal. 

An uiread so gu h-aithghearr, a thaobh, 
sju 'm beil daoine ain-diadhaidh a' cur nan 
sgriobturan suarach, agus nach eil iad 
a' toirt creideas dhaibh, 'nuair a tha 'n f hìr- 
inn a ta air a cuir sios annta air a cumail a 
mach ann an soilleireachd dhaibh, ach 's ann 
is fearr leo èigheach a mach, *< Ni h-eadh 
ach 'nan èireadh neach o na mairbh," an sin 
tha iad a' saoilsinn gu 'm faodadh rud-eigin a 
bhi air a dheanamh ; 'nuair mo thruaighe ! 
ged a bhiodh comharraidhean a's iongantasan 
air an oibreachadh le làmhan nam muinntir a 
ta searmonachadh an t-soisgeul, cha bhiodh 
na creutairean bochd' ud air an iompachadh a 
bheag ni bu luaithe ged tha iad a' saoilsinn 
gu 'm biodh, mar a tha e dearbhte le giùlan 
nam muinntir a thainig rompa, muinntir, ged 
rinnan Tighearn losa Criosd e-fèin, a theagasg 
a dhaighneachadh le mìorbhuilean, marthafos. 
gladh shùilean dhall, tilgeadh a mach dheamh- 
ain agus togail nam marbh, bha iad cho fada 
bho ghabhail aon chuid ris-san no r'atheagasg, 
gur ann a chuir iad e gu bàs air son a shaoith. 
reach. Ged rinn e cho liugha mhiorbhuil 
nam measg, gidheadh cha do chreid iad e, ^Eoin 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 209 

xii. 370 ^^^ ^" ^^^ seacbad air a so cuiridh 
iiii sios cuid do na h-aobhair air son ani 
beil iad a' diùltadh agus a deanamh tàir air 
na sgriobturan, agus mar sin thèid mi air 
m' aghaidh, 

1. A chionn nach eil iad a' creidsinn gur 
iad facal Dè, ach a roghainn air sin a saoilsinn 
gur e th' ann innleachdan dhaoine, air an 
>grìobhadh le luchd-riaghlaidh seòlt' eigin, a 
dh' aon rùn gu thoirt air muinntir bhochd ain- 
eolach gèilleadh do dhiadhachd a 's uachd- 
aranachd. Ged nach eil iad ag ràdh so, 
gidheadh tha 'n cuid cleachdaidhean a' toirt 
tìanais air : mar esan an uair a chluinneas e 
briatiJan a mhallachaidh, gidheadh a bheann- 
aicheas e-fèin 'na chridhe, agus a their gu 'm 
bi sìth, aige ged tha Dia ag radh nach bi 
sìth sam bith aige (Deut. xxix. J8, — 20.) 
Agus feumaidh so a bhith, oir na 'm biodh 
daoine air so a chreidsinn, gur e facal Dè, an 
sin feumaidh iad a chreidsinn gu 'm beil esan 
a labhair e fior, uime sin gu 'm bi na h-uile 
facal agus lideadh air an coilionadh. Agus ma 
tliig iad aon uair gu so, mur bi iad gu tìir air 
chaothach, bithidh oùram orra cionnus a tha 
iad g' an tilgeadh fèin fo sgiiàrsadh dioghaltais 
sìorruidh. Oir b'e'n t-aobhar mu'n do ghabii 
na Tesalonianaich am facal, a chionn gu 'n do 
chreid iad gu 'm b' e facal Dè, agus cha n-e 
facal duine, fical a dh'oibrich gu h-èifeachd- 
ach annta le iad a chreidsinn mar so, (1 Tes. 



210 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

ii. 13, 14.) ^•'Nuair a ghabh sibh ri facal Dè 
a chuala sibh uainne/' ars' esan, "• gun do ghabh 
sibh ris cha-n ann mar f hacal dhuine, ach (mar 
is e gu firinneach) facal Dè, a tha 'g oibreach- 
adh gu h-èifeachdach annaibhse a ta creid- 
sinn/* Air chÒr as na'm biodh daoine mhain 
air a ghabhail ann an èisdeachd, no leughadh, 
no meògfirachadh, mar 's e facal Dè, bhiodh iad 
air an iompachadh. Ach am facal air a shear- 
monachadh cha-n eiì e deanamh feum, 
'nuair nach eil e air a mheasgadh le creidearnh 
annta-san a tha g' a èisdeachd. Eabh. iv. 1, 2. 
2. Air son nach eil iad d'a rìreadh g' am 
faicinn fèin a thaobh nàduir_, 'nan oighreachan 
air an f hèirg mhòir agus air an dioghaitas sin 
mu *m beil na sgriobturan a' toirt fianais. 
Oir nan deanadh iad a mhàin a thoirt fainear 
ciod e tha Dia a' enr roimhe a dheanamh riu- 
san a bhuanaicheas beò agus a bhàsaicheas 'nan 
staid nàdurraich, chuireadh e iad an darna euid 
fodha ann an eu-dòchas, air neo bheireadh e 
orra teicheadh air son dion chum an dòchais a 
th' air a chuir rompa. Ach ged nach biodh a 
leithide do pheacannan air an cuir an gnìomh, 
agus ged nach biodh riamh cho mòr do chor- 
raich air a bhagairt, agus gu chur an giiìomh 
gun a bhi riamh cho fagus; gidheadh mas e 
's gu 'm beil an neach a ta ciontach gun 
mhothachadh agus gu tùr aineolach air a sin, 
bithidh e neo-chùramach, agus cha bhi feart 
sam bith aige air idir. Agus gu 'm beil 



NOACAIN ANMA UAMNAllK. 21 i 

di/ìne a thaobh nàduir anns a' chòr so, tha e 
dearbhte. Oir gabh an duine sin a ta gu 'n 
mhothachadh, agus aineolach mu dhèibhinn an 
truaighe sin anns am beil e thaobh nàduir ; 
tha mi 'g ràdh, gabh e aig àm eile, 'nuair a 
bhios e beagan air a dhùsgadh, agus a sin 
ciuinnidh tu e a* gul, agus ag èigheach a 
mach cho fada 's a tha trioblaid air, agus 
mothachadh air chorraich Dhè an crochadh os 
a cheann ; '* A dheagh dhaoine, ciod a 
dh* f heumas ni dheanamh chum a bhi air mo 
thearnadh ?'* 

Ged a ni an duine ceudna, aig àm eile^ 
'nuair a bhios a chogais 'na cadal, agus air 
fàs cruaidh, laidhe sios coltach ri cù a' ghobha 
aigbonn aninnein, gedbhiodh na sradagan teine 
'g itealaich 'na aodann. Ach, mar a thuirt mi 
roimhe, 'nuair a tha neach beagan air a 
dhùsgadh, O ! ciod an obair a ni aon rann, 
aon sreath, cha-n e sin a mhàin, aeh aon f hacal 
do na sgriobturan naomh' air a chridhe ! Cha-n 
urrainn e ithe, cadal, no obair a dheanamh, no 
cuideachdas a chumail ris na còmpanaich a 
bh' aige roimhe ; agus sin uile air son gu 'm 
beil eagal air gu 'n tuit an damnadh a th'air 
ainmeachadh anns an sgriobtur 'na chòir, 
coltach ri Balaam, a thuirt, *' Cha-n fhaodainn 
dol thar facal an Tighearna," (Aireamh, xxii. 
18.) Cho fada *s a bha rud-eigìn aige do 
dh' f hacal an Tighearna le ùghdarras, cruas, 
agus cumhachd air a* chridhe ; ach aig àni eile 



212 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

b* urrainn, e theagasg do Bhalac ceap.tuislidh 
a thilgeadh roirnh chloinn Israeil, 

3. A chionn gu 'm beil na sagairt fheòl- 
mhor agus ministearan gun ghràs, a' diog- 
ladh cluasan an luchd-èisdeachd le tealls- 
anachd agus mealltaireachd dhiomhain, 
agus leis a sin a' cruadhachadh an cridheach- 
an an aghaidh simplidheachd soisgeul agus facaii 
Dè, nithe a ehomhairlich an t-Abstol dhaibh- 
san aig am beil inntinn gu teannadh a steach ri 
Criosd a sheachneadh, (Col. ii. 8,) ag ràdh, 
Thugaibh an aire nach dean duine sam bith 
(bitheadh e na 's àill leis) foirneart oirbh 
tre f heallsanachd agus mealltaireachd dhiomh- 
ain, a rèir beul aithris dhaoine, agus a 
reir ceud thoiseaclmdh an t-saoghail, agus 
cha-n ann a rèir Chriosd." Agus sibhse a 
tlìa ceangal suas 'ur pobuiU ann an aineolas 
le Aristotle, Piato, agus a' chuid eile do 
na teallsanaich phàganach agus a searmonach- 
adh beag, ma tha ni sam bith, do Chriosd 
air chòir ; tha mi 'g ràdh ribh, gu *m faigh 
sibh gu'n do pheacaich sibh an aghaidh Dhè, 
agus gu'n do mheall sibh 'ur luchd-èisd- 
eachd, 'nuair a chuireas Dia, ann an lath' a' 
bhreitheanais, aobhar damnaidh iomadh mìle 
do dh' anmannan ri bhur cunntas, agus e a 'g 
ràdh, '* larraidh e am fuil air bhur làmhan," 

4. 'S e aobhar eile air son am beil an saoghal 
feòlmhor as -chreideach a' cur nan sgriobturan, 
fdcai Dè, cho suarach, a chionn nach eile a. 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 213 

hhreitheanas air am beil iomradh anns na 
sgriobturan, gu grad air a cuir an gniomh air 
na peacaich. A chionn nach eil binn an 
aghaidh droch oibre ga cur an gniomh gu 
luath, "nime sin tha cridhe chloinn nan daoine 
làn-shuidhichte air olc a dheanamh." (Ecles. 
viii. 11.) A chionn nach eil Dìa gu grad a' 
buaìadh an truaghain bhochd cho luath sa tha 
e peacachadh, ach a' feitheamh, agus 
foighidneach ; air an aobhar sin air do *n 
t-saoghal a bhi toirt breith gu 'm beil Dia 
nii-dhìleas tha iad a' dol d'a ionnsaidh, a rithist 
agus a riihist, agus na h-uile uair a! fàs ni's 
cruaidhe 's ni 's cruaidhe. gus fa-dheòigh gu 'm 
beil Dia air èigneachadh, an darna cuid gu 
threun-chumhachd a shìneadh a mach gu 'm 
pilleadh, air neo am bàs a chuir còmhla ris an 
diabhol agus ifrinn gu 'n toirt leo. " Shaoil 
thu'' arsa Dia "• gun robh mi gu tìir mar thu 
fèin, cronaichidh mi thu, agus cuiridh mi gach 
ni an òrdugh fachomhair do shùl. Smuanaich- 
ibh a nis' air so sibh-sa nach chuimhnich Dia 
air eagal gun reub mi às a' chèile gun neach 
ann a theasraigeas." Salm,l. 20, 21. 

5. Is e aobhar eile mu'n beil an saoghal dall 
a' cur tàir air ùghdarras an sgriobtuir, a chionn 
gu 'm bed iad a' toirt cluais do 'n diabhol, a 
tha tre sheòltachd a' tilgeadh leith-sgeulan 
breugach, agus mìneachaidhean truaillidh, orra, 
'g an eadar-theangachadh air dhòigh nach bi 
cho soilleir a rèir inntinn Dè, agus na rias^h- 



214 OSNATDHEAN BHO IFRINN, 

ailt air son sèolaidh do dh' anmannan bocbda. 
a' dearbhadb orra gu 'n feum iad cluais agus 
ratbad a thoirt do rud-eigin eile a tbuiUeadb 
orra, agus a bharr orra: no tba e saoitbreacbadb 
cbum cumail a macb e bbi suaracb agus 
tàireil, le thoirt a chreidsinn orra gur litir 
mharbb e, ni do rìreadh nacb eil f hios aca 
ciod a tha iad ag ràdb, no ciod air am beil 
iad a' toirt dearbbadb. Oir cba-n eil an 
sgriobtur cbo marbb, 's naeb eil eòlas air 
eomasach gu duine sam bitb a dheanamb glic a 
chum slàinte tre chreideamh agus a' ghaoil a ta 
ann an Criosd losa, (2 Tim iii. 15.) Agus 
tba e tarbbach chum teagaisg, achmhasain, 
agus an cuir ceart an ionracas, a cbum gu 'm bi 
duine Dhè gu b-iomlan air uidheamachadb a 
cbum na b-uile dbeagb oibir : rann 17« 

Agus anns an àite 's am beil e air a ràdb, 
gu 'm beil an litir *^ a' mbarbbadb," 's e tba 
e ciallacbadb an lagb, mar 's e ministrealacbd 
an dìtidb, nociimbnantagbniomba, agusmar sin 
tba e do rìreadb a' mbarbbadh, agus feumaidh 
e deanamb mar sin, air son gu 'm beil e ceart, 
air son ionnas nacb eil an neaeb a ta fodba, 
comasacb air ùmhlacbd iomlan dhaonnan agus 
gun sgur a thoirt d'a. Acb gidheadb gairmidh 
mi air Peadar agus Pòl a thogail fianais, gu'm 
beil na sgriobturan do db' f heum ro urramach, 
ionnas as annta gu 'm beil air a cbumail a 
macb dbuinne ratbad na beatba ; agus mar 
an ceudna gum beil iad a* toirt deagb aobbar 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 215 

dòchais duinn, (Rom. xv. 4.) «^ Oir ge b' iad 
nithe sam bith a sgrìobhadh roimhe so, 's ajin 
a chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad a 
chum tre foighidin agus còmhf hurtachd naii 
sgriobturan, gu 'm biodh dòchas againn.'' 
Agus a rithist, (Rom. xvi. 25, 26.) " A nise dha- 
san a tha comasach air sibhse a dhaighneach- 
adh a reir mo shoisgeil-sa, agus searmonachadh 
losa Criosd, (a reir foillseaehaidh an rùin- 
dìomhair a bha 'm falach o thiseach an domhain, 
ach a dh' fhoillschaidh, a nise, agus lesgrìob- 
turibh nam fàidhean, a rèir àithn' an Dè bhith- 
bhuain, a tha air a dheanamh aithnichte do na 
h-uilechinnieh chum ùmhlachda' chreidimh).' 
Agus air an aobhar sin, cò sam-bith iad a ta 
cur suarach nan sgriobturan, tha iad a' cur 
suarach, sin nach eil ni's lugha 'na facal Dè ; 
agus iadsan a tha a' cur sin suarach, tha iad a' 
cuir suarach an Tì a labhair e agus iadsan a tlia 
deanamh mar sin, sealladh iad riù-fèin, oir 
dìoghlaidh Dia air an leithidibh sin. 
Dh' f haodadh mòran ni's mò bhi air a ràdh 
air an nì so, ach cha-n àill leam a bhi fad- 
alach. 

Facal no dhà eile, agus an sin sguiridh nii 
labhairt m'a so. Thoir fainear cunnart a blji 
cuir suarach briathran nam fàidhean no nan 
abslol, cò dhiù a bhios iad air son leasachaidli, 
cronachaidh, comhairle, rabhaidh, no nari 
gairmean agus 'nan geallaidhean a th' annta. 
1. Thaanmannan mar sin a' brosnachadh Dhe 



216 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

gu fèìrg. agns gu dhìoghaltas a chur an gnioriih 
orra.'' Dhiùlt iad-saneisdeachd,agustharruirin 
iad an guaiUeann, agus dhruid iad an cluasan 
mu'n cluinneadh iad an lagh agus na 

briathran a chuir Tighearna nan sluagh le 
Spiorad, leis na fàidhean roimhe ; so, air an 
aobhar sin thainig corraich mhòr orra^^ Sech. 
vii. 11, 12. 

2. Cha toir Dia feart orra 'nan truaighe. 
'' Achionn gu 'n do ghairm mi' agus gu 'n do 

dhiùlt sibhse, gu 'n do shìn mi mach nio làmh, 
agus nachtugduine sam bith an aire; achgu'a 
do chuir sibh an neo-bhrìgh m' uile chomhairlean, 
agus nach b' àill leibh a bheag dom' achmhasan : 
Ni mise mar an ceudna gàire ri 'r sgriosa ; ni 
mi fanaid 'nuair a thig bhur n-eagal. 'Nuair a 
tbig 'ur n-eagal mar f hàsachadh, agus a thig 'ur 
lèir.sgrios oirbh mar ioma-ghaoith. An sin 
gairmidh iad ormsa^ ach cha fhreagair mi : 
iarraidh iad mi gu moch, ach cha-n f haigh 
iad mi," Gnà. i. 25—28. 

3. Tha Dia mar is trìc a' toirt thairis an 
leithide sud do dhaoine do mheallaidhean gu 
creidsinn bhreug. A chionn nach do ghabh 
iad gaoi na fìrinn, a chum gu 'm biodh iad 
air an tearnadh, air an aobhar sin cuiridh Dia 
do 'n ionnsaidh meallaidhean laidir, ionnus 
's gu 'n creid iad breug, a chum 's gu 'm bi 
iad uile air an dìteadh, 2 Tesal. ii. 10 — 11. 

4. Am am facal, iadc^an a bhuannaicheas 
3\'f\T sin, a' diùltadh agu^ a' deanamh tàir air 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 217 

facal Dè, is iad a ehuid as mò, 's a th' air an 
òrduchadh gu bhi air an dìteadh. Air do 
mhic sheann Eli gun èisdeachd ri guth an 
athar, g'an cronachadh air son an cuid 
peacannan, ach a bhi eas-umhal d'a ghuth, 
tha e air a radh, " B' ann a chionn gu 'm b' àill 
leis an Tighearna am marbhadh," (1 Sam. ii. 
25.) A rithist, faic an 2 Eachd. xxv. 15^ 16, 
air do Amasiah peacachadh an aghaidh an 
Tighearna, chuir e da ionnsaidh fàidh chum 
a chronachadh ; ach arsa Amasiah, " Leig 
dhiot, c'arson a bhidh tu air do bhualadh ?'' 
(Cha d' èisd e ri facal Dè). A an sin leig 
am fàidh dheth, ag radh, Tha fhios agam 
gu *n do rùinich Dia do sgrios, do bltrìgh 
nach d' èisd tha ri mo chomhairle-sa." Leugh 
air an aobhar sin, agus gu'm a h-ann a bheir an 
Tighearn tuigse dhut. Oir bithidh crìoch 
thruagh air a' mhuinntir ud a thèid air an 
aghard ann am peacachadh an aghaidh Dhè, 
a' diùltadh f hacail. 

Dh' f haodadh nithe eile a bhi air an toirt 
fainear o'n rann so, nithe aig an àm so air an 
tèid mi seachad ; ann an cuid air son gu 'n 
do bheanadh ris an t-sùim aca cheana, agus 
faodaidh iad a bhi ni 's ro shoilleire air an 
luaidh anns an ath rann a leanas ; agus air an 
aobhar sin labhraidh mi beagan bhriathran ris 
an ath rann^ agus mar sin teannaidh mi gu 
co dhiìnadh. 

T 



218 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 



Agus thuirt e ris^ mur èisd iad ri Maois agus 
ris na fàidhean, cha mho a chreidms iad ; ged 
èireadh neach o na mairbh, — Rann, 3 1 . 

*' Agus thuirt e." 'S e sin, agus thug Dia 
freagairt do na briathran a labhradh anns an 
rann roimhe so, '* Agus thuirt e ris, mur èisd 
iad ri Maois,'* 820. Mar gu 'm biodh e air a 
radh, bha Maois na dhuine iomraiteach, 'na 
dhuine fììighail, duine a labhair ri Dia aghaidh 
ri aghaidh, mar a labhras duine r'a chairid ; na 
briathran a labhair Maois, bha iad mar a 
dh'àithn' mise dha labhairt ; cuireadh an tì a 
thogras teagamh annta, aidichidh mise iad, 
bheir mise creideas daibh, beannaichìdh mise 
iadsan a theannas a steach riù, agus mallaich- 
idh mi iadsan a dhiùitas iad. 

Chuir mise na fàidhean ikuca, cha do ruith 
iad o'n seòladh fèin ; thug mise dhaibh 
ùghdarras : chuir mi mach iad agus dh' innis 
mi dhaibh ciod bu chòir daibh a ràdh. Arm 
am facal, dh' innis iad do 'n t-saoghal cìod a 
tha rùin orm a dheanamh, araon do pheacaich 
agus naoimh ; «' Tha Maois agus na fàidhean, 
ac' èisdeadh iad riu-san." Air an aobhar sin, 
esan a dhiùltas agus a thiondaidheas a chùl, aon 
chuid air na bagraidhean, na comhairlean, na 
teagasgan, na cuiridhean, na gairmean, na 
geallaidhean, no ciod sam bith eile a dh' àithne 
mise dhaibh a labhairt, a thaobh tearnaidh 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 219 

agus beatha, agos a thaobb seòlaidhean ann an 
sin, bithidh e cinnteach cuibhrionn a bhi aige 
anns na h-iomadh mallachd a labhair iad, agus 
anns an teagasg a th' air a labhairt leo. A 
rithist, ** Mur èisd iad ri Maois agus na 
fàidhean,'' &c. Mar gu 'm biodh e air a ràdh, 
B' àill leatsa gu 'n cuirinn neach o na mairbli 
do 'n ionnsaidh ; Ciod am feum a nì sin ? Tha 
m' inntinn-s' aca cheana, chuir mi 'n cèill 
dhaibh an ,nì ris am beil mi rùnachadh 
seasamh, araon air son tearnadh nam muinntir 
a chreideas, agus dìteadh nam muinntir nach 
creid. An ni sin, uime sin a thuirt mi, co-lion- 
aidh mi, cò-dhiù a dh' èisdeas no nach èisd. 
Agus a thaobh an iarrtais so agad-sa, bu cho 
math dhut iarraidh orm Bìoball ùr a dheanamh 
agus mar sin gu atharrachadh mo cheudbhriath- 
ran a labhair mi le beuì m' f hàidhean. Ach is 
mise Dia, agus cha n-e duine, agus tha m' 
fhacal neo-chaochlaideach, agus seasaidh e 
cho daighean sa's urrainn m' òrduighean 
a dheanamh. Thèid nèimh agus talamh 
seachad, ach cha tèid aon phonc no aon lide 
do m' fhacal-sa seachad gu bràth. Ged 
bhidh agad deich mìle do bhràithrean, agus 
gach aon diù ann an cunnart anam a chall, 
mur teann e steach ris na th' air a chuir sios 
agus air a chumail air chuimhne ann an 
sgriobturan na firinn' : feumaidh iad eadhon 
gach aon diù dol am mugha, agus a bhi air an 
dìteadh gu bràth ann an ifrinn ; oir cha 'n 



220 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

urrainn na sgriobturan a bhi air am briseadli, 
Cha d' rinn niise an cuir cho neo-chomhairl- 
ichte sin chum an gairm air ais a rithist le 
beachd-smuain eile. Cha d' rinn, Oir tha mi 
labhairt ann am fìreantachd, agus ann am 
breitheanas, (Isa. Ixiii. 1 — 3, agus ann am 
mòran gliocas agus comhairle. Air dha a 
bhi uime sin aìr dol a mach às mo bheul 
air an dòigh so, cha phiU e air ais gu'n 
tairbhe gusan co-lion e an ni chum an do chuir 
mi mach e. 

Ach a rithistj tha thu saoilsinn gu'n 
oibrich miorbhuilean agus iongantasan ni's 
mò orra, nì a ta toirt ort a ràdh, — " Cuir 
neach o na mairbh." Ach an so tha thu ann 
am mearachd, oir dhearbh mise iad leis a sin 
aon uair agus a rithist, leis na 's liugha na aon, 
no dithis, no triùir do mo sheirbhisich. Cia 
lion miorbhuil a rinn mo sheirbheiseach Maois 
oibreachadh le àithn' uamsa ann an tìr na 
h-Eiphit, aig a' mhuir-ruaidh, agus anns an 
f hàsach ? Gidheadh cha robh muinntir na 
ginealaich sin idir ni bu luaithe air an iomp- 
achadh air son sin, ach an deigh sin uile, 's ann a 
rinn iad ceannairc, agus mhiannaich iad fathast 
'nan cridheachan, agus phill iad air an ais do 'n 
Eiphit, (Gniomh. vii.) Nach iomadh mior- 
bhuil a rinn Samuel, Daibhidh, Elias, Elisha, 
Daniel, agus na fàidhean, maille ri mo Mhac- 
ea, a thog na mairbh, a thilg a mach deamhnan 
a thug orrasan a bha air am breith dall a bhi 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 221 

faicinn agus a dh' aisig buill-cuirp ? Gidh- 
eadh air son so uile (mar a thuirt mi 
roimhe) dh'f huathaich iad e, cheus iad e. Thog 
mise bho na mairbh e, agus thaisbean e d' a 
dheisciobuil, a bha air an gairm, agus air an 
taghadh, agus dìleas, agus thug e dhaibh 
àithne agus ùghdarras gu dol a thogail fianais 
air an f hìrinn so do'n t-saoghal ; agus a chum 
an nì ceudna a dhearbhadh agus a dhaigh- 
neachadh, rinn e comasach iad gu labhairt le 
iomadh seòrsa theangan, agus gu oibreachadh 
miorbhuilean nach bu ghann ; gidheadh bha 
geur-leanmhainn mhòr air a togail 'nan agh- 
aidh, ionnas gur tearc dhiù a bhàsaich 'nan 
cuid leapaichean. Agus uime sin, ged tha 
thusa smuaineachadh gu 'n dean miorbhuil na 
h-uiread drùghaidh air an t-saoghal, gidheadh 
tha mise 'g ràdh nach dean : *' Oir mur creid 
iad Maois agus na fàidhean, cha mhò a 
chreideas iad ged èireadh neach o na 
mairbh." 

O na briathran so uime sin thoir an aire 
do 'n fhìrinn so ; eadhon, gu *m beil iadsan a 
dhiùltas agus nach creid Maois agus na fàidheaii 
'nan sluagh ro chruaidh-chridheach, nach creid 
's nach gabh comhairle ged èireadh neach 
o na màirbh. 

ladsan nach toir spèis do na sgriobturan 
naomha,chumtionndadhriDia, air dhaibh a bhi 
faicinn gu'm beil iad a' toirt fianais mu thim- 
chioll a mhathais agus a thròcair, cha-n eil acli 



222 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

beag dòchais air gu*m bi iad air an tear- 
nadh : " Oir cha ghabh iad comhairle 's cha 
chreid iad ged èireadh neach o na mairbh." 
Tha 'n fhìrinn so air a dearbhadh le losa 
Criosd fèin ; ma leughas tu Eoin v. far am 
beil an Tighearn a' labhairt uime-fèin, gur e 
an dearbh Chriosd ; tha e toirt a steach 
ceithir no cùig do dh' f hianaisean gu cuir leis 
n'a thubhairt e. 1. Eoin Baiste. (2.) Na h-oib- 
richean a thug 'Athair d'a r' an deanamh. 
(3.) Athair a labhairt o nèamh. (4.) Teisteas 
nan sgriobturan, *nuair a bha so uile deante, 
a' faicinn fathast nach creideadh iad, tha e 
cur na coire air aon do 'n dà ni so. 

1. An spèis a th* aca do mheas am measg 
dhaoine. 

2. Nach do chreid iad sgriobhaidhean nam 
faidhean, eadhon Maois agus càch. " Oir 
'nan creideadh sibh Maois," ars' esan *^ chreid- 
eadh sibh mise ; oir sgrìobh e mu mo 
thimchioll ; ach mur creid sibh a sgrìobh- 
aidhean-sa, cionnus a s' urrainn sibh mo 
bhriathran-sa chreidsinn ?" A nise, tha mi 
'g ràdh, esan a ni tàir air na sgrìobturan, agus 
air teisteas nam fàidhean a ta annta mu thim- 
ehioll losa Criosd, feumaidh. e bhi ann an mòr 
cunnart gu 'n caiii e 'anam ; ma bhuanaicheas 
e anns a chor so : do bhrìgh gu 'm beil esan, 
a ta deanamh tàir air an teisteas, a' deanamh 
mar an ceudna tàir air an ni mu thimchioll am 
beil e toirt fianais ; abradh e an aghaidh so cho 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 223 

tric 's a thogras e. Oia mar a chuir losa Criosd 
aii so sìos an t-aobhar air son nach eil daoiiie 
a' gabhail ris ; mar sin chuir an t-Abstol sios 
ann an àit' eil' a rithist na h-aobharan sin le an- 
tromachadh àrd agus laidir, (1 Eoin v. 10.) 
ag ràdh, *' An tì a chreideas ann am Mac 
Dhè tha'n f hianais aige ann fèin : an tì nach 
creid Dia, rinn e breugaire dheth, do bhrìgh 
nach do chreid e an f hianais a rinn Dia mu 
thimchioll a Mhic.*' An fhianais, their thu, 
ciod e sin ^ 'S e eadhon an teisteas a thug 
Dia mu thimchioll le beul nam fàidhean 
naomh' uile bho 'nuair a thoisich an saoghal, 
(Gniomh. iii. 20.) 'S e sin, Dia a chur a Spiorad 
naomh' ann an cridheachan a shèirbhisich, na 
fàidhean agus na h-abstoil, ghiùlan esan, le 
'Spiorad annta-san, fianais do dh' f hìrinn an 
tearnaidh le Mhac losa, araon roimhe agus an 
dèigh a theachd. Agus so mar tha 'n t-àite 
sin gu bhi air a thuigsinn, a ta 'g radh, " Tha 
triùir a tha togail fianais air thalamh, an 
Spiorad, an t-uisge, agus an f huil." 'S e 
sin, an Spiorad anns na h-Abstoil a shearmon- 
aich e do *n t-saoghai, mar a tha e soilleir, ma 
leughas tu gu dùrachdach, 1 Tesal. iv. 8. Air 
do 'n Abstol a bhi labhairt mu losa Criosd, 
agus ùmhlachd do Dhia troimhe, tha e 'g radli 
mar so, "An neach a ni tàir, cha-n ann air 
duine a tha e deanamh tàir, ach air Dia: '' ach 
's e sibhse a ta labhairt ; tha sin fior, ach itì 
ann leis an Spiorad agustrid an Spioraid. Esan 



Ì224 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

uime sìn a ni tàir, cba-n ann aìrduine a tha e 
deanamh tàir, aeh air Dia, a thug mar an 
ceudna dhuinne de a Spiorad naomha. Tha 
so uime sin mar dhaighneachadh laidir aìr an 
fhìrinn so, esan a ta deanamh tàir air 
an fhianais a th'aig Dia le Spiorad, 'na 
chuid fàidhean agus abstol, air f hoiilseachadh 
dhuinncj tha e deanamh tàir air teisteas an 
Spioraid, a ghluais iad gus na nithibh so a 
labhairt ; agus ma 's ann mar sin a ta, an sa 
b'àill leam fhios f haighinn, cionnus a *s urrainn 
duine no neach sam bith a bhi air a thearnadh 
le losa Criosd, a ta deanamh tàir air an 
teisteas mu thimchioll Chriosd ; seadh, teist- 
eas a Spioraid fèin mu thimchioU fèin ? Tha 
e fior, faodaidh daoine bhi 'm barail gu *m 
beil teisteas an Spioraid aca, agus o'n bharaiì 
sin, meas suarach a chur air na sgriobturan 
naomha ; ach an spiorad sin a ta chòrahnaidh 
annta, agus 'g an teagasg gu sin a dheanamh, 
cha n-eil e ni's fearr na spiorad Shàtain, ged 
tha e g' a ghairm fèin le ainm spiorad Chriosd. 
'' Chum an lagha uime sin, agus chum an 
teisteas,'' dearbh iad leis sin, ^' mur labhair iad 
a rèir an f hacail so, is ann do bhrìgh nach eil 
solus annta/' 

Tha'n t-abstol Peadar ag ràdh mu Chriosd, 
'nuair a tha e labhairt mu dhèibhinn a' ghuth 
ghlòrmhor a bh'aige bho mhòrachd oirdheirc, 
"'S e so mo Mhac gràdhach, eisdibh ris ; tha 
e 'g ràdh mar so riù-san a dh' ionnsaidh an 



NO ACAINN ANMA DAMNAITE. 225 

do sgrìobh e ; ^' Tha agaibh mar an ceudna 
facal fhaidheadaireachd;" is cinntiche no na 
fàidhean, oir mar sin faodaidh tu a leughadh ; 
'* do 'm math a ni sibh an aire thoirt." 'S e 
sin, ged tha sinne ag innseadh dhuibh gu 'n 
robh an teisteas oirdheirc so againri o *bheul 
fèìn gu soilleir, gidheadh tha agaibh na fàidh- 
ean tba sinne ag innseadh dhùibh so^ agus cha 
ruig sibh a leas f hìrinn a chuir an teagamh 
ach ged a chuireadh, gidheadh cha-n f hao 
sibh, cha chòir duibh iad-san a chpir an 
teagamh ; rannsaichibh uime sin anntasan 
gu camhanaich an làtha, gus an èirich reu 
na maidhe ann bhur cridheachan ; 'se sin, gu 
ara faigh sibh leìs an spiorad cheudna 
thug a mach na sgriobturan, an fhìrinn 
air a daighneachadh do bhur n-anmannan, a 
t\ì agaibh air a cur sios anns na sgriobturan ; 
^ur e am facal faidheadaireachd so, no nam 
laidhean, na sgriobturan : leugh romhad, 
Oir arsa esan '« Air dhuibh fìos so a bhi agaibh 
air tùs, nach eil faidheadaireachd sam bith do 'n 
sgriobtur," &c. 2 Pead. i. 18—20. 

Ach their sibh, ciod am feum a th' air an 
iomairt so uile, agus c* arson a tha 'n t-àm 
agus an t-saothair so uile air an caitheadh 
ann an labhairt mu thimchioll so, a tha gu 
oinnteach air a chreidsinn cheana ? Is ni so a 
th' air a chreidsinn leis na h-uile, gur e na 
sgriobturan facal Dè, am facal cinnteach 
faidheadaireachd sin ; agus uime sin cha-n eil 



226 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

math dut a bhi caitheadh t'ùine ann an 
dearbhadh 'nan nithe so, agus an fhìrinn 
ac', a' faicinn gn 'm beil sinn ag aideachadb 
na fìrinn so, mu 'n do labbairt thu do 
blirelh mu 'n dèibhinn. 

Freag, 1. Cha-n urraìnnear fianais a thogail 
le fìrinnean Dè mò 's tric ; faodaidh tu a 
radh cho math, cha-n eil math dhut losa 
Criosd a shearmonachadh cho tric, a' faicinnn 
gu 'n robh e, agus gu 'm beil e air a ghabhaiì 
air soi) an f hìor Mhesiah cheana. 

2. Ged dh' fhaodas mòran a shaoilsinn 
gukn beiJ iad a' creidsinn nan sgrìobturan, 
gidheadh na'm bidh iad a mhàin gu math air 
an ceasnachadh, gheibheadh sibh iad an dara 
cuid le facal beòil, air no le caithe-beatha, no 
co-labhairt, ag àicheadh, a' diùltadh, agus a' 
deanamh tàir air na sgriobturan naomha 
Tha e fior, tha aontachadh baralach, eachd- 
raidheil anns a' cheann, tha mi 'g radh, ann an 
ceann mòrain, no chuìd a s liugha, do 'n 
f hìrinn a th' anns an sgriobtur ; ach dearbh- 
aidh iad, tha mi 'g ràdh, agus cha-n f haigh 
sibh ach beag, ma gheibh sibh a bheag sam 
bith, do chreideamh oibreachaidh Dhè ann an 
cridheacban dhaoine truagha, chum nan sgriob- 
turan a chreidsinn agus na nithe a tha air an 
cuir sios annta. Tha iomadh, seadh^ a'chuid 
a 's liugha do dhaoine a' creidsinn nan sgrob- 
turean, mar a tha iad a' creidsinn faoin-sgeul 
naigheachd, eachdruidh, seanachas mu naci» 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 227 

eil cinnt sam bith ; ach mo thniaighe ! cha n eil 
ann ach ro bheagan a ta da-rìreadh, agus ann 
am fìrinn, a' creidsinn gur iad na sgriobturan 
dearbh f hacal Dè. 

CunnuiL Ach their sibh, tha so 'na ni iong- 
antach leamsa. 

JFreag, Agus tha mise ga mheas na nì a cheart 
cho f ìrinneach agus eha n-eil mi an amharus 
ach gu a dheanamh aithnichte, nach eil ach 
beagan, seadh, fior bheagan, a tha gu h-èif- 
eachdach (oir *s ann air sin tha mi beachd- 
achadh) a creidsinn nan sgriobturan agus 
oa firinnean a th* air an cuir sios annta, agus 
mu thimchioll an ni mu'm beii iad eJ labhairt. 
Ach gu leigeadh ris. agus sin gu h-èif- 
eachdach (ma's àill le Dia) cuiridh mì sios 
. dhuibh na h-oibrichean fa leth a th' aig 
na sgriobturan orra-san, a tha gu h-èifeachd- 
ach a' creidsinn nan nithe a tli' air an cuir 
sìos annta. 

1. Esan a tha gu h-èifeachdaeh a' creidsiaa 
nan sgriobturan, bha e an toiseach air a 
mhàrbhadh, tha mi *g ràdh air a mhàrbhadh 
le ùghdarras nan sgriobturan naomha ; air 
a mharbhadh gu tur ann an seadh spior- 
adail, leis na sgriobturan naomha, air dhaibh 
a bhi air an cuir dhachaigh, leis an spiorad 
sin a thug iad a mach air an anam. " Tha 
'n litir a' marbhadh," tha 'n litir a' marbh- 
adh dhaoine, (2 Cor. iii. 6 ;) agus so 
chunnaic agus thuig Pòl so mu'm b' urrainn e 



228 OSNAIPHEAN BHO IFRINN, 

ràdh, *' Tha mi a' creidsìnn na h-uile a labhair 
na fàidhean." 'S an àit am beil e 'g ràdh, 
** Bha mie beò as eagmhais an lagha uair- , 
èigin;" 'se sin, annamstaiclnàdurraich,munrohh 
an lagh air a chur air mo cridhe le cumhachd ; 
'^ Ach air teachd do'n àithne dh' ath-bheothaich 
am peacadh, agus fhuair mise bàs, — Agus 
an àithne a dh'òrduicheadh a chum beatha, 
f huaireadh dhomhsa chum bàis i ; oir air 
do 'n pheacadh fàth a ghlacadh tre 'n àithne 
mhealle mi, agus leisa sin mharbh e mi,'' (Rom. 
vii. 9 — 11.) A nise an ni sin do'm beil-sa gairiti 
na litreach ann an Cor. tha 'n lagh airaghairin 
dheth ann an Rom. vii. a tha lecumhachd agus a 
h-oibreachadh, mar a tha i aira làimhseachadh 
le Spiorad Dhè, air tùs a màrbbadh, a' 
marbhadh nan uile ath'airan deanamh eomas- 
ach air na sgriobturan a chreidsinn. Tha 
mise a' marbhadh, arsa Dia ; 's e sin, leis an 
lagh. Tha mi a' tolladh, tha mi a' leòn, tha 
mi a' bioradh dhaoine asteach chum an dearbh 
chridhe,Ie'ncuidpeacannanan aghaidhan lagha 
fheuchainn dhaibh (Deut.xxxii. 69 ; Gniomh.ii. 
36, 37.) Agus esan a tha aineolach air aso, tha 
e mar an ceudna aineolach air an sgriobtur, 
agus cha-n eil e gu fìrinneach agus gu h-cif- 
eachdach a' creidsinn nan sgriobturan. 

Ach their sibh, Cionnas a tha 'n lagh a' 
màrbhadh, a' fàgail màrbh a' chreutair bhochd. 

Freag, 1. Tha 'n litir no 'n lagh a' màrhh- 
adh mar so ; tha i air a' cur dhachaigh air an 



NO AGAIN ANMA DAMNAITE. 229 

anam, agus a' leigeadh ris do 'n anam a' 
plieacannan an aghaidh an lagha : agus a* 
feuchainn do 'n anam cuideachd, nach urrainn 
e gu h-iomlan ceartas De a rìarachadh air 
son briseadh an lagha, uime sin tha e air a 
dhìteadh, (Eoin iii. 19.) Thoir an aire, an tì 
nach creid, tha e air a dhìteadh cheana eadhon, 
leis an lagh, 's e sin, tha 'n lagh g'a dhìteadh, 
seadh, dhìt se e air son a pheacannan *na 
aghaidh ; mar a ta e a sgrìobhte, " Is mall- 
aichte gach neach nach buanaich anns na 
h-uile nith a ta sgrìobhte ann an leabhar an 
lagha chum an deanamh," (Gal. iii. 10.) A nise 
tha na h-uile neach mar a ta iad a' teachd a 
steach do 'n t-saoghal, anns a! chòr so, 's e sin, 
air an dìteadh leis an lagh. Gidheadh 'nuair 
nach eil iad a' creidsinn an dìtidh leis an 
lagh gu cinnteach, cha-n eil iad ni 's mò a 
creidsinn gu fìrinneach agus gu h-èifeachdach 
an lagh a tha g'an dìteadh. Oir mar nach eil 
aig daoine ach barail mu thimchioll an aon 
*se sìn, an dìtidh air son peacannan an agh- 
aidh an lagha ; mar sin cha-n eil ac' ach 
barail mu thimchioll cumhachd dìtidh, marbh- 
aidh, agus lèir-sgriosach an lagha ; oir mar a 
tan't-aon, mar sin anns na nithibh so tha do 
ghnà an t-aon eile. Cha-n eil duine sam bith 
ann a tha gu firinneach a' creidsinn an lagha 
no 'n t-soisgeul, ni's f haide 'na tha iad a' fair- 
eachdainn an cumhachd agus an ùghdarrais 
'nan cridheachan. " Tha sibh am mearachd. 



230 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

air dhuibh a bhi gun aithne air na sgriobtur- 
an, no air cumhaclid Dhè." A nis 'an litir so, 
no 'n lagh, cha-n eil i gu bhi air a gabhail 
anns an t-seadh a 's farsuinne, ach tha i gu bhi 
air a ceangal gu teann ris na deich àintean, 
d'an oibir iomchuidh, a mhain le feuchainn do *n 
anam a' pheacadh ar^ aghaidh an lagha a 
mharbhadh, agus an sin fhagail tur marbh, 
gun a' bheath' a's lugha thabhairt, no taic no 
comhf hurt, ach an t-anam fhàgail ann an còr 
gun chobhair agus gun dòchas, mar uaithe 
fèin, no bho chreutair sam bith eile, nach eil 
ach 'na chreutair a mhàin. 

Tha e fior, chur an lagh na h-uile duine 
*nan laidhe marbh, mar a ta iad a' teachd a 
steach do 'n t-saoghal ; ach cha-n eil na h-uile 
duine 'g am faicinn fèin rnarbh, gus am faiciad 
an lagh a marbh iad a' bualadh 'nan anmaibh, 
agus air dha am bualadh leis a' bhuiUe mharbh- 
tach sin, mar dhuine tha gu trom 'na chadal 
ann an taigh, agus e r'a theine m'a 
chluasan, agus esan gu 'n f hios aige air, air 
son e bhi 'na chadal ; eadhon mar sin d > 
bhrìgh gu'm beil anmannan bochda 'nan cadal 
*nampeacannan, gedthacorraichDhè, mallachd 
an lagha, agus lasraichean ifrinn air iathadh 
mu*n cuairt daibh gìdheadh cha-n eil 
iad g'a chreidsinn, a chionn gu'm beil iad 'nan 
cadal 'nam peacannan. A nise mar tha 'ri tì 
sin a th' air a dhùsgadh, agus a' faicinn so, a' 
faicinn gu 'm beil e leis a so 'na dhuine 



NO ACAlN ANMA DAMNAITE. 23 l 

niarbh : eadhon mar sin iadsan a tha faicinn 
an staid a thaobh nàduir, a bhi 'na leithid do 
chor dubhach, tha iad mar an ceudna 'g ani 
faicinn fèin a bhi leis an lagh 'nan daoine 
marbha gu nàdurrach. 

Ach a nise c'uin a mhothaich thusa cumh- 
achd a! cheud earrainn so do 'n sgriobtur, au 
lagh, cho cumhachdachis do bhuaUìdh marbh? 
Mur d* f hairich, cha-n eil thu uiread ri gu 
cinnteach a* creidsinn an earrainn sin don 
sgriobtur anns am beil an lagh, gur e fìrinn 
Dè. Gidheadh ged' mhuthaicheadh tu rud- 
eigin, tha mi 'g ràdh, rud-eigin do chumhachd 
marbhaidh lagha Dhè ann ad chridhe, cha-n 
eil so na h-argamaid gu dearbhadh gu'm beil 
thu creidsinn na h-uile ni th' anns an 
sgriobtur ; oir tha soisgeul ann cho math ri 
lagh, agus uime sin labhraidh mi air sin maran 
ceudna; *s e sin, na mhothaich thu cumhachd 
an t-soisgeil, cho math ri rud-eigin do chumh 
achd an lagha ? 

2. An sin ma fhuair thu cnmhachd an 
t-soisgeul, agus mar sin gu 'n do chreid thu e, 
f huair thu e mar so maille ri t'anam. 

1. Bha air f heuchainn dut le facal no fìrinn 
an t-soisgeil, ann an solus spioraid Chriosd, 
gu 'n robh thu thaobh nàduir as eugmhais 
fior chreideamh Mhic Dhè ann a t'anam : oir 
'nuair a tha esan, an Spiorad, air teachd, 
feuchaidh e do dhaoine " nach eil iad a' creid- 
sinn annam-sa," arsa Criosd, (Eoin xvi. 9.) 



232 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

Thoir an aire, ged mhothaich thu mar a thuirt 
mi roimhe, rud-eigin do chumhachd an lagha, 
na litreach, nan deich àintean, gidheadh a 
chionn naeh robh thu air do thoirt chum 
so fhaicinn leis an spiorad anns an t-soisgeul, 
gu'm beil thu gun chreideamh a thaobh nàduir, 
cha do bhlais thu fathast, 's cha mhò idir a 
chreid thu earrann sam bith do 'n t-soisgeul. 
Oir tha 'n soisgeul agus an lagh 'nan dà 
chumhnant' eadar-dhealaichte. Agusfaodaidh 
iadsan a ta fo 'n lagh, a bhi air an dearbhadh 
no air am fàgail ris leis, agus mar sin an lagh 
no 'n ceud chìimhnant' a chreidsinn, agus gidh- 
eadh anns an àm sin a bhi *nan coigrich do 
chùmhnant a' gheallaidh, 's e sin, an soisgeul, 
agus mar sin tha iad ^^ as eughmhais dòchais," 
(Eph. ii. 12.) Cha-n eil gealladh sam bith 
ann a's urrainn a bhi gu sàbhailt air a chreid- 
sinn, gus am bi 'n t-anam leis an t-soisgeul air 
iompachadh chum losa Criosd. Oir air cho 
mor 'sa tha daoine a' smuaineachadh gu'm beil 
Ìad a' creidsinn nithe no facal an tearnaidh, 
gidheadh mur eil oibir gràis aca'nan anmannan, 
cha-n eil iad, cha-n urrainn iad na nithe a ta 
air an cuir sios anns na sgriobturan a chreid- 
sinn gu ceart. 

A rithist, mar a ta 'n lagha a' marbhadh na 
h-aiteam a tha g'a creidsinn, eadhon mar sin 
tha na geallaìdhean a th' anns an t-soisgeul, a' 
frithealadh, no tabhairt tre chreidimh, comh- 
f hurt dhaibh-san a tha 'ga chreidsinn gu ceart. 



NO ACAIN ANMA DAMNAITS. 233 

" Na briatliran," (arsa Crìosd), na briathran, a 
tha mis a' labhairt ribh is spiorad agus i? beath' 
iad,'* (Eoin vi. 63.) Mur gu 'mbidh e air aràdh, 
na briathran a th' anns an lagh mar chumh- 
nanta gnìomha, tha iad a' lotadh tha iad a 
marbhadh, tha iad g'am marbhadh-san a 
ta fopa. Ach air mo shon-sa, " na briathran a 
ta mi labhairt ribh, is spiorad, agus is 
beath' iad'' 'Se sin, ge b e sam bith a ghabhasiad 
gu creideach, gheibh e iad làn oibreachaidh 
gu comhf hurtachadh, neartachadh agus ath- 
bheothachadh an anma. Oir mar nach tàinig 
mi dhMonnsaidh an t-saoghail chum beatha 
dhaoine sgrios, . mar sin na briathran a 
tha mise a' labhairt (mar a ta mi air mo chuir 
chum an soisgeul a* shearmonachadh), cha 
n eil a leitliid do rùn ac' idir dhaibh-san a ta 
g'an creidsinn. O cia mar tha na geallaidhean a 
ta anns an t-soisgeul 'gan comhf hurtachadh ! 
A leithid a ghealladh, agus a leithid a ghenHadh, 
O cia cho milis sa ta e ! Cia sòlasach dhaibh-san 
ta 'gan creidsinn ! Mo thruaighe, tha iomadh 
anam bochd a tha srauaineachadh gu 'm beil 
iad a' creidsinn gur e na sgriobturan facal 
Dè, agus gidheadh cha do mheal iad riamh ni 
sam bith do bheatha nan geallaidhean ! tha na 
geallaidhean a' tighinn a steach air a' chridhe 
gu do neartachadh, gu t'ath-bheothachadh, 
gu do thogail o na bhinn bàis a th' air a cuir 
ort leis an lagh. Agus tre 'n chreideamh a ta 
air oibreachadh na t' anain, le oibieachadh 



234 OSNAIDHEAN BHO IFBINN, 

Spioraid naomha Dhè (ged bha thu uair-eigin 
air do mharbhadh leis an lagh, no leis an litir), 
tha thu air do dheanamh beò anns an Tighearn 
losa Criosd, a tha air f hoillseachadh *s air a 
thairgse do t'anam anns na geallaidhean. 

3. Am beil thu da-rìreadh agus ann am 
fìrinn, a' ereidsinn gur e na sgriobturan 
facal Dè ? Ma tha, tha na nithe a th' annta, 
gu h-àraidh nithe an t-soisgeil, glè oirdheire do 
t'anam ; mar tha breith Chriosd, a bhàs, ais- 
eirigh, eadar-ghuidhe, agus a dhara teachd ; 

cia prìseil agus oirdheirc a ta iad do t'anaml 
Innus 's nach eil meas agad air ni sam bith an 
coimeas riu ! O is e breith, bàs, fuil, ais-eirigh, 
&c. Chriosd, a rèir nan sgriobturan, anns am 
beil thu deanamh gàirdeachas gu mòr, agus 
air am beil do dhèidh ! Do 'm beil sibh a 
toirt gràidh, ged nach faca sibh e ; agus air 
dhuibh a bhi creidsinn ann, ged nach eil 
sibh a nise g'a f haicinn, tha sibh a' deanamh 
gàirdeachas le aoibhneas do-labhairt, agus làtj 
do ghlòir, 1 Cor. xv. I — d, Phil. iii. 6 — 8 ; 

1 Pet. i. 8. 

4. Am beil thu creidsinn gur e na 
sgriobturan facal Dè ? Ma tha, tha thu 
ad' sheasamh ann an eagal, rompa, agus tha thu 
toirt mòr urram dhaibb. C' uime, is iad 
facal Dè, fior bhriathran Dè ; 's iad comh- 
airle Dhè ; 's iad a gheallaidhean agus a 
bhagraidhean. Tha anmannan truagha ullamh 
gu smuaineachadh, mar so na 'm b' urrainn 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 235 

mi Dia a chluinntinn a' labhairt rium o nèimh 
le guth labhar fosgar a sin bhithinn gu cinnt- 
each suidhichte agus chreidinn e. Ach gu 
fìrinneach, ged' labhradh Dia riut o nèimh, 
mur biodh tu air t'iompachadh, cha tugadh 
tu aire dha, 's cha chreideadh tu gu cinnteach 
e. Ach ma tha thu creidsinn nan sgriob- 
turan, tha thu faicinn gur iad an fhìrinn, 
cheart cho cinnteach ri esan a chreidsinn. 
Agus ma thu a' creidsinn nan sgriobturan, 
tha thu faicinn gur iad an fhìrinn cho 
cinnteach as ged a labhradh Dia riut o nèimn 
tre na neòil, agus uime sin na bi idir 
a miodal riutfèin, gu h-amaideach a' smaoin- 
teach na 'm biodh a' chùis mar so 's mar sud, 
an sin gu 'm b' urrainn thu creidsinn. Tha 
mi 'g innseadh dhut, arsa Criosd, mur creid 
iad Maois agus na fàidhean, cha mho a chreid- 
eas iad ged èireadh neach o na mairbh. 
— Ach. 

5. Am beil thu a' creidsinn gur e na 
sgriobturan facal Dè ? Ma tha, tre chreid- 
eamh ann an Criosd, tha thu toirt ionnsaidh 
do bheath' a riaghladh a' rèir nan sgriobturan, 
araon ann am facal agus an cleachdadh. Cha 
n-e sin sin a mhain, ach tha mi 'g ràdh, faod- 
aidh tu sin a bhi agad, ged nach creid thu iad 
uile. 'S e tha mi a' ciallachadh, ged' nach creid 
thu sgriobtur sam bith ach na deich àintean, 
gu 'm faod do bheatha bhi do 'n rèir-san — 
beatha laghail naoniha ; agns ma chreideas tu'n 



236 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

soisgeul cuìdeachd, an sin bithidh do bheatha 
'na beatha creidimh ann ar Tighearna losa 
Criosd ; 'se sin, an dara cuid bithidh tu beò 
anns an t-suamhneas bheannaichte agus naomha 
sin a ta na sgriobturan a' cuir an cèiU mu nitlie 
glòrmhor ar Tighearn losa Criosd, air neo 
bithidh tu gu dian an toir orra le mòr dhèidh. 
Oir tha na sgriobturan a' giùlain a leithid dd 
sgeimh bheannaichte annta do 'n anam sin aig 
am beil creideamh anns na nithibh a th' annta, 
's gu 'm beil iad a' glacadh agus a' toirt leo 
anam an neach a ta g'an creidsinn a chum 
gaol a thoirt dhaibh, a' creidsinn nah-uilenith 
a ta sgrìobhte anns an lagh agus na fàidh- 
ean : agus le dòchas a thaobh Dhè, gu 'm bi 
ann aiseirigh nam mairbh, araon nam fìrean 
agus nan neo-fhìrean; ^^ agus an so tha mi a 
saoithreachadh do ghnà cogais neo-lotach a 
bhi agam a thaobh Dhè agus a thaobh dhaoine," 
Gniomh. xxiv. 14 — 16. 

6. Esan a ta creidsinn gur e na sgriob- 
turan facal Dè, J'3ì 's e 's gu 'n saoil e gu 'm 
beil àite sam bith do 'n sgriobtuir ga dhùn- 
adh-san a mach o chòir anns na geallaidhean 
a ta anta : O cuiridh e trioblaid air, cràdhaidli 
se e, cùiridh e ann an iomacheist e ; seadh, cha 
bhi e toilichte gus am bi cheist air a fuas- 
gladh, agus an fhìrinn air a seuladh d'a 
anam, oir tha fios aige gur h e na sgriobtur- 
an facal Dè, gu lèir 'nam fìrino : agus air an 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 237 

aobhar sin tha fios aige, ma 's e 's gu'n dean 
aon f hacal esan a dhùnadh a mach air son a 
bhi dh'easbhuidh an ullachaidh ud, no *n 
uUachaidh ud eile ; tha fhios aige mar an 
ceudna nach e *n saoghal a mhàin a tha g'a 
dhùnadh a mach, ach esan a tha g'a labh- 
airt, eadhon Dia fèin ; agus air an aobhar sin 
cha-n urrainn e, — cha bhi e, — cha dàna leis a 
bhi toilichte gus am faigh e anam fèin agus an 
sgriobtur cuideachd (maille ris na nithibh a 
th' ann), gu dlù-ghabhail r'a chèile, agus co- 
f hreagarrachd agus rèite mhilis, thaitneach a 
bhi eatorra. Oir feumaidh tu fios a bhi agad, 
dha-san a ta creidsinn an sgriobtuir gu ceart, 
gu 'm beil na geallaidhean no na bagraidhean 
do nl*s mò do chumhachd gu comf hurtachadh 
no gu tilgeadh sios na tha uile gheallaidhean 
no bhagraidhean nan uile dhaoine 'san 
t-saoghal. Agus b'e so an t-aobhar, air son 
an d' rinn mairtirich losa araon geallaidhean 
an eas-chàirdean a chuir cho suarach, 'nuair a 
b' àill leo buadhachadh orra le nithibh mòra 
an t-saoghail so a thairgse dhaibh, agus mar 
an ceudna am bagraidhean, 'nuair adh' innis iad 
daibh gu'm pianadh, gu'n crochadh, agus gu*n 
loisgeadh siad iad ; (Gniomh. xx. 24.) Cha 
b* urrainn aon sam bith do na nithibh so buadh- 
achadh orra, no 'nan aghaidh, air son gu'n do 
chreid iad dà-rìreadh na sgriobturan, agus 
na nithe a tha annta : mar a ta e gu soiUeir air 



238 OSNAJDHEAN BUO IFKINN, 

fhaotaìnn agus r'a fhaicinn ann an Eabh. 
xi. agus m«r an ceudna ann an Eachdraidh 
Mhaighstear Focs mu thimchioll am bràithrean. 
7. Esan a tha creidsinn gur iad na sgriob- 
turan facal Dè, tha e creidsinn gu'm feum 
daoine a bhi air am breith a rithist, agus mar 
an ceudna a bhi 'nan hichd-compàirt do 'n 
chreideamh sin a tha do dh'oibreachadh Dhè 
(a rèir mar a leugh agus a chreid e), aìr neo 
gu 'm feum e agus gu'm bi e air a dhamnadh. 
Agus esan a ta creidsinn so gu ceart, cha 
bhi e toilichte gus am bi e (do rèir 's mar a ta 
e sgrìobhte) a' compàirteachadh agus a' meallt- 
uinn, na h-ùr-bhreith, agus gus am faigh e tre 
ghràs, an creideamh sin a ta air oibreachadh ie 
oibreadhadh Dhè 'na anam. Oir is e so an 
t-aobhar air son am beil daoine g'an toileach- 
adh fèin le dòchas cho fann agus cho baralach 
gu *m beil an staid gu math ('Nuair nach eil i 
bheag mar sin), eadhon air son nach eil iad a' 
creidsinn nan sgriobturan ; oir na'm bitheadh 
shealladh iad a steach do 'n cridheachan fèin, 
agus rannsaicheadh iad gu dùrachdach a 
dh' f heuchainn am beil an cridheamh sin, an 
dòchas sin, an gràs sin a tha iad a' smuaineach- 
adh a th' aca, do 'n nàduir sin, agus air oib- 
reachadh leis an spiorad agus an cumhachd 
sin, mu 'm beil an sgriobtur a' labhairt. Tlia 
mi labhairt so mu thimchioll creidsinn 
èifeachdaich, as eughmhais nach eil na h-uile 
ni eile a chum tearnaidh. A nise ma ta, do 



NO ACAIN ANMA DAMNAITt.. 239 

bhrìgh riRch b' àill leam a bhi fadalach, cha 
chuirmi aig anàmso tuille soilleirichidh siosair 
a leithid do neach 'sa tha gu sàbhailt a* creid- 
sinn nan sgriobturan, agus nan nith sin a tha 
annta, ach labhraidh mi beagan bhriathran 
rannsachaidh mu thimchioU nan nith sin a tha 
chean' air an luaidh. — Mar. 

1. Tha thusa 'g radh gu 'm beil thu da- 
rìreadh agus ann am fìrinn, gu h-eifeachdach 
a' creidsinn nan sgriobturan ; tha mi 
feòraich uime sin, an robh thu riamh air 
do mharbhadh tur marbh le lagh nan 
gniomharran a th' air a cuir sios annta. 
Air do mharbhadh leis an lagh no leis an litir, 
agus air a thoirt ort do pheacannan 'na 
aghaidh fhaicinn, agus air t-fhàgail ann an 
cor gun chòmhnadh leis an lagh. Oir mar a 
thuirt mi 's e oibir iomchuidh an lagha an 
t-anam a mharbhadh, agus fhàgail ann an 
staid gun chòmhnadh. Oir cha-n eil e toirt 
do 'n anam coml)f hurt sam bith e-fèin 'nuair 
a thig e ; 's cha mhò a nochdas e do 'n 
anam c' àit am beil comhf hurt r'a f haotainn ; 
agus air an aobhar sin tha e air a gairm 
'' Ministreileachd an dìtidh," mar a ta e ann an 
2 Cor. iii. 9, " Ministreileachd a bhàis," (2 
Cor, iii. 7.) Oir ged dh' fhaodas daoine 
barail a bhi aca mu dhèibhinn facal beannaichte 
Dhè, mar a bh' aig a chloinn, gidheadh mu'm 
bi iad air an iompachadh, faodaidh e gu 
fìrinneach a bhi air a ràdh mu 'n timchioll. 



240 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

Tha sibh ann am mearachd, do bhrigh nach 
eil eòlas agaibh air na sgriobturan, no air 
cumhachd Dhè, Marc xii. 24. 

2. Tha thu 'g ràdh gu 'm beil thu creid- 
sinn gur e na sgriobturan facal Dè. Tha 
mise 'g ràdh, a rithist rannsaich, an robh thu 
riamh air do bheothachadh o staid mharbh le 
cumhachd spioraid Chriosd tre 'n earrainn eile 
do'n sgriobtur 'se sin ri ràdh, le cumhachd Dhè 
'na Mhac losa Criosd, tre chùmhnant a' gheall- 
aidh ? Innseam dhut o 'n Tighearn, ma bha thu 
mar sin, mhothaich thu leithid do chumhachd 
beothachaidh ann am briathran Chriosd, (Eoin 
vi.) 's gu 'n robh thu air do thogail a mach às 
a' chòr mharbh sin anns an robh thu roimhe ; 
agus an uair a bha thu fo chionta peacaidh, fo 
mhallachd an lagha, agus fo chumhachd an 
diabhoil, agus fo cheartas an Dè mhòir, gu 'n 
robh thu air do dheanamh comasach le cumh- 
achd Dhè ann an Criosd air f hoillseachadh 
dhut leis an Spiorad, trid an sgriobtur, 
gu sealltainn air peacadh, bàs, ifrinn, an 
diabhol, agus an lagh, agus na h-uile nithibh a 
ta ann an nàimhdeas 'na t'aghaidh le dànachd 
agus comhf hurt ann ad ghnùis tre f huil, bàs 
ionnracas, aseirigh, aguseadar-ghuidhe Chriosd, 
a th' air an luaidh anns na sgriobturan. 

Agus 3. air sgàth so, cia cho oirdheire 
sa ta na sgriobturan do t'anam ! O cia mòr do 
dh'fheartan a tha thu faicinn 'na leithid 
do ghealladh, 'na leithid do chuireadh ! Tha 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 241 

iad iomus a radh, <* Cha tilg Crìosd air chor 
sam bith a mach mi ! Mo pheacannan 
dearga bithidh geal mar shneachda." Innseam 
dhut a chairid tha cuid do gheallaidhean ann 
leis agus trid an do chobhair an Tighearn mi 
gu grèim a dheanamh air losa Criosd, nach 
iarrainn a bhi mach às a' Bhìoball air urrad òir 
a's airgeid 'sa 's urrainn laidhe eadar York 
agus Lunnainn air a' chruachadh suas chum 
nan reull ; do bhrìgh tridsan gu 'm beil 
Criosd toilichte le Spiorad comhfhurt a 
ghiiìlan a dh' ionnsaidh m' anma ! Tha mi 
'g radh, 'nuair a mhallaicheas an lagh, 'nuair a 
bhuaireas an deamhain, 'nuair a lasas teine 
ifrinn ann am chogais 'nuair a bhios mo 
pheacannan le cionta g'a mo reubadh, an 
sin tha Criosd air a thaisbeanadh cho milis 
do m' anam bochd tre na geallaidhean, 's 
gu *m beil iad sud uile air an èigneachadh 
gu teicheadh agus sgur do chasaid m' anma. 
Mar sin mar an ceudna, 'nuair a tha 'n saoghal 
gruamach, coimheach, 'nuair a tha na naimh- 
dean air bhoille agus a' bagairt mo mharbhadh, 
an sin mar an ceudna tha na geallaidhean, 
'^ na geallaidhean gle mhòr agus prìseil" a' 
cothromachadhsiosnan uile, agus a' comhf hurt- 
achadh an anma 'nan aghaidh gu lèir. 'S e 
so toradh creidsinn nan sgriobturan gu 
sabhailt ; oir iad-san a ta deanamh sin, tha 
aca leis na sgriobturan agus trid-san deagh 
chomhf hurt, '' Agus mar an ceudna aobhar 

X 



242 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

dòchais/' (Rom. xv. 4,) aìrdha a* bhicreìdsinn 
gur leis fèin na nithe ud, a tha na sgriobturan 
a' cumail a mach. 

4. Rannsaich, am beil eagal ort peacachadh 
an aghaidh Dhè, de bhrìgh gu'n d'àithn' e ort 
anns na sgriobturan gun sin a dheanamh ? 
Am beil thu ri dichioll a chum do ghairm agus 
do thaghadh a dheanamh cinnteach, do 
bhrìgh gu 'm beil Dia g'a iarraidh anns na 
sgriobturan .?* Am beil thu g' a do cheas- 
nachadh fèin, a dh' f heuchainn am beil thu 
anns a' chreideamh no nach eil, air dhut 
àithne a bhi agad anns an sgriobtur gu sin a 
deanamh ? No 'm beil thu (gun bhacadh a 
ghabhail o na tha thu leughadh anns an 
sgriobtur) a' leantainn an t-saoghail, a' gabh- 
ail tlachd ann am peacadh, a' dearmad 
lighinn gu losa Criosd, a' labhairt uilc mu 
thimchioU nan naomh, a' deanamh tàir agus 
fanaid air òrduighean Dè, a' gabhail tlachd 
ann an droch cuideachd, agus a leithid sin ? 
Ma tha, biodh fhios agad, gur ann do 
bhrìgh nach eil thu da-rìreadh agus ann am 
firinn, a' creidsinn nan sgriobturan gu h-èif'- 
eachdach. Oir mar a thuirt mi roimhe, ma tha 
duine g' an creidsinn, agus sin gu sàbhailt, an 
sin tha e fo fhiamh, tha e sealltainn r'a 
cheuman, tha e tìonndadh a chasan o olc, agus 
a' deanamh dìchioll gu leanmhainn an ni sin a 
ta math, ni a dh' àithn' Dia ann an sgriob- 
turan na fìrinn, gidheadh cha-n ann bho aobhar 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 243 

laghail no nàdurrach ; 's e sin gu iarraidh air- 
son beath* a chionn nan nithe niatha sin a 
dheanamh ach air dha a bhi fiosrach gu 'm 
beil tearnadh cheana air a chosnadh air a 
shon le fuil an duine sin Criosd losa air a' 
chrann, do bhrìgh gu'm beil e a' creidsinn nan 
sgriobturan, uime sin (thoir an aire guidheam 
ort) thu saoithreachadh gu imeachd maille ri 
Dia ann an uile dheagh-thoileachadh agus 
dhiadhachd, do bhrìgh gu 'm beil cumhachd 
milis gaoil Chriosd, a tha e mothachadh *na 
anam leis an Spiorad, do rèir nan sgriobturan 
'g a cho-èigneachadh gu sin a dheanamh, 2 
Cor. V. 14. 

5. Rannsaich a rithist^ am beil thu a 
saoithreachadh an deigh nan uidheamachaidh- 
ean ud leis am beil na sgriobtnran a' toirt 
cunntas mu thimchioll leanabh Dhè? 's e sin, 
creideamh, seadh, an creideamh ceart, an 
creideamh naomha, creideamh oibreachaidh 
Dhè ? Agus mar an ceudna am beil thu a' 
rannsachdh a dh' f heuchainn am beil fior 
f hàs gràis ann a t' anam^ mar tha gaol, eud, 
fèin-aicheadh, agus iarraidh leis na h-uile 
mheadhon gu ruigsinn (mas a comasach dhut) 
a chum aiseirigh nam marbh ? 's e sin, gun 
thu-fèin a thoileachadh no riarachadh, gus 
am bi thu dealaichte agus saor o 'n chorp bàis 
so, agus a bhi air t'atharrachadh a chum na 
glòire sin anns am bi na naoimh an deigh latha 



244 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

na h-aiseirigh ; agns anns an àm a ta làthair, 
am beil thu saoithreachadh agus a' gabhail 
gach uile chothrom ehum imeachd cho faisg 's 
a dh' f haodas a bhith chum an àrd-thomhais 
sin, ged tha fhios agad nach urrainn thu 
ruigsinn air gu h~iomlan ? Gidheadh tha mi 
'g ràdh tha thu deanamh dìreach air, ag 
iarraidh 'na dheigh, a' dlùthachadh ris ; agus a' 
cumail air t'adhart air do thuras, tha thu 
seachanadh sin a dh' f haodas air dhòigh sam 
bith èis a chuir ort, agus mar an ceudna tha 
thu teannadh a steach ris na dh' f haodas 
air dhòigh sam bith cuideachadh leat ann an 
sin : air dhut fios a bhi agad gu 'm feum sm 
a bhith, no 'g iarruidh gur e bhios 'na 
f honn sìorruidh dhut ; agus air an aobhar sin a 
mach à gaol agus taitneas da, tha thu g'a 
iarraidh, agus a* miannachadh 'na dheigh, a 
chionn gur e an nì a's mò bheir do thaitneas 
do t'anam. 

No cionnas a tha 'chùis maille rì t' anam? 
Am beil thu ann ad leithid do neach aig 
nach eil feart air na nithibh so, ach gur fearr 
leat do smuaintean a chumail gniomhach mu 
thimchioll nan nithibh a tha bhos an so, a* 
leanmhainn nan nithibh ud deth nach eil a 
bheag do dh'fhàileadh diadhaidh ? Mas 
ann mar sin a tha, seall riut fèin, tha thu 'na 
t'as-chreideach, agus mar sin fo chorraich 
Dhè, agus tuitidh tu gu cìnnteach anns an 



KO ACAIN ANMA DAMNAlTE. 245 

ionad-dhòrain cheudna anns am beil do leith- 
eidean eile air tuiteam romhad, a chum cràdh 
t'anma agus do lèir-sgrios sìorruidh. 

Thoir na nithibh so fainear, agus cuir 
iad 'nan laidhe ri do chridhe mu 'm bi e tuil- 
eadh 's anmoch gu thu fèin a leasachadh, le 
aithreachas air son an aoin, agus iarraidh gu 
teannadh a steach ris an aon eile. O ! tha mi 'g 
ràdh, thoir an aire, thoir an aire, oir tha ifrinn 
teth. Tha làimh Dhè shuas, tha 'n lagh air cuir 
roimh a chuid urchraichean a thilgeadh an 
aghaidh t'anma! Tha latha bhreitheanais am 
fagus, tha na h-uagbaichean ullamh gu fosgladh 
suas, tha 'n (rompaid fagus da bhi air a sèirm, 
bithidh a* bhìnn gu h-aithghearr air a labhairt 
agus an sin cha-n urrainn thus' agus mise àm 
ath-ghairm air ais. 

Ach a rith'ist, a' faicinn gu 'm beil iad cho 
cinnteach, cho do-leasaicht' agus daighean, agus 
a' faicinn gur h-ann a tha creideamh tearnaidh 
air na nithibh a th' air an cuir sìos ann, gu 
ath-leasachadh an anma, agus a thoirt thairis 
gu nithibh Dhè, gu fìrinneach a' co-chumadh 
ris na nithe a th' air an cur sios ann, araon 
a ihaobh fireanachaidh, agus mar an ceudna 
imeachd neo-chlaon agus toirt suas t'anam agus 
do chorp do cho-chumadh ris na h-uil àintean 
chomhairlean, theagasgan, agus earail a th' air 
an cuir sios ann. lonnsaichidh so dhuinn an 
sin cionnus a bheir sinn breth orra-san a 
tha g' an toirt fèin suas do shiubhul ann an 



246 OSNAIDHEAN BHO IFRINN^ 

deagh smuaìntean an cridheachan fèin, a tìia 
'cur suarach, a' deanamh tàir, agus a' cur gu 
taobh nan sgriobturan, a' meas nach eil ann 
diù ach nithe falamh agus neo-chinnteach, 
agus a bhios beò gach latha ann an cur an 
a«rhaidh gu follaiseach na th' air a chur sios, 
air àithnerdh, agus air a thoirmeasg annta. 

Mar. aìr tùs, nochdaidh so dhninn nach eil 
aig bhur n-uile mhisgearan, bhreugadairean, 
mheirleach, luchd-draois luchd-mioririan, luchd- 
cìd chàinidh, luchd-tuaileis, luchd-fdnaid air 
mathas, &c. Tha mi 'g radh, faodaidli sinn 
f haicinn leis a so, nach eil aig a' mhuinntir a ta 
beò ann an leitliide do nithe, creideamh air na 
nithibh so air a chumail 'nan cridheachan ; 
airfaicinn duinn gu 'm beil iad a'gabhail thiclid 
ann an cuir nan nithibh ud an gnìomh a ta air 
an toirmeasg leis na sgriobturan. Agus mar 
sin tha iad beò agus a' bàsachadh anns an staid 
so, faodaidh sinn a cho-dhiànadh gun eagal, 
gu 'm bun na h-earrannan so do 'n s^riob- 
tur dhaibh, agus gu 'm bi iad gu cinnteach air 
an coilionadh orra ; '' Ach ge be nach creid 
dìtear e," (Marc, xvi. 16.) Cha serdbhaich 
luchd-do-bheirt rìoghachd Dhè," (J Cor. vi. 
9, 10.) " Ach air an dream sin a ta gealtach, 
agus mi-chreideach, agus gràineil, agus aig 
luchd-mortaidh, agus Sirìopacliais, agus aig na 
h-uile bhreugairibh, bithidn an cuibhrionn anns 
an loch a ta dearg lasadh le teine agus pronn- 



NO ACAIN ANMA DAMN AITE. 247 

asg," (Taisb xxi. 8.) " Iniìchibh uam, a 
shluagh niHÌIaichte, a dh' ionnsaidh an teine 
shìorruidh a dh' idlaicheadh do'o diahhol agus 
d'a ainglibh, "(Mat. xxv. 41.) Imichibh, im- 
ichibh uam, oir cha tearnnitin mi sibh. Im- 
ichibh, oir cha ghlan m' fhuil idir sibh. Im- 
ichibh, oir cha chuir sibh aon chas a steach do 
rìoghachd nèimh. 

Imichibh. sibhse a tha mallaichte, tha sibh 
air bhur mallaehadh le Dia, air bhur mallach- 
adhleam-sa,HÌr bhur mallachadh leis na naoimh, 
agus air bhur mallachadh leis na h-ainglean, 
mallaicht* uile thairis, gun ni sam bith ach 
mallaichte, agus uime sin imichibh uam-sa ; 
ach c' àite ? A dh' ionnsaidh an teine shìorr- 
uidh ; teine a sgàlltas, a loisgeas, agus a lasas 
da-rìreadh ; '' Teine nach mùchair a chaoidh," 
(Marc, ix. 43.) Teine a mhaireas fad uile 
bhith-bhuantachd. Agus an èigin dumn a 
bhi ieinn fein ? Cha 'n èigin, bithidh cuid- 
eachd agaibh, paiUeas cuideachd còmhla ribh. 
Eadhon, na h-uilc dheamhnaidh bhuaireasach, 
bheucach, sgreadach^ sgriachach, maille ri 
cuideachd do-àireamh do pheacaich dhamn- 
aite, do dhaoine, do mhnathan agus do chloinn. 
Agus ma 's e gu 'm beil na sgriobturan, tior 
(mar a thaisbeanas iad gu h-iongantach aon 
latha gtt'm beil) an sin feumaidh e bhith gu 'm 
biso'na chuibhrionn agad-sa ma bhuanaicheas 
tu beò agus ma'bhàsaicheas tu anns an staid so, 
ag-us na chuibhrionn dhaibh-san uile a bhuan- 



248 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

aicheas ann am peacachadh 'an aghaìdh na 
fìrinn a th' air a cuir sios anns an sgriobtur. 

Mar 1. Am beil thu gabhail tlachd ann a bhi 
peacachadh an aghaidh àintean còmhnard 
soilleir ? Ma tha, tha thu caillte ! 

2. Am beil thu deanamh tàir agus fanaid 
air na comhairlean a th' air an cur sìos anns na 
sgrìobturan, agus a' buanachd ann an 
deanamh mar sin ? An sin tha thu 
caillte. 

3. Am beil thu a' sìor dhearmad. tighinn gu 
Criosd, agus am beil thu a' gnàthachadh 
argamaidean ann ad chridhe gu toileachadh 
t'anma air son sinn a dheanamh ? Ma tha, tha 
thu caillte, (Luc. xiv. 17, 18, 24, Eabh. 
ii. 3.) " Cionnus a thèid sinne às, ma ni sinn di- 
meas air slàinte cho mòr?'* Cionnus a thèid 
sinn as, 's e sin, cha-n eil rathad ann gu dol às. 

1. Do bhrìgh gu 'n tuirt Dia nach tèid, 
*' Thugaibh an aire nach diùlt sibh esan a ta 
labhairt ; oir mur deach' iad-san às, a dhiùlt an 
tì a labhair o Dha riu air talamh'' b'e sin Maois 
** is lugha gu mòr na sin a thèid sinne às ma 
thionndaidheas sinn air falbh uaithe-san a ta 
labhairt o nèamh,*' Eabh, xii. 25. 

2. Do bhrìgh gu 'n tuirt e cha n-e mhàin, 
nachtèidiad, achmar an ceudnacheangail se e le 
bòid, ag ràdh, " lonnas gun mhionnaich mi ann 
am f hèirg, nach tèid iada steach do m' shuaimh- 
neas," (Eabh. iii. 11.) Cò dha mhionnaich e 
nacli rachadh iad a steach d'a shuaimhneas ? 



NO ACAIN ANMADAWNITE. 249 

Freagairt. Dhaibh-san nach do chreid : " Mar 
chì sinn nach b' urrainn iad dol a steach, 
air son mi-chreidimh." Rann 18, 19. 

Anns an darna h-àite, Teagaisgidh so dhuinn 
ciod a tha ri bhi air a smuaineachadh agus ri 
cho-dhìmadli mu dhèibhinn a leithid 's a bheir, 
(ged nach eil iad cho follaiseach a leigeadh ris 
an amaideas le peacannan follaiseach agus 
sgainnealach an aghaidh an lagba, gidheadh) a 
bheir ni's mò do dh' aire do 'n spioradan fèin, 
agus do ghluasadan an spioradan fèin, (ged 
nach eil iad aon chuid air an àinteadh no air 
am moladh air son sin anns an sgriobtur, 
cha-n e sin a mhàin, ach ged tha'n sgriobtur 
ag àinteadh agus ag iarraidh an ceart aghaidh 
sin, (Isa. viii. 20.) na bheir iad do thoil naomh 
agus f hoillsichte Dhè. Tha mi 'g radh, gu *m 
beil an leithide sin do dhaoine ann an staid a 
cheart cho olc 'sa tha mhuinntir eile gu 
h iomlan, air dhaibh a bhi as umhal do thoil 
Dè air a foillseachadh 'na f hacal, cho math 
riu-san, ged nach ann air an aon dòigh ; an aon 
gu follaiseach a' peacachadh an aghaidh nam 
f'ìrinnean soiìleir agus làn-aithnichte a t' ann : 
an t-aon eile, ged is ann ni's uaignich' agus 
ni's falaichte, gidheadh gu h-uaigneach g'an 
diùltadh agus a' deanamh tàir orra, a' toirt 
ni's mò do dh'aire do'n spioradan fèin agus do 'n 
gluasadan, ged nach eil sin air a ceadachadh 
leis na sgriobturan. 



250 OSNATDHEAN BHO IFRINN, 

Beagan bhriathran fathast, agus mar sin 
co-dhùnaidh mi. 

Agus 1, thoir an aire nach toilìch thu thu- 
fèìn le barail lòm mu thimchioll nan sgriob- 
turan ann ad chridhe, leis am faod thu dol 
fada, eadhon cho fad' ri bhi comasach gu 
deasbaireachd air son na fìrinn, gu searmonach- 
adh an t-soisgeul, agus saoithreachadh gu 
dhion an aghaidh luchd-cuir 'na aghaidh, 
agus gidheadh a bhi air t'f haotainn air làmh 
chlì Chriosd aig latha a' bhreitheanais, air son 
gu 'n do thoilich thu thu-fèin le barail no eòlas 
beul-aithriseach mu 'n timchioll. 

2. Thoir an aire gu 'n aidich thu 'n sgriob- 
tur uile, cha n-e aon earrainn deth aideachadh 
agus earrann eile a dhearmad, no chuir 
suarach ; mar so, an lagh aideachadh, agus an 
soisgeul a dhearmad, no smuaineachadh, gu'm 
feum thu bhi air do thearnadh le do dheagh 
dheanadas agus le do dheagh ghnìomhan ; oir 
tha sìn uile ionnus as mar gu 'n tilgeadh 
tu Criosd air falbh uat : air neo an soisgeul 
aideachadh, mar gu 'm biodh tu leis-san air do 
shaoradh o gach uile ùmhlachd do na deich 
àintean agns o cho-chumadh ris an lagh ann am 
beatha 'san giùlan ; oir ann an deanamh 
mar sin, ni thu gu dearbha dioghaltas sìorr- 
uidh cinnteach dhut fèin. 

3. Thoir an aire nach cuir thu ainmean 
mearachdach air na nithibh a th* anns na 



NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 251 

sgriobturan, mar an lagh a ghairm do Chriosd, 
agus criosd do*n lagh. Oir air do chuid 
deanamh mar sin (le m' fiosrachadh-fèin) 
rinn iad fìrinnean glòrmhor an t-soisgeul cho 
dorcha dhaibh, as gu 'n robh iad ann an 
ùine bheag air rùnachadh am fiaradh, an 
truailleadh, agus cur 'nan aghaidh, agus 
mar sin rinn iad rùm 'nan anmannan 
air soii an diabhoil gu còmhnaidh a ghabhail 
annta, agus fhuaìr iad àit* ann an ifrinn air 
son an anmannan gu bhi air an pianadh 
gu bràth agus gu bràth. 

An aghaidh a chunnart so uime-sin ann an 
leughadh agus ann an gabhail ri teisteas an 
sgriobtuir, ionnsaich dealachadh a chur eadar 
an lagh agus an soisgeuì, agus an cumail gu 
soilleir o chèile, a thaobh tearnadh t'anma : 
agus a chum gu 'm faod thu mar sin a dhean- 
amh. 

]. larr air Dia, gu 'm feuchadh e dhut 
nàdur an t-soisgeul, agus a chur dhachaigh gu 
h-èifeachdach le beath' agus cumhachd air 
t'anam le creideamh. Ni is e so, gu 'm 
feuchadh Dia dhut, mar air dhut a bhi a d' 
dhuine, gu 'n do pheacaich thu an aghaidh 
Dhè, mar sin air do Chriosd a bhi 'na Dhia- 
dhuine, gu 'n do cheannaich e thu rithist, 
agus gu 'n do shaor e thu le f huil phrìseil o'n 
daorsa fo d'rinn thu tuiteam le do pheacannan, 
agus sin cha b' ann air cumha gu 'n dean thusa 
mar so 's mar so, an obair mhath so 's an obair 



252 OSNAIDHEAN BHO IFRINN, 

nìhath ud eile ; ach ni's fearr, air dhut a bhi air 
t*f hìreanachadh gu saor a mhàin le gràs tre 
f huil losa, gu 'm faigheadh tu mar an ceudna 
do neart uaithe-san a rinn do clieannach chum 
siubhal fa chomhair.san anns na h-uile dheagh 
thoileachadh, air dhut a bhi air do dheanamh 
comasach gu sin a dheanamh le feartan a 
Spioraid-san, a dh' f hoillsich do t' anam gu 'm 
beil thu air do shaoradh cheana o 'n f hèirg r 
ta .ri teachd, le lìmhlachd, cha n-e t'ùmhlachd 
fèin ach ùmhlachd duine eile, eadhon losa 
Criosd. 

2. An sin ma ni an lagh mu'm beil thu 
leughadh, innseadh dhut ann ad chogais gur 
èigin dut an obair mhath so no 'n obair mhath 
ud eile an lagha a dheanamh, ma tha thu idir 
air son a bhi air do thearnadh, freagair gu 
soilleir, air do shon-sa dheth gu 'm beil thu air 
cur romhad gun oibreachadh air son beatha, ach 
creidsinn ann am feartan na fala sin a bh' air 
a dortadh air a' chrann air Beinn Chalbhari, 
air son mathanas peacaidh ; agus gidheadh do 
bhrìgh gu 'n d' fhìreanaich Chriosd thu gu 
saor le ghràs, ni thu seirbheis ann an naomh- 
achd agus an ionracas rè uile laithean dò bhea- 
tha, gidheadh cha-n ann an Spìorad laghail, no 
ann an cùmhnanta ghniomha: ach m' ùmhlachd 
(abair thus) bheir i ionnsaidh air i bhi agam 
saor agus suilbhear, a thaobh gaoil do mo 
Thighearn losa. 

3. Thoir an aire nach gabh ihu an teagasg 



KO ACAIN ANMA DAMNAITE, 253 

so ann am barail a rnhain, air eagal gu 'n toir 
thu damnadh ceart air t'anam, le thu dh' aid 
e^chadh thu bhi air do shaoradh le fuil 
Chriosd o chionta peacaidh am feadh a tha thu 
a' fantainn fathast ann ad' sheirbhiseach do 
shalachar a* pheacaidh. Oir feumaidh mi 
innseadh dhut, mur bi obair f hìor agus shàbh- 
ailidh creidimh agad maille ri gràs an t-soisgeul 
ann ad cnridhe thèid thu 'n dara cuid air 
t'adhart ann an naomhachd laghail ; a rèir brìgh 
a:i lagh j ; no, tre bharail mu 'n t-soisgeul (air 
do 'n diabhol a bhi cur drùidheachd, ort agus 
a' mealladh do thuigse, do thoil' agus t'aignidh) 
tionndadhaidh tu, mar ghlagaire, gràs Dè gu 
niacnus, agus bheir thu damnadh dìibaiit' air 
t'anam, mur tabhair trì-fiilte, anns nach b' urr. 
ainn thu bhi toilichte 'bhi air do dhamnadh air 
son do pheacannan an aghaidh an lagha, ach 
mar an ceudna gu sgrios a dheanamh cinnteach 
do t' anam, b' àill leat eas-urram a thoirt do 'n 
t soisgeul, agus gràs Dè, a th' air a chumail a 
niach agus air a leigeadh ris do 'n duineleisan 
t-soisgeul a thionndadh chum macnuis. 

Ach a chum gu'm biodh tu cinnteach à na 
creagan cunnartach so air an làimh dheis 
agus air an làimh chlì a sheachnadh, faic gu 'm 
bi do chreideamh mar a ta e air a labhairt 
anns an sgriobtur, agus nach bi thu toilichte a 
dh' easbhuidh sin, a tha 'na chreideamh airoib- 
reachadh le oibreachadli cumhachdach Dhè, a' 
taisbeanadh Chriosda dhut, agus annad, mar a 
Y 



254 OSNAIDHEAN BHO IFRINN. 

bhi gu h-iomlan air do shaoradh o do pheacaiìn- 
an le f huil phrìseil fèin. Creideamh, ma ruigeas 
tus air, a dh' oibricheas air a leithid do dhòigh 
ann ad chridhe, 's air tùs gu 'm faic tFii 
nàdur an lagha, agus mar an ceudna nàdur an 
t-soisgeil, agus gu *n gabh thu tlachd 'na 
ghlòir ; agus mar an ceudna gheibh thu do 
chridhe agus t' anam a' dlùthachadh ri losa 
Criosd, eadhon do thoirt suas t' anma agus do 
chuirp uile, gu bhi air an riaghladh agus aìr 
an stiùradh leis-san, a chum a ghlòire, agus 
do chumhfhurt, le creideamh an Tighearii' 
losa. 



a' chrìoch. 



Dunèideann, Clò-hhuailte le Neall aju$ a Chuideachl. 



Gaelic Boohs Sold hy Maclaclilan and Stewart. 



Haughton's " A Saviour for You," 

History of Animals named in the Bible, 
History of Prince Charles, f cap. 8vo, cloth, 

Ditto. ditto. cheaiD edition, seiced, 

James' Anxious Enquirer, 12mo, seiued, 
Joseph, Life of, by Macfarlane, 18mo, cloth, 
Joseph, History of, 18mo, sewed, ... 
Laoidhean Eadar-Theangaichte o'n Bheurla, cloth, 
Lessons on the Shorter Catechism and the Holy 

Scriptures, by Forbes, 18mo, 
Lessons in Gaelic, crown 8vo, 
Logan's The Scottish Gael, or Celtic Manners of 

the Highlanders, 2 vols, 
M*Alpine's Gaelic Grammar, 12mo, cloth, 
M'Callum's History of the Church of Christ, 8vo, 

. . . The Catholic or Universal Church, 
Maccoll's Mountain Minstrel, 18mo, cloth, 
Macdonald's (Mac Mhaistir Alistir) Gaelic Songs, 
Macdonald's (Rev. Dr) Gaelic Poems, cloth, 

... Waters of Jordan, 18mo, sewed, ... 
M'Gregor's (Rev. Dr) Gaelic Poems, 18mo, cloth, 
M'Intyre's (Duncan Ban) Poems and Songs, with 

an English Translation of " Coire Cheathaich" 

and "Ben Dorain," 18mo, 2 

M'Intyre (Rev. D. ) on the Antiquity of the Gaelic 

Language (in English), ... 
Mackay's (Rob Donn) Songs and Poems, 18mo, 
Mackenzie's ( A. ) History of Scotland, Eachdraidh 

na H-Alba, 12mo, cloth, 
Mackenzie's Beauties of Gaelic Poetry, royal 8vo, 

. . . Gaelic Melodist, 32mo, 

Macleod, Rev. Dr, Sermon on the Life of the late, 

by Rev. John Darroch, 8vo, sewed, Is. for 6 
Macleod, Rev. Norman, Caraid nan Gaidheal, 

8vo, cloth, 16 6 

M'Lauchlan's (Rev. Dr) Celtic Gleanings, or 

Notices of the History and Literature of the 

Scottish Gael (in English), fcap. 8vo, cloth, 2 6 
M'Naughton (Peter) on the Àuthenticity of the 

Poems of Ossian (in English), 8vo, 6 

Macneill's Neniae, and other Poems, c^o^/^, ... 2 



s. 


d. 





2 





6 


3 





1 


6 


1 





1 


6 





4 





6 





4 


1 





28 





1 


6 


4 








6 


1 


6 


2 





2 


6 





2 





8 



1 


6 


2 


6 


3 


6 


12 








4 



64 Soutk Bridge, Edinburgh. 



2 





6 








6 


2 








4 


3 





12 


6 





6 



Gaelic Books Sold hy Madadilan and Stewart. 



Macpherson's ^'Duanaire," a ]N"ew CoUection of 

Songs, &c., never he/ore published, cloth, 
Menzies' Collection of Gaelic Songs, 8vo, cloth, . . . 
Monntain Songster, CoUection of Original and 

Selected Gaelic Songs, ... 

Munro's Gaelic Primer and Vocabulary, 12mo, 

... Selection of Gaelic Songs, 32mo, ... 
Ossian's Poems, revisedby Dr M'Lauchlan, cloth, 
Ossian and the Clyde : Fingal in Ireland, Oscar 

in Iceland, by Dr H. Waddell, 
Peden's Tv/o Sermons and Letters, 18mo, sewed, 
Philipps' Seven Common Faults, translated by 

Rev. H. MaccoU, 12mo, 1 

Prayers and Admonitions (series of six, large 

type), in packets of 2 dozen, sorted, ... 6 

Psalm Book (General Assembly's Version), large 

type, 18mo, hound, gilt edges, 
Do. do,, 18mo, cloth, ... 

Do. Smith's or Poss's, large type, 18mo, hd. 
Do. Gaelic and English, on one page, 
Ross's (WiUiam) Gaelic Songs, 18mo, cloth, 
Sinner's (The) Friend, 12mo, sewed, 
Sixteen Short Sermons, 12mo, sewed, 
Skene's Celtic Scotland ; a History of Ancient 

Alban, Vols. I. and IL, each ... ... 15 

Smith's (Dr) Sean Dana, with English Transla- 

tion and Notes, by C. S. Jerram, ... ... 2 6 

Stewart's Elements of Gaelic Grammar, New 

Edition, crown 8vo, cloth, 
Sum of Saving Knowledge, 12mo, sewed, 
Thomson's (Dr) Sacramental Catechism, seived. 



2 


6 


1 





2 





1 


6 


1 


6 





3 





2 



New Testament for Schools, 12mo, hound, 
Job to Ecclesiastes, 12mo, hound, 
Proverbs of Solomon, 8vo, sewed. 



3 


6 





4 





2 


1 








6 





2 



BIBLES, TESTAMENTS, AND PSALM BOOKS, 

AT VARIOUS PRICES. 



64 South Bridge^ Edinhurglu